Farming Scotland Magazine (March - April Edition 2022)

Page 76

Beatha an eilean Na tagraichean airson Coimisean na Croitearachd By Murray MacLeod Tha Coimisean na Croitearachd air fhoillseachadh cò iad a bhios a’ seasamh anns na taghaidhean. Tha sia sgìrean ann gu lèir - na h-Eileanan an Iar, Sealltainn, Arcaibh is Gallaimh, a’ Ghàidhealtachd an Ear, an iardheas dhen Ghàidhealtachd agus an iar dhen Ghàidhealtachd - le 18 tagraiche, a’ ciallachadh gum bidh taghadh anns gach sgìre. A thuilleadh air naoi coimiseanaran air an taghadh, tha cuideachd triùir eile air an taghadh le Riaghaltas na h-Alba, a fàgail naoinear air a’ bhòrd-stiùiridh uile gu lèir. Feumar croitearan an taghadh a dhèanamh ron 17mh Màirt tron phost. ‘S iad na coimiseanaran agus na sgìrean: Na h-Eileanan an Iar; Iain MacIomhar is Iain MacAmhlaigh - Sealltainn; Donnchaidh Mac Illebhàin, Anndra Holt is Laurine Manson - Arcaibh is Cataibh; Dòmhnall Dòmhnallach, Peadar Stiubhairt, Daibhidh MacGriogair - a’ Ghàidhealtachd an Ear; Coinneach Hardie, Rod MacChoinnich, Eardsidh Mac an t-Aba is Raibeart Meeres - an iar-dheas dhen Ghàidhealtachd; Cailean Ceannadach, Uilleam Neilson, Craig Ward - an iar dhen Ghàidhealtachd; Gordon Drysdale, Màiri NicChoinnich, Marjory Robasdan. Tha cuid dhe na h-ainmean sin glè inntinneach, gu sònraichte Cailean Ceanndach, a chaidh a thaghadh mar neach-gairm air a’ Choimisean rona seo ach a bha gu math connspaideach fhad ‘s a bha e ann. Thuirt Mgr Ceanadach nach fhaodar comataidhean baile an 76

airgead a tha iad a’ toirt a-staigh - gur bi cò às a tha e tighinn - a chaitheamh ach air gnothaichean timcheall air àiteachais. Chur sin an fhearg air gu leòr, gu h-àraid anns na h-Eileanan an Iar, agus na comataidhean ann an sin gam faicinn fhèin mar phàirt chudromach dhen choimhearsnachd fharsainge. Bha cùisean gu sònraichte connspaideach ann am baile Col Uarach ann an Leòdhas far a nochd an duilgheadas sa chiad àite agus far na chur Mgr Ceannadach clèirc a-steach e fhèin son feuchainn ri cùisean a rèiteach, an aghaidh tol a’ mhòr-chuid, agus ‘s ann a chaidh cùisean buileach nas miosa a-thaobh àimhreit is droch fhaireachdain an uairsin. Mu dheireadh, bha mòran, coimiseanaran nam measg, ag iarraidh air Mgr Ceannadach a dhreuchd a leigeil dheth, ach dhiult e, agus rinn e gearrain oifigeal mun Riaghaltas agus ministear nan cùisean dùthchail aig an àm, Fearghas Ewing. Sheas Mgr Ceanadach anns na taghaidhean an turas mu dheireadh còig bliadhna air ais, ach cha d’fhuair e a-steach agus, a-nis, tha e seasamh a-rithist. Cuideigin eile a tha glè inntinneach, ‘s e Rod

MacChoinnich, a bha na neachgairm rona seo e fhèin mus do sheas e sios an-uiridh. Bha sin ma choinneimh draghan ann an aithisg le Buidheann-sgrudaidh na h-Alba a thog ceistean gu math bunaiteach mu mar a bha a’ Choimisean air a ruith. Ged nach robh an aithisg air a thighinn a-mach gu poblachd, thatar a’ tuigse gun robh Mgr MacChoinnich gu math draghail nach robhas a’ deiligeadh luath gu leòr le na draghan a bhathas a’ togail innte, gu sònraichte mar a bha cus buaidh aig an Riaghaltas air mar a bha a’ Choimisean air a’ ruith bho là gu là agus cho slaodach ‘s a bhatar a’ dèiligeadh le cùisean. Eu-coltach ri Mgr Ceanndach, bha agus tha meas mòr air Mgr MacChoinnich agus e ag obair aig margaidh-sprèigh Inbhir Pheotharain. ‘S ann anns na h-Eileanan Siar a tha an àireamh chroitear as motha agus, le sin, ‘s dòcha g’eil e ruideigin tàmailteach nach eil ach dithis a’ seasamh ann an sin, gu sònraichte nach eil duine sam bith ann bho Uibhist is Barraigh - sgìre far a bheil croitearachd gu math cudromach a-thaobh na h-eaconamaigh agus a’ choimhearsachd. Chaidh a ràdh rona seo gum

www.stornowaygazette.co.uk www.farmingscotlandmagazine.com

bu chòir dha dithis coimiseanar a bhith a’ riochdachdadh nan Eilean Siar leis cho cudromach ‘s a tha croitearachd dhan àite, aon a bhios gu sònraichte a’ coimhead ri Uibhist is Barraigh. Ach, aig an ìre sa, chan eil cail a choltas gun tachair sin. As bi cò a theid an taghadh aig a’ cheann thall, tha obair mhòr man coinneimh an dèidh do chomataidh de bhuill parlamaid droch chàineadh a dhèanamh air a’ bhuidheann, gu sònraichte a-thaobh mar a bha cùisean air an stiùireadh agus an càirdeas eadar an àrd-oifigear agus na coimiseanaran. Thuirt àrd-oifigear a’ choimisean, Uillean Barron: “Tha e na thogail mhòr gu bheil uimhir a dhaoine air a thighinn air adhart airson na taghaidhean. Tha sinn dol a dh’fhaicinn farpais anns gach sgìre agus ‘s e rud math dha-rìribh a tha sin.” Theid na taghaidhean a dhèanamh tron phost agus thèid an cunntadh a dhèanamh air an 18mh dhen Mhàirt. Tha a’ choimisean cuideachd air innse gu bheil iad air luchdobrachd a bharrachd fhàstadh airson cuideachadh leis an obair rianachd agus dèiligeadh leis na tha de thagraichean bho chroitearan a’ feitheamh riutha. Bhathas a’ cur as leth na buidhne cho slaodadh ‘s a bha iad a’ dèiligeadh le leitheid - fiù ‘s rona am pandeamaig - agus bhon uairsin tha cùisean air fàs nas miosa. Ach, a rèir Mgr Barron bu chòir dhan luchd-obrachd a bharrachd a tha seo cùisean a chuideachadh gu mòr.


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook

Articles inside

Finance

13min
pages 132-135

People on the Move

5min
page 137

The Book Shelf

3min
pages 138-140

Southern Belle

4min
page 113

Meet the New Chair

1min
page 112

Scottish Forestry

5min
page 109

People

3min
pages 110-111

Part 2 of Native: Life in a vanishing landscape

2min
page 108

In and Around Cupar, Fife

6min
pages 106-107

With Linda Mellor

3min
page 105

Conservation Matters

4min
page 99

Estate

6min
pages 95-96

Scottish Land & Estates

7min
pages 97-98

Pigs

4min
page 94

Crofting

3min
page 93

National Sheep Association

7min
pages 91-92

Dairy

3min
page 88

Sheep

2min
page 90

Scottish Dairy Hub

4min
page 89

Livestock

2min
page 77

Life on the Islands

4min
page 76

Wendy Barrie’s Steamed Bramble Sponge

1min
page 71

It’s a SHORE Thing

5min
pages 72-73

Campsite Planning

2min
page 70

The UK Plastic Packaging Tax (PPT) - are you ready?

4min
pages 68-69

Spread-A-Bale

3min
page 50

Balers & Bale Wrappers

21min
pages 51-67

Lake District Farming Fund

3min
pages 48-49

NFU Scotland

4min
page 47

A Garden of Grains

7min
pages 44-45

Farming for the Climate

4min
page 42

Bowbridge Alpaca Farm

5min
pages 28-29

Hire a ‘Lawn-Mooer’

3min
page 25

Science & Technology

3min
page 46

Farm Advisory Service

4min
pages 40-41

Environment

1min
page 39

Agricultural Tyres

3min
pages 26-27

Greek Poultry Farmers Invest In Biogas Plants

3min
page 24

James Hutton Institute

3min
page 15

Grass Harvesting

4min
pages 18-19

Scottish Government

2min
page 23

Red Meat, Bernese Barley

1min
page 22

Champion Butchers

2min
page 20

Cranstons, Penrith

5min
pages 16-17

Scotland the Brand

4min
page 21

R.S.A.B.I

7min
pages 11-14
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.