Beatha an eilean Leudachadh obair Coimisean na Croitearachd le Rod MacCoinnich
San Iuchar, dh’iarr an Rùnaire Caibineit, Fearghas Ewing, air a’ Choimisean a dhleastanas a thaobh leasachadh croitearachd a leudachadh, agus cho-leasaich e buidseat a’ Choimisein gus ceadachadh dhuinn dreuchdan ùra a thrusadh, le ceithir dhiubh gu bhith stèidhichte sna h-Eileanan an Iar. On uair sin, tha an Coimisean air a bhith a’ beachdachadh air na dòighean as fheàrr air am maoineachadh ùr seo ùisneachadh, agus tha trusadh chun nan dreuchdan ùra air tòiseachadh. Tha mòran bheachdsmuaintean aig na Coimiseanairean mu dheidhinn na dh’fhaodas an Coimisean a dhèanamh gus croitearachd a neartachadh, agus tha sinn air aontachadh dlùthaire a chur air a dhà dhiubh sin sa chiad àite: leudachadh ar sparradh dhleastanasan còmhnaidheachd is cleachdadh fearainn chroitearan; agus ag obair le croitearan gnìomhach agus comataidhean ionaltraidh gus an cuideachadh leis an fheum as motha a thoirt às na cothroman a tha fosgailte dhaibh. Tha fada cus chroitean air am fàgail bàn no gun obrachadh, agus tha ar sgioba còmhnaidheachd is cleachdadh fearainn (RALU) ag obair gun sguir a’ dèiligeadh 86
ris an duilgheadas seo. San dà bhliadhna a dh’fhalbh, tha iad air sgrìobhadh gu ceudan de chroitearan gus an dùbhlanachadh a thaobh am brisidhean dleastanais a chur ceart, agus tha còrr air ceud dhiubh air sin a dhèanamh: tha 48 croitear air còmhnaidheachd a ghabhail; tha 29 air an croitean a shònrachadh, tha 98 air an toirt air fo-ghabhail, agus tha 37 air cead fhaotainn a bhith às-làthair mar thoradh air na suidheachaidhean sònraichte aca. Ann an àireamh bheag de chùisean, far nach robh an croitear comasach no deònach am briseadh a chàradh iad fhèin, tha an Coimisean air seasamh a-steach airson an gabhaltas a thoirt gu crìch agus a’ chroit athleigeil gu neach-gabhail ùr. Ach tha mòran fhathast ri dhèanamh, agus sin an t-adhbhar gu bheil leudachadh
air ar sgioba còmhnaidheachd is cleachdadh fearainn na àrd-phrìomhachas ann an caitheamh ar maoineachaidh ùr. Tha sinn air Buidheann Obrach de Choimiseanairean, Measadairean agus Luchdobrach a stèidheachadh, gus an obair a bhios na h-oifigearan ùra RALU a’ dèanamh, a phlanadh. Is e seo aon de dh’àireamh de Bhuidhnean Obrach Geàrramail a bhios a’ coinneachadh gu cunbhalach air-loidhne, a tha sinn air a chur air bhonn o thoiseach a’ ghlasaidh. Tha an t-àrd-phrìomhachas eile againn co-cheangailte ri croitearan agus comataidhean ionaltraidh gnìomhach a bhrosnachadh agus a chuideachadh, a tha airson an gnìomhan croitearachd a leudachadh no eugsamhlachadh. Tha ar fearann ionaltraidh na ghoireas nach eil air a
www.farmingscotlandmagazine.com
chleachdadh gu làn-ìre, an dà chuid airson ionaltradh agus sgeamaichean àrainneachdail. Bidh sinn a’ rannsachadh chothroman do chroitearan gu h-àraid, ann an co-obrachadh le uachadarain, gus pàirt a ghabhail ann an iomairtean maoinichte leis an Riaghaltas, airson ar fearann rèisg a leasachadh. Ged a bhios Coimiseanairean a’ gabhail stiùir air adhartachadh croitearachd, chan urrainn dhuinn seo a dhèanamh leinn fhìn. Bidh sinn a’coimhead ri ar ceanglaichean le buidhnean riochdachaidh croitearachd a neartachadh, Riaghaltas na h-Alba, buidhnean àrainneachdail, Comhairlean, SAC agus mòran eile. Mar phàirt den seo, leasaichidh sinn an dòigh a tha an làrach-lìn againn a’ stiùireadh gu na seirbheisean a tha air an tabhann le buidhnean eile, gus a dhèanamh nas fhasa do chroitearan faighinn nas luaithe chun an fhiosrachaidh air a bheil feum aca. Faodaidh gach neach aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, mar a tha am fearann air a chleachdadh, agus mar a tha na coimhearsnachdan a’ fàs agus a’ soirbheachadh, obrachadh còmhla rinn gus an siostam croitearachd agus na tha na lùib a neartachadh.