2 minute read
Life on the Islands
Beatha an eilean
Com-pàirteachadh coimhearsnachd aig cridhe dhreuchdan ùra Coimisean na Croitearachd
Advertisement
Tha Coimisean na Croitearachd a’ cur fàilte air leudachadh a thaobh Sgioba Leasachaidh Croitearachd a stèidheachadh a tha cuimsichte air coimhearsnachdan croitearachd. Tha an sgioba ùr a’ cruthatharrachadh na dòigh san urrainn don Choimisean taic a chur agus conaltradh ri croitearan, agus tha an t-àite sa bheil an dithis oifgearan ùra taobh a-staigh nan Eilean Siar a’ ciallachadh gu bheil iad ann an deagh shuidheachadh gus sin a dhèanamh.
Tha an Coimisean cuideachd a’ dol tron phròiseas ann an neartachadh na sgioba Còmhnaidheachd is Cleachdadh Fearainn, le dà oifgear ùr gu bhith a’ tòiseachadh an dreuchd a dh’aithghearr. Leudaichidh na ceithir dhreuchdan ùra comas na buidhne ann a bhith ag obrachadh le coimhearsnachdan croitearachd agus ann am meudachadh fhaicinn ann an croitean gnìomhach.
Cuiridh an dà oifgear obaircùise ann an Còmhnaidheachd is Cleachdadh Fearainn ri obair nan sgiobaidhean a thaobh sparradh dhleastanasan croitearachd.
Dhaingnich Calum MacMhathain, Neach-gairm ùr Bòrd a’ Choimisein: “Tha sparradh dhleastanasan croitearachd na àrd-phrìomhachas don bhuidhinn agus tha sinn dealasach a thaobh an taobh chudromach seo den Choimisean a neartachadh.”
Cuiridh croitearan fàilte air an naidheachd a’ leantainn air foillseachadh air an t-suirbhidh co-cheangailte ri fo-chleachdadh agus faotainneachd air croitean, a chunnaic 87% de luchd-freagairt a’ comharrachadh chroitean nach robh air an obrachadh, mar dhuilgheadas san sgìre.
Tha Karen NicRath à Sgalpaigh far Eilean na Hearadh a’ tighinn gu Coimisean na Croitearachd mar aon den dithis Oifgearan Leasachaidh Croitearachd.
A’ toirt iomradh air a dreuchd, thuirt i: “Bha mi dìreach air mo dhòigh an dreuchd seo fhaighinn. Tha mi air a bhith ag obair do dh’Urras Taobh Tuath na Hearadh airson grunn bhliadhnaichean agus tha eòlas mòr agam air a’ choimhearsnachd croitearachd ionadail.”
“Tha croitearachd a’ cothachadh ri mòran dùbhlain, agus tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ chothruim a bhith comasach air croitearan a chuideachadh. Eadar gur e a bhith a’ toirt chroitean air ais gu cleachdadh gnothaicheil no a bhith a’ toirt taic do dh’iomadachd, tha sinn an seo gus a dhèanamh cinnteach à leantainneachd phròiseil croitearachd agus a bhith a’ cur ri eaconamaidh dùthchail na h-Alba.”
Còmhla ri Karen mar an t-Oifgear Leasachaidh Croitearachd eile, tha Lynne Nic a’ Mhaoilein à Uibhist a Deas. Chuir Lynne 14 bliadhna seachad roimhe mar Oifgear Taic Gnothachais aig Business Gateway.
“Is e àm brosnachail a th’ ann a bhith a’ dol chun a’ Choimisein le foillseachadh air an Sgìoba Leasachaidh ùr. Is e pàirt chudromach de ar dreuchd a bhith a’ stiùireadh chroitearan agus a’ cumail taic ri coimhearsnachdan croitearachd gus gabhaltas chroitean, cleachdadh chroitean agus stiùireadh air fearann ionaltraidh a bhrosnachadh.”
Thuirt Heather Mack, Ceannard Leasachaidh Croitearachd aig a’ Choimisean:
“Tha mi dìreach air mo dhòigh gu bheil Karen agus Lynne nan dithis a’ tighinn chun a’ Choimisein. Cuidichidh an sgilean cothlamaichte agus an in-shealladh air na dùbhlain agus na cothroman taobh a-staigh croitearachd le tuigse nas fheàrr a thogail do dhleastanas a’ Choimisein taobh a-staigh na coimhearsnachd croitearachd.
“Is e amas iomlan na dreuchd ùr leasachaidh seo taic a chur ri neartachadh air croitearachd sna h-Eileanan an Iar a thuilleadh air tarsainn na Gàidhealtachd ’s nan Eilean air fad.”
Sgioba Leasachaidh Croitearachd