Introduction to Transition (Gaelic)

Page 1

Faodaidh Taic Atharrachadh Alba:

‘S e goireas a ghabhas ath-nuadhachadh a th’ ann an spiorad na coimhearsnachd...

• Ur ceangal ri daoine a tha a’ fuireach faisg oirbh aig a bheil ùidh ann an Atharrachadh. • Bruidhnibh mu cheuman-tòiseachaidh an tionnsgnaidh agaibh, tadhlaibh air a chèile, cumaibh òraidean poblach is buidhnean-obrach. • Thoiribh a-mach DVDan is leabhraichean air iasad. • Feuch an dèan sibh fhèin is a’ bhuidheann agaibh ceangal air an Lìon. • Thoiribh barrachd dhaoine an sàs anns na tionnsgnaidhean agaibh. • Cuidichibh ris a’ choimhearsnachd agaibh gus sealltainn air an ùine air thoiseach agus ullmhaichibh mar a chruthaicheas sibh àite sa bheil sibh ag iarraidh a bhith a’ fuireach. • Cuidichibh gus taic-ionmhais fhaighinn airson nan tionnsgnaidhean agaibh. • Eagraichibh cruinneachaidhean roinneil is nàiseanta agus tachartasan eile.

Tha daoine sa choimhearsnachd agaibh fhèin ag atharrachadh an t-saoghail –

Deiseil is deònach?

Cuiribh post-dealain gu info@transitionscotland.org, dèanaibh ceangail tron an làrach-lìn againn www.transitionscotland.org/tss (far am faod sibh lethbhreac den duilleachan seo luchdachadh cuideachd) no cuiribh sgairt oirnn air 07825 597 003

www.transitionscotland.org/tss info@transitionscotland.org Images used with kind permission from Transition Town Totnes, Transition Scotland Support, Transition Black Isle, PEDAL

Bheil sibh ag iarraidh faighinn a-mach ciamar? www.transitionscotland.org


Tha buidhnean sna coimhearsnachdan air feadh na h-Alba ag obair còmhla gus saoghal le ìre àrd de chàileachd agus ìre ìseal de lùth a chruthachadh.

Còmhla, tha sinn a’ lorg dhòighean gus a’ bheatha a chosg ann an seagh nas ionadaile, a’ cruthachadh fhuasglaidhean far nach eil ach ìre ìseal de lùth agus a’ dèanamh nan àiteachan far a bheil sinn a’ fuireach nas beothaile, a tha nan togail-inntinn agus nas luachmhoire le bhith ga dhèanamh. Tha sinn ag obair gus beatha às ùr a thoirt do na coimhearsnachdan againn, a’ brosnachadh sgilean ùra, a’ cruthachadh obraichean ionadail, a’ riarachadh barrachd de bhiadh ùr is a’ cruthachadh lùtha a tha glan – carson nach tigeadh a’ choimhearsnachd agaibh fhèin an sàs ann cuideachd?

Na tha daoine a’ dèanamh Ann an Dùn Barra, tha iad air £44,000 a thogail de thasgadh leis a’ choimhearsnachd gus ionad-fuineadaireachd a bhuineas don choimhearsnachd fhèin fhosgladh. Tha buidheann-bidhe Thobha a Tuath air dà phronnadair-ubhall is innealan-fàsgaidh a cheannach airson muinntir an àite agus tha e nan amas a-nis inneal-tasgaidh ionadail a chruthachadh airson stuth-gàirnealarachd ann an dòrlach leithid is mathachadh agus ùir-dhuilleagan. Ann am Portobello, tha a’ bhuidheann-lùtha ag obair gus an toir uidheam-rotha gaoithe feumalachdan ionadail a-mach agus airgead a dhèanamh airson na coimhearsnachd aig an aon àm. Ann an Glaschu, tha buidhnean ionadail air feadh a’ bhaile air a bhith a’ taisbeanadh fhilmichean, gus ùidh a thoirt don òigridh ann am biadh ionadail, ann an gnìomhan leis a’ choimhearsnachd is ceanglaichean ris na poileasaidhean aig Comhairle Baile-mòr Ghlaschu. San Eilean Dubh, bha latha ‘dorsan fosgailte mu lùth’ aca a leigeil fhaicinn cho soirbh is a tha e ur cuid lùtha ath-nuadhachaidh fhèin a chruthachadh. Ann am Muile, ann an Inbhir Nis, ann am Farrais, ann an Àrainn, ann am Pàislig is Port na Creige, ann an Dùn Èideann, Creag Nis, Hamhaig, ann am Port na Banrigh a Tuath, ann an Cille Bhrìghde an Ear, Glaschu, Sruighlea, sa Mhol Ros agus ann an tòrr àiteachan eile air feadh na h-Alba, thathar a’ faighinn a-mach dhòighean tlachdmhor gus atharrachadh math a thoirt gu buil.

Mar as urrainn dhuibh toiseach-tòiseachaidh a dhèanamh

1

Cuiribh fios air Taic Atharrachadh Alba - faodaidh gum bi e comasach dhuinn ur ceangal ri daoine eile san sgìre agaibh aig a bheil ùidh ann an Atharrachadh. Seallaibh cùl an duilleachain seo mu dhòighean eile sam faod sinn cuideachadh. Chan eil a dhìth oirbh ach dithis no triùir eile airson tòiseachadh.

2

Aon uair is gu bheil buidheann bhunaiteach agaibh, tòisichibh le bhith a’ faighinn a-mach mu shamhla an Atharrachaidh còmhla - cuiribh romhaibh mar a dh’obraicheas e far a bheil sibh a’ fuireach: math dh’fhaodte cuiribh film air, cuiribh suas stalla sa mhargadh ionadail agaibh, cuiribh postairean ann an uinneagan nam bùthan, cumaibh coinneamh phoblach...

3

Bruidhnibh ri daoine is ri eagrachaidhean faisg oirbh, faighnichibh dhaibh dè tha cudromach nam beachd agus innsibh dhaibh dè tha fa-near dhan bhuidhinn agaibh fhèin.

4

Cuidichibh gus buidhnean-obrach a sheallas air gnothaichean leithid biadh, lùth, sgudal, còmhdhail, foghlam, slàinte, obair a chur air chois...is dòcha nach tachair iad uile aig an aon àm, bidh feadhainn a bhuidhnean a bhios a’ tòiseachadh le dìreach duine no dithis.

5

Feuch gun tachair rudan! Faighibh fearann airson luchd-àraich, ceannaichibh còmhdach ann an dòrlach, obraichibh le gnìomhachasan ionadail gus lùth a lùghdachadh, cuiribh bussgoile coiseachd air chois, tòisichibh sgeama mathachadh-gàrraidh – tha uimhir a rudan ann.


Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.