www.uhi.ac.uk
Leabhar-lĂ imhe Sheirbheisean Leabharlainn UHI
Ro-ràdh
Clàr-innse 1. Ro-ràdh
3
2. Leabharlainn nan Com-pàirtichean Acadaimigeach Ionadail agus Fios Conaltraidh
4
3. Goireasan a Lorg – Catalog an Leabharlainn
5
4. Goireasan a Lorg– Leabhraichean-d 6 Tiotal sònraichte a lorg 6 Na cruinneachaidhean a bhrobhsadh 6 5. Goireasan a Lorg – E-Journal Gateway 6.
6
Goireasan a Lorg – Cruinneachaidhean-d a thaobh Cuspair 7 Cruinneachaidhean a tha feumail don a h-uile cuspair 7 Na h-Ealain, na Daonnachdan agus na Saidheansan Sòisealta 7 Gnothachas is Cur-seachad 9 Coimpiutaireachd agus Teicneòlas Fiosrachaidh 10 Gnìomhachasan cruthachail 11 Foghlam is Cùram-chloinne 12 Lùth, Innleadaireachd agus Togail 13 Ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig 14 Slàinte is Deagh Chor 16 Saidheans agus an Àrainneachd 17
Tha seirbheis leabharlainn UHI a’ gabhail a-steach 13 làraichean com-pàirteach, a’ solar cothrom air farsaingeachd mhòr de stuthan fiosaigeach agus eileactronaigeach a bhios air leth cudromach dhut feadh do chuid ionnsachaidh. Cho math ris na mìltean de rudan clò-bhuailte aig gach làrach, bidh cothrom agad air mu 10,000 leabhar-d agus còrr is 40,000 iris eileagtronaigeach. Bidh an luchd-oide agad an dùil gun cleachd thu na goireasan seo is thu a’ dèanamh obair do chùrsa agus rannsachadh. Faodar dol chun nan goireasan-d aig àm sam bith bho choimpiutair aig a bheil ceangal eadar-lìon freagarrach. Ged a tha a’ mhòr-chuid de na leabhraichean a’ buntainn ri cùrsa sònraichte, tha roinnean ficsean agus fiosrachadh coitcheann aig a’ mhòr-chuid de na com-pàirtichean. Tha an t-iùl seo a’ toirt geàrr-chunntas air an fharsaingeachd de sheirbheisean a tha rim faotainn dhut agus fiosrachadh a thaobh co thuige a bu chòir dhut fios a chur airson taic a bharrachd. Cho math ri fiosrachadh coitcheann air seirbheisean a bhios feumail don a h-uile duine (catalog an leabharlainn, leabhraichean-d, mar eisimipleir) anns an darna earrainn gheibhear fiosrachadh mu na goireasan-d as fheumaile airson gach cuspair. Chan e liostaichean iomlan a th’ annta agus thathas an dùil gun cuir iad ris an fhiosrachadh nas mionaidiche agus an liosta iomlan de ghoireasan ann an roinn leabharlainn làrach-lìn UHI. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri bhith a’ toirt taic dhut rè do chuid ionnsachaidh agus tha sinn an dòchas gun cuir thu feum air a’ bheartas ghoireasan a tha ri fhaotainn. Na bi leisg fios a chur chun an luchd-obrach eòlasach aig an leabharlann ionadail agad ma bhios fiosrachadh a bharrachd no cuideachadh le goireas sònraichte a dhìth ort.
7. A bhith a’ dol chun nan goireasan-d aig UHI o thaobh a-muigh den àrainn 19 Cead a-steach tro My UHI 20 8. Goireasan a Lorg – Multisearch Plus
21
9. Goireasan a Lorg – Leabhraichean à Leabharlainn eile Coinghill eadar Làraichean – Leabharlainn taobh a-staigh de UHI Coinghill eadar Leabharlainn – à Leabharlainn taobh a-muigh de UHI
22 22 22
10. Feum a dhèanamh de leabharlainn eile
23
11. Cuideachadh a thaobh tobraichean ainmeachadh san obair agad agus meàirle-sgrìobhaidh a sheachnadh Tobraichean ainmeachadh Mèirle-sgrìobhaidh
24 24 26
3
Leabharlainn nan Com-pàirtichean Acadaimigeach Ionadail agus Fios Conaltraidh Chan eil na h-uairean fosglaidh seo ach airson nan teirmichean a-mhàin. Faodaidh uairean dùnaidh a bhith eadar-dhealaichte aig amannan nan làithean-saora. Thoir sùil air làraich-lìn an oilthigh no cuir fios chun an leabharlainn ionadail agad airson uairean fosglaidh iomlan. Colaiste Earra-Ghàidheil UHI Rathad Stiùbhairt, Ceann Loch Chill Chiarain, PA28 6AT Post-d: Liz Richardson Fòn: 01631 559673
Ionad Mara NAFC UHI Port Artair, Sgalabhagh, Sealtainn, ZE1 0UN Post-d: Ruth Priest Fòn: 01595 772350
Diluain gu Dihaoine 0900 – 1700 Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd Àrd-shràid, Inbhir Pheofharain, IV15 9HA Post-d: Martin Cameron Fòn: 01349 780215
Diluain gu Dihaoine 0900 – 1700
Diluain gu Diciadain 0900 – 1730 Diardaoin 0900 – 2100 Dihaoine 0900 – 1700 Colaiste Inbhir Nis UHI 1 Campus, Inbhir Nis, IV2 5NA Post-d: Carol Hart Fòn: 01463 273248 Diluain 0830 – 1800 Dimàirt agus Diciadain 0830 – 2000 Diardaoin 0830 –1700 Dihaoine 0830 – 1700 Colaisde a’ Chaisteil UHI Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, HS2 0XR Post-d: Caroline Brick Fòn: 01851 770408 Diluain gu Dihaoine 0900 – 1700 Dimàirt 0900 – 1900 Colaiste Mhoireibh UHI Sràid Mhoireibh, Eilginn, IV30 1JJ Post-d: Linda Mutch Fòn: 01343 576206 Diluain gu Diardaoin 0845 – 20.00 Dihaoine 08.45 – 16.30
Goireasan a Lorg – Catalog an Leabharlainn Tha catalog an leabharlainn a’ toirt fiosrachadh air na goireasan clò-bhuailte agus eileagtronaigeach uile a tha rim faotainn aig na 13 làraichean com-pàirteach agus aig tòrr de na h-ionadan ionnsachaidh. Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach fiosrachadh air goireasan eile a tha rim faotainn dhut leithid DVDan, leabhraichean claistinn agus CDan ciùil. Tha e comasach goireasan a lorg aig an leabharlainn ionadail agad no air feadh a’ chom-pàirteachais.
SAMS UHI Obairlann Mara Dhùn Staidhinis An Dùn Beag, faisg air an Òban, Earra-Ghàidheal, PA37 1QA Post-d: Elspbeth Norris Fòn: 01631 559000 Diluain gu Dihaoine 0900 – 1700
Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI Rathad Ormlie, Inbhir Theòrsa, Gallaibh, KW14 7EE Post-d: Janet Parker Fòn: 01847 889293/4 Diluain, Dimàirt, Diardaoin 0830 – 1630 Diciadain 0830 – 1900 Dihaoine 0845 – 1215 Colaiste Arcaibh UHI An Leabharlann, Colaiste Arcaibh Baile na h-Eaglais, Arcaibh, KW15 1LX Post-d: Anette Andersen Fòn: 01856 569272 Diluain gu Diciadain 0900 – 21.00 Diardaoin 0900 – 1700 Dihaoine 0900 – 1630 Colaiste Pheairt UHI Rathad Chraoibh, Peairt, PH1 2NX Post-d: Kathleen Connor Fòn: 01738 877721 Diluain gu Diardaoin 0800 – 2100 Dihaoine 0800 – 1645 Sabhal Mòr Ostaig UHI An Leabharlann, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ Post-d: Cairistìona Cain Fòn: 01471 888431/888447
Colaiste Shealtainn UHI Gremista, Learaig, Sealtainn, ZE1 0PX Post-d: Ruth Priest Fòn: 01595 771258 Diluain gu Diardaoin 0900 – 2100 Dihaoine 0900 – 1645 Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI Slighe MhicIllemhicheil, An Gearasdan, Loch Abar, PH33 6AN Post-d: Library Fòn: 01397 874277 Diluain gu Diardaoin 0900 – 2100 Dihaoine 0900 – 1700 Disathairne 1000 – 1500
Faodar dol chun a’ chataloig air coimpiutairean sònraichte ann an leabharlainn nan com-pàirtichean, tro làraich-lìn UHI no air coimpiutair sam bith aig a bheil ceangal ris an eadar-lìon (http://libcat.uhi.ac.uk). Faodaidh an ùine a gheibh thu leabhar air iasad a bhith eadardhealaichte air feadh a’ chom-pàirteachais agus a rèir an iarraidh a th’ ann. Faodaidh tu logadh a-steach don chunntas leabharlainn agad tro chatalog an leabharlainn gus rudan fhaighinn air iasad a-rithist mus bi iad fadalach. Ma bhios na leabhraichean agad fadalach aig àm sam bith gheibh thu fios le post-d, litir no teacsa. Bidh tòrr de na làraichean com-pàirteach a’ cur chìsean ort ma bhios rudan às an leabharlann fadalach a’ tighinn air ais – faighnich aig an leabharlann ionadail agad airson barrachd fiosrachaidh. Faodaidh tu clàr a chumail de na leugh thu tron chatalog, a’ leigeil leat na leabhraichean a fhuair thu air iasad feadh an ionnsachaidh agad fhaicinn. Log a-steach don chunntas leabharlainn agad agus tagh ‘Opt in’ gus feum a chur air seo.
Diluain gu Diardaoin 0900 – 1700/1730 – 2030 Dihaoine 0900 – 1700
4
5
Goireasan a Lorg – Leabhraichean-d Tha cothrom aig a h-uile oileanach air farsaingeachd de leabhraichean-d, a ghabhas faighinn thuca bhon taigh no air an àrainn oideachaidh. Bidh leabhraichean-d a’ leigeil leat lethbhreac didseatach de leabhar a leughadh air sgrìn, earrannan sònraichte a chlò-bhualadh agus lethbhreacan a dhèanamh.
Tiotal sònraichte a lorg Ma tha liosta leughaidh agad agus thu airson faighinn a-mach a bheil an tiotal ri fhaotainn mar leabhar-d, bu chòir dhut tòiseachadh le bhith a’ rannsachadh Catalog Leabharlainn UHI (http://libcat.uhi.ac.uk/). Faodaidh tu rannsachadh sna dòighean àbhaisteach, m.e a rèir ùghdar, prìomh fhacal, agus m.s.a.a. Ma tha an tiotal ri fhaotainn mar leabhar-d, bidh samhla ri taobh an tiotail a’ comharrachadh seo.
Na cruinneachaidhean a bhrobhsadh Tha an dòigh seo feumail mura bi tiotal sònraichte air d’ aire, agus thu dìreach airson faighinn a-mach dè a tha ri fhaotainn air a’ chuspair agad – faodaidh tu rannsachadh le bhith a’ cleachdadh prìomh fhaclan. Tha leabhraichean-d air an solar le buidhnean eadar-dhealaichte. Faodaidh tu na cruinneachaidhean eadar-dhealaichte fhaicinn aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/ebook-collections agus na cruinneachaidhean a tha thu airson rannsachadh a thaghadh, m.e. Dawsons no MyiLibrary.
Goireasan a lorg – E-Journal Gateway Bidh irisean air-loidhne a’ toirt cothrom dhut air an rannsachadh as ùire le eòlaichean nad chuspair agus tha fiosrachadh annta nach tèid fhoillseachadh an àitean eile. Faodaidh gun do chuir an neach-oide agad irisean sònraichte air an liosta leughaidh agad, ach faodaidh tu brobhsadh airson thiotalan cuideachd. Is e E-Journal Gateway a’ phrìomh dhoigh air faighinn chun irisean air-loidhne. Theirig do dhuilleag leabharlainn UHI (http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/library-home), agus cliog air ‘E-Journal Gateway’ gus dol thuige. Faodaidh tu rannsachadh ann an diofar dhòighean, a’ gabhail a-steach tiotal, prìomh fhaclan agus cuspairean. Bruidhinn ri ball de luchd-obrach an leabharlainn ma bhios cuideachadh a dhìth ort le bhith a’ cleachdadh Gateway no a’ lorg iris shònraichte.
Goireasan a Lorg – Cruinneachaidhean-d a thaobh Cuspair Tha an t-iùl a leanas a’ toirt beagan fiosrachaidh dhut mu chaochladh ghoireasan-d a bhios feumail dhut nad chuid ionnsachaidh. Mar fhiosrachadh, chan e liostaichean iomlan a tha seo airson gach cuspair agus tha iomadh goireas eile ri fhaotainn ann an roinn nan goireasan-d air làraich-lìn UHI. Faodar dòighean logadh a-steach a bhith eadar-dhealaichte. Faic an earrann fa leth airson fiosrachadh.
Cruinneachaidhean a tha feumail don a h-uile cuspair SCRAN: Scottish Cultural Resource Access Network Cruinneachadh de ghoireasan ionnsachaidh didseatach a’ gabhail a-steach 360,000 ìomhaigh, film agus fuaim à taighean-tasgaidh, gailearaidhean, tasglainn agus na meadhanan. JISC MediaHub Còrr is 137,000 de ghnothaichean ioma-mheadhanach a’ gabhail a-steach còrr is 3,600 uair de dh’fhilmichean agus còrr is 50,000 ìomhaigh bho NewsFilm Online, Film & Sound Online agus an tasglann ùr Digital Images for Education. Digimap Mapaichean Clàrachas na Dùthcha, cairtean nan àrd-mharaichean, suirbhidhean talamh-eòlasach agus mapaichean eachdraidheil cho math ri dàta o mhapaichean ri an luchdachadh a-nuas agus ri an uisneachadh ann am bathar-bog GIS no CAD. Mar fhiosrachadh: Feumaidh luchd-cleachdaidh clàrachadh a’ chiad uair a nì iad feum de Digimap. Faodaidh gun gabh seo suas ri dà latha-obrach.
Na h-Ealain, na Daonnachdan agus na Saidheansan Sòisealta EBSCO Host Tha EBSCO a’ toirt cothrom air àireamh de chruinneachaidhean mòra agus nam measg Academic Search Complete, Criminal Justice Abstracts with Full-Text agus SocIndex. Tha na cruinneachaidhean seo a’ gabhail a-steach farsaingeachd mhòr de chuspairean, agus caochladh ealain, dhaonnachdan agus shaidheansan sòisealta nam measg. InfoTrac Newspapers Artaigilean làn-theacsa à pàipearan-naidheachd san RA agus thall thairis. Na bliadhnachan a tha air an gabhail a-steach: 1980 chun an latha an-diugh (air ùrachadh gach latha).
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
6
7
Westlaw Aithisgean lagha làn-theacsa agus reachdas às an RA, an Roinn-Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte le tòrr irisean làn-theacsa. Cuspairean: Lagh. General OneFile Goireas iomlan airson artaigilean naidheachdan agus artaigilean à irisean air farsaingeachd de chuspairean: Na milleanan de dh’artaigilean làn-theacsa agus tòrr dhiubh le ìomhaighean. Air ùrachadh gach latha. Na bliadhnachan a tha air an gabhail a-steach: Bho 1980. Cambridge Journals Online Goireas làn-theacsa de chòrr is 600,000 artaigil à 223 irisean acadaimigeach o Cambridge University Press. Tha na cuspairean a’ gabhail a-steach eòlas sòisealta, eòlas diadhachd, eachdraidh, eòlas na h-Eòrpa agus eile. JSTOR Tasglann làn-theacsa de dh’irisean acadaimigeach a’ toirt cothrom air seann dheasachaidhean de chòrr is 1200 tiotal. Cuspairean: Na h-Ealain; Saidheansan Sòisealta; Saidheansan Beatha. Literature Online (LION) Cruinneachadh didseatach de bhàrdachd, dràma agus rosg anns a’ Bheurla bhon ochdamh linn chun an latha an-diugh le ùghdaran Breatannach, Èireannach agus Ameireaganach. Tha e a’ gabhail a-steach 350,000 de dh’obraichean litreachais bho chòrr is 17,500 ùghdar cho math ri teacsa iomlan còrr is 240 iris litreachais speisealta. Na bliadhnachan a tha air an gabhail a-steach: Tha bàrdachd Bhreatannach, Èireannach agus Ameireaganach air an gabhail a-steach bho an tùsan chun an latha an-diugh; rosg Breatannach suas gu 1900; dràma Breatannach & Ameireaganach suas gu 1915; rosg Ameireaganach gu 1875. SpringerLink A’ gabhail a-steach còrr is 1,200 tiotal air an sgrùdadh le co-inbhich. Tha an teacsa iomlan airson a’ mhòr-chuid de na h-irisean ri fhaotainn bho 1997 air adhart. Tha an cruinneachadh cuideachd a’ toirt cothrom air àireamh mhòr de leabhraichean-d air am foillseachadh bho 2005 air adhart.
ASSIA: Applied Social Sciences Index and Abstracts A’ gabhail a-steach còrr is 375,000 de gheàrr-chunntasan agus clàraidhean à còrr is 500 iris air am foillseachadh ann an 16 dùthchannan eadar-dhealaichte, a’ gabhail a-steach na RA agus nan Stàitean Aonaichte. A bhith a’ faighinn thuige: Far na h-àrainne tro MyUHI ATLA Religion Artaigilean làn-theacsa ann an raointean Eachdraidh na h-Eaglaise, Comhairleachadh Aoghaireil, Diadhachd. Susbaint bho 1949 air adhart. Còrr is 266,000 de dh’artaigilean à irisean agus lèirmheasan air leabhraichean.
Gnothachas is Cur-seachad Business Source Premier Goireas rannsachadh gnothachais a’ gabhail a-steach artaigilean làn-theacsa à còrr is 2,150 iris làn-theacsa. Am measg an stuith làn-theacsa eile a th’ ann nach eil à irisean tha aithisgean air rannsachadh margaidh, aithisgean air gnìomhachasan, aithisgean air dùthchannan, pròifilean chompanaidhean agus sgrùdaidhean SWOT. Cuspairean: Cunntasachd; Bancaireachd; Gnothachas; Ionmhas; Stiùireadh; Margaideachd. EBSCO Host A’ gabhail a-steach nan cruinneachaidhean a leanas: Academic Search Complete; ATLA Religion; Business Source Premier, Criminal Justice Abstracts with Full Text; GreenFile; Regional Business News; SocIndex with Full Text. General OneFile Goireas iomlan airson artaigilean naidheachdan agus artaigilean à irisean air farsaingeachd de chuspairean: gnothachas, coimpiutairean, cùisean an latha, eaconamas, foghlam, cùisean na h-àrainneachd, cùram slàinte, cur-seachadan, na daonnachdan, an lagh, litreachas agus ealain, poilitigs, saidheans, saidheans sòisealta, spòrs, teicneòlas agus tòrr chùspairean coitcheann. Na milleanan de dh’artaigilean làn-theacsa agus tòrr dhiubh le ìomhaighean. Air ùrachadh gach latha. Na bliadhnachan a tha air an gabhail a-steach: Bho 1980. Emerald Management Plus Artaigilean làn-theacsa còrr is 200 iris ghnothachais agus stiùiridh de dh’àrd inbhe. Tha seann fhaidhlichean a’ gabhail a-steach artaigiliean làn-theacsa bho 1899 air adhart.
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
8
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
9
Westlaw Aithisgean lagha làn-theacsa agus reachdas às an RA, an Roinn-Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte le tòrr irisean làn-theacsa. Cuspairean: Lagh
Cambridge Journals Online Goireas làn-theacsa de chòrr is 600,000 artaigil à 223 irisean acadaimigeach bho Cambridge University Press, a’ gabhail a-steach cruinneachadh mòr air Saidheans Coimpiutaireachd.
JSTOR Tasglainn làn-theacsa de dh’irisean acadaimigeach a tha air thoiseach sna raointean aca, is iad co-cheangailte ri chèile leis na milleanan de luaidhean agus nòtaichean tobair. Mar fhiosrachadh: chan eil artaigilean a chaidh fhoillseachadh anns na 3-5 bliadhna a chaidh seachad air an gabhail a-steach.
ACM Digital Library Artaigilean làn-theacsa air am foillseachadh le ACM agus luaidhean air leabhraichean le foillsichearan mòra ann an coimpiutaireachd. Mar fhiosrachadh, ma bhios tu a’ dol chun a’ ghoireis seo far na h-àrainne, bidh agad ri logadh a-steach tron t-seirbheis MyUHI an-dràsta. A bhith a’ faighinn thuige: Far na h-àrainne tro MyUHI
Scotbis Iùl air còrr is 3,000 de na goireasan gnothachais as fheàrr air an eadar-lìon cho math ris na goireasan mu chompanaidhean agus gnìomhachas aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chan eil feum air ainm neach-cleachdaidh no facal-faire.
Coimpiutaireachd agus Teicneòlas Fiosrachaidh Academic Search Complete Goireas ioma-chuspaireil de dh’irisean acadaimigeach agus artaigilean à irisean air a bheil miadh mòr ann am farsaingeachd de chuspairean, a’ gabhail a-steach Coimpiutaireachd. General OneFile Còrr is 7,800 tiotal làn-theacsa agus 3,600 iris air an sgrùdadh le co-inbhich. Na milleanan de dh’artaigilean làn-theacsa agus tòrr dhiubh le ìomhaighean.
Gnìomhachasan cruthachail JSTOR Tasglainn làn-theacsa de dh’irisean acadaimigeach a tha air thoiseach sna raointean aca leis na milleanan de luaidhean agus nòtaichean tobair. Am measg nan cuspairean tha ealain agus ceòl. Mar fhiosrachadh: Chan eil artaigilean a chaidh fhoillseachadh anns na 3-5 bliadhna a chaidh seachad air an gabhail a-steach. General OneFile Còrr is 7,800 tiotal làn-theacsa agus 3,600 iris air an sgrùdadh le co-inbhich. Na milleanan de artaigilean làn-theacsa agus tòrr dhiubh le ìomhaighean. Deagh thobar airson artaigilean air luchd-ealain agus lèirmheasan air taisbeanaidhean. Na bliadhnachan a tha air an gabhail a-steach: Bho 1980.
SpringerLink Goireas làn-theacsa de chòrr is 1,200 iris air an sgrùdadh le co-inbhich, a’ gabhail a-steach àireamh mhòr a bhuineas ri saidheans coimpiutaireachd. Tha an cruinneachadh cuideachd a’ gabhail a-steach àireamh de leabhraichean-d air am foillseachadh bho 2005 air adhart.
Oxford Music Online A’ gabhail a-steach: Grove Music Online; the Oxford Companion to Music agus the Oxford Dictionary of Music. Tha còrr is 50,000 artaigil ann, a’ gabhail a-steach 30,000 eachdraidh-beatha agus corr is 8,000 artaigil air sgrìobhaichean ciùil, ceòladairean, stiùirichean, pìosan fa leth, ionnsramaidean, comharrachadh, gnèithean ciùil.
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
Science Direct Geàrr-chunntas agus an t-uabhas artailigean làn-theacsa à irisean air an sgrùdadh le co-inbhich ann am farsaingeachd de chuspairean, a’ gabhail a-steach saidheans coimpiutaireachd. Artaigilean làn-theacsa bho 2001 air adhart. Ma bhios tu ga chleachdadh is tu air falbh bhon àrainn, tagh login via your institution. 10
11
Project Muse Cothrom air artaigilean làn-theacsa à 140 tiotal. Na bliadhnachan a tha air an gabhail a-steach: Eadar-dhealaichte airson diofar thiotalan ach tha a’ mhòr-chuid bho 1993 air adhart. Rock’s Backpages Is e a th’ann an Rock’s Backpages stòr-dàta de dh’artaigilean làn-theacsa air ceòl roc bho na 1960an chun an latha an-diugh. Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach fhaidhlichean claistinn mp3 de dh’agallamhan le ceòladairean. Cuspairean: Ceòl.
Foghlam is Cùram-chloinne Academic Search Complete Goireas ioma-chuspaireil de dh’irisean acadaimigeach agus artaigilean à irisean air a bheil miadh mòr ann am farsaingeachd de chuspairean. Artaigilean làn-theacsa à còrr is 4,000 iris le geàrr-chunntasan à còrr is 8,000 de dh’irisean agus pàipearan-naidheachd. Tha tòrr dhiubh a’ buntainn ri leigheas-inntinn chloinne, fàs agus tighinn gu ìre an duine, dìon chloinne, leas agus obair shòisealta. The British Education Index Goireas làn-theacsa de dh’irisean cudromach, goireasan eadar-lìn, imeachdan co-labhairtean agus litreachas liath air fhoillseachadh san RA agus a’ buntainn ris a h-uile eileamaid de dh’fhoghlam. 150,000 clàr a’ gabhail a-steach: artaigilean à irisean, co-labhairtean agus pàipearan cho-labhairtean, aithisgean rannsachaidh agus teacsaichean eileagtronaigeach. ERIC Clàr-amais de litreachas foghlaim air a chur a-mach le Roinn Fhoghlaim nan Stàitean Aonaichte. A’ gabhail a-steach 1.3 millean clàr air artaigilean à irisean, leabhraichean, caibideilean à leabhraichean, aithisgean, pàipearan poileasaidh, co-labhairtean agus tràchdasan.
Research Web for Scotland Stòr-dàta làn-theacsa de sgrìobhainnean a bhuineas ri obair shòisealta an Alba. Am measg nan sgrìobhainnean tha: Foillseachaidhean Riaghaltas na h-Alba air sochair shòisealta, aithisgean rannsachaidh, sgrìobhainnean poileasaidh agus na làraichean-lìn aig buidhnean shochairean na h-Alba. Goireas co-phàirteach do Social Care Online. Cuspairean: Cùram Sòisealta, Math Sòisealta agus Obair Shòisealta SpringerLink A’ gabhail a-steach còrr is 1,200 tiotal air an sgrùdadh le co-inbhich. Tha an teacsa iomlan airson a’ mhòr-chuid de na h-irisean ri fhaotainn bho 1997 air adhart. Tha an cruinneachadh cuideachd a’ toirt cothrom air àireamh mhòr de leabhraichean-d air am foillseachadh bho 2005 air adhart. Am measg nan cuspairean tha eòlas-inntinn agus foghlam.
Lùth, Innleadaireachd agus Togail BSI Online Is e a th’ ann am BSI British Standards buidheann inbhean nàiseanta na RA aig a bheil dleastanas airson cruthachadh agus foillseachadh inbhean teicnigeach agus cunbhalachd bathar agus sheirbheisean. Tha BSI online a’ toirt cothrom air teacsa iomlan còrr is 20,000 foillseachadh BSI a’ gabhail a-steach inbhean, sònrachaidhean, iùilean eadar-mhìneachaidh agus còdan cleachdaidh. Science Direct Stòr-dàta de gheàrr-chunntasan agus teacsa iomlan le artaigilean à irisean air an sgrùdadh le co-inbhich agus caibideilean à leabhraichean ann am farsaingeachd de chuspairean, a’ gabhail a-steach cha mhòr 10 millean artaigil à 250 iris agus 11,000 de leabhraichean. Am measg nan cuspairean tha lùth, innleadaireachd agus matamataig. Ma bhios tu ga chleachdadh is tu air falbh bhon àrainn, tagh login via your institution.
Project Muse Cothrom air artaigilean làn-theacsa à 140 tiotal. Na bliadhnachan a tha air an gabhail a-steach: Eadar-dhealaichte airson diofar thiotalan ach tha a’ mhòr-chuid bho 1993 air adhart.
ICE Virtual Library (JISC Journals Archive) Tasglann làn-theacsa de dh’irisean Institiud nan Innleadairean Catharra (ICE). A’ gabhail a-steach còrr is 18,000 pàipear le dealbhan agus diagraman agus dealbhan tùsail bho 1836 gu 2001. Pàirt de JISC Journal Archives Collection.
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
12
13
Tobar an Dualchais Na mìltean de chlàraidhean fuaim anns a’ Ghàidhlig agus ann an Albais bho Sgoil Eòlais na h-Alba, a’ BhBC, agus Cruinneachadh Chanaigh. Am Baile Goireas ionnsachaidh agus rannsachaidh air-loidhne de thasglainn dhidseatach airson cànan, cultar agus eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
IHS (formerly Technical Indexes) A’ gabhail a-steach nan cruinneachaidhean a leanas: Construction Information Service; Engineer-it Enhanced; Occupational Health and Safety Information Service; Specify-it Enhanced. Cuspairean: Togail; Innleadaireachd; Slàinte is Sàbhailteachd. Emerald Engineering Database Artaigilean làn-theacsa à 19 de na h-irisean eadar-nàiseanta as cudromaiche san raon. Tha seann fhaidhlichean a’ gabhail a-steach artaigiliean làn-theacsa bho 1929 air adhart. Cuspairean: Innleadaireachd. Academic Search Complete Goireas ioma-chuspaireil de dh’irisean acadaimigeach agus artaigilean à irisean air a bheil miadh mòr ann am farsaingeachd de chuspairean. Artaigilean làn-theacsa à còrr is 4,000 iris le geàrr-chunntasan à còrr is 8,000 de dh’irisean agus pàipearan-naidheachd. SpringerLink Còrr is 1,200 iris air an sgrùdadh le co-inbhich. An teacsa iomlan airson a’ mhòr-chuid de na h-irisean bho 1997 air adhart. Farsaingeachd mhòr de leabhraichean-d bho 2005 air adhart. Cuspairean: Caochladh, a’ gabhail a-steach innleadaireachd chatharra, lùith agus meacanaigeach. Knovel Engineering Library Cruinneachadh làn-theacsa de thobraichean Saidheans, Innleadaireachd agus Teicneòlais, a’ gabhail a-steach còrr is 1,000 goireas bho chòrr is 40 de dh’foillsichearan agus comainn eadar-nàiseanta. A’ gabhail a-steach taghadh de dh’innealan airson dàta a sgrùdadh cho math ri einnsean-lorg sònraichte airson innleadaireachd.
Ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig LearnGaelic Goireas iomlan don a h-uile duine aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Susbaint do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air an eadar-lìon
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
14
Scran Stuthan didseatach, agus tòrr dhiubh ceangailte ris a’ Ghàidhlig, a’ riochdachadh cultar dùthchasach agus eachdraidh na h-Alba. Gaelic Resource Database Stòr-dàta so-rannsachadh a’ gabhail a-steach chlàran-amais de ghnothaichean Chomann Gàidhlig Inbhir Nis agus Gairm. Internet Archive Chuir Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a chruinneachadh de theacsaichean Gàidhlig ris an tasglann. Sabhal Mòr Ostaig Cothrom air cruinneachaidhean didseatach agus ceanglaichean feumail ri susbaint ceangailte ris a’ Ghàidhlig. SGRUD Research Rannsachadh agus sgrùdadh a’ chunntais-shluaigh a thaobh na Gàidhlig. Scottish Affairs Iris air cùisean poilitigeach agus sòisealta ann an Alba an latha an-diugh, a’ gabhail a-steach na Gàidhlig. Stòr-dàta so-rannsachadh de dh’artaigilean làn-theacsa. Dearbhadair Litreachaidh Gàidhlig OpenOffice sa Ghàidhlig Am Faclair Beag Faclair Dwelly air-loidhne Deasachadh lìn so-rannsachadh de ‘Fhaclair Mòr na Gàidhlig’, obair mhòr an fhaclairiche Eideard Dwelly. Co-ainmear Gàidhlig
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
15
Education Scotland Stuthan taice airson foghlaim anns a’ Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach eachdraidh, beul-aithris, ceòl agus ainmean-àite. Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig Bòrd na Gàidhlig Buidheann Nàiseanta na Gàidhlig a’ toirt taic don chànan agus ga neartachadh air feadh na h-Alba. Cothrom air teacsa iomlan Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus fiosrachadh feumail eile mun chànan. Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig Goireasan do phàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Rannsachadh air poileasaidh Gàidhlig agus planadh cànain Teacsa bho sheiminearan le Roinn na Ceiltis agus Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann.
Slàinte is Deagh Chor EBSCO Host A’ toirt cothrom air caochladh chruinneachaidhean, a’ gabhail a-steach Academic Search Complete, SocIndex with Full Text. Faic fo gach cruinneachdh fa leth airson tuairisgeul agus fiosrachadh mun t-susbaint. Farsaingeachd mhòr de chuspairean, a’ gabhail a-steach slàinte is deagh chor. BioOne Cruinneachadh làn-theacsa de chòrr is 750 artaigil rannsachaidh à 150 tiotal.
Oxford Journals Teacsa iomlan den a h-uile iris leigheasachd a tha air a foillseachadh le OUP. A’ gabhail a-steach a h-uile deasachadh làthaireach agus seann dheasachaidhean de 230 tiotal bho 1996 air adhart agus teacsa iomlan còrr is 90 tiotal air a bheil cothrom fosgailte, agus tòrr dhiubh a’ buntainn ri Leigheasachd. Science Direct Gearr-chùnntasan agus artaigilean làn-theacsa à irisean air an sgrùdadh le co-inbhich ann am farsaingeachd de chuspairean agus a’ gabhail a-steach cha mhòr 10 millean artaigil à 1900 tiotal. Teacsa iomlan ri fhaotainn bho 2001 air adhart. Tha Health Science a’ gabhail a-steach Nursing and Health Professions. Ma bhios tu ga chleachdadh is tu air falbh bhon àrainn, tagh login via your institution. SpringerLink Goireas làn-theacsa de chòrr is 1,200 tiotal air an sgrùdadh le co-inbhich. Tha an teacsa iomlan airson a’ mhòr-chuid de na h-irisean ri fhaotainn bho 1997 air adhart. Farsaingeachd mhòr de leabhraichean-d, air am foillseachadh bho 2005 air adhart.
Saidheans agus an Àrainneachd Science Direct Stòr-dàta de gheàrr-chunntasan agus teacsa iomlan le artaigilean à irisean air an sgrùdadh le co-inbhich agus caibideilean à leabhraichean ann am farsaingeachd de chuspairean, a’ gabhail a-steach cha mhòr 10 millean artaigil à 250 iris agus 11,000 de leabhraichean. Ma bhios tu ga chleachdadh is tu air falbh bhon àrainn, tagh login via your institution.
Cambridge Journals Online Goireas làn-theacsa de chòrr is 600,000 artaigil à 223 irisean acadaimigeach o Cambridge University Press. Am measg nan cuspairean tha leigheasachd, beathachadh agus eile.
EBSCO Host A’ gabhail a-steach nan cruinneachaidhean a leanas: Academic Search Complete; ATLA Religion; Business Source Premier, Criminal Justice Abstracts with Full Text; GreenFile; Regional Business News; SocIndex with Full Text. Faic fo gach cruinneachadh fa leth airson tuairisgeul agus fiosrachadh mun t-susbaint.
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
16
17
JSTOR Tasglann làn-theacsa de dh’irisean acadaimigeach a’ toirt cothrom air seann dheasachaidhean de chòrr is 1200 tiotal. Web of Knowledge Cruinneachadh de stòran-dàta rannsachaidh a’ toirt cothrom air àireamh de stòran-dàta leabhraichean agus luaidhean cudromach, a’ gabhail a-steach: Web of Science: Science Citation Index Expanded (1970 chun an latha an-diugh). Social Sciences Citation Index (1975 chun an latha an-diugh); Arts & Humanities Citation Index (1975 chun an latha an-diugh); ISI Proceedings: Co-labhairtean eadar-nàiseanta, co-labhairtean sònraichte, seiminearan, co-labhairtean acadaimigeach, bùthan-obrach agus coinneamhan; Science & Technology (1990 chun an latha an-diugh). Ceanglaichean ris an teacsa iomlan tron tab “External Collections Results”. SpringerLink Goireas làn-theacsa de chòrr is 1,200 iris air an sgrùdadh le co-inbhich. Tha e a’ gabhail a-steach àireamh mhòr a tha a’ buntainn ri caochladh chuspairean saidheans agus an àrainneachd agus cuideachd caochladh leabhraichean-d air am foillseachadh bho 2005 air adhart. Knovel Engineering Library Cruinneachadh de luaidhean ùghdarrasail ann an Saidheans, Innleadaireachd, an Àrainneachd agus Teicneòlas, a’ gabhail a-steach còrr is 1,000 goireas bho chòrr is 40 de dh’fhoillsichearan eadar-nàiseanta agus comainn foghlaimte. A’ gabhail a-steach taghadh de dh’innealan airson dàta a sgrùdadh cho math ri einnsean-lorg sònraichte airson innleadaireachd.
A bhith a’ dol chun nan goireasan-d aig UHI o thaobh a-muigh den àrainn Nuair a dh’uisnicheas tu goireasan-d UHI air coimpiutair aig a’ Chom-pàirtiche Acadaimigeach no aig an Ionad Ionnsachaidh ionadail agad, thèid iarraidh ort mar as àbhaist an t-Ainm agus am Facal-faire a th’agad mar neach-cleachdaidh ann an UHI a chur a-steach, mun tèid do thoirt chun na h-irise, a’ chruinneachaidh no an leabhair dhealain a dh’iarr thu. Nuair a bhios tu taobh a-muigh den àrainn, aig an taigh no air coimpiutair aig an obair agad no ann an leabharlann poblach mar eisimpleir, bidh agad am bitheantas ri dol tro cheum a bharrachd gus an dearbh thu gu bheil còir agad a bhith a’ dol chun an stòrais. Bidh UHI a’ cleachdadh co-rian ris an abrar Shibboleth. Bidh seo a’ dearbhadh leis an stèidheachd agad gu bheil còir agad a bhith ag uisneachadh an stòrais agus bheir e fios don t-solaraiche gu bheil e ceart gu leòr thu a bhith a’ dol air aghaidh. Bidh UHI a’ ceannach fho-sgrìobhaidhean ris na stòrasan seo fo cheadachd, agus mar sin chan fhaod sinn an solar ach do na h-oileanaich chlàraichte is an luchd-obrach againn; is e sin an reusan air a’ cheum a bharrachd a tha seo. Faodaidh gum bi diofar irisean, chruinneachaidhean agus leabhraichean dealain ag iarraidh ort dearbhadh cò thu ann an diofar dhòighean, mar eisimpleir: Ceangal a dhèanamh tro Shibboleth
Ceangal a dhèanamh tron Stèidheachd agad
Cambridge Journals Online Goireas làn-theacsa de chòrr is 600,000 artaigil à 223 irisean acadaimigeach Cambridge University Press, a’ gabhail a-steach Eòlas na h-Àrainneachd; Eag-eòlas agus Glèidhteachas; Saidheans Uisgeach; Bith-eòlas agus eile. ProQuest Aquatic Science Collection Tha còrr is 300 iris làn-theacsa às gach ceàrn ann an raon saidheans uisgeach air an gabhail a-steach, cho math ri clàran-amais de chòrr is 1.5 millean de dh’fhigearan, grafaichean agus clàran. Cuspairean: Saidheansan Uisgeach A bhith a’ faighinn thuige: Far na h-àrainne tro MyUHI
Gheibhear liosta iomlan, a ghabhas cliogadh, de na goireasean-d UHI uile aig http://www.uhi.ac.uk/en/libraries/e-resources/a-z-online-resources/all
18
19
UK Access Management Federation
Goireasan a Lorg – Multisearch Plus Is e Multisearch Plus an t-inneal ùr againn airson an leabharlann a rannsachadh. Bheir e dhut dòigh car cosail ri Google a bhith a’ rannsachadh mòran stòrasan aig an aon àm. Tha e a-nis fada nas fhasa amas air fiosrachadh à pàirtean fiosaigeach agus digideach an leabhar-lainn an dà chuid.
Feumaidh tu dol sìos an liosta de dh’fhoghlamaidean san Rìoghachd Aonaichte chun University of the Highlands and Islands, agus leantainn ort. Ann an seo thèid an t-ainm neach-cleachdaidh is am facal-faire a th’ agad ann an UHI iarraidh ort. Bu chòir an uair sin comas a bhith agad faotainn a-steach san aon dòigh is ged a bhitheadh tu air an àrainn fhèin.
Le dìreach aon bhogsa rannsachaidh amaisidh tu air stuth às na tobraichean a leanas air fad:
Cead a-steach tro My UHI
• •
Tha sinn fad na h-ùine ag ùrachadh nan dòighean air an gabh faotainn chun nan stòrasan dealain againn, ach tha cuid de na stòrasan dealain nach gabh faotainn thuca an-dràsta o thaobh a-muigh den àrainn ach tro My UHI, clàr mas fhìor UHI a tha ri fhaotainn air coimpiutair sam bith a tha ceangailte ris an eadar-lìon (tuillidh fiosrachaidh). Nuair a bhios tu air do logadh air ann am My UHI, aithnichidh solaraiche nan stòrasan dealain gun ann à coimpiutair aig UHI a tha thu a’ tighinn. Am measg nan cruinneachaidhean nach eil ri am faotainn an-dràsta ach san dòigh seo tha Cambridge Histories Online, Proquest, ACM Digital Library agus Rock’s Backpages. Cuimhnich gun gabh dol chun nan stòrasan dealain air fad mar seo, agus bidh e am bitheantas nas fhasa nuair a bhios tu taobh a-muigh den àrainn na bhith a’ faotainn dòigh air logadh air tro Shibboleth. Cuir fios a dh’ionnsaigh luchd-obrach leabharlann a’ chom-pàirtiche acadaimigich ionadail agad airson tuillidh cuideachaidh le bhith a’ faotainn chun stòrasan dealain o thaobh a-muigh den àrainn.
• • •
Catalog Leabharlann UHI Altan à pàipearan-naidheachd Altan à irisean dealain Leabhraichean dealain Imeachdan cho-labhairtean
Thèid na toraidhean a liostadh an òrdugh cho bointealach ’s a tha iad – is iad mar sin gad thoirt dìreach chun an stuth as fheumaile. Is urrainn dhut feum a dhèanamh den taobh-chlàr a dhèanamh rannsachadh nas mionaidiche a rèir ceann-latha foillseachaidh, an t-seòrsa susbaint, an àite, a’ chànain, theirmichean a’ chuspair is eile. Nuair a dh’amaiseas tu air rud sam bith a bhios ùidheil dhut, dìreach briog air a’ cheangal. Mas ann air loidhne a tha an stuth, thèid iarraidh ort an t-ainm a thoirt a th’agad airson logadh air ann an UHI agus thèid do thoirt an sin chun an uilt no an leabhair dhealain a tha a dhìth. Mas e leabhar a th’ ann, nochdaidh am fiosrachadh catalog iomlan. Is urrainn dhut cuideachd an roghainn Advanced Search uisneachadh gus am bi an rannsachadh agad glè mhionaideach – le bhith a’ toirt ùghdar, tiotal, ceann-latha is eile le chèile. Tha seo sònraichte feumail nuair a bhios tu ag uisneachadh theirmichean rannsachaidh a tha glè chumanta. Gheibh thu Multisearch Plus air Duilleagan leabharlann Làrach-lìn UHI (http://uhi.summon.serialssolutions.com/). Ma tha feum agad air cuideachadh gus an dèan thu a’ bhuil as fheàrr de Multisearch Plus, cuir fios a dh’ionnsaigh luchd-obrach leabharlann a’ chom-pàirtiche acadaimigich agad.
20
21
Goireasan a Lorg – Leabhraichean à Leabharlainn eile
Feum a dhèanamh de leabharlainn eile
Coinghill eadar Làraichean – Leabharlainn taobh a-staigh de UHI
Fiosrachadh do dh’oileanaich, luchd-obrach agus rannsaichean
Cho math ri coingheall a ghabhail de leabhraichean às an Leabharlainn dhachaigh agad, faodaidh tu leabhraichean iarraidh à làraichean com-pàirteach eile UHI tron sgeama choinghill eadar làraichean. Nuair a dh’amaiseas tu air leabhar an catalog an leabharlainn, is thu ag iarraidh coingheall a ghabhail dheth, cuir an t-iarrtas a-steach tron leabharlann dhachaigh agad, tro phost dealain no gu pearsanta. Bu chòir am fios a leanas a bhith ann an iarrtasan:
Tha UHI na bhall den sgeama SCONUL Access, sgeama co-obrachail a bhios a’ solar ghoireasan ionnsachaidh do dh’oileanaich ag ionnsachadh air astar, oileanaich pàirt-ùine agus oileanaich air greis-ghnìomhachais anns an RA.
•
•
D’ ainm agus an àireamh oileanaich agad • Tiotal agus ùghdar an leabhair • Comharra na sgeilpe agus an còd-loidhne • A’ cholaiste far a bheil an leabhar Cuimhnich mas e do thoil e nach gabh leabhar iarraidh ma tha cùisean mar a leanas: •
Ma tha a lethbhreac fhèin aig an leabharlann dhachaigh agad cheana, ged a bhios e a-muigh air choingheall aig an àm • Tha lethbhreac eileagtronigeach ri fhaotainn cheana an catalog an leabhar-lainn Is àbhaist coinghill a chur sa phost dàrna clas agus bidh iad beagan làithean obrach mun ruig iad. Mar as àbhaist gabhaidh coinghill eadar làraichean ath-nuadhachadh cho fhad ’s nach bi an gnothach a dhìth san leabharlann dhachaigh. Ma tha thu ag iarraidh ath-nuadhachadh is e as còir dhut fios a chur a dh’ionnsaigh an leabharlainn dhachaigh agad agus, cosail ri coinghill den t-seòrsa as àbhaist, faodaidh gum bi coinghill eadar làraichean buailteach do chìsean air mòran de na làraichean com-pàirteach ma bhios iad air deireadh a’ tighinn air ais. Mur an do rèitich thu a chaochladh, bu chòir leabhraichean a thoirt air ais chun na làraich far an do thog thu iad.
Coinghill eadar Leabharlainn – à Leabharlainn taobh a-muigh de UHI Mura bi leabhar no alt ann an iris ri fhaotainn aig gin de na làraichean com-pàirteach no tro na stòrasan dealain, faodaidh gun gabh coingheall no lethbhreac iarraidh à àiteigin eile tron sgeama choinghill eadar leabharlainn. Leigidh seo leinn gnothaichean iarraidh às an Leabharlann Bhreatannach agus stèidheachdan foghlam àrd-ìre eile a tha a’ gabhail pàirt ann. Thèid aig do leabharlannaiche ionadail air innse an gabh gnothach faotainn is nach gabh. Cuimhnich gun àbhaist cìs bheag a bhith ri a pàigheadh air coinghill no lethbhreacan sam bith a thèid iarraidh.
Mar oileanach aig UHI is urrainn dhut cothrom fhaighinn air leabharlainn eile anns an sgeama.
• • • • • •
Tadhail air www.sconul.ac.uk/sconul-access a ghabhail ballrachd san t-seirbheis. Is e a’ chiad cheum an seòrsa neach-cleachdaidh a th’ annad a thaghadh agus an darna ceum, ainm an ionaid agad a thaghadh. An uairsin cliog air ‘find’. Chì thu an uairsin mapa de leabharlainn ris an urrainn dhut iarrtas a chur Cliog air a’ chomharra dhearg air a’ mhapa gus ionad a thaghadh agus cliog air ‘apply for access’ Lìon am foirm iarrtais air-loidhne airson cothrom fhaighinn air leabharlainn agus cuir a-steach e Gheibh thu an uairsin post-d a’ dearbhadh gun deach an iarrtas agad a chur Nuair a thèid gabhail riut gheibh thu post-d a dh’fheumas tu clò-bhualadh agus thoirt leat don ionad còmhla ris a’ chairt dhearbh-aithneachaidh oileanach no cairt leabharlainn agad.
Faodaidh gum bi cuibhreachadh air an t-seòrsa de shusbaint as urrainn dhut fhaighinn air iasaid, leithid leabhraichean air a bheil fèill mhòr aig an ionad sin. Bu chòir dhut a bhith mothachail cuideachd gur dòcha nach cùm leabhlainn ionadail leabhraichean no irisean a tha freagarrach do do chuid ionnsachaidh, fiù ’s ma ’s iad leabharlainn acadaimigeach a th’ annta. Mar fhiosrachadh, air sgàth aontachaidhean ceadachd, tha cothroman air stòran-dàta eileagtronaigeach mar as àbhaist cuibhrichte ri luchd-obrach agus oileanaich a tha clàraichte aig a’ cholaiste no oilthigh sin. Bi cinnteach a chumail ri riaghailtean an leabharlainn air am bi thu a’ cur feum. Bidh thu cunntachail airson chàinean no cosgaisean gus leabhraichean a cheannach a-rithist.
Cuir fios a dh’ionnsaigh luchd-obrach an leabharlainn san stèidheachd dhachaigh agad ma tha fiosrachadh eile sam bith a dhìth ort.
22
23
Cuideachadh a thaobh tobraichean ainmeachadh san obair agad agus meàirle-sgrìobhaidh a sheachnadh
• Tha RefWorks na stòras air loidhne a tha ri fhaotainn tro Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan
Eilean agus as urrainn dhut uisneachadh a chruinneachadh agus a ghleidheil nan nòtaichean tobair agad. Cho math ri bhith gan cumail air fad sa chruth cheart, thig e is ball-acfhainn a bharrachd na lùib a chruthaicheas an Liosta Thobraichean agad leis fhèin o na h-àiteachan san obair agad far a bheil thu a’ toirt luaidh. Is math as fhiach e an oidhirp an stòr-dàta Refworks agad a chruthachadh ma tha thu ag uisneachadh àireamh mhòr de thobraichean, mar eisimpleir ann am pròiseact rannsachaidh. Gheibh thu RefWorks tro UHI A-Z Online Resources.
Tobraichean ainmeachadh •
Nuair a chuireas tu obair a-steach a bhith air a measadh tha e cudromach gun aidich thu co às a thàinig na beachd-smuaintean agus am fiosrachadh a chuir thu gu feum. Dh’fhaodadh iad a bhith à leabhraichean, irisean, làraichean-lìn, òraidean, prògraman telebhisein no eile. Bidh a’ mhòrchuid de na cùrsaichean aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iarraidh gun cleachd thu an rian ris an abrar Dòigh Harvard air Tobraichean Ainmeachadh.
Bileag mu Luaidh a Thoirt agus Nòtaichean Tobair a Dhèanamh (Discovery Series àireamh 7), air a h-ullachadh le roinn Sheirbheisean Ionnsachaidh is Fiosrachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha leth-bhreacan pàipeir ri am faotainn o leabharlann a’ Chom-pàirtiche Acadaimigich UHI ionadail agad no gabhaidh i leigeil a-nuas o làrach-lìn UHI.
Tha cead aig cuid de na roinnean san Oilthigh dòighean eile a chleachdadh air tobraichean ainmeachadh. Bheir an luchd-oideachaidh / na h-òraidichean agad fios dhut mas ann mar sin a tha e.
Is e co-rian a th’ ann an Dòigh Harvard air Tobraichean Ainmeachadh is dà phàirt ann, far an comharraich thu gu h-aithghearr an teacsa na h-obrach agad gu bheil thu a’ dèanamh feum de bheachd-smuaint chuideigin eile (luaidh am broinn an teacsa), agus far an toir thu an sin Liosta Thobraichean aig deireadh na h-obrach agad, a bheir fiosrachadh iomlan mu gach uile rud air an tug thu luaidh. Feumaidh tu seo a dhèanamh chan ann a-mhàin nuair a nì thu còmhdachadh dìreach air facail, ach cuideachd nuair a bheir thu geàrr-chunntas no atharrachadh crutha air beachd-smuaintean a tha ri an cur às leth chuideigin eile. Chunnaic sinn on fhios a fhuair sinn air ais o oileanaich gun e seo pàirt den obair ionnsachaidh aca a shàraicheas gu mòr iad. Gu fortanach, tha pailteas uidheim is fiosrachaidh ann a chuidicheas leat: • Bheir Grad-iùl UHI air Tobraichean Ainmeachadh stùireadh dhut a tha soirbh ri uisneachadh.
Cho math ri bhith a’ mìneachadh cuin agus ciamar a dh’aidicheas tu do thobraichean gu ceart, bheir e eisimpleirean a tha soirbh ri an leantainn de na seòrsaichean as bitheanta – leabhraichean, irisean agus làraichean-lìn. Gabhaidh e leigeil a-nuas ann am Beurla no ann an Gàidhlig mar PDF on duilleig mu Ainmeachadh Thobraichean air làrach-lìn UHI. •
Tha an Leabhar-iùil do dh’Oileanaich UHI air Ainmeachadh Thobraichean na sgrìobhainn mhòr-chuairteach a dhèiligeas ri Cuin, Ciamar agus Càite a thaobh ainmeachadh thobraichean de gach uile seòrsa, eadar an fheadhainn chumanta (leabhraichean, làraichean-lìn) agus an fheadhainn gun a bhith cho cumanta (gnothaichean ann an taisbeanadh, dealbh-chluich air a chur air air an àrd-ùrlar). Gabhaidh e leigeil a-nuas ann am Beurla no ann an Gàidhlig mar PDF on duilleig mu Ainmeachadh Thobraichean air làrach-lìn UHI.
• Tha Referencing Harvard Style na leasan eadar-obrachail a bheir gu ìre an tuigse a th’ agad air
dòigh Harvard. Gheibh thu e air an duilleig mu Ainmeachadh Thobraichean air làrach-lìn UHI. •
24
Bidh an Leabharlannaiche an Leabharlann a’ Chom-pàirtiche Acadaimigich UHI ionadail agad air chomas cuideachadh leat cuideachd, agus faodaidh gum bi e/i a’ tairgsinn bhùiteanobrach no clasaichean.
25
Mèirle-sgrìobhaidh Is e a th’ ann am mèirle-sgrìobhaidh, ann an suidheachadh acadaimigeach, sgrìobhaiche a bhith a’ dèanamh feum de dh’fhacail, beachdan no obair thùsail chuideigin eile (mur e eòlas coitcheann a th’ ann) gun a bhith ag ainmeachadh an tobair. Tha seo a’ gabhail a-steach theacsaichean a th’ air an clò-bhualadh no air-loidhne, làmh-sgrìobhainnean, agus an obair aig oileanaich eile. Is e mì-ghiùlan acadaimigeach a bhios ann ma chuireas oileanaich obair a-steach anns a bheil mèirle-sgrìobhaidh. Tha e furasta mèirle-sgrìobhaidh a sheachnadh ma dh’ainmicheas tu tobraichean gu ceart. Chan e a bhith a’ dèanamh feum de dh’obair sgrìobhaichean eile a tha ceàrr, ach a bhith a’ dèanamh feum dhith gun a bhith ag ainmeachadh an tobair. Gus mèirle-sgrìobhaidh a sheachnadh, feumaidh tu an tobar ainmeachadh uair sam bith a nì thu feum de na leanas: Am beachd no an teòiridh aig cuideigin eile • Fiosrachadh, staitistearachd, grafaichean no dealbhan mur e eòlas coitcheann a th’ annta • Facail labhairte no sgrìobhte chuideigin eile air an togail dìreach • Atharrachadh crutha air facail labhairte no sgrìobhte chuideigin eile •
Ro-innleachdan airson mèirle-sgrìobhaidh a sheachnadh Cuir cromagan turrach nuair a thogas tu rud sam bith dìreach às an teacsa • Bheir atharrachadh crutha air, ach bi cinnteach nach ann dìreach a’ cur nam facal ann an òrgudh eile a tha thu, no ag atharrachadh facal no dhà. • Dèan coimeas eadar na sgrìobh thu fhèin agus an teacsa tùsail gus dèanamh cinnteach nach do chuir thu na h-aon abairtean no faclan gun fhios. • Aithnich fiosrachadh, diagraman agus beachdan tùsail gach turas •
Tha susbaint na h-earrainn seo air a togail às a’ bhileig Dlighe-sgrìobhaidh agus Mèirle-sgrìobhaidh (Discovery Series 6), air a deasachadh le Seirbheisean Ionnsachaidh is Fiosrachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha lethbhreacan cruaidh rim faotainn bho Leabharlann a’ Chompàirtiche Acadaimigich ionadail agad no faodaidh tu a leigeil a-nuas bho làraich-lìn UHI.
Chaidh an leabhar-làimhe seo a dhèanamh le Sgioba Leabharlainn UHI. Nam bu toigh leat beachdan a thoirt thugainn air, no nam bu toigh leat cuspair sònraichte fhaicinn ann an deasachadh an ama ri teachd, cuir post-d gu Ruth.Priest@uhi.ac.uk mas e do thoil e. Lùnastal 2015
26