Norma NicLeóid from An Dosan B’ e duine a bh’ anns an Dosan dha nach robh e furasta a bhith na thàmh, an dà chuid na inntinn no na bhodhaig. Bhiodh inntinn uaireannan a’ ruith air thoiseach air agus ga dhèanamh critheanach. Cha chumadh e suas rithe. Cha robh e cinnteach an iad na Mijucs a bha ag adhbhrachadh sin, no an robh iad dha-rìribh ga chumail ceannsaichte agus na bu sholta. Dheigheadh e aig amannan chun an dotair a ghearain air rudan gun chus seagha mar amhaich ghoirt, no foinne air bonn na coise, no aon uair sgioladh air cùl na glùine. Agus chaidh aige fear dhe na turais sin air innse dhan dotair gun robh a chadal caran briste, a smuaintean mar gum bitheadh a’ cur thairis mar gum faiceadh tu prais a’ goil air an teine. Gun robh a h-uile boinneag a thigeadh sìos cliathaich na praise na samhla dha air rudeigin air an do rinn e dìmeas gus an cluinneadh tu iad a’ dol à bith le cràdh air uachdar na stòbha. Chaidh i na chòmhradh greis mhath an latha sin, agus mar bu mhotha a lìbhrigeadh e mu thimcheall fhèin ’s ann a thòisich i a’ smaoineachadh gur e fear a bha seo aig an robh cogais a bha ga chiùrradh fada cus, air dhòig ’s gun robh e a’ faireachdainn ciontach mu rudan beaga na beatha dha nach tugadh am mòr-shluagh dà smuain. Obair na h-inntinn dìomhain, ars ise rithe fhèin. Ach bha fhios aice nach robh e diomhain, gun robh gu leòr aige ri dhèanamh eadar a’ bhùth, na dealbhan agus an tàillearachd. Dh’iarr i air tilleadh an ath sheachdain mura biodh e a’ faireachdainn na b’ fheàrr. Cha tug e guth air na Mijucs. Ach thàinig an smuain chun an Dosain fhèin, agus e a’ bruidhinn ris a’ mhanagan fhad ’s a bha e a’ feuchainn òrdachadh airson a bhith oirre aig banais a peathar air tìr-mòr. Ro bheag sa chaoldruim, chanadh e ris a’ mhanagan, agus cus fraoidhneis mu thimcheall na h-amhaich. Cha bhi thu snog idir aig banais Babag a’ Phutain. Cuiridh mi putannan annad airson teama an teaghlaich a chumail a’ dol! Dè do bheachd, a mhanagain? ’S tu bhios bòidheach mus bi mise deiseil ’s tu. Agus gheibh do phutanan putadh gu leòr. Agus fad na h-ùine bha e air a chlàbhadh le smuaintean ach an dùil am bu chòir dha a bhith cho dàna agus putanan a chur dhan dreasa idir mus gabhadh iad san tsròin e ’s nach bruidhneadh iad ris tuilleadh. No an e a’ phrìs a lughdachadh nan cuireadh e ann na putain sìos a’ chliathaich airson stoidhle annasach a thoirt dhi air latha a’ phòsaidh. ’S e seo a chur às a cheann cho luath ’s a ghabhadh – ge b’ e ciamar. Cha robh rùm snaoidhidh aige bho na smuaintean sin, bha e mar gum biodh glas air a thighinn air a bhuadhan nach gabhadh a fuasgladh. B’ ann bhon sin a thàinig smuain an leabhair. Tha fios a’m càit a bheil an iuchair, smaoinich e. Sgrìobhaidh mi leabhar. Bidh e mu chuideigin aig a bheil cogais a tha ro làidir airson a cholainn. Cogais cho piantail agus cho do-sheachnaichte agus a bh’ ann a-riamh. Mar sin, smaoinich e, bheir mi an galar a tha seo dha cuideigin eile. Sadaidh mi a-mach e airson a bhith na adhbhar doilgheis an àiteigin eile, agus cha bhi e a’ cur uimhir de dhragh orm fhìn. Cruthaichidh mi neach nam ìomhaigh fhìn, agus giùlainidh an neach sin mo chogais dhomh fad làithean mo bheatha ge b’ e dè an dòigh san tig sin gu bith. Dh’aontaich am managan. Bha deagh fhios aig an Dosan nach tuirt i facal no nach do phut i a ceann taobh seach taobh, ach dh’aithnich e bhon chleamhnas a bh’ eatarra gun robh e na beachd gur e rud math a bhiodh ann. B’ e sin a thug e a chreidsinn air fhèin co-dhiù. Agus bha e ga chreidsinn, carson nach bitheadh? ’S iomadh rud a bha daoine a’ creidsinn anns nach robh dad a chron do dhaoin’ eile.
Ach bha seo caran eadar-dhealaichte. ‘Smaoinich, a bhith dhen bheachd gun tuigeadh tu thu fhèin tro leabhar! Smaoinich air a sin, a mhanagain! Managan gòrach, gòrach, managan gòrach saighdeir … ’ sheinn an Dosan dhi fo anail, agus e mionnaichte gun tàinig i steach còmhla ris airson na loidhne mu dheireadh … ‘chunna mi ’g òl a-raoir thu’.