Am Bann
1
2
AM BANN
Ishi NicIlleathain
3
4
SGRÌOB Sgeulachdan anns a bheil càirdeas is dòchas, spionnadh agus fealla-dhà; stòiridhean le manaidhean is plàighean, eucoir agus draoidheachd. Tog aon dhiubh seo agus gabh sgrìob gu saoghal tarraingeach, dìomhair a tha stèidhichte san latha an-diugh, san linn a dh’fhalbh no ann an linn nach fhacas fhathast. Eadar bailtean mòra na dùthcha is eileanan beaga na Gàidhealtachd, tha caractaran òga a’ gabhail an sgrìob fhèin a dh’ionnsaigh co-dhùnadh no ceann-uidhe, toradh no buannachd. Sreath de nobhailean ùra do luchd-leughaidh eadar 10 is 14 bliadhn’ a dh’aois.
5
Air fhoillseachadh ann an 2014 le Acair Earranta, An Tosgan, Rathad Shìophoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD www.acairbooks.com info@acairbooks.com info@storlann.co.uk www.storlann.co.uk Tha còraichean moralta an ùghdair/dealbhaiche air an daingneachadh. Na còraichean uile glèidhte. Chan fhaodar pàirt sam bith dhen leabhar seo ath-riochdachadh an cruth sam bith, no a chur a-mach air dhòigh no air chruth sam bith, grafaigeach, eleactronaigeach, meacanaigeach no lethbhreacach, teipeadh no clàradh, gun chead ro-làimh ann an sgrìobhadh bho Acair. © an teacsa Ishi NicIlleathain 2014 © nan dealbh Acair 2014 Na dealbhan còmhdaich le Catriona MacIver An dealbhachadh agus an còmhdach le Mairead Anna NicLeòid An suaicheantas airson Sgrìob air a dhealbhachadh le Fiona Rennie Gheibhear clàr catalogaidh airson an leabhair seo bho Leabharlann Bhreatainn. Clò-bhuailte le Nicholson & Bass, Èirinn A Tuath Tha Acair a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig. ISBN/LAGE 978-0-86152-575-1
6
CLÀR-INNSE C A IBIDEIL 1
d ui l l e a g
9
C A IBIDEIL 2
d ui l l e a g
16
C A IBIDEIL 3
d ui l l e a g
22
C A IBIDEIL 4
d ui l l e a g
28
C A IBIDEIL 5
d ui l l e a g
35
C A IBIDEIL 6
d ui l l e a g
41
C A IBIDEIL 7
d ui l l e a g
46
C A IBIDEIL 8
d ui l l e a g
53
C A IBIDEIL 9
d ui l l e a g
60
C A IBIDEIL 10
d ui l l e a g
65
C A IBIDEIL 11
d ui l l e a g
73
C A IBIDEIL 12
d ui l l e a g
80
C A IBIDEIL 13
d ui l l e a g
87
C A IBIDEIL 14
d ui l l e a g
92
C A IBIDEIL 15
d ui l l e a g
98
7
8
CAIBIDEIL
1
“Carson a tha thu an – còmhnaidh airson a h-uile rud a mhilleadh?”
Bha gràin aig Cassie air a màthair, agus ciamar nach bitheadh. Nach robh i an-còmhnaidh airson a h-uile rud a mhilleadh? Uill, sin a’ bheachd a bh’ aig Cassie co-dhiù ’s bha Cassie an-còmhnaidh ceart. Smaoinich Cassie mu na bha air tachairt on a thill a màthair bho h-obair o chionn dà uair a thìde. Ciamar a chaidh a h-uile rud bun-os-cionn cho luath? Bha latha math air a bhith aice san sgoil – agus dè cho tric ’s a thachras sin ann am beatha duine, smaoinich i is i a’ fàs nas feargaiche buileach. Bha i fhèin ’s Hayley air a bhith a’ cur romhpa suidhe ri taobh Iain ’s Calum aig àm dìnneir fad dà mhìos a-nis ’s nach do nochd an cothrom an-diugh fhèin ’s iad uile air sgioba ullachaidh dannsa an t-samhraidh còmhla. Bhiodh iad a-nis a’ coinneachadh cha mhòr gach latha airson cùisean a chur air dòigh, agus mu dheireadh, bhiodh cothrom aice sealltainn do dh’Iain
9
dè dìreach cho mìorbhailteach ’s a bha i (airson an fhìrinn innse, cha robh i a’ tuigsinn carson nach do mhothaich e roimhe seo, ach ’s e balach a bh’ ann ’s dh’fheumadh i cuimhneachadh nach robh balaich buileach cho geur). Ach dè an diofar a-nis dè bha Iain a’ saoilsinn; bha a beatha seachad co-dhiù. Hayley! Bu chòir dhi innse do Hayley dè bha air tachairt. Bhiodh truas aig Hayley rithe ’s bha deagh fheum aice air truas agus tuigse. Ach saoil am bitheadh? Bha fios aig Cassie nach robh Hayley ro bhuailteach truas a shealltainn do dhuine ach dhi fhèin. Bha iad air a bhith nan caraidean on a thòisich iad air clasaichean ballet còmhla nuair nach robh iad ach trì bliadhna a dh’aois. B’ iad an dithis a b’ fheàrr sa chlas on fhìor thoiseach ’s bha e a’ còrdadh riutha a bhith sònraichte còmhla – an tidsear a’ toirt orra sealltainn dha na h-ìghnean beaga eile ciamar a bu chòir dhaibh a bhith ga dhèanamh. Bha iad a’ dannsa còmhla gus an robh iad 12 nuair a thuirt Hayley gum feumadh i stad air sgàth ’s mar a chuir i snìomh i na h-adhbhrann a’ dèanamh pirouette. Chan fhaca duine a leithid a’ tachairt ’s cha robh i fiù ’s ro chuagach (uill, bha i uabhasach cuagach nuair a dh’fhaighnicheadh duine dè thachair, ach mhaireadh sin fad uair a thìde no mar sin). Bha beachd eile aig Cassie air carson a sguir i a dhannsa ’s bha a’ bheachd sin co-cheangailte ri co-fharpais a bhuannaich Cassie
10
’s nach do choisinn Hayley ach an còigeamh àite. Airson dà bhliadhna a-nis, bha Hayley a’ cumail a-mach gur e rud amaideach dha clann a bh’ ann am ballet ’s gum biodh Cassie, a bha cha mhòr 15 a-nis, a’ coimhead gòrach ann an tutu ’s gum biodh a h-uile balach den aon bheachd. Bha e a’ còrdadh ri Cassie a bhith a’ dannsa ge-tà, agus a thuilleadh air an sin, bha i fìor mheasail air an tutu aice. Agus ged nach canadh i leithid ri duine beò, bha i air mothachadh mar a bha Hayley air fàs rudeigin cruinn anns an dà bhliadhna gu leth on a sguir i. Am b’ fhiach dhi bruidhinn ri Hayley? Cho-dhùin i a dhol air an duilleig ‘Mo Shaoghal’ aice. Chuireadh i teachdaireachd air an duilleig a dh’innseadh dhan a h-uile duine mar a bha a màthair air an saoghal aice a reubadh às a chèile ’s gheibheadh i cofhurtachd gu leòr an sin. “Carson a tha pàrantan an-còmhnaidh airson do shaoghal a mhilleadh?” sgrìobh i, ’s ann am beagan dhiogan nochd freagairt. Anna: “Ò nach ann agam tha fios! Cha leig mo phàrantan leam pàrtaidh eile a bhith agam gu mo cho-là-breith ’s tha TRÌ mìosan thuige sin!” Pòl: “Truas riut! :(“ Cassie: “Pàrtaidh! Cha bhi fios agamsa dè th’ ann am pàrtaidh no rud sam bith eile ma gheibh mo mhàthair a toil fhèin!”
11
Anna: “Mo chreach ... dè idir a rinn thu!:-O” Bha Cassie a’ sgrìobhadh freagairt nuair a sheirm a’ fòn-làimhe aice. Bha i a’ cluinntinn a’ fòn, ach cò aig a bha fios càit an robh e. Mu dheireadh lorg i e fon aodach-sgoile a bha i air a thilgeil air an ùrlar. “Hayley,” sheall am fòn ann an sgrìobhadh pinc a’ ruith mu thimcheall dealbh den dithis aca air an tràigh anns an Tuirc – saor-làithean air an robh iad cuide ri pàrantan Hayley an-uiridh. Bha pàrantan Cassie air dealachadh nuair a bha i 11 ’s on uair sin bha i air a bhith a’ dol air saor-làithean an Dàmhair cuide ri teaghlach Hayley. “Cò air a tha thusa a’ bruidhinn air ‘Mo Shaoghal’ nach do dh’inns thu dhòmhsa an toiseach?” thòisich Hayley ann an guth cruaidh. “Bha i mi dìreach gus fònadh thugad...” fhreagair Cassie ’s cha b’ e breug a bh’ ann ann an seagh – bha a’ bheachd air a bhith aice. “Ach cha do dh’fhòn, ’s a-nis tha Anna ’s Pòl a’ bruidhinn riut mu dheidhinn romhamsa! Anna? Chan eil sinn fiù ’s cho càirdeil sin rithe, ged a tha i fhèin gu mòr air a shon. Agus Pòl! Na leig leam tòiseachadh mun chreutair sin! Carson a leig thu leis a bhith na charaid air ‘Mo Shaoghal’ co-dhiù? Cha bu chòir do nighean le inbhe mar a th’ agadsa, mar a th’ aig an dithis againn, a bhith na caraid aig leithid Pòl nam Plocan Purpaidh! Dè mu Iain?
12
Dè shaoileas e nuair a chì e seo?” Bha Hayley a’ bruidhinn f ìor luath a-nis mar a bha buailteach dhi nuair a dh’èireadh an t-sradag oirre. “Tha Iain ’s Pòl nan caraidean cuideachd... tha iad daonnan a’ cur theachdaireachdan gu càch a chèile mun bhall-coise...” fhreagair Cassie ann an guth cùramach. “Coma leam Pòl le phlocan grànda! Eil thu gus innse dhomh dè tha a’ dol no am feum mi fuireach gus an cuir thu e air-loidhne?” thuirt Hayley. Leig Cassie osna ’s thòisich i air an sgeul innse. Dh’inns i mar a dh’fhòn a màthair air an rathad dhachaigh bho h-obair a’ faighneachd dè an seòrsa bìdh a bha Cassie ag iarraidh, pizza no rudeigin bhon àite Shìonach. A’ smaointinn mu dheidhinn a-nis ’s dòcha gun robh e follaiseach gun robh rudeigin ceàrr, ach aig an àm bha i cho gòrach ’s gun robh i a’ smaointinn gun robh a màthair airson a bhith coibhneil. Dh’inns i mar a shuidh an dithis aca aig a’ bhòrd, bogsa mòr pizza le cearc spìosrach eatarra, ’s mar a thuirt a màthair rithe gun robh iad gus a dhol a dh’fhuireach a dh’Afraga fad trì mìosan. “Afraga!” dh’èigh Hayley aig ceann eile a’ fòn. “Carson? Ciamar? Carson?” Cha tigeadh aon fhacal eile thuice. Bha deagh fhios aig Cassie cò ris a bha e coltach a bhith gun fhacail. Thachair an dearbh rud nuair
13
a chuala i fhèin an naidheachd. Ge-tà, cha robh i sàmhach ro fhada. Ann am beagan dhiogan bha i na boil. Chuimhnich i air a’ chòmhradh a bha eatarra. “Chan urrainn dhòmhsa a dhol a dh’Afraga!” dh’èigh i ri màthair. “Tha e cunnartach! Carson a bhiodh tu airson mo chur ann an cunnart! Dè an seòrsa màthar a th’ annad!” “Cha bhi sinn ann an cunnart sam bith,” fhreagair a màthair ann an guth socair. “Chan eil cunnart sam bith far a bheil sinne a’ dol.” “Cunnartach is salach ’s gun dad ri ithe!” chùm Cassie oirre. “Nach fhaca tu riamh na prògraman air an telebhisean? Na can rium g’ eil sinn gu bhith fuireach ann an seada puill! Mo nàire, dè chanas daoine?” “Chan eil ciall ann an dad a tha thu ’g ràdh,” thuirt a màthair ’s i a’ feuchainn ri bhith foighidneach. “Bidh sinn a’ fuireach ann an taigh ’s cha bhi sinn salach no gun bhiadh. Chan eil e idir a’ còrdadh rium mar a tha thu a’ bruidhinn. Chan eil e idir ceart.” “Tha mise coma! Tha fios a’m na tha mi air fhaicinn, tha fios agam gu bheil e fìor ’s tha fios agam nach gabh mi gnothach ris! Tha mi fuireach an seo.” “Sin thu fhèin,” thuirt Hayley an dèidh do Chassie an còmhradh ath-aithris dhi. “Dè thuirt i às dèidh sin a chur rithe?”
14
“Thuirt i nach robh roghainn eile agam,” fhreagair Cassie ann an guth truagh. “Tha leanabh eile gu bhith aig Donna, bean ùr Dad, ’s mar sin chan urrainn dhomh bhith cuide riuthasan ’s chan eil duine eile ann. “Tha sinne ann!” thuirt Hayley gu cabhagach. “Leigidh Mam leat fuireach an seo le cinnt!” “Thuirt mi sin rithe cuideachd,” fhreagair Cassie ’s i a-nis gus a bhith a’ rànail. “Ach cha leig i leam. Tha e ro fhada a rèir choltais ’s tha sibhse a’ dol gu Granaidh tron t-samhradh ’s cha bhiodh e ceart mise bhith cuide ribh.” “Tha thu air falbh fad an t-samhraidh!” thuirt Hayley le uabhas. “Cuin a tha sibh a’ fàgail?” “Seachdain ron dannsa!” fhreagair Cassie le ràn.
15