1
2
SGÌOBHADH AGUS DEALBHAN LE METAPHROG
FOILLSICHTE MAR PHÀIRT DE TIME TO SHINE: RO-INNLEACHD EALAIN NA H-ALBA AIRSON AOISEAN 0-25 LE
3
Tha Sam 14 bhliadhn’ a dh’aois agus bidh e a’ cluiche na trombaide.
Tha Jen, piuthar Sam, sa bhliadhna mu dheireadh san sgoil. Chan eil i cinnteach dè an ath cheum a ghabhas i, ach bu toil leatha a bhith ainmeil.
Tha piuthar eile aig Sam. Tha Molly còig bliadhn’ a dh’aois agus tha i airson a bhith na dannsair no na lighiche-bheathaichean.
’S e Louis as sinne san teaghlach. Tha esan 18, agus na oileanach ann an sgoil ealain. Bidh e ag obair mar mhodail uaireannan, airson beagan airgid a chosnadh.
’S e nurs a th’ ann am màthair Sam. Tha athair ag obair aig clò-bhualadair. Tha iad a’ brosnachadh na cloinne a thaobh gnothaichean ealain ach chan eil iad dhen bheachd gum bi cosnadh gu leòr anns na h-ealain a chumas duine beò.
’S e Miss Murphy an t-ainm a th’ air an tidsear ealain ùr aig Àrd-sgoil Greenvale. Tha beachd aice gum biodh cuirm tàlaint math airson na sgoile.
Bidh Runi a’ cluich’ a’ mheur-chlàr sa chòmhlan aig Jen. Tha ise airson a bhith na dotair ach bu toil leatha a h-ùidh anns na h-ealain a chumail suas.
4
Tha Benji a’ cluiche nan drumaichean sa chòmhlan aig Jen, na Panic Twins. Tha a màthair ag obair sa chafaidh anns an taigh-tasgaidh.
’S e Tom an caraid as fheàrr a th’ aig Sam. Tha e uabhasach math air an fhidheal.
Tha Joe na charaid do Sam. Is toil leis geamaichean bhidio agus tha seanal beòthail aige air YouTube.
Tha Laura anns a’ chlas aig Sam. Tha i uabhasach dèidheil air sgrìobhadh agus tha i airson a bhith na bith-eòlaiche mara.
Bidh Declan a’ dèanamh graifiti. Tha e cho mì-thoilichte ann fhèin ’s gum bi e ri aimhreit gu math tric.
’S ann le Fela a tha a’ bhùth air a’ chòrnair. Bha e na oileanach innleadaireachd ann an Nigeria.
’S e Steve a th’ air bràmair màthair Benji. Bidh e a’ dràibheadh làraidhean.
5
Ro-ràdh Dh’iarr Riaghaltas na h-Alba air Alba Cruthachail stiùireadh a dhèanamh air leasachadh a’ chiad ro-innleachd ealain an Alba do aoisean 0-25, air an tug iad an t-ainm Time to Shine. Tha an nobhail grafaigeach seo mar phàirt dhen ro-innleachd agus a’ tighinn a-mach à còmhradh nàiseanta (co-chomhairle) le còrr is 1800 neach, 48% de dh’òigridh nam measg, a chuidich gus an nobhail a thoirt gu bith. Tha Time To Shine ag amas air clann is òigridh (aois 0-25) ann an Alba a bhrosnachadh gus na comasan a th’ aca a choileanadh ann agus tro na h-ealain. Tha e cuideachd an dùil àrainneachd a chruthachadh a chuidicheas Alba gu bhith na stiùiriche aithnichte airson ealain òigridh air feadh an t-saoghail a bheir brosnachadh dhan an ath ghinealach le luchd-ealain. Tha cuid dhan sgriopt a th’ anns an sgeulachd ùr seo a’ tighinn bho na chaidh a ràdh le daoine òga sa chòmhradh nàiseanta. Chuidich ‘buidheann-gnìomh òigridh’, a chuir Young Scot air dòigh, le bhith a’ leasachadh is a’ cur grinneas air an sgeul. Ged a tha an nobhail grafaigeach seo ag amas air leughadairean òga, tha sinn làn chreidsinn gun cord e cuideachd ri pàrantan, tidsearan agus inbhich eile! Airson barrachd fhaighinn a-mach mun ro-innleachd agus gus Time To Shine: Animation fhaicinn, tadhailibh air: www.creativescotland.com
Mu na h-Ùghdarran ’S iad John Chalmers agus Sandra Marrs a th’ ann am Metaphrog. Le chèile, tha iad air a bhith a’ cruthachadh nobhailean grafaigeach agus dealbhan bho 1996. Tha an sreath leabhraichean Louis air cliù a bhuannachadh, agus iomadach ainmeachadh airson nan duaisean cliùiteach Eisner agus Ignatz, agus fhuair e Sàr Mholadh airson Duaisean Leabhar Cloinne na h-Alba. Tha iad toilichte beagan innse mun dòigh-obrach aca agus mar a bhios iad a’ sgrìobhadh nan nobhailean grafaigeach, agus tha iad gu tric a’ siubhal gu bùidhtean-obrach is òraidean ann an sgoiltean, leabharlann agus aig fèisean leabhraichean. Tha iad dhen bheachd gur e obair ealain a th’ ann an leabhraichean comaic cuideachd. Tadhailibh air www.metaphrog.com agus lean iad air Twitter @metaphrog 6
Seo an sgoil agam. Greenvale.
Ă€RD-SGOIL GREENVALE
Laura Telford?
Tha min seo!
Thomas Wilberforce?
Tha min seo!
Agus, is mise Sam. Samuel Small?
Tha min seo!
7
Tha mo charaid Tom ag ràdh gu bheil sgilean aige nach deach aithneachadh fhathast.
Bidh e a’ cluich’ an fhidheil.
Agus siud mo phiuthar Jen.
Chan eil innte ach am plàigh!
8
Siud an còmhlan aice, na Panic Twins.
Chan e càraid a th’ annta idir. Chan eil iad fiù ’s càirdeach! Ach ’s toil leotha an t-ainm.
Bidh iad a’ tighinn còmhla aig àm lòin agus aon oidhche san t- Seachdain aig a’ chlub-òigridh.
Ged is duilich leam aiteachadh, tha iad glè mhath.
B’ e a seanair a’ chiad duine riamh anns na h-Ìnnseachan a chluich acid no rudeigin mar sin. Sgrìobh e ceòl airson Bolly wood is gu leòr eile.
Tha Runi miorbhaileach: sgoinneil air meurchlàr.
9
Haidh Joe!
Haidh Sam! Mo laoch!
Tha Joe sònraichte air a’ mheur-chlàr cuideachd! Nì e rud sam bith air coimpiutar.
Tapa leat.
10
A rèir choltais, chan eil Mgr Anderson an seo an-diugh…
Dè th’ ann an ealain?
11
Aiste le 500 facal.
Ealain? Dìobhairt!
Ealain? Do dhaoine leòmach!
Ealain? Gràineil!
Aidh! Cia mheud facal a tha siud!?
Ceart… Sàmhach!!
ann an ealain? Faodaidh sibh obrachadh air an-dràsta agus crìoch a chur air aig an taigh.
Hoidh! Dè tha thu dol a dhèanamh leotha sin codhiù?!!
Soundproofing! Airson mo thrombaid!
bog
12
n hea saic e h uig h am fal
Ciamar a chaidh dhut san sgoil an-diugh? An d’ fhuair thu obairdachaigh?
Sam?
Chan eil càil a dh’fhios ’am. Aiste air choireigin air ealain. "Dè th’ ann an ealain?"
Obairdachaigh ro cheòl. OK! Dè an obairdachaigh a th’ agad?
Tha sin coltach ris a’ phròiseact ealain aig Louis. "Tha gach neach na neachealain!"
Cha b’ urrainn dhomh smaoineachadh mu dheidhinn sa chlas.
’S dòcha gum bu chòir dhuinn deasbad teaghlaich a chumail.
O, ist! Deasbad Teaghlaich? Dìobhairt!!
Tha fhios gun urrainn dhut rudeigin a sgrìobhadh mu ealain? Tha thu cho dèidheil air ceòl…
13
14
A bheil thu san taigh-bheag, Sam?! Na bidh a’ magadh air, Louis.
Hehehe! Rinn e fuaim co-dhiù: ’s e adhartas a tha sin fhèin!
Tha e mìchinnteach gu leòr mun trombaid marthà.
Na bidh cho grod, Jen.
15
Saoil am bu chòir dhuinn leasanan fhaighinn dha?
Eadar a h-uile càil, tha e daor! Chì sinn ciamar a thèid cùisean aig m’ obair.
Tha na leasanan dannsa aig Molly air a bhith nas daoire na bha sinn an dùil.
Chan e na leasanan is miosa ach na brògan agus an t-aodach …
Mum, an nigh sibh an hoodie agam?
Cuir dhan bhasgaid e …
Hoidh! Leamsa a tha an toast sin!
Siuthad, Sam! An t-àm falbh dhan sgoil!
Feumaidh mi falbh …
16
Beir orra!
RUITH!!!
17
Bheil thu ok?
18
Am faca tu an uair? Tha mi duilich, sir.
Thig dhan oifis agam air àm lòin!
Seòmar Luchdobrach
Till ann an leth-uair, Sam. Chan eil sgeul air Mgr Watts .
Dh’iarr Mgr Watts m’ fhaicinn…
19
Ma tha i airson ‘cuirm tàlaint’ a chur air dòigh, leig leatha!
Bheil thu a’ ciallachadh gum faigh i beachd nas fheàrr air an seòrsa sgoil sa bheil sinn?
Dìreach!
Is glè thoil leamsa e: "Greenvale’s Got Talent".
Nach eil gu leòr againn ri dhèanamh?
Dè tha i dol a choileanadh co-dhiù??
20
Aidh, dè th’ aice san amhairc?
Fhad ’s nach bi i a’ sùileachadh òirnne a dhol air àrd-ùrlar …
Chleachd cuirm dhen t-seòrsa seo a bhith againn bho chionn bhliadhnachan. ’S e cùis mhasladh a bh’ ann!
Agus seinnidh e American Pie…
Cluichidh Mgr Letham an giotàr.
Arithist.
Aidh, dh’innis Mgr Watts dhomh an joke aige: tha luchdsaidheans fhathast gun dèanamh a-mach ciamar a chuir e stad air an uair!
21
Nach biodh e èibhinn nam biodh aodach Madonna air?!
Feasgar math a chàirdean. Is mise Miss Murphy, an tidsear ealain ùr agaibh.
Dè th’ ann an ealain? 500 facal
Bidh sinne ag obrachadh còmhla oir tha Mgr Anderson air an sgoil fhàgail.
An e seo a bha sibh a’ dèanamh?
"Dè th’ ann an ealain?"
Dè th’ ann an ealain? 500 facal
Nach innis sibh dhomh cò sibh? Innis dhomh beagan mu na sgrìobh sibh no dè is toil leibh mu dheidhinn ealain? Faodaidh sibh a dhèanamh ann an aon fhacal…
22
Haidh, is mise Monica agus tha ealain sgoinneil.
Haidh, is mise Kelly. Chan eil ann an ealain ach dealbhan ann an taigheantasgaidh is galearaidhean is rudan mar sin.
Haidh, is mise Sam. Saoilidh mi gu bheil sinn uile nar luchdealain.
Math fhèin! Saoilidh mise gu bheil tàlant againn uile - ’s dòcha nach eil fhios againn dè th’ ann fhathast.
23
Nise, tha mi cinnteach gum faca cuid agaibh na postairean mar-thà ach bu toil leam gum bi fhios agaibh uile mun chuirm tàlaint. Faodaidh a h-uile duine a bhith na lùib. Cha leig sibh leas a bhith air an àrd-ùrlar - faodaidh sibh a bhith air cùl a’ chùirtear no an sàs san ullachadh. No faodaidh sibh dìreach suidhe air ais a’ coimhead air na tha tachairt.
Agus, an-diugh tha sinn dol a dh’obrachadh còmhla, a’ dèanamh phostairean is bhileagan agus rudan airson sgeadachadh.
Rudeigin inntinneach a sheallas cho math sa tha an sgoil, agus sibhse!
Chan urrainn dhomhsa dealbhan a dhèanamh, Miss. Chan eil sibh a’ tuigsinn. Chan urrainn dhomh càil mar sin a dhèanamh.
’S urrainn dhan h-uile duine dealbh a dhèanamh.
Cuidichidh mise thu…
Dè an rud as fheàrr leat? Ceòl?
24
Miss?
Seadh, Kenny?
An urrainn leughadh a bhith na ealain?
Nise, deagh cheist gu dearbh.
’S agad, saoilidh mise gum faod rud sam bith a bhith na ealain. Ma chuireas tu d’ inntinn ris rudeigin a dhèanamh.
Dè mu dheidhinn fasan. No maise-gnùis? An e ealain a tha sin?
Faodaidh tu fiù ’s biadh a dhèanamh ann an dòigh ealanta.
Miss. Airson a’ chuirm, am faodadh sinn rudeigin co-cheangailte ri martial art a dhèanamh? Am bi thu a’ dèanamh martial art sam bith a Dhaibhidh?
Er… cha bhi, ach …
25
Tha a’ bhuidheann dràma agamsa dol a dhèanamh dealbh-chluich.
Hìdhà.
’S e seinneadair opeara a th’ ann am màthair Greg...
Chan eil dòigh air thalamh a ThA mise dol a dhèanamh càil. Chuireadh e eagal mo bheatha orm.
Hì ùigha.
Chan eil Declan glic. Càit’ an robh thusa an-duigh sa mhadainn?
Aidh! Dh’iarr Mgr Watts m’ fhaicinn ach cha robh sgeul air aig àm lòin.
Ma tha tàlant aig a h-uile duine… …a’ dol às a chiall!
Tha fhios am dè an tàlant a th’ aig Mgr Watts …
He he he! Mar sin leat!
26
Chùm mi tuilleadh bhogsaichean uighe dhut.
Tapa leibh.
Tapa leat airson a dhol dhan bhùth, Sam.
An robh latha math agad san sgoil?
Tha cuirm tàlaint gu bhith againn! Tha sinne gu bhith ann!
Dh’fhaodadh tusa a dhol ann leis an trombaid, Sam!
27
Leis a’ chòmhlan!
Dùin do chab!
Feumaidh mi dhol a Lunnainn aig deireadh na seachdain. Airson shoot.
Tha an agency duilich nach tug iad cus rabhaidh dhomh. Ach, faodaidh mi fuireach còmhla ri Ellen.
Dè tha ise a’ dèanamh na làithean sa? Bha dùil ’am gur e oileanach a bh’ innte?
Fhuair i cothrom obrach le companaidh dealbhaidh.
Dè mu dheidhinn an aiste a bha thu a’ sgrìobhadh?
Chan eil i a’ faighinn pàigheadh sam bith. Mar sin, chan eil cus airgid aice. Ach, thuirt i gum faodainn cadal air an t-sòfa.
Faodaidh mi a dhèanamh air an trèana. Co-dhiù, chan eil ann ach aiste! "San àm ri teachd, bidh gach neach ainmeil air feadh an t-saoghail airson cairteal na h-uarach."
Tha mi dol a chluich sa chòmhlan!
28
Tha an clubòigridh dùinte!
Dè fo ghrìan?!
H CLUB ÒIGRID DÙINTE
Càit’ am faod sinn cluiche, a-nis? Cha robh dragh aig mo phàrantan mise a bhith a’ dol dhan chlub-òigridh.
Aidh, rudeigin eile air dùnadh. Chan eil càil gu bhith air fhàgail!
Na innis dhaibh. Faodaidh sinn cluich san taigh agamsa.
Tha cuideigin airson flats a thogail an seo.
Cha bhi dragh aig mo mhàthair. Agus cha leig Steve leas a bheul fhosgladh.
ha ha ha!
Cò leis Steve?
Sin bràmair a màthair.
Feumaidh sinn a dhol chun àiteobrach aice air an rathad dhachaigh. Dìreach airson a bhith cinnteach gu bheil e ok.
29
Fuirichibh an sin! Cha bhi mi còig mionaidean.
Saoilidh mi gu bheil i ag obair sa chafadh no rudeigin mar sin.
Ann ann an seo a tha a mĂ thair ag obair?
30
Dè mu dheidhinn "Sonic Zoom" a dhèanamh airson rud na sgoile? Dè do bheachd?
Feumaidh sinn beagan atharrachadh ge-tà …
Còrdaidh e riutha, gu dearbh!
Tha an deireadh fhathast caran lag.
Tha e cho math. Agus tha e a’ fàs nas fheàrr.
Aidh, ach bidh e sgoinneil. Tha Benji ceart.
Tha mi duilich, tha an rùm agam gu math mì-sgiobalta …
31
Nach fheuch sinn e, ma-thà?
32
Nach cuala tu mi ag èidheach?
Sguir dhan a’ ghleadhraich sin!
Ma thuirt ma thogair!! Tha mise a’ feuchainn ri cadal fhaighinn!
Ach, thuirt Mum …
Ach, feumaidh sinn cluiche còmhla! Tha sinn ag ullachadh airson cùirm na sgoile!
Uill, chan eil sibh gu bhith a’ cluiche san taigh seo!
Agus sin e!
33
ÀRD-SGOIL GREENVALE
Thuirt Miss Murphy gur e tàlant a th’ ann an ‘coding’.
Tha mise dol a chuideachadh, ’s agad, air cùl gnothaich. Le fuaim is solais is leithid …
’S dòcha, fiù ’s, gun dèan mi fiolm goirid …
Bheil thusa dol a dhèanamh càil, Sam?
Chan eil fhios ’am ...
34
Hoidh, seall seo!
Thug iad iomradh air a’ chuirm fasain againn!
Cò air a bheil thusa a’ coimhead?
"A Passion for Fashion".
THA A H-UILE DUINE AIR BHOIL MUN CHUIRM.
Dh’fhaodadh sinne rudeigin a dhèanamh còmhla? Dè do bheachd?
Chan eil fhios ’am. Bheir leat an trombaid Diluain!
35
Tha cuideigin air tòiseachadh air blog dìomhair. "Shifting Spotlight". Tha a h-uile duine a’ coimhead air.
Aidh, a rèir choltais, tha an Greenvale Gazette air ceangal a dhèanamh ris.
Nach ist thu! A bheil?!
Tha e cho neònach mar a tha seo air aire dhaoine a ghlacadh!
An-diugh, tha sinn a’ toirt sùil air Karen agus a buidheann. Canaidh tu air a seo gu bheil iad glè mhath cuideachd! "A Passion for Fashion". Smaoinich!
Ach, seall air a’ cheannnaidheachd a bh’ ann an-dè!
Hoidh! Seall! Bha sibhse anns na naidheachdan an-dè!
36
Tha iad air surbhaidh a dhèanamh. Tha sinne sa chiad àite còmhla ri The Mindset Collective and Nervous Breakdance.
An e sin an cuirm sgoile agaibh?
Tha tòrr ghnìomhachasan ionadail air taic a chur ris. Tha e dìreach sgoinneil …
O, mo chreach!
Tha daoine bho A&R gu bhtih a’ coimhead airson tàlant!
Companaidh clàraidh!! Waw! Tha seo mìorbhaileach, nach eil?!
37
38
Carson nach can iad uair sam bith boireannaich bho A&R?
A bheil thu a’ toirt leat an trombaid dhan sgoil, Sam?
Tha Tom ag iarraidh orm rudeigin a dhèanamh còmhla ris. Tha mi a’ dol chun an taighe aige. Bidh thu ceart gu leòr.
Ach, tha esan uabhasach math …
Bheil thu a’ fuireach aig do dhìnnear?
Chan eil fhios ’am.
Cuiridh mi teacsa thugaibh …
39
Haidh, Sam!
Madainn mhath, Joe.
Ach, feumaidh sinne cluiche cuideachd! Chan urrainn dhuibhse a bhith air an àrd-ùrlar fad na h-ùine!
Ach bidh sinne an còmhnaidh a’ cluich an seo! Seo an t-àite againne …
40
Gu bhith no gun a bhith, sin a’ cheist …
Bheil thu fhathast airson tighinn chun an taighe còmhla rium?
Aidh, tha e cho math.
41
Ah, seall air a’ bhalach leis a’ ghunna beag na bhogsa!
Gunna beag? Aidh, nach eil e laghach…
Tha sibh cho èibhinn!
Leig leinn!!
42
Ha! HA!
Thalla ’s cagainn bruis!
43
Bheil thu ok? Faic mi do thriombaid?
’S dòcha gun tèid agam air a chàradh.
Tha caraid agam a bhios ag obair le umha.
Nì esan rudeigin leis.
Fàg agam e.
… Bheil thu idir ag iarraidh bogsaichean an-diugh?!
Nis, chan urrainn dhuinn cluiche còmhla airson na cuirm.
Tha mi cho duilich. Bha thu cho dèidheil air do thrombaid… nach robh?
44
’S dòcha gu bheil e cho math. Tha mi nèarbhasach dìreach a’ smaoineachadh air seasamh air an àrdùrlar.
Co-dhiù, fidheal is trombaid. Tha e rudeigin coltach ri càis agus tuirneap.
45
46
Carson nach dèan thu rudeigin feumail le na sgilean is na tàlantan a th’ agad.
Feuch ealain an àite milleadh. Carson nach iarr sinn balla dhut?
Balla? Airson dè?
Airson an ealain agad, an graifiti.
An ann a’ magadh a tha sibh!?
47
Leig leis! Tha thu a’ faicinn nach eil e air a dhòigh!
Tha trioblaidean trombaid aig Sam!!
Ach, chan urrainn do Runi cluiche còmhla rinn a-nochd.
Tha an talla gun fheum cuideachd. Chan eil seo ceart! Tha a h-uile càil bun os cionn!
Cuirm teaghlaich no rudeigin …
Ach an èist mi ris an òran …
Am faca tu an laptop?
48
Tha mo charaid a’ càradh d’ fhear fhèin ach thuirt e rium seo a thoirt dhut.
Agus, cuideachd!
Thuirt e gum biodh e na b’ fhasa na am fear beag agad fhèin.
Thuirt e nach eil bogsaichean uighe gu mòran feum airson fuaim a chumail sìos!
49
CEUD TAING!
50
Tha am blog air a dhol air feadh an t-saoghail.
Ciamar a tha a’ dol dhan ullachadh còmhla ri Miss Murphy?
Waw! Seall! Tha iad a’ bruidhinn air san Ruis, fiù ’s!!
Tha e a’ tighinn thuige, ach tha e a’ toirt ùine.
Am bi sibh an àird fad na h-oidhche a-rithist?
Tha mi cinnteach.
51
Seall na rudan ùra a tha Banksy air a dhèanamh!!
Hoidh, Declan, a bhalaich! Bheil thu airson rudeigin inntinneach fheuchainn?
Aidh, bhiodh sin math.
Tha Mani sa chriudha againn dhen bheachd gum bu chòir dhut beagan a dhèanamh còmhla ri Mindset.
Bheil? Bha dùil ’am gum biodh esan a’ dèanamh an ealain aige fhèin?
Aidh, ach ’s ann airson cuirm na sgoile a bhiodh seo. Cha dèan esan an gnothaich air oir chan eil busaichean ann agus chan eil càr aig a phàrantan. Tha e ag ràdh gum biodh e sgoinneil.
Aidh, ’s dòcha…
chì mi…
ÀRD-SGOIL GREENVALE
52
Tha an latha mòr ann an-diugh ’s chan eil sinn fiù ’s deiseil air a shon!
Chan urrainn dhut ach feuchainn, a ghràidh.
Cha robh tìde gu leòr againn. Sin an duilgheadas!
O, mo chreach!
Chan urrainn do Runi a bhith ann! Dè tha ceàrr? Dè thachair?
Rudeigin air tachairt san teaghlach!!
Dè nì sibh?
Gun Runi… cha bhi càil a’ tachairt.
Chan eil càil ann a nì sin, a bheil!?
Chan eil sibh a’ tuigsinn! Abair bùrach!
An urrainn dhuibh idir òran eile a dhèanamh?
Às dèidh na rinn sinn!
53
Nach eil na daoine bho A&R gu bhith ann, ge-tà?
Chan urrainn dhomh fiù ’s bruidhinn ri Benji, tha ise air falbh fad an là! Tha a h-uile càil deiseil airson còig uairean. Tha sinne aig àireamh 7 .
Àireamh 7?
Fhuair a h-uile duine àireamh ma fhuair iad troimhe… airson na cuirm. Tha Tom gu bhith a’ cluiche.
Och, dragh!
Chaidh a h-uile càil a mhilleadh.
A pheata. Chan eil sibh a’ tuigsinn!
54
Fàilte gu Greenvale’s Got Talent!
ÀRD-SGOIL GREENVALE
Canaidh cuid gu bheil mi diùid, ach airson ‘standup comedy’ tha mi ag iarraidh suidhe sìos.
HA! HA! HA! HA!
Co-dhiù, tapa leibh uile airson tighinn a-nochd. Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan an fheadhainn a thug taic dhuinn: Buidheann Dràma na h-Àirde, Bùtha Gàrraidh MhicLeòid, Sgoil Dhannsa Brett’s …
… agus dhan h-uile duine sa choimhearsnachd, pàrantan, tidsearan, caraidean, a thug an oidhche a-nochd gu chèile.
55
Bha co-ogha dhomh airson a bith còmhla rinn a-nochd, ach tha i ro fhada air falbh - chan eil bus ann ach a h-uile trì làithean. Leis a sin, tha sinn a’ craoladh beò - air an eadarlìon - dìreach dhutsa a Mhàiri!
Tha sinn cuideachd a’ reic an DVD airson airgead a chruinneachadh do chathrannas.
Haidh, Sam a bhalaich! Dè nì mi dhut?
56
Nis, cha chùm mi nas fhaide sibh - seo agaibh -
Na Trì Cnòthan!
Cha ghabh càil a dhèanamh!
Chan fhaigh mi seachad air Runi, nach bi i an seo…
Bheil thu a’ smaoineachadh? …
57
Na bi cho faoinn! Bidh sinn sgoinneil.
Tapa leat Miss Castafareye bha siud dìreach àlainn.
A-nis, an t-àm airson beagan dràma. Hamlet le Shakespeare, ann am mionaid gu leth!
Gubhithnogunabhithsina’ cheist - abheilenasuaislesaninntinnabhitha’ fulangsaigheadan …
Cò tha thu a’ smaoineachadh a th’ anns na fir bho A&R?
Chan eil fhios ’am. Ann an dòigh, tha min dòchas nach do nochd iad idir …
58
Am fidhlear foghainteach againn fhèin ‌
Thomas Wilberforce!
Urram! The Mindset Collective and Nervous Breakdance!
Le Ealain Graifiti le Declan McDee!
59
Fiolm goirid mu chinnfionn le cnatan …
Le Joe!
Agus, a-nis …
Seo agaibh …
60
Na Panic Twins!!
Haidh! Tha sinn duilich nach urrainn do Runi a bhith còmhla rinn a-nochd …
ach seo agaibh an còrr de na Panic Twins …
agus ’s e "Sonic Zoom" an t-òran a sheinneas sinn.
Nach tusa Sam?
Tha thusa ok, a bhalaich. Cha do dh’innis thu do dhuine an rud a rinn mi.
Ceud taing.
An e seo còmhlan do pheathar?
Tha mi duilich mu do thrombaid.
61
Tha iad math...
Hoidh! A bheil thusa a’ dol suas?
Gur math a thèid leat!
62
Siud mise, ma-thà, air an àrdùrlar às dèidh a h-uile càil a thachair… nochd fiù ’s Molly airson greiseag!
Nach math gu robh mi ag ionnsachadh na fuinn aig Runi.
63
Fhuair Jen air adhart leis an tè bho A&R (boireannach a thàinig ’s cha b’ e fireannach) agus tha a’ chompanaidh clàraidh ann an còmhraidhean le na Panic Twins.
Thuirt caraid Fela rium an dà thrombaid a chumail. Tha fiù ’s am fear beag a fhuair mi aig fèill- reic glè mhath an dèidh a chàradh, agus tha mi nas fheàrr air a-nis.
Fhuair sinn a-mach gur i Laura a bha a’ sgrìobhadh a’ bhlog. Fhuair i cuireadh gu cùrsa sgrìobhadh cruthachail an ath sheachdain. Tha i ag iarraidh a dhol gu fiolm còmhla rium nuair a thilleas i.
Agus, às dèidh na cuirm, fhuair mi fhèin agus Tom tabhann air àite san orcastra òigridh nàiseanta.
64
Airson tuilleadh fhaighinn a-mach?
Tha iomadach dòigh ann airson barrachd fhaighinn a-mach a thaobh ciamar a thèid sibh an sàs ann an gnìomhan ealain, ge brith an ann air an àrd-ùrlar no anns an èisteach – tha feum aig luchd-ealain air luchd-èisteachd agus air daoine a choimheadas air an obair aca! Uaireannan, ’s ann le bhith a’ foighneachd do phàrant, caraidean, tidsear, òraidiche no neach-obrach òigridh as fheàrr a gheibhear a-mach dè tha tachairt san sgìre agad fhèin. Ma tha ionad ealain faisg air làimh, bidh leabhran aca a dh’innseas dhut dè tha a’ dol aca. Bidh iad uaireannan a’ cur air dòigh gnothaichean ann an àiteachan eile sa choimhearsnachd cuideachd. Tha na ceudan de bhuidhnean ealain ann a bhios a’ cur air bhonn tachartasan is gnìomhan gu cunbhalach anns am faod thu fhèin a dhol an sàs. Cùm sùil san sgìre agad fhèin airson postairean, bileagan agus am pàipearnaidheachd ionadail airson fiosrachadh fhaighinn. Gheibh thu cuideachd a-mach barrachd mu bhuidhnean ealain an seo: www.creativescotland.com Ma gheibh thu gu coimpiutar, carson nach toir thu sùil air an làrach-lìn aig Young Scot, “What’s on Where’. Tha e feumail airson faighinn a-mach mu na rudan anns am biodh ùidh agad a tha a’ tachairt san sgìre agad fhèin: www.youngscotwow.org
65
Foillsichte ann an 2013 le Alba Cruthachail Dall Ort!: Nobhail Grafaigeach Ro-innleachd Ealain na h-Alba airson aoisean 0-25 Alba Cruthachail Bothar Waverley, 2-4 Ceàrn Waterloo Dùn Èideann EH1 3EG Dlighe-sgrìobhaidh Teacsa agus Dealbhan © Metaphrog 2013 Dealbhadh còmhdaich agus dealbhadh leabhair le Metaphrog ’S e obair ficsein a tha seo. Tha na h-ainmean, caractaran, tachartasan agus àiteachan mar thoradh air mac-meanmna nan ùghdar no, ma tha iad fìor, tha iad air an cleachdadh gu ficseanach Tha Metaphrog air an còraichean a thagairt fo Achd Dlighe-sgrìobhaidh, Dealbhaidh agus Còir-sgrìobhaidh 1988 gun tèid an aithneachadh mar ùghdarran na h-obrach seo. www.creativescotland.com
66
67
68