2 minute read

Beatha an eilean Feumaidh croitearachd barrachd taic bhon Riaghaltas

Le Murray MacLeòid

Advertisement

Dh’iarr Caidreachas Croitearachd na h-Alba barrachd fiosrachaidh mu ciamar a tha Riaghaltas na h-Alba dol a chleachdadh an cuid cumhachdan son obair àiteachais beaga a chuideachadh.

Seo am prìomh teachdaireachd a bha ann am freagairt na buidhne ris a’ cho-chomhairleachadh air Bile Aiteachais ùr. Bha an ceann ùidhe ann aig toiseach na mìos.

Thuirt cathraiche na buidhne, Domhnall MacFhionghuin:

“Thairis nam bliadhnachan tha iomadach buidheann mar sinn fhèin air uine mhòr a chaitheamh agus oidhirp mhòr a dhèanamh ann a bhith tighinn an airde le molaidhean mionaideach.

“Tha sinn a rèisd gu math tàmailteach gu bheil a’ chochomhairleachadh a tha seo, sia bliadhna as dèidh na Roinn Eòrpa fhàgail, dìreach a’ togail ceistean a tha gu math farsaing a-thaobh dè na cumhachdan a tha dhìth son taic cheart a thoirt dha àiteachas.

“Tha sinne a-nis a’ feumach plana cruaidh bho Riaghaltas na h-Alba son dèanamh cinnteach gun deach èisteachd a thoirt ri beachdan chroitearan a-thaobh ciamar a thig an taic a dhealbh agus mar a thig a chur an sàs.”

Chaidh structur de cheitheir ìrean a mholadh: gnothaichean a chuidicheas le bhith gearradh sios air atharrachadh na sìde; nàdar ath-stèidheachadh; àrach biadh aig àrd ìre agus leasachadh na coimhearsnachdan dùthchail.

“Tha an Caidreachas gu mòr airson taic a thoirt dha croitearan is tuathanaich airson obair na h-àrainneachd agus obair soisealta a chur air dòigh,” thuirt Mgr MacFhionghuin.

“Ach, tha sinn draghail nach tig sgeamaichean a dhealbh a bhios freagarrach dha croitearan. Feumaidh gach duine sa ghnìomhachas cothrom na fèine fhaighinn air an airgead airson dèanamh cinnteach gum faigh croitearan air an obair mhath a tha iad a’ dèanamh a chumail a’ dol.

“Tha seo a’ gabhail a-staigh coimhead as dèidh fearann far a bheil nàdar prìseil, cumail a’ dol le dòighean tradiseanta, àrach biadh math aig ìre ionadail agus a bhith leasachadh coimhearsnachdan dùthchail.

“Bu chòir do taic nas fheàrr dha croitearachd a bhith aig cridhe a’ Bhile. Feumaidh cùisean le sin a bhith cothromach agus feumaidh sinn bruidhinn mu ciamar a thathas dol a roinn a-mach an airgead.

“Son fada ro fhada tha airgead àiteachais air a bhith taobhachadh cus ri gnìomhachasan mòra. Tha croitearachd a’ coinneachadh ri amasan Riaghaltas na h-Alba. Tha e nise an airde ris an Riaghaltas taic nas fheàrr a thoirt dha croitearachd.”

CHAIDH ainmeachadh gur e Stùbhairt Domhnallach à Asainte Croitear Og na Bliadhna.

Chaidh an duais a thoirt dha aig coinneimh bhliadhnail

Caidreachais Croitearachd na h-Alba anns a’ Ghearasdan.

Tha caoraich, mucan is gobharan aig Stubhairt.

Thuirt Mgr MacFhionguin: “Bha inbhe àrd am measg an fheadhainn a chur a-steach airson an duais, a tha faighinn taic bho Urras MacRaibeairt, am bliadhna.

“Tha e na thogail mhòr a bhith faicinn uimhir de dhaoine òg a’ dèanamh sàr obair air na croitean aca agus bu chòir làn aithne a thoirt dhaibh airson sin.

“Gu deimhinne fhuair na britheamhan na bha iad a’ lorg: spionnadh, iomairt agus obair coimhearsnachd.

“Bhon an raoin farsaing de shàr thagraichean, thagh sinn Stùbhairt airson cho dìchealach agus cho dealasach is a tha e.”

Thuirt Stùbhairt: “‘S e uram mhòr a tha seo agus tha mi dìreach an dòchas gum brosnaich e croitearan òg eile. Chan eil mi buileach cinnteach dè thug orm tòiseachadh ann an croitearachd, thòisich mi dìreach a’ cuideachadh dhaoine eile timcheall an sgìre agus lean e bhon an sin.

“Tha mi an dòchas barrachd stoc fhaighinn agus crodh agus an fheoill a reic gu h-ionadail.”

Thuirt Chris Hockley, àrdoifigear Urras MacRaibeart: “Tha fios am gun robh an fharpais faisg ach tha mi gu sònraichte toilichte gur e Stùbhairt a bhuannaich. Tha e dìcheallach agus làn spionnaidh agus e air tòrr a dhèanamh ann an ùine bheag ann an croitearachd.

“Tha e fìor airidh air an duais agus mi cur gach beannachd air.”

This article is from: