3 minute read

Life on the Islands

Next Article
Book Shelf

Book Shelf

Beatha an eilean

Deasbad a’ bhidhe a’ teasachadh

Advertisement

By Murray MacLeod

Tha an deasbad mu thimcheall de seòrsa taic a bu chòir a thoirt do chroitearan is tuathanaich a bhith faighinn a’ tòiseachadh a’ teasachadh agus dùil ri Bile Aiteachais ùr an ath bhliadhna.

Ann an 2024, cuiridh Alba, agus dhà-riribh Breatainn air fad, an cùlaibh ri Poileasaidh Choitcheann an Aiteachais leis gun tig an t-aonta eadar-amail às dèidh Brexit gu crìch.

Tha e a’ ciallachadh sa Phàrlamaid an ath bhliadhna gun tig tòrr ùine a chaitheamh air Bile Aiteachais a dhearbhas ciamar a thig taic - subsadaidhean - a thoirt do thuathanaich is croitearan san àm ri teachd.

Tha an siostam mar a tha e an-dràsta cianail fhèin duilich a thuigs' agus a leanntainn - fiù ‘s dha daoine a tha eòlach air - agus tòrr de dhiofar sheòrsaichean taice ri fhaighinn aig diofar ìrean.

Ach, gu sìmplidh, tha iadsan aig a bheil an cothrom as fheàrr biadh àrach a’ faighinn a’ chuibhreinn as motha dhen mharaig, le taic a bharrachd an siud ‘s an seo airson gnìomhan co-cheangailte ris an àrainneachd.

Tha e ciallachadh dhan £600 millean a tha a’ dol gu tuathanas sa bhliadhna ann an Alba, gu bheil a’ mhòr chuid ann an làmhan na feadhna air an talamh as toraiche.

Chan eil dol às air nach bi barrachd cuideam ga chur air an àrainneachd a’ dol air adhart (bhiodh sin air tachairt fo CAP cuideachd), ach tha cunnart ma thig crathadh bunaiteach air cùisean gun toir e droch bhuaidh air na thathas ag àrach de bhiadh ann an seo fhèin, rud a bhiodh na cheum mòr air ais.

Tha cliù aig obair àiteachais ann an Alba airson a bhith nas fheàrr dhan àrainneachd na iomadach àite eile agus an uimhir dheth a’ crochadh air beathaichean a bhiadhadh air feur, ach tha tuigse agus aithne ann gum feumar tòrr a bharrachd a dhèanamh.

Tha fìor chothrom ann an seo taic nas motha a thoirt dhaibh-san aig a bheil na duilgheadasan as motha - glè thric an dearbh fheadhainn aig a bheil dòighean obrach a tha math dhan àrainneachd - ach thig gu leòr a chuideam bhon fheadhainn mhòra a tha gam faicinn fhèin mar cnàmh-droma a’ ghnìomhachais.

Thuirt Dòmhnall MacFhionghuin, cathraiche Caidreachas Croitearachd na h-Alba: “Gu mi-fhortanach, ro thric tha sinn air a bhith faicinn poileasaidh ga dhealbh fa-leth ri ar feumalachdan bidhe.

“Ged a tha e cudromach gu bheil poileasaidh a’ coinneachadh ri grunn nithean, bho ghnothaichean na h-àrainneachd gu cuisean eaconomaigeach, chan urrainn dhuinn sealladh a chall air cho cudromach ‘s a tha biadh.”

Thuirt Mgr MacFhionghuin gu bheil dà ni gu sònraichte gu bhith riatanach san t-seagh seo - Bile a' Bhidhe Mhaith, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba san Ogmhios, agus Bile an Aiteachais an ath bhliadhna.

“Chan e a-mhàin gum bidh seo cudromach dhan ghnìomhachas ach dhan dùthaich air fad - feumaidh a h-uile duine againn ithe agus tha cò às a tha ar biadh a’ tighinn gu math cudromach,” thuirt Mgr MacFhionghuin. “A-thaobh sin, bheir ciamar a chuireas an dà riaghaltas laghan air dòigh buaidh oirnn uile.”

Bidh an deasbad gu mòr a’ cuairteachadh air dè cho fada ‘s a thig cuideam a chur air gnothaichean co-cheangailte ris an àrainneachd an cois de seòrsa taic a thig a chumail ri tuathanaich is croitearan son obair tradiseanta.

Thuirt Màrtainn Ceannadach, neach-gairm Aonadh nan Tuathanach ann an Alba: “Tha sinn a’ sireadh taic thar nam partaidhean airson aithneachadh cho cudromach is a tha obair tuathanas is obair croitearachd ma tha sinn dol a choinneachadh ri ar amasan a-thaobh bidhe bhon dùthaich seo fhèin - a thilleadh air dèiligeadh le gnothaichean na h-àrainneachd.

“Ach, cha ghabh seo deànamh as aonais sgeamaichean taic a tha ag amas gu dìreach air obair àiteachais thairis na diofar roinnean gu lèir.

“Feumaidh seo gabhail a-staigh taic airgid a bhios ag aithneachadh obair àiteachais mar a dh’aithnichear e, a bharrachd air gnothaichean eile a dh’obraicheas ri thaobh agus a chuireas ri obair tuathanas is croitearachd.

“Le obair àiteachais a’ gabhail an uallachd airson siostam a’ bhidhe agus ann a bhith a’ brosnachadh na h-àrainneachd, feumaidh luchd poileataigs agus luchd dealbh nam poileasaidh deànamh cinnteach gun tig gluasad gu cothromach gu bunstèidh ùr a tha ag aithneachadh gu ceart na cosgaisean agus an obair a dh’fheumar a dheànamh.”

www.stornowaygazette.co.uk

This article is from: