Còisir nan Gunna

Page 1


Còisir nan Gunna

1


Mar chuimhneachan air Eideard Dunn (1910-1999), bràthair mo sheanar, a dh’ fhàg dìleab agam a chuidich mi a’ dol tron fhoghlam.

2


Còisir nan Gunna le Anndra A. Dunn

3


Air fhoillseachadh ann an 2013 le Acair Earranta, 7 Sràid Sheumais Steòrnabhagh Eilean Leòdhais HS1 2QN www.acairbooks.com info@acairbooks.com © an teacsa Anndra A. Dunn Tha còraichean moralta an ùghdair/dealbhaiche air an daingneachadh. Na còraichean uile glèidhte. Chan fhaodar pàirt sam bith dhen leabhar seo ath-riochdachadh an cruth sam bith, no a chur a-mach air dhòigh no air chruth sam bith, grafaigeach, eleactronaigeach, meacanaigeach no lethbhreacach, teipeadh no clàradh, gun chead ro-làimh ann an sgrìobhadh bho Acair. An dealbhachadh agus an còmhdach, Acair Earranta Clò-bhuailte le Gwasg Gomer, Ceredigion, A’ Chuimrigh Gheibhear clàr catalogaidh airson an leabhair seo bho Leabharlann Bhreatainn. Chuidich Comhairle nan Leabhraichean am foillsichear le cosgaisean an leabhair seo. Tha Acair a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig. ISBN/LAGE 978-0-86152-541-6

4


Taing

Thug grunnan dhaoine taic, cobhair, agus cuideachadh dhomh thairis air na miosan fada a bha mi a’ sgrìobhadh agus ag ath-sgrìobhadh an leabhair seo, agus chan urrainn dhomh a h-uile duine aca ainmeachadh. Le sin a ràdh, ge-tà, feuchaidh mi ri inneas a dhèanamh air feadhainn dhiubh: Mo mhàthair Catrìona, a rinn cinnteach nach robh mo ghràmar buileach ro dhona agus – còmhla ri m’ athair, Mìcheal – a bha gu math foighidneach nuair a thuirt mi riutha an toiseach gun robh mi a’ dol a sgrìobhadh leabhar. Jonathan Chapple, a thug uiread de chomhairle dhomh air an sgeulachd, agus aig nach eil fiù ’s comas an leabhar a leughadh mura h-eadar-theangaich mi e. A h-uile duine aig an Imperial War Museum ann an Lunnainn, a bha fìor chuideachail dhomh le mo rannsachadh agus a thug dhomh taic sam bith a dh’iarr mi orra. Luchd-obrach Comhairle nan Leabhraichean, airson an taic agus a’ chomhairle a thug iad dhomh airson an leabhar fhoillseachadh. Aonghas MacNeacail, a thug comhairle, cuideachadh agus misneachd dhomh aon uair ’s gun robh an leabhar sgrìobhte. Acair, airson gabhail os làimh an leabhar fhoillseachadh. Agus mu dheireadh thall a h-uile duine eile a thug taic dhomh – litreachail neo spioradail – thairis air na trì bliadhna mu dheireadh, gu h-àraidh oileanaich agus ollamhan Oilthigh Obar Dheathain.

5


Agus chog an dràgon agus a aingil fhèin; agus cha tug iad buaidh, cha mhò a fhuaireadh an àite nas mò air nèamh. Taisbeanadh Caibideil 12, 8-9

A Mhic Iain ’ic Sheumais, tha do sgeul air m’ aire. Traidiseanta


Clàr-innse Pàirt a h-Aon

Dh’Fhalbh na Gillean Grinn 11

Pàirt a Dhà

An Tionndadh Duineil 81

Pàirt a Trì

Droch Fhuireach 167

Fiosrachadh Eachdraidheil 223


8


Foghar Leòdhas Bha wireless aca ann an taigh Sheonaidh Ailig. Sin mar a chuala iad. Bha iad a’ buain na bha air fhàgail den eòrna, a bha air abachadh fadalach am-bliadhna, agus bha fireannaich a’ bhaile uile ag obair nan speal airson an eòrna fhaighinn a-steach mus abaicheadh an coirce. Bha bliadhna mhath air a bhith ann chun a seo. Cha robh ach grunnan bheag de na h-uain air bàsachadh, agus bha an t-uabhas chàraidean nam measg. Bha feadhainn de mhuinntir a’ bhaile, mar Iain Dhòmhnaill Iain agus Coinneach a’ Bhuachaille, air an samhradh a chaitheamh aig an iasgach thall air a’ chost an ear. Thàinig iad air ais le iomadh sgeulachd mu dhaoine le cainnt neònach agus bailtean mòra spaideil, agus cuideachd lem pocannan làn airgid. A-nis bha am foghar air tighinn, agus ged a bha an t-eòrna fadalach gus abachadh bha an t-uabhas dheth ann. Bha làithean trang air thoiseach orra. Bha speal Uilleim a’ luasganadh bho taobh gu thaobh tron eòrna. Bha an obair cruaidh agus dòrainneach, goirt air na gàirdeanan agus mort air an eanchainn. Bha fios aig Uilleam gum feumadh an obair seo a dhèanamh, ach bha e sàraichte leis. Bha e ag iarraidh rudan ùra. Bha e ag iarraidh rudan inntinneach. Bha e ag iarraidh a bhith na cheannard air a bheatha fhèin, an àite a bhith na sheirbhiseach aig ràithean agus aimsir. Sheall Uilleam an-àirde bhon obair nuair a chuala e an èigh, taingeil airson fois fhaighinn, ge bith dè cho goirid. Chunnaic e Seonaidh Ailig a’ ruith sios leathad chas na croite, a’ leumadaich thairis air na dìgean, a’ tuisleadh agus a’ sleamhnachadh air an fheur a bha fliuch le driùchd na maidne.

9


“Seall an t-amadan seo,” thuirt e ris a’ chuideachd. Choimhead iad an t-amadan seo a’ bocadaich sìos an lot. “A thì, bheil an taigh-cèilidh na theine? ’S ann air a tha ’n coltas,” arsa Murchadh Ruadh. Nuair a ràinig Seonaidh Ailig an t-achadh, stad e, a’ plosgartaich agus ag ochanaich, a’ siabadh falt fallasach às a shùilean. Sheas e pròiseil mar theachdaire bho rìgh aosta cùmhachdach, agus thug e dhaibh an naidheachd. “Tha an cogadh air tòiseachadh! Tha a’ Ghearmailt air ionnsaigh a dhèanamh air Poland!” Sheas iad nan tost. Sgrìob Doilean Eardsaidh fo bhonaid, agus chrom e a ghàirdeanan air an speal. “Agus dè a’ chabhaig a th’ ortsa ma-tà, ille? Thig air ais nuair a tha ’d a’ dèanamh ionnsaigh air Liùrbost.” Rinn iad uile gàire, fiù ’s Seonaidh Ailig fhèin, tro a thàmailt. Chaidh iad air ais chun na h-obrach, a’ luasganadh nan speal tron eòrna bhuidhe thiugh. Ach bha na balaich a’ sealltainn ri chèile le solas nan sùilean. Air an fhionnaraigh, le solas phurpair na grèine a’ lasadh tro na sgòthan, choisich na fir air ais gun taighean fhèin. Bha màthair Uilleim air ais ’s air adhart bhon ghreideal agus an stòbha, a’ bruich sgadan agus buntàta airson an dìnneir. Bha athair làn de chòmhradh mun là a chaidh seachad agus gun robh bò Ruaraidh Alasdair tinn agus gun d’ fhuair iad fios gun robh Doileag Anndra Iain agus Eachann Phàdraig Bhig a’ dol a phòsadh, agus gun robh an t-uabhas obrach air thoiseach orra tron fhoghar agus gur dòcha nach biodh am buntàta cho pailt am-bliadhna. Cha robh guth aca air na bha a’ tachairt air taobh a-muigh na Pàirce. Ach bha cogadh gu bhith ann, agus rinn Uilleam an-àirde inntinn. Bha e a’ dol don arm.

10



Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.