Beatha an eilean Àrdachadh ann an taic airgid dha croitearan son craobhan a chur By Murray MacLeod Tha an ìre de thaic a gheibh croitearan son craobhan a chur air a dhol an àirde mar dhòigh air barrachd chraobhan, a tha dùthchasach dhan àite, a bhrosnachadh. Tha a’ bhuidheann Coilltearachd na h-Alba air fhoillseachadh gun tig an taic a thathas a’ tabhann suas £840 gach heactair gu £7,560 thairis na còig bliadhna air thoiseach, le amas sònraichte air na sgìrean eileanach. Mar tha, tha sgeama anns na h-Eileanan an Iar, air a ruith le Urras nan Coilltean agus Urras an Rubha agus Sanndabhaig, air a bhith soirbheachail le 163,000 craobh gan cur bho chaidh a thoiseachadh air ais ann an 2016. Tha mòran buannachdan aig sgeamaichean beaga coilltearachd - dhan àrainneachd, dha bòichead an àite agus a’ toirt fasgadh dha beathaichean is toglaichean. Ach, tha na cosgaisean airson an stèidheachadh agus airson coimhead às an dèidh air àrdachadh, gu h-àraid anns na h-eileanan. Cha bhith an taic airgid as àirde a chaidh ainmeachadh an dràsta ri fhaighinn ach airson sgeamaichean suas gu trì heactairean anns am bi craobhan dùthchasach. Faodar croitear sam bith cur air a shon. A’ foillseachadh na sgeama, thuirt ministear na h-àrainneachd, Màiri NicAilein: “Tha targaidean gu math mòr aig Riaghaltas na h-Alba airson coilltearachd, ag èirigh gu 18,000 heactair ron a’ bhliadhna 2024-2025. “Tha na targaidean seo air an cur air chois ach am faigh sinn air dèiligeadh le atharrachadh 126
na gnàth shìde agus an cron air nàdar. “Feumaidh a h-uile duine a dhol an sàs ann a bhith cruthachadh coilltean as ùr. Tha sgeamaichean beag agus mòr gu bhith cudromach airson ar amasan a ruighinn. “Le bhith ag àrdachadh an grant dha na sgìrean croitearachd tha sinn a’ cuideachadh croitearan, aig a bheil duilgheadasan sònraichte craobhan a chur, an iomadach buannachd a thig le craobhan dùthchasach fhaighinn. “Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil seo a’ toirt a-staigh na h-Eileanan an Iar, na h-eileanan a tuath, eileanan Earraghaidheil agus Arainn, far a bheil fios againn gu bheil ùidh mhòr
ann an coilltean a bharrachd.” A’ cur fàilte air a naidheachd, thuirt Iona Hyde bho Urras Coilltean na h-Alba: “Tha an àrdachadh ann an cosgaisean airson a h-uile càil a’ toirt barrachd buaidh air na sgeamaichean beaga anns na sgirean croitearachd as iomallaiche, agus far a bheil tric sgeamaichean coilltearachd a’ toirt a’ bhuannachd as motha. “Brosnaichidh an cuideachadh a bharrachd a tha seo sgeamaichean beaga, a’ toirt buannachd dha croitearan agus coimhearsnachdan croitearachd le bhith cruthachadh fasgadh dha beathaichean is toglaichean, fiodh a ghabhas losgadh son teas agus àrainneachd nas fhallaine.” Tha Pròiseact nan Coilltean
www.stornowaygazette.co.uk www.farmingscotlandmagazine.com
Croiteachd a’ tabhann comhairle is taic an asgaidh dha croitearan a tha a’ coimhead ri craobhan a chur. Chur Pàdraig Krause, àrdoifigear Caidreachas Croitearachd na h-Alba, fàilte air an àrdachadh ann an taic airgid. “Tha croitearan a-riamh air a bhith an sàs ann a bhith cur craobhan, ach tha seo air fàs cianal fhèin cosgail agus cha robh cur craobhan ùr a-riamh cho cudromach,” thuirt e. “Tha e math dha-rìribh gu bheil buidheann Coilltearachd na h-Alba air seo aithneachadh le bhith ag àrdachadh an taic airgid anns na sgìrean croitearan. “Dh’iarradh sinn air croitearan gu leir beachdachadh air na buannachdan a thig le sgeamaichean beaga coille.” Air a’ mhios a chaidh seachad, thadhal Stiùiriche Albannach Urras nan Coille, Alasdair Seaman, air grunnan sgeama coille anns na h-Eileanan an Iar. Le croit teaghlach aige anns an Eilean Sgiathanach, tha Alasdair gu math mothachail air buaidh an t-aimsir air planntadh anns na h-eileanan, ach le bhith a’ tadhal air na pròiseactan gu pearsanta tha e air a bhith a’ faicinn na duilgheadasan sònraichte a tha an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh coilltean aig oir a’ Chuan Siar. Airson dèanamh cinnteach gum bi na craobhan a’ fàs, tha e cudromach na craobhan ceart a phlanntadh anns na h-àiteachan ceart, agus seo far a bheil taic bho Comhairlichean a’ Phròiseact Croitean Coillteach gu math feumail, thuirt e.