Foraging Guidelines for Wild Plants in Gaelic

Page 1

Rùrachd Lusan Fiadhain Ruairidh MacIlleathain


Rùrachd Lusan Fiadhain Seo cuid de na lusan a ghabhas cruinneachadh agus ithe ann an Alba. Chan eil feadhainn phuinnseanta nam measg – feumaidh sibh dèanamh cinnteach gun urrainn dhuibh an fheadhainn phuinnseanta aithneachadh agus a sheachnadh. Agus dèanaibh cinnteach gun cruinnich sibh lusan ann an dòigh a tha so-sheasmhach. Tha riaghailtean-iùil a thaobh sin aig bonn a’ chlàir. Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

1


Coille is Achadh Beàrnan Brìde

Beith

Feum

Feum

Nithear tì no leann leis na duilleagan no freumhaichean. Tha na freumhaichean (air an slisneachadh) math air an goil ’s an uair sin air am fraighigeadh ann an saileadan no stir fries (no amh ann an saileadan). Air an ròstadh, nithear na freumhaichean pronnte deoch coltach ri cofaidh (ach gun chaifein).

Nithear siorap bhon t-snodhach. Faodar na meanglaichean a chleachdadh airson blas glas-luibhe (wintergreen) a chur ri glasraich.

Dandelion

Birch

Slàinte & Eile

Faigh an snodhach as t-earrach le bhith a’ drileadh a-steach don stoc.

Slàinte & Eile

Tòrr Fe, Ca & Beoth. A. 2 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

Biadh an t-Sionnaidh

English Stonecrop Feum

Gabhaidh na duilleagan ithe amh no air am bruich. Blas car piobarach. Slàinte & Eile

Na ith cus dheth amh oir tha alkaloids ann a dh’fhaodas pràmhachd no pian sa stamaig adhbharachadh.

Biolair Uisge Watercress Feum

Cleachd na seann duilleagan oir tha blas car ‘teth’ orra. Goil i is cleachd i mar ghlasraich. Slàinte & Eile

Tòrr Beoth. C ann. Na buain i far a bheil caoraich agus uisge neo-shruthach air sgàth a’ ghlup.


Creamh

Calltainn

Cluas Liath

Costag Fhiadhain

Feum

Feum

Feum

Tha na cnòthan blasta nuair a tha iad ròsta agus faodar an cleachdadh airson mhìlsean, chèicichean is eile.

Bidh cuid ag ithe nan duilleagan is flùraichean (cha bu chòir cus ithe) agus bidh cuid a’ dèanamh tì leis na dìtheanan. Bhiodh na Gàidheil ga smocadh mar leigheas don chuing no droch chasadaich.

Cleachd na duilleagan an àite pearsail. Math le iasg. Ach NB – tha e a’ fàs ri taobh an rathaid anns an aon àite ri iteodha a tha puinnseanta (agus a tha a’ coimhead coltach ris). Tha e riatanach eòlas a chur air na lusan currain anns an fharsaingeachd (umbellifers).

Hazel

Slàinte & Eile

Math airson Beoth. B & E, K, Ca, Mg. ‘Cnò an eòlais’ ann am beul-aithris nan Gàidheal agus co-cheangailte ri fios Fhinn!

Caorann Rowan Feum

Bithear a’ dèanamh silidh de na caoran as t-fhoghar – tha iad math le feòil. Slàinte & Eile

Math airson Beoth. C agus freumhag, ach cuideachd airson ana-ogsadantan. Na ith na caoran amh oir bidh iad ag adhbharachadh dìobhairt.

Coltsfoot

Slàinte & Eile

Bidh na duilleagan a’ nochdadh an dèidh do na flùraichean falbh.

Cnò-thalmhainn Pignut

Tha na balgain air na freumhaichean air leth blasta. Ith amh iad. Blas ‘cnothach’ orra.

Cow parsley

Slàinte & Eile

Tha a h-ainm a’ ciallachadh ‘wild chervil’. Bi faiceallach. Tha iteodha coltach ris agus tha sin marbhtach puinnseanta. Cumanta ach a-mhàin ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd, Leòdhas & Na Hearadh.

Slàinte & Eile

Cumanta uaireannan air talamh feurach air croitean. Na spìon cus dheth.

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

3


Crios Chù Chulainn

Deanntag

Common Nettle Feum

Creamh

Crios Chù Chulainn

Cuach Phàdraig

Feum

Feum

Feum

Wild Garlic, Ramsons A’ nochdadh as t-earrach. Cleachd na duilleagan an àite uinneanan earraich no gairleag. Nas blasta nuair nach eil na flùraichean a-mach. Slàinte & Eile

Na ith na meacain – fàg san talamh iad; chan eil iad uabhasach blasta co-dhiù.

Meadowsweet

A’ nochdadh sa Ghiblean, flùraichean san Ògmhios. Air a chleachdadh gu traidiseanta leis na Gàidheil mar leigheas airson droch nàdair. Na flùraichean pailt agus math airson blas a chur ri mìlsean. Na duilleagan òga feumail mar ghlasraich (ged nach còrd am blas ris na h-uile). Slàinte & Eile

Co-cheangailte ris a’ ghaisgeach Ghàidhealach Cù Chulainn. 4 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

Greater Plantain

Gabhaidh duilleagan fìor òg a chur ann an saileadan ach tha na duilleagan nas fheàrr air am bruich agus leis na cuislean air an tarraing a-mach asta – tha am blas mar bhalganbuachrach agus coltas bhloinigean-gàrraidh (spinach) air. Slàinte & Eile

Air an cleachdadh leis na Gàidheil gu traidiseanta mar fhuar-lite (poultice).

Tha na duilleagan ùra as àirde blasta as t-earrach agus as t-fhoghar. Goil no ceòtheasaich i – tha sin a’ cur às do na meanbh-ghaoisidean a tha gad ghuineadh. Bha na seann Ghàidheil uabhasach measail air càl-deanntaig. Slàinte & Eile

Seachain i as t-samhradh. Math airson pròtain, Ca is mèinneirean eile, Beoth. C agus beta-carotain.

Dris

Bramble Feum

Nithear tì leis na duilleagan ach ’s iad na smeuran as motha a thathar a’ cleachdadh. Am measg a’ bhìdh nàdarraich as fheàrr a ghabhas cruinneachadh.


Slàinte & Eile

Thoir an air’ air na biorain! Air a comharrachadh ann am beul-aithris mar ‘an dris bheannaichte’.

Droman Elder Feum

Craobh bheag làn fhlùraichean le dath an uachdair orra eadar an Cèitean is an t-Iuchar. Blas milis orra. Nithear mìlsean is champagne leotha agus cuirear blas ri deochan. Tha na measan math airson fìon, silidh is chutney. Slàinte & Eile

Na buain cus fhlùraichean no cha bhi measan gu leòr air fhàgail as t-fhoghar!

Faidhbhile Beech Feum

Gabhaidh na duilleagan òga ithe (mus bi iad buileach fosgailte) agus tha iad math le aspàrag no ann an sailead. Faodar deoch làidir a dhèanamh dhiubh cuideachd. Faodar ola a thoirt às a’ bhàchar (measan). Slàinte & Eile

Cha robh iad nàdarrach air a’ Ghàidhealtachd agus mar sin, cha bhiodh na Gàidheil gan cleachdadh gu ìre mhòr.

Slàinte & Eile

Tòrr Beoth. C agus betacarotain. Na spìon an lus gu lèir. Na ith cus dheth oir tha searbhag ogsàlach ann.

bhloinigean-gàrraidh (spinach). Slàinte & Eile

Tòrr Mg, P, Cu, Beoth. C, B6, B12, D & A.

Fliodh

Fraoch

Chickweed

Heather

Feum

Feum

Duilleagan òga math ann an saileadan agus air an cleachdadh mar a chleachdar

Nithear tì de na flùraichean (measgaichte le dìtheanan de sheòrsaichean eile). Nithear

Fraoch

Feada Coille Wood Sorrel Feum

Blas geur. Tha na duilleagan math ann an saileadan agus ann an annlain is mìlsein. Tha na flùraichean blasta ann an saileadan cuideachd.

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

5


Slàn-lus

sin chan eil cus a’ buntainn rithe gu traidiseanta.

Leamhan Elm

Feum

Gabhaidh na sìl òga ithe mus tiormaich iad. Tha iad rudeigin milis agus math ann an sailead. Slàinte & Eile

leann de na flùraichean cuideachd. Slàinte & Eile

Feumail ’son tughadh & bobhstairean. Fraoch Frangach (cross-leaved heath) math airson poitean a sgùradh.

Giuthas MhicDhùghlais Douglas Fir Feum

Tha na biorain ùra so-ithe agus bog agus gabhaidh an cleachdadh airson tì a dhèanamh (le tòrr Beoth. C innte) Slàinte & Eile

Chan eil a’ chraobh seo dùthchasach do dh’Alba – mar 6 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

Bhiodh clann aig aon àm a’ cagnadh air cairt-leamhna airson smachd a chumail air acras.

Learag Larch Feum

Bidh feadhainn a’ dèanamh deoch làidir (nàdar de bhodga) leis na biorain òga. Slàinte & Eile

Chan eil a’ chraobh seo

dùthchasach do dh’Alba – mar sin chan eil cus a’ buntainn rithe gu traidiseanta.

Lus an Leasaich Lady's Bedstraw Feum

Air a chleachdadh airson bainne a bhinndeachadh (leasachadh); freumhaichean feumail airson dathadh (dearg); nithear tì leis na flùraichean Slàinte & Eile

‘Rù’ ann an Uibhist. Chan eil e ann an Leòdhas is fìor cheann a tuath tìr-mòr. Casg aig aon àm air a spìonadh air a’ mhachair.


Lus Chasgadh na Fala Yarrow Feum

Na duilleagan feumail ann an saileadan agus airson tì a dhèanamh. Math ann an annlain, gu h-àraidh le iasg. Air a chleachdadh air a’ Ghàidhealtachd airson fuil a bhinndeachadh.

Lus nam Buadh Wild Angelica Feum

Tha na gasan blasta air an siùcrachadh – math air cèicichean. Cleachd an àite soilire (celery) ann an annlain. Cuiridh duilleagan blas ri sailead no sabhs càise. Slàinte & Eile

Follaiseach nuair a nochdas na flùraichean anns an Iuchar.

Lus nan Dearc

Machall Coille

Meannt

Feum

Feum

Feum

Blas air leth math air na dearcan. Air an ithe amh agus airson blas a chur ri deochan.

Duilleagan math ann am brot is stiubh. Cleachd na freumhaichean (amh no tiormaichte) an àite clomhais.

Grunn seòrsaichean. Tha na duilleagan math ann an annlain, saileadan is mìlsein, agus airson tì a dhèanamh.

Slàinte & Eile

Slàinte & Eile

Air oir choilltean is ri taobh an rathaid. Neo-làthaireach sna h-E. Siar. Na spìon cus.

Ma tha e a’ fàs far a bheil caoraich, goil na duilleagan gu math.

Blaeberry

Slàinte & Eile

Àrd ann an ana-ogsadantan.

Lus nan Laogh Opposite-leaved Golden Saxifrage

Wood Avens

Mint

Droman

Feum

Tha na duilleagan math ann an sailead as t-earrach. Gabhaidh am bruich cuideachd. Tha am blas taitneach gu leòr, ach beagan searbh. Slàinte & Eile

Gu tric a’ fàs ann am boglaichean is aig fuarain. Dèan cinnteach nach dèan do bhrògan cron air an àrainneachd sa bheil iad.

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

7


Preas nam Mucag

Roid

Bog Myrtle Feum

Mirr

Sweet Cicely

Slàinte & Eile

Seachainn an t-Odharan Mòr (Giant Hogweed).

Feum

Cleachd na duilleagan ann an saileadan agus le iasg; cuideachd airson blas a chur ri deochan leithid bhodga. Slàinte & Eile

Fàileadh is blas aniseed air. Dèan cinnteach nach e iteodha a th’ ann (tha sin marbhtach puinnseanta).

Preas nam Mucag Dog Rose

Nithear siorap de na mucagan (measan). Cuir na flùrbhileagan ann an saileadan is mìlsein.

Hogweed

Tòrr Beoth. C ann. Bidh na measan fhathast rim faighinn sa gheamhradh.

Feum

Fraighig no goil na gasan is duilleagan òga. Fraighig na gucagan ann an ìm. Cleachd na seann mheasain mar spìosrach an àite cardamom. 8 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

Slàinte & Eile

Àrd ann am Beoth. C. Tòrr searbhag ogsàlach ann – mar sin, na ith cus dheth.

Slàinte & Eile

Seamrag Bhàn

Cumaidh i deargannan is meanbh-chuileagan air falbh!

Feum

Feum

Slàinte & Eile

Odharan

Tha na duilleagan feumail airson blas a chur ri leann is deochan eile. Math airson ròstadh an cois feòil-chirce.

sùgh nam buinteagan’.

Samh

Common Sorrel Feum

Blas searbh air na duilleagan; gabhaidh e cleachdadh ann an reasabaidhean an àite fìongeur no liomaid. Math le iasg agus biadh Frangach. Ann an saileadan no air a bhruich. Tha am Buinteagan (Sealbhag nan Caorach) air a chleachdadh an ìre mhath anns an aon dòigh ri samh. Tha abairt ann an Uibhist a Deas – ‘cho searbh ri

White Clover

Cuir na flùraichean ann an àran, brot is stiubh. Cuiridh iad blas ‘peasrach’ ri sailead. Gabhaidh na duilleagan a chur ann an sailead no annlan cuideachd. Slàinte & Eile

Tòrr pròtain, Ca, Cr, Mg is thiamine sna duilleagan.


Seamrag Dhearg

Sgitheach

Sòbhrag

Teile

Feum

Feum

Feum

Feum

Mar an t-Seamrag Bhàn.

Faodar gucagan is duilleagan òga ithe as t-earrach. Tha na flùraichean math ann an saileadan is le feòilchoineanaich (ach dìreach nuair a tha iad ùr). Tha na sgeachagan (measan) math airson silidh a dhèanamh airson ithe le feòil.

Faodar na flùraichean a chur air saileadan, feòil ròsta no faodar an siùcrachadh; nithear fìon leis na flùraichean cuideachd. Tha na duilleagan math ann an saileadan no annlain; tha blas rudeigin milis orra.

Tha na gucagan is duilleagan òga blasta airson ithe amh agus bithear a’ dèanamh tì de na dìtheanan.

Slàinte & Eile

Slàinte & Eile

Tha na sgeachagan, dìtheanan agus duilleagan math airson slàinte a’ chridhe agus tha tòrr Beoth. C anns na sgeachagan.

Coimhead airson àite a tha ‘breac’ le sòbhragan agus na spìon na freumhaichean.

Red Clover

Slàinte & Eile

Tòrr pròtain, Ca, Cr, Mg is thiamine sna duilleagan.

Searbh-bhiolair Ghiobach Hairy Bittercress Feum

Tha blas làidir, searbh, piobarach air na duilleagan agus gabhaidh an cleachdadh ann an sailead no pesto. Slàinte & Eile

Math airson Beoth. A & C agus Ca, P is Mg.

Hawthorn

Primrose

Lime

Slàinte & Eile

Tha cuid a’ dèanamh dheth gu bheil an tì math airson slàinte a’ chridhe agus airson a’ chnàimh (digestion).

Feada Coille

Slàn-lus

Ribwort Plantain Feum

Gabhaidh e a chleachdadh anns an aon dòigh ri Cuach Phàdraig. Slàinte & Eile

Math airson Beoth. C.

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

9


Ri taobh a’ Chladaich Biatas Mara

Brisgean

Feum

Feum

Os cionn a’ chladaich. Tha na duilleagan blasta amh no air am bruich; tha iad math ceòtheasaichte (steamed). As fheàrr as t-earrach, ach math air feadh na bliadhna. Blasta ann am brot, mar saag no le iasg is feòil-uain.

Faodar na freumhaichean a ròstadh (no a ghoil no a fhraighigeadh) – tha iad car coltach ris a’ churran-gheal (meacan an rìgh). Nithear min-fhlùr (airson leithid arain) le bhith a’ bleith nam freumhaichean.

Sea Beet

Silverweed

Slàinte & Eile

Beothamain, mèinnearan gu leòr annta. Geàrr duilleagan dheth ach na spìon an lus gu lèir. 10 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Slàinte & Eile

Na spìon iad ach a-mhàin far a bheil iad cumanta me air a’ mhachair. ‘Brisgean

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

beannaichte an Earraich – Seachdamh aran a’ Ghàidheil’ – biadh cudromach aig àm goirt san t-seann aimsir.

Càl na Mara Sea Kale Feum

Ri lorg os cionn a’ chladaich. Na gasan is duilleagan blasta as t-earrach (purpaidh an toiseach, a’ fàs uaine). Bruich na gasan mar aspàrag; na duilleagan mar chàl (mus

fhàs iad ro mhòr). Faodar na gasan ithe amh ann an sailead. Nochdaidh na flùraichean sa Chèitean is tha coltach ri brocolli. Tha na measan coltach ri peasraichean le blas càil orra. Slàinte & Eile

Freumhag ((fibre) gu leòr ann. Math airson ìodain, pronnasg, Beoth. C agus beag-mhèinnearan. Air a chleachdadh le iomadh cultar Eòrpach. Car gann ann an Alba, gu h-àraidh sa cheann a tuath – dèan cinnteach gun cleachdar e gu so-sheasmhach.


Brisgean

Lus a’ Ghoill Sea Sandwort

tioram a chumail air falbh. Ri lorg os cionn a’ chladaich.

Feum

Os cionn a’ chladaich air gainmheach no mol. Gasan is duilleagan òga blasta (car searbh) agus nas fheàrr mus nochd na dìtheanan (ach tha iad gu math beag); cleachd mar phraiseach (potherb). Faodar na duilleagan a bhrachadh airson sauerkraut a dhèanamh. Slàinte & Eile

Math airson Beoth. A agus C.

Maraiche

Common scurvygrass Feum

Cleachd na duilleagan mar spìosrach – blas làidir coltach ri sgeallan no ràcadal. Slàinte & Eile

Tòrr Beoth. C. Air a chleachdadh o shean le maraichean airson an tachas-

Meacan Ragaim Uisge Sea Radish Feum

Ràmh-dhroigheann Mara Sea Buckthorn Feum

Tha na measan (ruadh, abaich as t-fhoghar) làn Beoth. C agus ana-ogsadantan. Nithear deoch leis an t-sùgh.

Math ceò-theasaichte mar ghlasraich-gheamhraidh (nuair a tha an lus ìosal); na gasan math ann an stir-fries. Ith na gasan is duilleagan mar ghlasraich (no sushi) agus na plaosgan (measan) òga mar a dh’ithte am meacan ruadh; tha blas car teth orra.

Slàinte & Eile

Slàinte & Eile

Feum

Faisg air a’ chladach. Cumanta ann an ceann an iar-dheas na h-Alba (Gall-Ghàidhealaibh). Tha na flùraichean buidhe ann an cumadh croise. Fàsaidh an lus àrd as t-samhradh.

a pronnadh gus min-fhlùr a dhèanamh dhith. Slàinte & Eile

Faisg air a’ chladach. Math airson Ca agus P.

Gu nàdarrach air cùl tràghad, ach a’ sgaoileadh a-steach don tìr.

Slàn-lus na Mara Sea Plantain

Faodar na duilleagan ithe amh no air am bruich agus tha iad blasta, gu h-àraidh le iasg. Bithear a’ cleachdadh an t-sìl anns an aon dòigh no air

Meacan Ragaim Uisge

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

11 xx


Rùrachd Feamainn Stamh air cladach creagach, Uibhist a Deas

Cairgein Carrageen Feum

Gu h-ìosal air a’ chladach, a’ fàs air creagan. Air a bhuain as t-earrach gu sònraichte. Air a thiormachadh is stòradh. Air ithe mar sailead ann an Iapan ach mar as trice mar shilidh ann an Alba. 12 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Math airson brot is stiubh a thigheachadh, agus math mar mhìlsean le bainne is siùcar.

Duileasg

Slàinte & Eile

Gu h-ìosal air a’ chladach, a’ fàs air creagan no stamh.

Math dhaibhsan a tha a’ fulang le tinneas clèibhe agus casadaich. Biadh cothromaichte agus àrd ann am Mg.

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

Dulse Feum

Air a bhuain as t-samhradh gu sònraichte. Blasta amh – ùr no tioram. Blas salainneach, cnothach. Bogaich ann an uisge & cuir ann an saileadan.

Fraighig ann an ìm no dèan criospaichean dhiubh. Air ithe gu tric mar càl duilisg. Slàinte & Eile

Àrd ann am pròtain, mèinnirean, beothamain agus beag-eileamaidean. Na ìosal, K àrd.


Duileasg Piobarach Feamainn Phìobach Pepper dulse

Dumont's Tubular Weed

Feum

Feum

Math ann an sabhs, gu sònraichte air iasg agus ann an stir-fries. Air a chleachdadh an àite piobair.

Ann an lòintean agus meadhan a’ chladaich far a bheil fasgadh.

Slàinte & Eile

Cha deach mòran rannsachaidh a dhèanamh.

Feamainn Chìrean Channelled wrack

Gu h-àrd air a’ chladach.

Blasta amh air a’ chladach agus ann an saileadan, sushi is msaa. Coltach ri nudailean ann am brot is stiubhaichean, ach brisidh iad le cus goile. Cuir min-fhlùr orra agus fraighig iad. As blasta as t-earrach.

dhol ann an aran leithid focaccia. Math le iasg no stiubhaichean feòla.

Glasag Chaolanach

Slàinte & Eile

Air feadh a’ chladaich

Tòrr pròtain, iarainn, Beoth. B12, Ca, Mg, Mn. Beoth. C as àirde tràth as t-samhradh.

Gutweed Feum

Cleachd i mar a chleachdadh tu glasag. Math cuideachd air a fraighigeadh, gu sònraichte nuair a thèid i donn is cruaidh. Slàinte & Eile

Duileasg Piobarach

Àrd ann an Ca, beag-

Slàinte & Eile

Nas giorra is nas mìne na gille-mu-lunn (nach eil taitneach idir).

Feum

Air a biathadh do chrodh air a’ Ghàidhealtachd. Ach gabhaidh a h-ithe le daoine; tha blas math oirre nuair a tha na buill spòraidh oirre. Slàinte & Eile

Làn Beoth. C agus bheageileamaidean, a’ gabhail a-steach Se.

Glasag

Sea lettuce Feum

Gu tric air a cur don chladach leis an lìonadh. Math ann an sailead (amh) agus omelettes. Faodaidh i a

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

13 xx


Langadal

Stamh

eileamaidean agus beothamain. Ach bi faiceallach – tha e a’ fàs gu math far a bheil òtrachas.

Iallan Mara Sea-thong Feum

Gu h-ìosal air a’ chladach.

ann an sailead & pasta. Measgaich le spaghetti àbhaisteach airson blas a bharrachd a chur ris. Na h-imleagan (‘buttons’) gu sònraichte blasta. Slàinte & Eile

Math airson Ca & Mg, beageileamaidean & beothamain.

Cuiridh e blas ‘mairtfheoileach’ do bhrot is stiubha, ‘cnothach’ 14 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

Langadal, Ròc Sweet kelp Feum

Fo ìre na tràigh-shìolag. Tighinn don chladach ann am ‘brùchd’. Milis, gu h-àraidh nuair nach eil e ro òg. Air ithe amh no air a ròstadh. Gabhaidh e a ghlèidheadh tiormaichte no reòite. Math airson iomadh

seòrsa bìdh bho stiubhaichean gu brìosgaidean is ceicichean. Math mar chriospaichean no ‘mìlsean-mara’. Slàinte & Eile

Measgachadh math de mhèinnirean, beothamain & beag-eileamaidean. Tòrr ìodain ann – na ith cus dheth.


Mircean Badderlocks Feum

Lorgar e aig ìsle-traghad aig an reothairt. Coltach ri wakame (Iapan) ach feumach air còcaireachd airson 40 mion. cf wakame (15 mion.) Math airson brot (me miso soup). Blas ‘feòil-chirce’ air a chòcaireachd le rus. Math ann an saileadan ma tha e air a bhogadh ro-làimh ann an sùgh liomaid. Bogaich mircean ann an uisge agus cleachd an t-uisge sin anns a’ chòcaireachd. Slàinte & Eile

Àrd ann an Ca, beothamain B & beag-eileamaidean. Beoth. C as àirde aig deireadh an earraich. Beoth. K àrd tràth as t-samhradh. Beoth. B12 àrd sa gheamhradh agus tràth as t-earrach.

Cairgein

Slòcan

Sloke, Laver Feum

Feamainn mhìn a tha a’ fàs gu tiugh air creagan; coltas eadar donn is purpaidh oirre. Coltach ri nori (Iapan). Blas tlàth, car cnothach. Math airson sushi a dhèanamh. Math air a thostadh agus air a chur air saileadan mar chriomagan. Blasta ann an stiubha, brot agus pesto. Faodaidh e a dhol ann an reasabaidh an àite bloinigeangàrraidh. Math cuideachd le mìlsean, gu sònraichte le teoclaid agus dinnsear.

Slàinte & Eile

Àrd ann am beoth. A, B, C, E, K, thiamaine & beta-carotain. Barrachd pròtain na feamainn eile. Gabhaidh tòrr ithe gun a bhith a’ dol thairis air na tha ceadaichte de dh’ìodain a rèir WHO. Gu leòr P, K, Fe, Cu, Mn, Zn.

Stamh

Math an cois phònairean agus le feòil, càise, glasraich agus iasg. Blas cnothach air. Air a chleachdadh airson dashi (Iapan). Blasta mar chriospaichean. Slàinte & Eile

Àrd ann am mèinnirean, beothamain agus beageileamaidean. Ach bi faiceallach oir tha tòrr ìodain ann.

Oarweed, Sea tangle, Forest kelp Feum

Bonn a’ chladaich far am fàs e gu tiugh.

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

|

15


Rùrachd Chùramach – prionnsabalan bunasach ’S e rùrachd dòigh mhath agus fhallain airson tlachd a ghabhail às an àrainneachd nàdarraich. Tha uiread de dhaoine a bhios a’ dol an sàs ann an rùrachd a’ sìor dhol am meud, agus iad a’ cur ris na ghabhas iad mar bhiadh le stuth a tha nàdarrach, blasta agus beathachail. Faodaidh tu a bhith cùramach de nàdar le bhith ĬŐ a’ togail le faiceall, a’ seachnadh cron a dhèanamh air an lus no freumhaichean fungais ĬŐ a’ taghadh lusan a tha pailt, gun a bhith a’ buain càil a tha tearc no annasach ĬŐ a’ buain ann an diofar àiteachan, gun a bhith a’ gabhail cus às an aon lus no craobh 16 | RÙ R A C H D L U S A N F I A D H A I N

Tha sinn ag iarraidh gum faigh thu tlachd gu leòr às do chuid rùrachd ach cuideachd gun dèan thu i ann an dòigh a ghabhas cùram dhen àrainneachd agus de dhaoine eile a bhios a’ cleachadh an aon àite. Bidh thu ag iarraidh àiteachan a sheachnadh far am bi mòran a’ dol len coin. Ma leanas tu na prionnsabalan gu h-ìosal, bu chòir gum bi do rùrachd cùramach agus neo-fhaicsinneach.

ĬŐ a’ gearradh, seach spìonadh, feamainn, a’ fàgail a’ ghreimeachain ceangailte ris a’ chreig ĬŐ a’ coiseachd dìreach far am feum thu, gun a bhith a’ saltradh luibhean ĬŐ a’ toirt air falbh dìreach na chleachdas tu, gun a bhith a’ gabhail cus agus a’ fàgail gu leòr do dh’eòin agus meanbh-fhrìdean. Bidh sin doirbh aig amannan oir ’s

Stòras-bìdh Nàdarra na h-Alba

dòcha gum bi feadhainn eile a’ leantainn ort, a’ lùghdachadh na bhios air fhàgail. Ge-tà, cha bu chòir seo a bhith na thrioblaid ach a-mhàin ann an àiteachan far am bi sluagh mòr a’ tathaich. Bi sàbhailte ĬŐ tha cuid de lusan agus fungasan marbhtach puinnseanta; mar sin, dèan cinnteach gun aithnich thu

an gnè agus ma tha teagamh sam bith ort, seachainn e ĬŐ bi mothachail do dh’atharraichean san t-sìde agus do lìonadh na mara ma tha thu ri rùrachd air a’ chladach ĬŐ ma tha thu a’ buain ann an àiteachan fliucha faisg air pàircean sprèidh, goil an lus me biolair-uisge airson a bhith cinnteach nach buail an glup ort


Briathrachas ana-ogsadant . . . . . . . anti-oxidant

curran-geal . . . . . . . . . parsnip

praiseach . . . . . . . . . . . potherb

bàchar . . . . . . . . . . . . . . beech mast

fiadhain . . . . . . . . . . . . wild (not cultivated)

ràcadal . . . . . . . . . . . . . horseradish

beothaman . . . . . . . . . vitamin

freumhag . . . . . . . . . . . fibre

rùrachd . . . . . . . . . . . . . foraging

bloinigean-gàrraidh . spinach brachadh . . . . . . . . . . . fermenting

glup . . . . . . . . . . . . . . . . liver fluke iteodha . . . . . . . . . . . . . hemlock

searbhag (ogsàlach) . (oxalic) acid sgeallan . . . . . . . . . . . . mustard

ceò-theasachadh . . . . steaming (cooking)

marbhtach puinnseanta . . . . . . . . . . . . . . . . . . . . . deadly poisonous

snodhach . . . . . . . . . . . sap

clomhais . . . . . . . . . . . . cloves

meacan-ruadh . . . . . . radish

so-sheasmhach . . . . . sustainable

cuislean . . . . . . . . . . . . veins

mèinnear . . . . . . . . . . . mineral

tachas tioram (an) . . . scurvy

dealbhan le Lorne Gill/SNH agus Mark Williams.



Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.