FARMING SCOTLAND MAGAZINE (July-August 2022)

Page 92

Beatha an eilean

Deasbad a’ bhidhe a’ teasachadh By Murray MacLeod Tha an deasbad mu thimcheall de seòrsa taic a bu chòir a thoirt do chroitearan is tuathanaich a bhith faighinn a’ tòiseachadh a’ teasachadh agus dùil ri Bile Aiteachais ùr an ath bhliadhna. Ann an 2024, cuiridh Alba, agus dhà-riribh Breatainn air fad, an cùlaibh ri Poileasaidh Choitcheann an Aiteachais leis gun tig an t-aonta eadar-amail às dèidh Brexit gu crìch. Tha e a’ ciallachadh sa Phàrlamaid an ath bhliadhna gun tig tòrr ùine a chaitheamh air Bile Aiteachais a dhearbhas ciamar a thig taic - subsadaidhean - a thoirt do thuathanaich is croitearan san àm ri teachd. Tha an siostam mar a tha e an-dràsta cianail fhèin duilich a thuigs' agus a leanntainn - fiù ‘s dha daoine a tha eòlach air - agus tòrr de dhiofar sheòrsaichean taice ri fhaighinn aig diofar ìrean. Ach, gu sìmplidh, tha iadsan aig a bheil an cothrom as fheàrr biadh àrach a’ faighinn a’ chuibhreinn as motha dhen mharaig, le taic a bharrachd an siud ‘s an seo airson gnìomhan co-cheangailte ris an àrainneachd. Tha e ciallachadh dhan £600 millean a tha a’ dol gu tuathanas sa bhliadhna ann an Alba, gu bheil a’ mhòr chuid ann an làmhan na feadhna air an talamh as toraiche. Chan eil dol às air nach bi barrachd cuideam ga chur air an àrainneachd a’ dol air adhart (bhiodh sin air tachairt fo CAP cuideachd), ach tha cunnart ma thig crathadh bunaiteach air cùisean gun toir e droch bhuaidh air na thathas ag àrach de bhiadh ann an seo fhèin, rud a bhiodh na cheum mòr air ais. 92

Tha cliù aig obair àiteachais ann an Alba airson a bhith nas fheàrr dhan àrainneachd na iomadach àite eile agus an uimhir dheth a’ crochadh air beathaichean a bhiadhadh air feur, ach tha tuigse agus aithne ann gum feumar tòrr a bharrachd a dhèanamh. Tha fìor chothrom ann an seo taic nas motha a thoirt dhaibh-san aig a bheil na duilgheadasan as motha - glè thric an dearbh fheadhainn aig a bheil dòighean obrach a tha math dhan àrainneachd - ach thig gu leòr a chuideam bhon fheadhainn mhòra a tha gam faicinn fhèin mar cnàmh-droma a’ ghnìomhachais. ThuirtDòmhnallMacFhionghuin, cathraiche Caidreachas Croitearachd

na h-Alba: “Gu mi-fhortanach, ro thric tha sinn air a bhith faicinn poileasaidh ga dhealbh fa-leth ri ar feumalachdan bidhe. “Ged a tha e cudromach gu bheil poileasaidh a’ coinneachadh ri grunn nithean, bho ghnothaichean na h-àrainneachd gu cuisean eaconomaigeach, chan urrainn dhuinn sealladh a chall air cho cudromach ‘s a tha biadh.” Thuirt Mgr MacFhionghuin gu bheil dà ni gu sònraichte gu bhith riatanach san t-seagh seo Bile a' Bhidhe Mhaith, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba san Ogmhios, agus Bile an Aiteachais an ath bhliadhna. “Chan e a-mhàin gum bidh seo cudromach dhan ghnìomhachas ach dhan dùthaich air fad -

www.stornowaygazette.co.uk www.farmingscotlandmagazine.com

feumaidh a h-uile duine againn ithe agus tha cò às a tha ar biadh a’ tighinn gu math cudromach,” thuirt Mgr MacFhionghuin. “A-thaobh sin, bheir ciamar a chuireas an dà riaghaltas laghan air dòigh buaidh oirnn uile.” Bidh an deasbad gu mòr a’ cuairteachadh air dè cho fada ‘s a thig cuideam a chur air gnothaichean co-cheangailte ris an àrainneachd an cois de seòrsa taic a thig a chumail ri tuathanaich is croitearan son obair tradiseanta. Thuirt Màrtainn Ceannadach, neach-gairm Aonadh nan Tuathanach ann an Alba: “Tha sinn a’ sireadh taic thar nam partaidhean airson aithneachadh cho cudromach is a tha obair tuathanas is obair croitearachd ma tha sinn dol a choinneachadh ri ar amasan a-thaobh bidhe bhon dùthaich seo fhèin - a thilleadh air dèiligeadh le gnothaichean na h-àrainneachd. “Ach, cha ghabh seo deànamh as aonais sgeamaichean taic a tha ag amas gu dìreach air obair àiteachais thairis na diofar roinnean gu lèir. “Feumaidh seo gabhail a-staigh taic airgid a bhios ag aithneachadh obair àiteachais mar a dh’aithnichear e, a bharrachd air gnothaichean eile a dh’obraicheas ri thaobh agus a chuireas ri obair tuathanas is croitearachd. “Le obair àiteachais a’ gabhail an uallachd airson siostam a’ bhidhe agus ann a bhith a’ brosnachadh na h-àrainneachd, feumaidh luchd poileataigs agus luchd dealbh nam poileasaidh deànamh cinnteach gun tig gluasad gu cothromach gu bunstèidh ùr a tha ag aithneachadh gu ceart na cosgaisean agus an obair a dh’fheumar a dheànamh.”


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook

Articles inside

Book Shelf

4min
pages 130-132

People

2min
page 129

The Money Man

4min
page 128

Laurencekirk & area

6min
pages 100-101

Finance

3min
pages 126-127

Southern Belle

5min
page 99

Farm Advisory Service

5min
pages 123-124

Scottish Forestry

6min
pages 95-97

Get to know Carole Brunton

1min
page 98

Forestry

2min
page 94

With Linda Melllor

3min
page 93

Life on the Islands

3min
page 92

Capercaillie conservation

3min
page 91

Conservation Matters

3min
page 89

Scottish Land & Estates

3min
page 90

Estate

6min
pages 86-88

Part 4 of Native: Life in a vanishing landscape

7min
pages 84-85

Horses

4min
pages 82-83

Having a Rum Time

5min
pages 76-77

Hot Chefs & Heritage Meats

6min
pages 80-81

Pigs

2min
page 74

Aquaculture

2min
page 75

Crofting

7min
pages 71-73

National Sheep Association

3min
page 70

Sheep

3min
pages 68-69

Kelso Ram Sales

6min
pages 64-67

Scottish Dairy Hub

4min
page 63

Dairy

2min
page 62

The Vet

3min
page 61

Quality Meat Scotland

6min
pages 57-58

Beef

1min
page 55

NFU Scotland

5min
pages 59-60

Telehandlers

12min
pages 47-54

Livestock

3min
page 56

Turriff Show

8min
pages 40-46

Food crisis support

3min
page 39

Pest Control

3min
page 34

Environment

2min
page 36

Farming for the Climate

3min
page 37

Organics

3min
page 35

Rethink your packaging

4min
page 33

Science & Technology

2min
page 38

Rhug Estate Organic Farm Shop in Wales

7min
pages 26-27

Return of native predators?

3min
page 25

Virtual Cheese Award Winner

3min
page 18

Potatoes in Practice

5min
pages 20-21

Opportunities in the Dominican Republic

4min
pages 22-23

James Hutton Institute

3min
page 13

R.S.A.B.I

3min
page 24

Scottish Government

5min
page 19

Say cheese

2min
page 16

Perth Show

6min
pages 14-15
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.