A’ Chlach-ghealaich

Page 1


A’ CHLACH-GHEALAICH

1


2


A’ CHLACHGHEALAICH

Elaine NicFhearghais

3


4


SGRÌOB Sgeulachdan anns a bheil càirdeas is dòchas, spionnadh agus fealla-dhà; stòiridhean le manaidhean is plàighean, eucoir agus draoidheachd. Tog aon dhiubh seo agus gabh sgrìob gu saoghal tarraingeach, dìomhair a tha stèidhichte san latha an-diugh, san linn a dh’fhalbh no ann an linn nach fhacas fhathast. Eadar bailtean mòra na dùthcha is eileanan beaga na Gàidhealtachd, tha caractaran òga a’ gabhail an sgrìob fhèin a dh’ionnsaigh co-dhùnadh no ceann-uidhe, toradh no buannachd. Sreath de nobhailean ùra do luchd-leughaidh eadar 10 is 14 bliadhn’ a dh’aois.

5


Air fhoillseachadh ann an 2014 le Acair Earranta, An Tosgan, Rathad Shìophoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD www.acairbooks.com info@acairbooks.com info@storlann.co.uk www.storlann.co.uk Tha còraichean moralta an ùghdair/dealbhaiche air an daingneachadh. Na còraichean uile glèidhte. Chan fhaodar pàirt sam bith dhen leabhar seo ath-riochdachadh an cruth sam bith, no a chur a-mach air dhòigh no air chruth sam bith, grafaigeach, eleactronaigeach, meacanaigeach no lethbhreacach, teipeadh no clàradh, gun chead ro-làimh ann an sgrìobhadh bho Acair. © an teacsa Elaine NicFhearghais 2014 © nan dealbh Acair 2014 Na dealbhan còmhdaich le Catriona MacIver An dealbhachadh agus an còmhdach le Mairead Anna NicLeòid An suaicheantas airson Sgrìob air a dhealbhachadh le Fiona Rennie Gheibhear clàr catalogaidh airson an leabhair seo bho Leabharlann Bhreatainn. Clò-bhuailte le Nicholson & Bass, Èirinn A Tuath Tha Acair a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig. ISBN/LAGE 978-0-86152-560-7

6


CLÀR-INNSE C A IB IDEIL 1

d ui l l eag

9

C A IBIDEIL 2

d ui l l e ag

15

C A IBIDEIL 3

d ui l l e ag

23

C A IBIDEIL 4

d ui l l e ag

30

C A IBIDEIL 5

d ui l l e ag

36

C A IBIDEIL 6

d ui l l e a g

40

C A IBIDEIL 7

d ui l l e ag

47

C A IBIDEIL 8

d ui l l e ag

63

C A IBIDEIL 9

d ui l l e ag

70

C A IBIDEIL 10

d ui l l e ag

82

C A IBIDEIL 11

d ui l l e ag

86

7


8


CAIBIDEIL

1

Shìn Mòrag a-mach a làmh gus an doras fheuchainn. ’S e geama a bh’ ann. Ged a bha deagh fhios aice nach robh Dad aig an taigh, bhiodh i an-còmhnaidh a’ toirt ionnsaigh air an doras, làn dòchais gum biodh e fosgailte. ’S dòcha gur e seo an dearbh latha a chuir Dad roimhe a bhith ann, ’s e a’ feitheamh rithe. Glaiste. Le osna, rinn i rùrach na baga gus an iuchair fhaighinn. Nan robh i aice, deiseil na làimh, ’s e gèilleadh a bhiodh ann. A’ gèilleadh gun robh i gu bhith na h-aonar fad feasgair eile. Dh’fhosgail Mòrag an doras agus ghabh i ceum mòr thairis air na litrichean a bha nan laighe air làr a’ phoirds gun choimhead orra. Nan robh litir ann on tè ud, cha robh i airson a fhaicinn. Choisich i a-steach dhan chidsin agus chunnaic i an nota air a’ bhòrd, mar a b’ àbhaist.

9


Hi, a ghaoil, ' N dòchas gun robh latha math agad san sgoil. Chilli sa frids airson dinnear. Cha bhi mi nas fhaide na 9:00. Dad Uill, dh’fhaodadh e a bhith na bu mhiosa, smaoinich i. Chuimhnich i gun robh càise agus uachdar searbh ann, air fhàgail bho na fajitas a ghabh i a-raoir, agus mura robh a bràthair, Pàdraig, air ithe mar-thà, bha tuba Ben & Jerry’s san reothadair. Smaoinich i air Pàdraig fhad ’s a bha i a’ slaodadh nan soithichean beaga foidhl a-mach às a’ frids. Dè an latha a bh’ ann co-dhiù? Dimàirt. Practas ball-coise. Nan robh a-nochd coltach ris na làithean eile, cha bhiodh sgeul air airson uairean a thìde fhathast. Eadar spòrs agus Jess, a bhràmar ùr, cha robh Mòrag a’ faicinn mòran dheth. Chan ann gu tric a bhios piuthar a’ gearan nach eil a bràthair ann tric gu leòr, ach leis an t-suidheachadh mar a bha e, thuigear carson. “Piong,” thuirt am microwave. Bha bobhla mòr làn chilli deiseil agus thug i dhan t-seòmar-suidhe e air treidhe. Bha sreath ùr Cò Aig a Tha Fios a’ tòiseachadh a-nochd, agus bha i air a bhith 10


a’ coimhead air adhart ris fad sheachdainean. Bha leughadh a’ còrdadh ri Mòrag gu mòr, agus ’s e na prògraman quiz a b’ fheàrr leatha. Bhiodh a’ chlann sa chlas aice an-còmhnaidh a’ magadh oirre nuair a bha na freagairtean ceart aice, agus bha i a’ faireachdainn na bu shàbhailte aig an taigh. Gu dearbh, cha robh aon duine ann a-nochd a chanadh guth rithe nuair a fhreagradh i ceist an dèidh ceist. Cha robh duine sam bith. Bha an spàin mu dheireadh dhen dinneir aice na beul agus ceòl a’ phrògram dìreach air crìochnachadh nuair a thòisich a’ fòn a’ seirm. Roilig Mòrag a sùilean agus chuir i an truinnsear sìos air a’ bhòrd bheag ri a taobh. Bu toigh leatha fhàgail, ach bha teans ann gur e Dad a bh’ ann. Bho àm gu àm gheibheadh e air falbh bhon chafaidh rud beag tràth, agus dh’iarradh e oirre a bhiadh a chur dhan àmhainn. Le dà cheum mòr ràinig i a’ fòn, agus gu fortanach choimhead i air an sgrion bheag mus do fhreagair i e. ’S e 0141 a bh’ ann aig tòiseach na h-àireimh. Glaschu. Tharraing Mòrag anail mhòr agus le a sùilean dùinte, bhuail i am putan dearg. Stad am fuaim agus chuir i sìos e a-rithist, gu socair. Chaidh i a-mach dhan a’ chidsin agus sgioblaich i am bùrach. Soithichean beaga dhan sgudal, truinnsear 11


dhan inneal-nighe, agus am bobhla pinc a bh’ aice deiseil airson mìlsean air ais dhan phreasa. Coma le bobhla. Thug i an tuba mòr Cookie Dough às an reothadair, spàin às an drathair agus chaidh i dhan t-seòmar aice. *** “Sin thu, a ghaoil!” thuirt Dad rithe nuair a chaidh i a-steach dhan chidsin an-ath-mhadainn. Bha trusgan tartain air, agus cupa cofaidh na làimh. Bha coltas sgìth air, ach bha toileachas na shùilean nuair a chunnaic e a nighean. Thug e cuidseag dhi air a slighe seachad air agus fhuair e pòg bhuaipe air a ghruaidh gharbh. “Bha thu nad chadal nuair a thàinig mi dhachaigh a-raoir. An robh thu a’ faireachdainn ceart gu leòr? Cha robh e ach leth-uair an dèidh ochd nuair a chuir mi mo cheann tro dhoras do sheòmair. Bha mi an dùil gum b’ urrainn dhuinn geama a chluich ro àm leapa. Cha do dh’fheuch sinn A’ Cur nan Ceist fhathast, agus tha mi cinnteach gum bi thu math air.” Fhreagair Mòrag le a ceann sa phreasa, a’ sireadh a’ bhogsa gràin. “Uh, yeah. Duilich, Dad. Bha latha trang agam san sgoil agus cha mhòr nach do thuit mi nam chadal nam dhinneir. A bheil am bainne air a’ bhòrd?”

12


“Tha e an seo,” thuirt Dad, a’ coimhead air Mòrag gu faiceallach nuair a chuir e an ath cheist oirre. “An cuala tu a’ fòn a-raoir? Chunnaic mi gun robh Mum a’ fònadh agus nach do fhreagair thu.” “Ò? Feumaidh gun robh mi air a dhol innte mar-thà. Cà’ il an siùcar?” Chuir Dad am poca a-null thuice agus dh’fheuch e a-rithist. “Feumaidh tu bruidhinn rithe uaireigin, a Mhòrag.” Choimhead Dad oirre, ’s i a’ crathadh spàin mhòr de Tate and Lyle air a bracaist. )JCDJ K N P C DG²KN FG EJQTPǤCMGU CIWU EJC FQ thog i a ceann. “Tha gaol aice ort. Tha i gad ionndrainn.” Stad Mòrag a chagnadh agus chuir i sìos a spàin NG DTCI 4KPP CO DCKPPG R VTCP CKT ǣQFJ CƷ DJ¹KTF Breacadh geal nach do mhothaich duine dhen dithis aca. “Tha i gam ionndrainn? Cha robh còir aice falbh sa chiad àite, ma-thà!” Sheas i gu h-obann agus rinn i air a baga-sgoile a bha air sèithear aig an doras-chùil. Thionndaidh i gu a h-athair. “Ma tha thu a’ gabhail dragh nach eil duine ga freagairt nuair a bhios i a’ fònadh, ’s dòcha gum bu chòir dhut fhèin a bhith mun cuairt an-dràsta ’s a-rithist. Chan eil mise ach aon bliadhna deug – 13


chan e searbhant a th’ annam!” Bha a guth ag èirigh le gach seantans. “No iarr air Pàdraig a bhith ann nas trice! Saoilidh mi uaireannan nach eil bràthair agam tuilleadh!” Mus d’ fhuair Dad cothrom sìon a ràdh rithe, dhùin an doras air a cùlaibh. Shuidh e gu slaodach air sòfa ri taobh na h-uinneig agus sheall e air Mòrag a bha a-nise letheach slighe sìos an staran. Ghabh e balgam eile cofaidh agus rinn e osna bhrònach. Ruith Mòrag seachad air feansa a’ ghàrraidh agus thionndaidh i chun na sgoile. Bha fearg a’ goil na stamaig, agus bha i faisg air rànaich. Cha robh i a’ tuigsinn ciamar a b’ urrainn dha beatha atharrachadh cho mòr ann am bliadhna agus nuair a ràinig i an sgoil bha a fradharc sgleòthach leis na deòir na sùilean.

14



Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.