Campa na Cloinne (An t-Ionnsachadh Bòidheach #2)

Page 1


An t-Ionnsachadh Bòidheach Pàirt 2

– Campa na Cloinne

1


2


AN T-IONNSACHADH BÒIDHEACH Pàirt 2 – Campa na Cloinne

Catriona Lexy ` Chaimbeul

3


4


SGRÌOB Sgeulachdan anns a bheil càirdeas is dòchas, spionnadh agus fealla-dhà; stòiridhean le manaidhean is plàighean, eucoir agus draoidheachd. Tog aon dhiubh seo agus gabh sgrìob gu saoghal tarraingeach, dìomhair a tha stèidhichte san latha an-diugh, san linn a dh’fhalbh no ann an linn nach fhacas fhathast. Eadar bailtean mòra na dùthcha is eileanan beaga na Gàidhealtachd, tha caractaran òga a’ gabhail an sgrìob fhèin a dh’ionnsaigh co-dhùnadh no ceann-uidhe, toradh no buannachd. Sreath de nobhailean ùra do luchd-leughaidh eadar 10 is 14 bliadhn’ a dh’aois.

5


Air fhoillseachadh ann an 2015 le Acair Earranta, An Tosgan, Rathad Shìophoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD www.acairbooks.com info@acairbooks.com info@storlann.co.uk www.storlann.co.uk Tha còraichean moralta an ùghdair/dealbhaiche air an daingneachadh. Na còraichean uile glèidhte. Chan fhaodar pàirt sam bith dhen leabhar seo ath-riochdachadh an cruth sam bith, no a chur a-mach air dhòigh no air chruth sam bith, grafaigeach, eleactronaigeach, meacanaigeach no lethbhreacach, teipeadh no clàradh, gun chead ro-làimh ann an sgrìobhadh bho Acair. © an teacsa Catrìona Lexy Chaimbeul 2015 © nan dealbh Acair 2015 Na dealbhan còmhdaich le Catriona MacIver An dealbhachadh agus an còmhdach le Mairead Anna NicLeòid An suaicheantas airson Sgrìob air a dhealbhachadh le Fiona Rennie Gheibhear clàr catalogaidh airson an leabhair seo bho Leabharlann Bhreatainn. Clò-bhuailte le Nicholson & Bass, Èirinn A Tuath Tha Acair a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig. ISBN/LAGE 978-0-86152-595-9

6


CLÀR-INNSE C A IB IDEIL 1

d ui l l e a g

9

C A IB IDEIL 2

d ui l l e a g

21

C A IB IDEIL 3

d ui l l e a g

32

C A IB IDEIL 4

d ui l l e a g

41

C A IB IDEIL 5

d ui l l e a g

49

C A IB IDEIL 6

d ui l l e a g

58

C A IB IDEIL 7

d ui l l e a g

66

C A IBIDEIL 8

d ui l l e a g

75

C A IBIDEIL 9

d ui l l e a g

87

C A IBIDEIL 10

d ui l l e a g

97

C A IBIDEIL 11

d ui l l e a g

107

C A IBIDEIL 12

d ui l l e a g

117

C A IBIDEIL 13

d ui l l e a g

1 25

C A IBIDEIL 14

d ui l l e a g

133

7


8


CAIBIDEIL

1

Shuidh Archie an-àirde agus shuath e a shùilean le cùl a dhùirn. Cha robh e cinnteach dè cho fada ’s a bha e air a bhith na chadal, ach bha amhaich goirt, teann. Dh’fhairich e pian beag na phluic cuideachd: fiacail aig cùl a bheòil a bha air a bhith a’ cur dragh air airson latha no dhà a-nis. Sheall e mun cuairt agus chunnaic e gun robh càch fhathast nan cadal air sèithrichean cruaidh a’ bhus. A’ gluasad cho sàmhach ’s a b’ urrainn dha, rinn e a shlighe chun an dorais agus chaidh e a-mach. Bha fuachd na maidne geur air aodann, ach bha e a’ faireachdainn glè mhath. Lìon e a sgamhanan leis an èadhar ghlan agus dh’fheuch e ri smaoineachadh air rudeigin a dh’fhaodadh e a dhèanamh gus e fhèin a chumail trang. Dìreach obair bheag air choreigin, rud sam bith, cha robh e gu diofar. Rud sam bith ach a bhith a’ smaoineachadh air na bha air tachairt sna làithean a chaidh seachad. Bha iad air an Scottish Centre for Disease Control fhàgail le làn tanc de dhìosail agus biadh gu leòr

9


airson trì latha. Bha iad air a phàrantan fhàgail an sin cuideachd. Bha màthair agus athair Archie air am beatha a thoirt dhan àite ud agus bhiodh iad an sin gu bràth tuilleadh. Chan fhaiceadh e iad a-rithist, chan fhaigheadh e teans innse dhaibh… Sguir dheth. Smaoinich air rudeigin eile. Dh’fhaodadh e bracaist a dhèanamh dha càch. Chumadh sin e trang. Cha robh an t-acras air fhèin idir, ach bha fhios aige gum bu chòir dha ithe. Cha robh aon ghrèim bìdh air a dhol thairis a liopan ann an trì latha, ach a h-uile turas a dh’fheuchadh e ri beagan a ghabhail, bha e a’ bòcadh na bheul. Cha robh a phiuthar air mòran ithe a bharrachd, ach bha i air a bhith ga choimhead le iomagain gach turas a phutadh e air falbh na bha mu choinneamh. Bha am bròn air a mhionach a lìonadh agus a’ fàgail a bheòil tioram. Agus nas ìsle buileach, bha an ainmein a’ teasachadh. Fhathast gun ghoil, ach a’ tighinn faisg. Gu math faisg. A bharrachd air an sin, bha e seachd sgìth de bhiadh fuar. ’S dòcha gum b’ urrainn dha teine a thogail. Thòisich e a’ coimhead mun cuairt airson fiodh sam bith a bhiodh freagarrach. Cha robh iad air a dhol faisg air an rathad mhòr do-shiùbhlach ud – an M9. An àite sin, bha iad air dràibheadh air rathaidean beaga tro bhailtean mar Blackford, Auchterarder agus Aberuthven. Cha robh

10


iad air duine beò fhaicinn sna taighean no air na sràidean, ach cha robh sin na annas dhaibh sna làithean seo. Bha iad air sùil aithghearr a thoirt ann am feadhainn de na taighean, ach bha coltas orra gun robh daoine air falbh le na bha luachmhor annta mar-thà. Cha robh biadh air fhàgail nach robh loibht agus bha na bùithtean uile air am falamhachadh cuideachd. Bha iad mu thrì mìle deug à Peairt – thuirt Noor, a’ coimhead ris a’ mhap – nuair a thòisich am bus a’ diogadaich agus a’ casadaich. Bha iad air stad aig oir an rathaid agus bha Ruairidh air sùil a thoirt fon bhonaid. “Chan eil fhios a’m dè tha ceàrr air,” thuirt e, a’ sgrìobadh a chinn. “’S dòcha gur e am fuel injector a th’ ann.” Chuir iad seachad fad an fheasgair an sin, a’ coimhead air Ruairidh ’s e ag obair air an einnsean; coltas trom-chùiseach air aodann agus fallas air a mhaoil. Mu dheireadh, leis a’ ghrian a’ dol sìos, bha aige ri aideachadh nach b’ urrainn dha a chàradh gun na pàirtean air an robh feum aige. Cha robh duine aca deònach coiseachd air adhart san dorchadas is mar sin bha oidhche fhada aca a’ cadal sa bhus. Gach taobh dhen rathad, bha achaidhean farsaing agus, nas fhaid’ às, chitheadh Archie coilltean a’ fàs. ’S iongantach mura lorgadh e fiodh gu leòr an sin.

11


Ghabh e ceum thairis air an fheansa. “Where are you going?” Guth aig a chluais. Cha mhòr nach deach Archie à cochall a chridhe. “Noor! How do you do that?” “Do what?” “You’re so quiet. You nearly gave me a heart attack.” “Sorry. Where are you going?” Thog Archie a chorrag agus chomharraich e a’ choille. “I was going to try to make a fire. I’m sick of eating cold beans.” “A fire?” “I know how. Maisie-May showed me.” “Okay,” thuirt Noor agus shreap i thairis air an fheansa. “I’ll come with you.” Choisich iad còmhla gun fhacal; Archie a’ coimhead brògan tacaideach Noor ’s i le sùrd a’ coiseachd air adhart air, am baga aice a’ bocadaich mu druim. Bha an t-achadh gu math na b’ fharsainge na bha e a’ coimhead bhon rathad. Bha coltas air gun robh buntàta air a bhith a’ fàs san talamh seo aig aon àm. Dh’aithnich Archie na lusan a bha nan laighe mu chasan bho bhith a’ fuireach air croit a sheanmhar. Cha robh ach dà sheachdain air a dhol seachad bho dh’fhàg e fhèin is Maisie May an taigh ud. An e sin uireas? Chunnt e na làithean air a chorragan, ach cha d’ fhuair e ach gu deich. Dìreach

12


deich latha. Bha an ùine a’ gluasad cho neònach na làithean seo. Chùm e a shùilean fosgailte – an dòchas gum faiceadh e buntàta a bha air fhàgail – ach bha cuideigin air a h-uile fear a spìonadh às an ùir agus cha robh duine ann a chuireadh an còrr. Nuair a ràinig iad oir na coille, stad Noor agus sheall i mun cuairt. “You get the wood. I’ll find us breakfast.” “But we’ve got beans,” dh’èigh Archie às a dèidh, ach bha i air falbh mar fhaileas tro na craobhan. Dh’fheuch Archie ri shùil a chumail oirre, ach bha i ro luath dha. Le osna bheag, thòisich e a’ coimhead ris an talamh airson fiodh tioram. Cha robh uisge air a bhith aca airson latha is oidhche, is mar sin, bhiodh na pìosan a lorgadh e tioram gu leòr. Smaoinich e gum biodh athair moiteil às nuair a dh’innseadh e dha gun robh e air na sgilean seo ionnsachadh … ach an uair sin chuimhnich e, agus stad e agus cha mhòr gum b’ urrainn dha anail a tharraing. Chuir e a thaic ri craobh agus dhùin e a shùilean. A h-uile turas a chuimhnicheadh e, thigeadh tuil cianalais is dheigheadh e fodha ann. Chùm e grèim teann air stoc na craoibhe agus leig e dha na suailichean a dhol seachad. Cha robh e airson gal a-rithist, ach bha e duilich dha. Bha e dìreach cho deamhnaidh duilich. Cnag! Mar mhaide a’ briseadh fo bhròig.

13


Bha cuideigin faisg. Dh’fhosgail Archie a shùilean agus sheall e mun cuairt. Cha robh duine ri fhaicinn, ach bha e cinnteach mu na chuala e. Ghlac e anail agus dh’èist e. Chuala e osag gaoithe a’ gabhail thairis, isean beag a’ seinn os a chionn, na duilleagan a’ critheanaich: fuaimean àbhaisteach na coille. Thuirt e a h-ainm ann an guth leth-dòchasach. “Noor?” Sàmhchair fhada … agus an uair sin, thàinig iad. A-mach às na craobhan agus bho chùl chreagan, bha iad air mus robh fhios aig Archie dè bha air tachairt. Còignear dhiubh. Bha iad air an sgeadachadh ann an aodach salach, robach. Dh’fhairicheadh Archie fàileadh làidir ag èirigh bhuapa nuair a sheas iad faisg air – maide beag, biorach aig gach fear ri amhaich. A’ coimhead orra nas dlùithe, chitheadh e gun robh iad mun aon aois ris fhèin, ’s dòcha beagan na b’ òige, ach cha robh iad air a bhith ag ithe. Bha na h-aodainn aca caol, na sùilean aca fiadhaich leis an acras agus crith anns na làmhan aca. Cha robh Archie a’ smaoineachadh gum biodh iad làidir gu leòr brath a ghabhail air, ach bha còignear dhiubh ann agus cha robh sgeul air Noor. “Give us your food!” dh’èigh am fear bu motha; balach salach le fiaclan buidhe. “Go on!”

14


Bhruidhinn Archie gu calma, a’ cumail a ghuth cho rèidh ’s a ghabhadh. “I don’t have any food here. It’s back over on the bus. Why don’t you come with me and – ” “No way!” dh’èigh am balach salach. “Your friends are there. Just give us!” “I told you. I don’t – ” “Please?” thuirt guth ri thaobh. “We’re so hungry.” Sheall e ris an nighinn bhig a bha na seasamh air an làimh chlì. Bha an craiceann geal aice teann mu chnàmhan a h-aodainn, na sùilean dubh aice a’ bòcadh na ceann. Bha maide aice ri slugan Archie, ach chitheadh e gun robh i ann an èiginn. Thug am balach slaic dhi na cliathaich agus lùb an nighean mar phìos pàipeir tana. “Don’t speak to him.” Phut am balach bàrr a’ mhaide nas cruaidhe ri sgòrnan Archie. Thòisich Archie a’ faireachdainn eagal ag èirigh na chom. Cha robh am balach seo air ithe ann an ùine mhòr agus cha robh e a’ smaoineachadh ceart. Bha an t-acras air fhàgail mì-reusanta, do-riaraichte, cunnartach. Bha na sùilean aige a’ leumadaich bho thaobh gu taobh. Bha a’ chlann eile ga choimhead cuideachd; gach aodann iomagaineach, mì-earbsach mun cheannard aca. “I don’t think he has anything, Robbie,” thuirt balach ruadh ris.

15


“I told you not to say my name!” Thog am balach salach – no Robbie – a làmh airson slaic a thoirt dhàsan cuideachd, ach cha d’ fhuair e an cothrom. Às an adhar, thàinig clach chruinn, chruaidh agus bhuail i Robbie salach ann an teis meadhan a mhaoil. Thuit e le brag chun an talaimh agus laigh e gun ghluasad. Sheall càch ri chèile le iongnadh. An uair sin, sheall iad ri Archie. “Who did that?” thuirt am balach ruadh ris agus, mar fhreagairt, thàinig clach eile às an adhar ga bhualadh-san na lethcheann agus ga leagail bho chasan. Sheall an triùir a bha fhathast nan seasamh ri chèile agus dh’fhalbh iad nan ruith gun shùil eile às an dèidh. Thog Archie am maide biorach a bha air tuiteam à làmh Robbie agus sheas e os a chionn. Chuir e am maide biorach ri sgòrnan-san agus theannaich e a ghrèim. “You’re not going to kill him, are you?” Thàinig an guth bhos a chionn. Sheall Archie an-àirde agus chunnaic e Noor ga choimhead bho mhullach craoibh. “It’s in case he wakes up.” “If he wakes up, I’ll just use this again,” thuirt i, a’ sealltainn dha na glonngaig a bha i air a dhèanamh dhi fhèin à sreang agus pìos leathair. Mu meadhan, bha dà rabaid ceangailte ri crios.

16


“Is that breakfast?” “Fresh rabbit. Great with beans.” Rinn am balach ruadh casad agus dh’fhosgail e a shùilean. Nuair a chunnaic e Archie leis a’ mhaide ri slugan a charaid agus Noor a’ cromadh às a’ chraoibh, cha mhòr nach do thòisich e a’ gal. “Please, I’m sorry. We were just … please don’t hurt me.” Chaidh Noor a-null thuige agus thabhainn i làmh air. Ghabh am balach ruadh i gu h-iomagaineach agus shlaod i e gu chasan. Cha do leig i às a làmh nuair a fhuair e air seasamh. Tharraing i am balach thuice gus an robh an t-aodann aige òirleach bho h-aodann-se. “When I let you go,” thuirt i, “you’re going to run and you’re not going to look back.” Leig i às am balach agus, dìreach mar a dh’iarr i air, dh’fhalbh e na dheann tro na craobhan. Chluinneadh iad e ag osnaich agus ag uspartaich airson greiseag gus, mu dheireadh, nach robh ri chluinntinn ach an crònan sàmhach a bh’ aig an fhear a bha fhathast na laighe air an talamh. Bha esan fhathast gun dhùsgadh, ach cha bhiodh fada thuige. “What’re we going to do with him?” Lùb Noor sìos ri taobh a’ bhalaich agus dh’fhosgail i am baga a bh’ aice air a druim. “I think we should ask him some questions.”

17


* * * * * Paidhir de bhrògan tacaideach. B’ e sin a’ chiad rud a chunnaic Robbie nuair a dh’fhosgail e a shùilean. Briogais leathair agus glùinean biorach. Ach bha rudeigin ceàrr. Carson a bha a cheann cho faisg air an talamh? “Good morning,” thuirt guth a bha faisg air a chasan. “Madainn mhath,” thuirt guth eile, am fear seo faisg air a shliasaidean. Sheall e an-àirde agus thuig e carson a bha an saoghal a’ faireachdainn cho neònach. Bha a chasan air an ceangal ri chèile le ròpa tiugh agus bha e air a chrochadh, bun-os-cionn, bho gheug craoibh. Bha mullach a chinn dà throigh bhon talamh agus dh’fhairicheadh e an fhuil a’ ruith gu mhaoil, gu lethcheann, gu shròin. Dh’fheuch e ri lùbadh a-mach à snaim an ròpa, ach bha e air a cheangal gu teann. “Let me down, you cow!” “That’s not very nice,” thuirt Noor agus thug i put dha. Bhuail e a’ chraobh le brag agus èigh. “Ooft! Ow! Alright, I’m sorry. Let me down, please.” Chrath Noor a ceann. “Not yet. Where did you come from?”

18


“Nowhere!” Thug Noor put eile dha, nas cruaidhe an trup seo. “Ow! Honestly! We live in the forest. They made us leave. We just live here now.” “Who made you leave?” “The others. The ones in the Camp.” Sheall Noor agus Archie ri chèile. Bha iad faisg air a’ Champa, ma tha. Bha map aig Noor a lorg i san SCDC agus bha iad air a bhith an dòchas gum biodh campa faisg air Peairt. Àite far am biodh clann eile, pailteas bìdh agus stòras meidigeach. ’S dòcha fiù ’s gum biodh daoine mòra an sin, mura robh am Fuachd Gorm air cur às dhiubh uile. “Tell us about it. The Camp.” “Will you let me down?” “After. Tell us.” Rinn Robbie bochd osan agus dh’inns e dhaibh gun robh, gun teagamh, campa faisg orra. Air taobh eile na coille, mu cheud slat bho loch, bha Campa na Cloinne (no Camp 48 mar a bh’ aig an ùghdarras air). Chaidh Robbie a thoirt an sin aig toiseach sgaoileadh a’ ghalair air an robh am Fuachd Gorm còmhla ri iomadach duine cloinne eile bhon sgìre aige. Dh’fhuirich e an sin gus an deach a thilgeil a-mach airson a bhith a’ goid biadh trì seachdainean air ais. Bha e nise beò sa choille còmhla ri na h-eucoraich eile a chaill an t-àite aca sa Champa. A

19


rèir na thuirt Robbie, cha robh air fhàgail ach clann – bha an duine mòr mu dheireadh air bàsachadh còrr air mìos air ais – agus b’ e an fheadhainn a b’ aosta a bha os cionn a’ Champa a-nis. Buidheann de dheugairean a bha a’ stiùireadh ghnothaichean agus a’ cumail an àite ann an òrdugh. “But I wouldn’t go there if I were you,” thuirt e mu dheireadh. “They’re not very nice.” “And you’re a thief,” thuirt Archie. “Aye. That’s true. So can you get me down now?” Shreap Noor suas a’ chraobh agus sgaoil i an ròpa. Thàinig Robbie gu talamh mar ultach gheugan, a’ guidheachan agus a’ gearan. Thilg e bhuaithe an ròpa a bha fhathast mu chasan agus sheas e. Sheall e ris an dithis aca agus, gun fheitheamh airson faicinn an robh iad ag iarraidh a’ chòrr air, dh’fhalbh e na chabhaig air ais dhan choille. “Great news, eh?” thuirt Noor ’s i a’ toirt slaic chàirdeil dha Archie mu dhruim. “Now let’s have breakfast.”

20



Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.