UHI Lèirsinn agus Plana Ro-innleachdail 2015-20

Page 1

Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean Lèirsinn agus Plana Ro-innleachdail 2015-20


O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

FAC A L - TO I S I C H O N P H R I O N N S A PA L AG U S I A R - S H E A N S A L A I R

Facal-toisich

Lèirsinn ro-innleachdail

Facal-toisich on phrionnsapal agus iar-sheansalair Le còrr is 69% den rannsachadh a chuir sinn a-steach a bhith air a sgrùdadh choisinn sinn an dà ìre as àirde: barraichte aig an ìre eadar-nàiseanta agus air thoiseach aig an ìre dhomhanta.

Is e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an t-oilthigh amalaichte as comharraichte anns an Rìoghachd Aonaichte, a’ gabhail a-steach foghlam adhartach is àrd-ìre.

Tha an toradh a’ sealltainn fianais làidir air comas rannsachaidh fàsmhor tarsainn farsaingeachd de chuspairean agus tha e na bhunait do ghnìomhachd eaconamach sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan andiugh agus a-màireach, rud a nì fìor atharrachadh don àrainneachd, don choimhearsnachd ghnothachais agus do bheatha dhaoine.

Bidh sinn aithnichte airson càileachd na dh’fhiosraicheas agus na choilionas ar n-oileanaich. Bidh ar cliù eadar-nàiseanta air a thogail air an dòigh ùrghnàthach anns am bi sinn a’ dol an sàs ann an ionnsachadh agus ar rannsachadh agus ar curraicealam sònraichte a shaibhrichear le daoine, àrainneachd nàdarra, eaconamaidh agus cultar ar sgìre agus a coimhearsnachdan.

Chan e oilthigh traidiseanta a th’ annainn. Tha sinn eadardhealaichte. Tha sinn nar pàirt de shìol ùr de stèidheachdan treas ìre, gun ar leithid a bhith ann an Alba is gun ach beagan ann san Roinn Eòrpa. Tha fàs luath a’ tighinn air oilthighean treas ìre ann an Canada agus Astràilia. An Astràilia gu sònraichte, tha sia oilthighean treas ìre ann a-nis. Rinn sinn ceanglaichean cheana ri feadhainn de na h-oilthighean a bhoineas don ‘ghinealach ùr seo’, agus tha sinn an dùil gum bi cothroman ann fhathast air cooibreachadh is co-ionnsachadh sa choimhearsnachd seo.

Bidh sinn air ar suidheachadh gu h-ionadail, le structar sgìreil agus buaidh nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Rùn Is e an t-adhbhar bith againn buaidh chruth-atharrachail a thoirt air leasachadh na sgìre agus air na tha san amharc don sgìre, don eaconamaidh aice, do a muinntir agus do a coimhearsnachdan.

Beusan Co-obrachadh | Fosgarrachd | Spèis | Sàr-mhathas

Tha mi toilichte Lèirsinn agus Plana Ro-innleachdail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2015 gus 2020 a chur fa ur comhair. Is e seo an dàrna plana againn. Tha e a’ togail air ar neartan agus a’ cur an cèill ar n-àrd-amasan. Tha e cuideachd ag aithneachadh cho fada ’s a thàinig sinn on chiad phlana againn ann an 2011 agus a’ toirt a-steach nan dleastanasan ùra a th’ againn a thaobh foghlam adhartach cho math ri àrd-ìre san sgìre againn. Chuir sinn comhairle fad’ is farsaing ri càch an àm dhuinn a bhith a’ cruthachadh na lèirsinn is a’ phlana, an dà chuid taobh a-staigh de chom-pàirteachas an oilthigh agus feadh na coimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha taic choitcheann ga cur ris an lèirsinn againn a bhith a’ cosnadh àite sònraichte don oilthigh ann an roinn foghlam iar-sgoil a tha a’ sìor fhàs nas iol-ghnèithiche. Is e plana sìmplidh a th’ againn is trì ceann-chuspairean nam bunait dha: ‘na h-oileanaich againn’, ‘rannsachadh le cruinnshealladh’ agus ‘an t-oilthigh don sgìre againn air fad’.

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Slighe Nis, Inbhir Nis, Alba, IV3 5SQ Fòn: (01463) 279000 Post-d: info@uhi.ac.uk

www.uhi.ac.uk

Tha na h-oileanaich againn aig cridhe is cuislean ar plana. Is ann a rèir mar a shoirbhicheas iadsan a bu chòir dhuinn a bhith air ar tomhas. Mar sin, leanaidh sinn oirnn a bhith a’ toirt taic dhaibh gus an coilion iad uiread ’s as urrainn dhaibh. Is e an dàrna ceann-chuspair againn rannsachadh le cruinn-shealladh. San eacarsaich mu dheireadh san Fhrèam Shàr-mhathais Rannsachaidh choisinn sinn àrd-chliù dhuinn fhèin a thaobh rannsachadh oilthigh, chan ann an Alba a-mhàin ach air feadh na Rìoghachd Aonaichte, leis na toraidhean againn a bha air thoiseach aig an ìre dhomhanta.

Tha an treas ceann-chuspair againn a’ dealbhadh mar as urrainn dhuinn a bhith nar n-oilthigh don sgìre againn air fad le bhith ag iomain atharrachadh eaconamach, sòisealta is cultarach air feadh na sgìre againn tro cheanglaichean is co-oibreachadh ri gnothachasan, ri com-pàirtichean san roinn phoblaich agus an treas roinn agus ri coimhearsnachdan. Mar bhunait dha seo tha sinn nar com-pàirtiche gnìomhach ann am planadh coimhearsnachd, agus sinn a’ cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh neo-ionannachd, le bhith a’ toirt feabhas air seirbheisean, le bhith a’ solar trèanadh is leasachadh sgilean nas fheàrr agus le bhith ag adhartachadh fàs eaconamach seasmhach. Thèid againn air seo a choilionadh cuideachd le bhith a’ solar modh-obrach phroifeiseanta is seasmhach a thaobh com-pàirteachadh le fastaichean is coimhearsnachdan, rud a bheir bunait don churraicealam is don rannnsachadh againn a bhith freagarrach. Mu dheireadh, mun soirbhich sinn feumaidh sinn comas a bhith againn an cothrom a ghabhail gu h-èifeachdach is gu diongmhalta air na stòrasan a tha ri am faotainn dhuinn. Feumaidh sinn luchd-obrach a thrusadh, a bhrosnachadh is a chumail. Agus feumaidh sinn ar seasmhachd ionmhasail choitcheann a chumail suas mum bi sinn air chomas ùrghnàthachadh is cur-an-seilbh a dhèanamh airson na tha romhainn air fad san àm ri teachd. AN T-ÀRD-OLLAMH CLIVE MULHOLLAND BS c PhD C S c i F IBMS S F HEA F RSA Prionnsapal agus Iar-Sheansalair


O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Clàr-innse

Lèirsinn agus Plana Ro-innleachdail 2015-20

Lèirsinn ro-innleachdail Is e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean prìomh oilthigh amalaichte na Rìoghachd Aonaichte, a’ toirt a-steach foghlam adhartach agus àrd-ìre.

Bidh sinn aithnichte airson càileachd na dh’fhiosraicheas ar n-oileanaich agus airson na choilionas iad.

Geàrr-chunntas.................................................................3 Ceann-chuspairean ro-innleachdail: Na h-oileanaich againn .............................................................4 Rannsachadh le cruinn-shealladh............................................6 An t-oilthigh don sgìre againn air fad......................................8

Ceann-chuspairean tarsainneach: Iomairt agus ùr-ghnàthachadh.................................................10 Eadar-nàiseanachadh................................................................12 Aithneachadh, cliù agus suaicheantachadh ...........................14

Ro-innleachdan comasachaidh: Daoine.........................................................................................16 Bun-structar (tìr is togalaichean, teicneòlas fiosrachaidh agus seirbheisean coitcheann)............................18 Seasmhachd ionmhasail............................................................20 Comharraidhean coilionaidh bunaiteach..............................22

3

L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L G E À R R - C H U N N TA S

Bidh a’ chliù dhomhanta againn stèidhichte air a’ mhodh-obrach ùr-ghnàthaich againn a thaobh ionnsachaidh agus an rannsachadh agus an curraicealam air leth againn, a bhios saoibhrichte le daoine, àrainneachd nàdarra, eaconamaidh, cultar agus dualchas na sgìre againn agus a coimhearsnachdan.

Bidh sinn air ar suidheachadh gu h-ionadail, roinneil san structar againn agus bidh buaidh againn aig an ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Ceann-chuspairean ro-innleachdail AN T-OILTHIGH DON SGÌRE AGAINN AIR FAD

NA H-OILEANAICH AGAINN

Cumaidh an t-oilthigh air a’ solar fheuman luchd-ionnsachaidh taobh a-staigh den sgìre, agus aig an aon àm ag amas air meudachadh sa chuibhreann againn de luchd-inntridh òg is oileanaich o thaobh a-muigh na sgìre.

Iomainidh an t-oilthigh atharrachadh eaconamach, sòisealta is cultarach air feadh na sgìre tro cheanglaichean is co-oibreachadh ri gnothachasan, ri compàirtichean san roinn phoblaich agus an treas roinn agus ri coimhearsnachdan.

Bidh rannsachadh an oilthigh aithnichte aig an ìre eadarnàiseanta, nàiseanta agus sgìreil airson a chàileachd agus airson na chuireas e ris an raonghnothaich againn a bhith a’ toirt cruth-atharrachadh agus feabhas air beatha dhaoine, air an àrainneachd is air an eaconamaidh.

Nì sinn mar a leanas:

Nì sinn mar a leanas: »» Bidh sinn nar com-pàirtiche gnìomhach ann am planadh coimhearsnachd san sgìre againn, agus sinn a’ cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh neoionannachd, le bhith a’ toirt feabhas air seirbheisean, le bhith a’ solar trèanadh is leasachadh sgilean nas fheàrr agus le bhith ag adhartachadh fàs eaconamach seasmhach. »» Solairidh sinn modhobrach phroifeiseanta is seasmhach a thaobh compàirteachadh le fastaichean is coimhearsnachdan, rud a bheir bunait don churraicealam is don rannnsachadh againn a bhith freagarrach. »» Bidh sinn cinnteach gu bheil na structaran acadaimigeach is na cleachdaidhean obrach againn a’ toirt freagairt èifeachdach air feuman leasachaidh choimhearsnachdan agus phrìomh roinnean an eaconamaidh. »» Oibrichidh sinn le sgoiltean san sgìre againn a thoirt fàs air àrd-amas, coilionadh agus daoine a bhith a’ dol air aghaidh do dh’ìrean nas àirde de dh’ionnsachadh iar-sgoil.

»» Bidh sinn cinnteach gu bheil an curraicealam foghlam adhartach agus àrd-ìre againn a’ dèanamh riarachadh nas fheàrr air feuman ionadail is sgìreil an-diugh agus a-màireach agus aig an aon àm a’ gabhail a-steach eileamaidean anns am bi bointealachd nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Nì sinn mar a leanas: »» Cumaidh sinn oirnn a’ leasachadh coilionadh sàr-mhathas rannsachaidh ann an raointean cuimsichte.

»» Nì sinn feum den t-sàr-eòlas againn ann an liubhairt cho-mheasgaichte, le taic o rannsachadh ann an eòlas-foghlaim, a riarachadh na dh’fheumas agus na shùilicheas an sluagh oileanaich iol-ghnèitheach againn a thaobh ionnsachaidh, teagaisg agus taic, agus iad ag ionnsachadh ann an caochladh farsaing de shuidheachaidhean is cho-theacsaichean. »» Feuchaidh sinn ri barrachd co-dheasachd is comais athfhreagairt a bhith againn ann an dealbhadh is liubhairt a’ churraicealaim fhoghlaim adhartaich agus àrd-ìre againn gus an urrainn dhuinn bunait treas ìre ar tairgse a liubhairt do dh’oileanaich agus a shanasachadh riutha gu h-iomlan, cho math ris na cothroman a bheir seo dhaibh. »» Ceanglaichean a neartachadh eadar an curraicealam againn agus fastaichean is an t-àite-obrach. »» Stèidhichidh sinn cultar de chom-pàirteachadh oileanaich le bhith ag obair an co-bhoinn ri oileanaich feuch am bi an guth acasan ag iomain leasachadh is atharrachadh. »» Aithnichidh sinn is bheir sinn ath-fhreagairt air iolghnèitheachd an t-sluaigh oileanaich againn le bhith a’ cruthachadh chothroman far an gabh cleachdaidhean in-ghabhaltach neartachadh agus toirt a-steach don phrìomh shruth.

Eadar-nàiseanachadh

»» Bheir sinn feabhas air na dh’fhiosraicheas oileanaich rannsachaidh. »» Nì sinn cinnteach gum bi com-pàirteachadh poblach èifeachdach ann agus gum bi toraidhean rannsachaidh air an sgaoileadh gu h-èifeachdach. »» Adhartaichidh sinn iomlaid eòlais mar rud a bhios fighte fuaighte sna planaichean nas fharsainge againn airson com-pàirteachadh le fastaichean agus a’ choimhearsnachd. »» Coisnidh sinn maoineachadh seasmhach airson ghnìomhachdan rannsachaidh is iomlaid eòlais.

»» Dearbhaidh sinn gu bheil cothroman iomchaidh aig a h-uile oileanach a bhith a’ dèanamh dhàimhean ri oileanaich eile agus luchd-obrach gus am mothaich iad gu bheil ceangal aca ris an oilthigh.

Cuspairean tarsainneach Iomairt

RANNSACHADH LE CRUINN-SHEALLADH

Aithneachadh, cliù agus suaicheantachadh

Ro-innleachdan comasachaidh Daoine

Bun-structar

Seasmhachd ionmhasail

(tìr is togalaichean, teicneòlas fiosrachaidh, seirbheisean coitcheann)


4

O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Ceann-chuspair ro-innleachdail

5

CO M -PÀ I R TE AC H A S NA N O I L E A NAC H

Na h-oileanaich againn

Com-pàirteachas nan oileanach Cumaidh an t-oilthigh air a’ solar fheuman luchd-ionnsachaidh taobh a-staigh den sgìre, agus aig an aon àm ag amas air meudachadh sa chuibhreann againn de luchd-inntridh òg is oileanaich o thaobh a-muigh na sgìre.

Cumaidh sinn oirnn a’ solar barrachd cothruim air curraicealam freagarrach aig a h-uile ìre de dh’fhoghlam adhartach is àrd-ìre, a’ toirt an aire gu sònraichte air na prìomh roinnean cosnaidh ionadail is sgìreil. Gabhaidh seo a-steach a bhith a’ cruthachadh chothroman is dhuaisean ùra airson ionnsachadh suidhichte san obair, agus chothroman eile do luchd-ionnsachaidh a bhith a’ leasachadh an sgilean airson obair. Cumaidh sinn oirnn cuideachd a’ toirt barrachd cothruim air a’ churraicealam againn do na coimhearsnachdan is na buidhnean sin far a bheil an roghainn cuingealaichte an-dràsta no far a bheil feum air taic a bharrachd a thaobh nan slighean on àrd-sgoil a-steach do dh’fhoghlam adhartach no àrd-ìre.

Nì sinn mar a leanas: »»

»»

»»

Bidh sinn cinnteach gu bheil an curraicealam foghlam adhartach agus àrd-ìre againn a’ dèanamh riarachadh nas fheàrr air feuman ionadail is sgìreil an-diugh agus a-màireach agus aig an aon àm a’ gabhail a-steach raointean anns am bi bointealachd nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Nì sinn feum den t-sàr-eòlas againn ann an liubhairt cho-mheasgaichte, le taic o rannsachadh ann an eòlas-foghlaim, a riarachadh na dh’fheumas agus na shùilicheas an sluagh oileanaich iol-ghnèitheach againn a thaobh ionnsachaidh, teagaisg agus taic, agus iad ag ionnsachadh ann an caochladh farsaing de shuidheachaidhean is cho-theacsaichean. Nì sinn cinnteach gum bi barrachd co-dheasachd is comais ath-fhreagairt ann an dealbhadh is liubhairt a’ churraicealaim fhoghlaim adhartaich agus àrd-ìre againn gus an urrainn dhuinn bunait treas ìre ar tairgse a liubhairt do dh’oileanaich agus a shanasachadh riutha gu h-iomlan, cho math ris na cothroman a bheir seo dhaibh.

»»

Ceanglaichean a neartachadh eadar an curraicealam againn agus fastaichean is an t-àite-obrach.

»»

Neartaichidh sinn an cultar de chom-pàirteachadh oileanaich le bhith ag obair an co-bhoinn ri oileanaich feuch am bi an guth acasan ag iomain leasachadh is atharrachadh.

»»

Aithnichidh sinn is bheir sinn ath-fhreagairt air iolghnèitheachd an t-sluaigh oileanaich againn le bhith a’ cruthachadh chothroman far an gabh cleachdaidhean in-ghabhaltach neartachadh agus toirt a-steach don phrìomh shruth.

»»

Tha na sia feartan aig ‘Frèam Com-pàirteachadh Oileanaich do dh’Alba’, a tha air a stèidheachadh aig an ìre nàiseanta, freumhaichte sa phlana ro-innleachdail: is e sin cultar de chompàirteachadh; oileanaich mar chom-pàirtichean; ath-fhreagairt a thoirt air iol-ghnèitheachd; luach a chur air na chuireas oileanaich a-steach; dlùth-aire air leasachadh is atharrachadh; agus stòrasan is taic iomchaidh. Tha uallach na ro-innleachd seo air a roinn eadar luchd-obrach is oileanaich an dà chuid. Tha com-pàirteachadh oileanaich uile-chudromach a thaobh soirbheachadh acadaimigeach agus tha a h-uile eileamaid dheth ceangailte gu deimhinneach ri cho riaraichte ’s a bhios oileanaich san fharsaingeachd le ionnsachadh san oilthigh. Mar as com-pàirtiche a bhios luchd-ionnsachaidh is ann as riaraichte a bhitheas iad, agus a chaochladh. Feumaidh an t-oilthigh a bhith cinnteach gu bheil oileanaich a’ faireachdainn gu bheil iad mar phàirt de stèidheachd thaiceach, gun urrainn dhaibh dol an sàs san ionnsachadh aca fhèin, gun urrainn dhaibh oibreachadh leinne ann a bhith a’ stiùireadh an ionnsachaidh, agus gun urrainn dhaibh a bhith ag obair tro innleachdan riochdachaidh foirmeil èifeachdach. An aithghearrachd, ma tharraingeas sinn na h-oileanaich againn a-steach do bheatha is obair an oilthigh ann an dòigh èifeachdach, bidh oileanaich againn a bhios nas riaraichte agus a ruigeas nas àirde.

Dearbhaidh sinn gu bheil cothroman iomchaidh aig a h-uile oileanach a bhith a’ dèanamh dhàimhean ri oileanaich eile agus luchd-obrach gus am mothaich iad gu bheil ceangal aca ris an oilthigh.

B’ e sinne a’ chiad stèidheachd an Alba a ghabh ris an Aonta Chom-pàirteachas Oileanaich ùr. Cuiridh seo an cèill mar as urrainn do dh’oileanaich agus luchd-obrach a bhith ag obair còmhla gus an toir iad feabhas air na dh’fhiosraicheas oileanaich. Tha sinn daonnan a’ rùrach dhòighean ùr-ghnàthach do ar n-oileanaich a bhith a’ cumadh agus a’ toirt buaidh air an obair againn:

Tha na beachdan a leanas nan gnàth-eisimpleirean de na bhios sinn a’ faotainn air ais mu sheirbheis a’ phutain dheirg: “Is e ceangal dìreach a th’ ann ri cuideigin a dh’fhaodas a bhith air chomas cuideachadh agus mar sin is e goireas anabarrach luachmhor a th’ ann” agus “bidh sibh a’ faireachdainn gu bheil cuideigin ann as urrainn cuideachadh leibh nuair nach eil fhios agaibh dè a nì sibh. Tha fhios agam ma bhios trioblaid agam gun èist cuideigin rium…” Feabhas a thoirt air riochdachadh oileanaich foirmeil

Conaltradh nas fheàrr Tha sinn ag iarraidh fios air ais o oileanaich mu chuid de na dùbhlain a tha romhainn an àm dhuinn a bhith a’ togail coimhearsnachd làidir de dh’oileanaich ann an lìonra a tha sgapte air feadh na sgìre. Tha sinn ag obair le comann nan oileanach gus am fosgail sinn loidhnichean daingeann airson conaltradh a’ dol an dà rathad. Tha sinn an dòchas gun toir am pròiseact seo barrachd faicsinneachd, mothachalachd agus compàirteachadh ri comann nan oileanach agus gum bi na h-oileanaich air fad a’ faireachdainn dàimh nas dlùithe. Bidh sinn innleachdach cuideachd anns na dòighean air am bi sinn ag iarraidh fios air ais o oileanaich. Tha am ‘putan dearg’ na shiostam neo-fhoirmeil airson fios a thoirt air ais agus trioblaidean fhuasgladh, agus meas mòr aig na h-oileanaich air. Thèid na beachdan air fad a leughadh agus bidh deadhan nan oileanach a’ dol an grèim riutha.

Bha suirbhidhean oileanaich a’ leigeil fhaicinn gu robhas ag iarraidh riochdachadh nas fheàrr do dh’oileanaich. Tha an obair a tha sinn an dèidh bhith a’ dèanamh mar fhreagairt air seo ceangailte gu dlùth ris na structaran càileachd againn agus tha i a’ gabhail a-steach trèanadh nas fheàrr do riochdairean oileanaich, modh-obrach choòrdanaichte a chruthachadh airson fios-ullachaidh do riochdairean, agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na h-oileanaich air fad air am brosnachadh a bhith a’ gabhail pàirt. Bha oifigearan oileanaich nan lìonraidhean chuspairean againn nan riochdairean anabarrach luachmhor aig ìre nan roinnean agus iad a’ cuideachadh leinn feabhas a thoirt air cothroman do dh’oileanaich a ghearras tarsainn air na prògraman is na suidheachaidhean againn.

Co m h ar rai dh ean Co i l i o n ai dh B un ai teach (CC B ) – Na h - o i l ean ai ch agai n n

Riarachadh oileanaich

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 3a S uirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (foghlam àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte)

3% nas ìsle na cuibheasachd riarachaidh iomlain na h-Alba (84%/87%)

2% nas àirde na cuibheasachd riarachaidh iomlain na h-Alba

CCB 3b Suirbhidh Nàiseanta de dh’Oileanaich a thaobh Riarachadh agus Com-pàirteachadh ann an Colaistean (Alba)

Feumaidh oileanaich a bhith aig cridhe is cuislean ar n-oilthigh. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ riarachadh na dh’fheumas agus na shùilicheas sluagh oileanaich a tha iol-ghnèitheach agus sgapte air feadh na sgìre.

2% nas àirde na cuibheasachd riarachaidh iomlain na h-Alba

Freagarrachd airson Cosnaidh

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 4a C eann-uidhe oileanaich làn-ùine a tha a’ fàgail foghlam àrd-ìre

Ceumnaichean le an ciad cheum 91.9% (puing-thomhais 91.1%)

A’ phuing-thomhais a ruigsinn no a chumail suas air a’ char as lugha

Fo-cheumnaichean eile 95.8% (puing-thomhais 95.4%) Com ha r ra id h e a n Co il io naid h Bu naiteach (CC B) – Na h- o i lean aic h again n :

Àireamhan de dh’oileanaich

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 1a À ireamh iomlan nan oileanach (foghlam àrd-ìre air fad)

Co-ionann ri 5636 làn-ùine

Co-ionann ri 7700 làn-ùine

CCB 1b Ìre iomlan de ghnìomhachd foghlam adhartach

110,370 de chreideasan

+7% (118,096 de chreideasan)

CCB 2 C uibhreann den fheadhainn a tha a’ tighinn a-steach do dh’fhoghlam àrd-ìre o thaobh a-staigh den sgìre againn

30%

35%

CCB 4b C eann-uidhe na feadhna a tha a’ fàgail foghlam adhartach

A’ phuing-thomhais a ruigsinn no a chumail suas air a’ char as lugha

Coilionadh oileanaich

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 5a Coilionadh oileanaich foghlam àrd-ìre

2669 de theisteanasan

Meudachadh de 10% ann an teisteanasan

CCB 5b Ceudad nan oileanach foghlam adhartach làn-ùine a chuireas crìoch shoirbheachail air a’ chùrsa aca

66.1% (an coimeas ri cuibheasachd na h-Alba 66%)

A chumail suas ri cuibheasachd na roinne air a’ char as lugha


6

O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Ceann-chuspair ro-innleachdail

7

F R È A M S À R - M H AT H A I S R A N N S AC H A I D H 2 0 14

Rannsachadh le cruinn-shealladh

Frèam Sàr-mhathais Rannsachaidh 2014 Bidh rannsachadh an oilthigh aithnichte aig an ìre eadar-nàiseanta, nàiseanta agus sgìreil airson a chàileachd agus airson na chuireas e ris an raonghnothaich againn a bhith a’ toirt cruth-atharrachadh agus feabhas air beatha dhaoine, air an àrainneachd is air an eaconamaidh. Nì sinn mar a leanas: »»

Cumaidh sinn oirnn a’ leasachadh coilionadh sàrmhathas rannsachaidh ann an raointean cuimsichte.

»»

heir sinn feabhas air na dh’fhiosraicheas oileanaich B rannsachaidh.

»»

ì sinn cinnteach gum bi com-pàirteachadh poblach N èifeachdach ann agus gum bi toraidhean rannsachaidh air an sgaoileadh gu h-èifeachdach.

»»

Adhartaichidh sinn iomlaid eòlais mar rud a bhios fighte fuaighte sna planaichean nas fharsainge againn airson com-pàirteachadh le fastaichean agus a’ choimhearsnachd.

»»

A chur ris na neartan rannsachaidh a th’ againn cheana, tha an t-oilthigh am beachd dol an sàs barrachd ann an raointean fàsmhor is ro-innleachdail mar a tha ealain fhìnealta, eòlas foghlaim, lùth ath-nuadhachail, diadhachd agus innleadaireachd adhar-sheòlach. Tha gach aon dhiubh seo na raon anns a bheil cothrom san fharsaingeachd, nach robh air a riochdachadh gu fosgailte am Frèam Sàr-mhathais Rannsachaidh 2014. Tha, agus bithidh, curraicealam an oilthigh a rèir nan neartan rannsachaidh làthaireach agus fàsmhor. Cho math ri bhith a’ measadh raointean anns a bheil neart againn air an taobh a-staigh, tha an t-oilthigh a’ dol an co-bhoinn ri luchd-ùidhe a mheasadh nan cothroman a tha ceangailte ri iomainichean eaconamach, sòisealta agus gnìomhachail air an taobh a-muigh. Aig an aon àm ri bhith a’ meudachadh an teachd-a-steach rannsachaidh neo-phillteach againn feuchaidh sinn cuideachd ri co-chothromachd a bhith againn a thaobh thobraichean maoineachaidh gus am bi costasan air an ath-bhuannachadh mar as fheàrr a ghabhas.

oisnidh sinn maoineachadh seasmhach airson C ghnìomhachdan rannsachaidh is iomlaid eòlais.

Is e a th’ ann an rannsachadh ach pròiseas forfhais a bheir tuigse ùr air gnothaichean, tuigse a phàirtichear gu h-èifeachdach, agus tha e aig cridhe is cuislean adhbhar-bith oilthigh sam bith. Tha còir aig oileanaich teagasg fhaotainn o shàr-eòlaichean aithnichte sa chuspair aca, rud a chiallaicheas gu feum buill den luchd-obrach a bhith ag obair aig an ìre as adhartaiche a bhios iomchaidh don chuspair is don inbhe aca. Tha rannsachadh, mar sin, uile-chudromach a thaobh mathas na dh’fhiosraicheas oileanaich o fhoghlam adhartach gu leasachadh ollamhach.

Coilionar an rannsachadh againn ann an àrainneachd a tha adhartach agus taiceach ris an luchd-obrach is na h-oileanaich againn air fad, ge sam bith dè an gnè, an cinneadh no an creud. An co-chòrdadh ris an fheallsanachd seo, tha e na amas againn barrantachadh umha Athena Swan a chosnadh mar stèidheachd agus barrantachadh airgead anns na prìomh raointean rannsachaidh againn.

Cultar, dualchas, cànain agus eachdraidh Slàinte

»»

Cruth-tìre, eaconamaidh agus an comann-sòisealta

• Dreuchdan Slàinte an Co-bhoinn ri Chèile, Fiaclaireachd, Altramas agus Poitigearachd (air an cur a-steach còmhla ri Oilthigh Raibeirt Ghòrdain) - 17% aig 4* agus 53% aig 3* • Siostaman na Talmhainn agus Saidheansan na h-Àrainneachd - 14% aig 4* agus 66% aig 3* • Cruinn-eòlas, Eòlas na h-Àrainneachd agus Arc-Eòlas - 3% aig 4* agus 41% aig 3* •

Tha na chuireas sinn a-steach airson an Fhrèama Shàr-mhathais Rannsachaidh a rèir an neirt rannsachaidh a th’ againn fo cheithir ceann-chuspairean farsaing: »» Saidheans na mara agus na h-àrainneachd »»

Chuir sinn rannsachadh a-steach fo na h-aonadan measaidh a leanas:

Eòlas na Sgìre - 17% aig 4* agus 55% aig 3*

• Cànainean an latha an-diugh - 16% aig 4* agus 45% aig 3*

Tha an t-eaconamaidh a tha a’ fàs sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan sìor-ghluasadach agus stèidhichte air eòlas. Tha e feumach air taic o ghnìomhachdan rannsachaidh is iomlaid eòlais ionadail. Feumaidh an rannsachadh seo cuideachd cothrom a sholar a bhith a’ dol an co-bhoinn ri com-pàirtichean agus luchdùidhe aig an ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta an dà chuid, far am bi sin iomchaidh. Tha an rannsachadh againn freumhaichte ann am buadhan nàdarra, cultarach, sòisealta agus eaconamach na sgìre againn, seirbheisichidh e an t-eaconamaidh againn agus tha bointealachd dhomhanta ann cuideachd.

»»

Chaidh barrachd is 69% den rannsachadh againn a chomharrachadh a bhith “air thoiseach aig an ìre dhomhanta (4*)” no “barraichte aig an ìre eadar-nàiseanta (3*)” am Frèam Sàr-mhathais Rannsachaidh 2014. Is ann mar mheasadh air mathas an rannsachaidh ann an stèidheachdan foghlam àrd-ìre na Rìoghachd Aonaichte a nithear an sgrùdadh seo le sàr-eòlaichean. Feadh an sgrùdaidh gheuraich sinn an tuigse a bh’ againn air na raointean anns a bheil neart rannsachaidh cudromach againn cheana.

Com ha r ra id h e a n Co il io naid h Bu naiteach (CC B) – R annsac h adh le c ruin n -sh ealladh

Teachd-a-steach rannsachaidh

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 6 Teachd-a-steach rannsachaidh neo-phillteach

£15.2 millean

£24 millean

Eachdraidh 17% aig 4* agus 50% aig 3*

Le chèile air fad, chunnacas sinn ag èirigh 33 puingean san Rìoghachd Aonaichte a thaobh na h-inbhe againn sa chlàr nàiseanta a dh’fhoillsichear leis an Times Higher Education gus an robh sinn aig a’ cheann thall an leth uachdair a’ chlàir mar an t-oilthigh òg a b’ fheàrr a bha a’ coilionadh an Alba. Le “buaidh an rannsachaidh” againn, gu sònraichte, fhuair sinn ìre 3* is 4* le chèile de 87%.

Tha an toradh a’ sealltainn fianais làidir air comas rannsachaidh fàsmhor tarsainn farsaingeachd de chuspairean agus tha e na bhunait do ghnìomhachd eaconamach sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan andiugh agus a-màireach, rud a nì fìor atharrachadh don àrainneachd, don choimhearsnachd ghnothachais agus do bheatha dhaoine.


8

O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Ceann-chuspair ro-innleachdail

CO - C H E A N G A L R I FA S TA I C H E A N TA R S A I N N F O G H L A M A D H A R TAC H I S À R D - Ì R E

An t-oilthigh don sgìre againn air fad

Co-cheangal ri fastaichean tarsainn foghlam adhartach is àrd-ìre Iomainidh an t-oilthigh atharrachadh eaconamach, sòisealta is cultarach air feadh na sgìre tro cheanglaichean is co-oibreachadh ri gnothachasan, ri com-pàirtichean san roinn phoblaich agus an treas roinn agus ri coimhearsnachdan.

Tro na stèidheachdan com-pàirteach againn, tha eachdraidh fhada, shoirbheachail aig an oilthigh de cho-cheangal ris na coimhearsnachdan againn. Le foghlam adhartach a bhith ga chur air bunait sgìreil that cothrom a bhith a’ togail air an traidisean seo agus a bhith ag eagrachadh nan stòrasan air fad aig com-pàirteachas an oilthigh, foghlam adhartach is àrd-ìre an dà chuid, gus an dèan sinn riarachadh nas fheàrr air feuman nan coimhearsnachdan againn agus fhastaichean san sgìre againn.

Nì sinn mar a leanas: »»

»»

»»

»»

Bidh sinn nar com-pàirtiche gnìomhach ann am planadh coimhearsnachd san sgìre againn, agus sinn a’ cuideachadh le bhith a’ lùghdachadh neoionannachd, le bhith a’ toirt feabhas air seirbheisean, le bhith a’ solar trèanadh is leasachadh sgilean nas fheàrr agus le bhith ag adhartachadh fàs eaconamach seasmhach.

Oibrichidh sinn le com-pàirtichean ionadail, sgìreil is nàiseanta a chosnadh fàs eaconamach seasmhach don sgìre againn agus a chuideachadh le 'Ro-innleachd Eaconamach na h-Alba’, frèam coitcheann Riaghaltas na h-Alba airson Alba nas co-fharpaisiche agus nas cothromaiche. Bheirear seo gu buil le bhith a’ toirt taic do ghnothachasan is iomairtean sòisealta a th’ ann cheana agus gnothachasan ùra a tha a’ tòiseachadh agus le bhith a’ brosnachadh in-sheilbh.

Solairidh sinn modh-obrach phroifeiseanta is seasmhach a thaobh com-pàirteachadh le fastaichean is coimhearsnachdan, rud a bheir bunait don churraicealam is don rannnsachadh againn a bhith freagarrach.

Leanaidh sinn oirnn a’ feuchainn ri meudachadh a thoirt air com-pàirteachadh ann am foghlam adhartach is àrd-ìre leothasan a th’ ann an sgìrean easbhaidh iomadach, a rèir thomhasan nàiseanta. Air a shon sin, le sùil air uireasbhaidhean aithnichte thomhasan den t-seòrsa nuair a thèid an cur ri sgìrean anns a bheil an sluagh tana, cruthaichidh sinn air tomhasan fhèin air dùthchalachd agus easbhaidh dhùthchail is stèidhichidh sinn targaidean airson barrachd oileanaich a tharraing a-steach a rèir nan tomhasan sin.

Oibrichidh sinn le com-pàirtichean sna roinnean poblach is prìobhaideach a chomharrachadh nam feuman ionadail is sgìreil a thaobh sgilean agus a dhol an grèim riutha. Oibrichidh sinn le ùghdarrasan ionadail is sgoiltean san sgìre againn a thoirt fàs air àrd-amas, coilionadh agus daoine a bhith a’ dol air aghaidh do dh’ìrean nas àirde de dh’ionnsachadh iar-sgoil.

Is e iomairt a bh’ ann an cruthachadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bha stèidhichte air bunait choimhearsnachdan na sgìre agus na buidhnean riochdachaidh aca, san roinn phoblaich agus an roinn phrìobhaidich an dà chuid. Tha na coimhearsnachdan com-pàirt seo fhathast air an riochdachadh, còmhla ri alumni an oilthigh, air an Stèidheachd againn. Tha dleastanas aig an Stèidheachd, a rèir na bun-stèidhe, a bhith a’ dìon adhbhar-bith an oilthigh. Leanaidh sinn oirnn a’ toirt taic don Stèidheachd a bhith a’ coilionadh a’ ghnìomha a th’ aice a bhith a’ solar ceangal ris na coimhearsnachdan againn cho math ri bhith na meadhan airson barrachd conaltraidh ris na h-alumni againn.

O chionn còrr is 50 bliadhna, tha an compàirteachas eadar Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI agus ionad Dhùn Rath uile-chudromach mar iomainiche eaconamach an ceann tuath na Gàidhealtachd a’ gabhail a-steach phrògraman leasachadh sgilean is leasachadh dreuchdail a tha ùr-ghnàthach, buan agus aig a bheil cliù sgìreil, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. B’ e am prìomh adhbhar air a’ cholaiste a stèidheachadh a bhith a’ riarachadh fheuman trèanaidh an ionaid a thaobh saidheans, innleadaireachd agus rianachd. Feadh nam bliadhnachan, bha na ceudan de dhaoine òga a chuir crìoch shoirbheachail air a’ chaochladh sgeamaichean trèanaidh a bha gan ruith leis an dà bhuidhinn an com-pàirteachas. Choisinn sgeama trèanaidh phreantasan Dhùn Rath cliù sa ghnìomhachas mar fhear den fheadhainn as fheàrr den t-seòrsa san dùthaich. O chionn ghoirid, ghabh a’ cholaiste cothrom iomlan air an àite a th’ aice mar chom-pàirtiche an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhith a’ dealbhadh phrògraman foghlam àrd-ìre a riaraicheadh feuman ùra an àm don ionad a bhith a’ gluasad o ìre ghnìomhach gu bhith ga chur à seirbheis. Dh’altraim Dounreay Site Restoration Ltd (DSRL) sàr-eòlas domhanta a thaobh goireasan eiteanach a thoirt à seirbheis, sgudal eiteanach a riaghladh agus an àrainneachd ath-nuadhachadh. Agus iad a’ gabhail a’ chiad cheum iad fhèin gus an tigeadh an obair air aghaidh a rèir nam planaichean a bha air an socrachadh, stèidhich DSRL agus a’ cholaiste sgeama

Com ha r ra id h e a n Co il io naid h Bu naiteach (CC B) – An t - o i lth igh don sgìre again n air fad

Co-cheangal ri gnothachas /fastaichean

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 7 C om-pàirteachasan ro-innleachdail gnìomhach ri fastaichean

4

10

Co-cheangal ri gnothachas /fastaichean

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 8a Luchd-inntridh foghlam àrd-ìre à sgìrean cuimsichte de dhùthchalachd is easbhaidh dhùthchail

14%

An aon cho-roinn a ruigsinn ris an t-sluagh aois obrach sna sgìrean seo (meudachadh de 5%)

CCB 8b Luchd-inntridh foghlam adhartach à sgìrean cuimsichte de dhùthchalachd is easbhaidh dhùthchail

21%

Meudachadh de 5%

CCB 9c L eantainn air aghaidh o fhoghlam adhartach chun foghlam àrd-ìre

34%

40%

do cheumnaichean le urrasachd on ghnìomhachas, a chruthaich cothroman do dh’fhoghlamaich a bhith a’ coilionadh chùrsaichean innleadaireachd àrd-ìre an Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI agus a bhith an sàs aig an aon àm ag obair air pròiseactan ath-nuadhachaidh adhartach air an làraich fhèin. Chuidich an sgeama a dhèanamh cinnteach gum biodh sgilean innleadaireachd ri am faotainn fhathast ann an caochladh chuspairean, chùm e sgilean o bhith gann san sgìre an àm feum mòr a bhith ga chur orra, agus choisinn e aithneachadh nàiseanta tro dhuaisean Cholaistean na h-Alba. Tha neart na h-obrach com-pàirteachais againn ri fhaicinn cuideachd an gnìomhachd Ionad Innleadaireachd, Teicneòlais agus Lùith na colaiste far am bi oileanaich a’ leasachadh nan sgilean innleadaireachd aca ann an àrainneachd ionnsachaidh a tha air a riaghladh le siostaman slàinte is sàbhailteachd Dhùn Rath a bhith an grèim. Bidh iad a’ faotainn taic san ionnsachadh aca le luchdobrach DSRL a tha suidhichte san ionad fhèin, gus am bi eòlas is sgilean air an togail an co-theacs an àiteobrach. Chaidh seo aithneachadh le Foghlam Alba mar eisimpleir de chleachdadh barraichte a thaobh co-cheangal ri fastaichean. Le sùil air thoiseach, tha an com-pàirteachas fhathast a’ cruthachadh chothroman ùra ann an caochladh chuspairean, agus ann an innleadaireachd àrd-ìre gu sònraichte. Tha bunait fhoirmeil an dèidh bhith air a toirt dha seo a-nis le Meòrachan Co-aonta eadar DSRL, Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

9


1 0 O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Cuspair tarsainneach

11

C R E AT E : D O L - A N - G R È I M T I O N N S G A I N E AC H AG O B A I R

Iomairt agus ùr-ghnàthachadh

CREATE: dol-an-grèim tionnsgaineach ag obair Tha e nar rùn leantainn oirnn a bhith a’ freumhachadh cultar de dh’iomairt agus dol-an-grèim tionnsgaineach taobh a-staigh den oilthigh. Bidh seo ri fhaicinn sa churraicealam againn, san dòigh a thèid sinn an grèim ri ionnsachadh is teagasg agus ri rannsachadh is iomlaid eòlais, san dòigh a liubhras sinn na seirbheisean is na gnìomhan taice againn, agus anns na co-cheanglaichean a th’ againn air an taobh a-muigh. Cuiridh sin mar fhiachaibh oirnn dòighean ùra a lorg, taobh a-staigh agus taobh a-muigh an dà chuid, a bhith a’ dol mu ar gnothach, agus sin a’ gabhail a-steach taobh a-muigh de na roinnean againn. Bidh feum air dòigh-obrach eagaraichte a bhith a’ cumail sùil air fàire gus am faic sinn cothroman is bagairtean mun tig iad. Is e a tha a dhìth airson cultar de dh’iomairt is ùr-ghnàthachadh ach àrainneachd obrach is ionnsachaidh a bhrosnaicheas

agus a chuidicheas am foireann is na h-oileanaich againn air fad a bhith nas toraiche mar luchd-obrach agus a bhith a’ comharrachadh is a’ toirt gu buil chothroman ùra. Le seasamh-inntinn iomairteach am measg an luchd-obrach agus nan oileanach a bhrosnaicheas ùr-ghnàthachadh is dol-a-mach tionnsgaineach thèid na ceanglaichean a th’ againn ri coimhearsnachdan is fastaichean a leudachadh is a shaoibhreachadh gu leantainneach, rud a chuidicheas le fàs pearsanta agus fàs na stèidheachd. Thathar a’ gluasad an-dràsta a dh’ionnsaigh caitheadaireachd cho-fharpaiseach nàiseanta is eadar-nàiseanta ann am foghlam tro luchd-solair prìobhaideach, domhanachadh, liubhairt air-loidhne, cùrsaichean fosgailte ana-mhòr air-loidhne agus teisteanasan co-inbheach. Tha seo a’ fàgail gun e gnothach èiginneach a th’ ann dhuinne a bhith a’ dèanamh roghainnean nas fheàrr agus nas luaithe mu fhàs agus cur-an-seilbh, agus am modail gnothachais againn fìor ionadail fhathast ach le margaidhean eadar-nàiseanta gu soilleir san amharc.

Chaidh CREATE, ionad ionnsachaidh tionnsgaineach ùr-ghnàthach, a stèidheachadh ann an 2009 ann an Colaiste Inbhir Nis UHI agus e na rùn aige a bhith a’ spreigeadh, a’ brosnachadh is a’ cur an comas nan oileanach, nan daoine agus nan gnothachasan sgìreil againn ‘na tha ri tighinn san àm a tha romhpa a chruthachadh dhaibh fhèin’ agus dol-an-grèim tionnsgaineach altram a thaobh a h-uile taobh de am beatha. Bidh CREATE a’ co-oibreachadh le com-pàirtichean air feadh an oilthigh againn a fhreumhachadh sgilean iomairt sa phortfòilio churraicealach againn.

Ann an 2010, chomharraich CREATE gu robh feum mòr ann a bhith ag uidheamachadh luchd-foghlaim gus an riaraicheadh iad an iarraidh fhàsmhor a bh’ ann air ceumnaichean nas tionnsgainiche, agus chuir e air bhonn am prògram Tionnsgalachd is Iomairt do Luchd-Foghlaim na h-Alba. Agus e aithnichte a-nis aig an ìre eadar-nàiseanta, is e a thàinig à measadh neo-eisimeileach air a’ phrògram gum bi e a’ toirt atharrachadh a bhios ri a mhothachainn ann an seasamh-inntinn, misneach agus sgilean neach-foghlaim. Tha am prògram seo a’ daingneachadh an rùin shuidhichte a th’ againn àrainneachd obrach is ionnsachaidh a chumadh a dh’altraimeas ùr-ghnàthachadh agus dol-a-mach tionnsgaineach.

Dhealbh CREATE farsaingeachd de dh’fhoghlam, trèanadh is iomairtean co-oibreachail tionnsgaineach, agus bha dàimhean aige ri còrr is 5,000 oileanach agus a’ choimhearsnachd acadaimigeach is gnothachasach sa choitcheannas.

Ann an 2014, rinn sinn cruinn-ionad à CREATE airson pròiseact nàiseanta ùr d’an ainm ‘Bridge 2 Business’ a chaidh a stèidheachadh a spreigeadh oileanaich a bhith nas iomairtiche agus nas ciallaiche mu shaoghal na h-obrach agus a dh’altram nan sgilean is nan lìonraidhean a chuidicheas iad a bhith ag obair dhaibh fhèin. Ann an 2015 bidh am pròiseact seo a’ cur air dòigh na ciad cho-labhairt tionnsgalachd do dh’oileanaich anns am bi àite follaiseach aig sàr-eisimpleirean de luchd-tionnsgain à roinnean cudromach de ghnìomhachas.

Cluichidh CREATE pàirt uile-chudromach le bhith a’ toirt goireas do dh’oileanaich is gnothachasan na sgìre a bhith a’ dol an sàs ann an iomairtean tionnsgaineach fad na bliadhna, a’ gabhail a-steach Fèill Ùr-ghnàthachaidh sa Mhàrt a h-uile bliadhna a bheir còmhla buidhnean ùr-ghnàthach agus oileanaich, agus Co-fharpais airson Innleachd Ghnothachais a h-uile Samhain. Ona chaidh a chur a’ dol ann an 2006, tharraing a’ cho-fharpais seo barrachd is 750 innleachd ghnothachais, is chuir i an sìol airson àireamh mhath de ghnothachasan a bhith air an cur air bhonn tron chom-pàirteachas againn ri Slighe Ghnothachais na Gàidhealtachd agus Mhoireibh.

Tha e na rùn aig CREATE fàs gu h-àrd-amasach a bhith air prìomh ionad ionnsachaidh tionnsgaineach na Rìoghachd Aonaichte a’ toirt a-steach foghlam adhartach agus àrd-ìre le bhith a’ rannsachadh, a’ dealbhadh is a’ liubhairt foghlam tionnsgaineach a bhios comharraichte, ùr-ghnàthach don choimhearsnachd acadaimigich is gnothachasaich againn.


12

O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Cuspair tarsainneach

CO M A N N S A I D H E A N S M A R A N A H - A L B A U H I

Eadar-nàiseanachadh

Tha sinn ag iarraidh na h-oileanaich againn a bhith nan saoranaich dhomhanta. Tha sinn a’ creidsinn gun dèan seo iad nas freagarraiche airson cosnaidh is gun saoibhrich e am beatha. Is cudromach leinn cuideachd cuairt-eòlais an luchd-obrach againn a bhith a’ toirt a-steach ùr-ghnàthachadh sna cuspairean speisealaichte aca às gach pàirt den t-saoghal. Is iomadh taobh eadar-nàiseanta a tha ris an oilthigh cheana, ann an rannsachadh, ann an ionnsachadh is teagasg agus ann an iomlaid eòlais. Tha seo a’ gabhail a-steach an t-oilthigh a bhith na bhall de bhuidhnean de leithid Oilthigh na h-Artaig agus ceanglaichean ri oilthighean mar a tha Federation University ann an Bhictoria, Astràilia. Tha sinn ag iarraidh togail orra seo, a fhreumhachadh eadarnàiseantachd nas fharsainge air feadh chom-pàirteachas an oilthigh, gu sònraichte le bhith a’ dèanamh mar a leanas:

Tha cothrom againn sàr-eòlas diongmhalta a chleachdadh ann a bhith a’ cur teicneòlas fiosrachaidh gu feum ann an ionnsachadh is teagasg gus an toir sinn tuillidh leasachaidh air an ullachadh againn a thaobh ionnsachadh air astar, gu sònraichte aig ìre iar-ghnàth-eòlas agus iar-cheum. Bidh seo na phrìomhachas fad rèis a’ phlana seo. An àm dhuinn a bhith a’ meudachadh na buaidhe eadarnàiseanta againn, bidh e riatanach, agus nas fhasa, fàs a thoirt air bointealachd is co-theacs eadar-nàiseanta a’ churraicealaim againn. Bidh e deatamach cuideachd: »»

Fàs a thoirt air a’ phrofaidhl agus a’ chliù eadarnàiseanta againn.

»»

Barrachd àiteachan fuirich a sholar do dh’oileanaich, an dà chuid àrosan oileanaich agus prògraman còmhnaidh ann an dachaighean.

»»

Am bun-structar taice a neartachadh do dh’oileanaich eadar-nàiseanta.

»»

Cothroman nas fheàrr a thoirt do luchd-obrach is do dh’oileanaich a bhith a’ triall gu h-eadar-nàiseanta.

»»

»»

Barrachd chothroman a chruthachadh air oileanaich a tharraing a-steach aig an ìre eadar-nàiseanta, an dà chuid do dh’Alba agus ann an dùthaich nan oileanach fhèin.

Dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseasan gnothachais is càileachd againn air chomas riatanasan obair eadar-nàiseanta a choilionadh.

»»

Feum nas fheàrr a dhèanamh de stòrasan coitcheann chom-pàirteachas an oilthigh gus an toir sinn na cothroman as fheàrr a ghabhas, ann an dòigh èifeachdach, dhiongmhalta.

Is ann tro lìonraidhean a th’ ann cheana agus le bhith a’ cruthachadh dhàimhean seasmhach, ùra ann an dòigh roghnach a nithear seo. Tha co-cheanglaichean sònraichte làidir againn an Ameireaga a Tuath, Sìona agus frith-mhòr-roinn nan Ìnnseachan. Tha lìonraidhean seasmhach, maireannach againn san Roinn Eòrpa cuideachd, tron dà chuid prògraman gluasadachd erasmus agus pròiseactan a gheibh taic o mhaoineachadh Eòrpach.

Rinneadh adhartas mòr cheana, is leanaidh seo air fad rèis a’ phlana seo. Cumaidh sinn oirnn, ge-tà, a’ socrachadh meud agus luaths leasachadh eadar-nàiseanta san àm ri teachd a rèir nan cunnartan a dh’fhaodadh a bhith ann.

Cuantan is ceanglaichean eadarnàiseanta Chomann Saidheans Mara na h-Alba UHI Tha cuantan an t-saoghail a’ ceangal a h-uile ceàrn den domhan ri chèile, agus is dual do shaidheans na mara mar sin a bhith eadar-nàiseanta. Tha seo ri fhaicinn ann an rannsachadh, luchd-obrach, prògram foghlaim agus buaidh shaidheansail SAMS UHI. Bidh an luchd-saidheans againn ag obair le co-oibrichean às na Stàitean Aonaichte a’ cumail faire air gluasadan Thaobh Tuath a’ Chuain Siar ann an trì seòlan-tomhais. Bidh sinn a’ rannsachadh eag-eòlas bheanntan mara an Cuan nan Ìnnseachan agus a’ dèanamh forfhais eadar-chuspaireil a’ sgrùdadh a h-uile gnè de dh’àrainneachd mhara na h-Artaig le compàirtichean à iomadh ceàrn den Roinn Eòrpa, Coiridhea, Canada agus na Stàitean Aonaichte. Fhuair triùir den luchd-saidheans againn bonn nam pòla o a Mòrachd a’ Bhan-rìgh. Tha luchdsaidheans mara à SAMS UHI a’ gabhail pàirt cuideachd ann an co-bhanntachdan forfhais mòra Eòrpach a’ rannsachadh tuathanachas-uisge, bith-theicneòlas na mara, poileasaidh a thaobh na mara agus lùth ath-nuadhachail na mara. Bidh an sàr-eòlas againn air a chur gu feum a thoirt comhairle do riaghaltasan air feadh an t-saoghail. Mar eisimpleir, bha sinn a’ comhairleachadh Sealainn Nuadh mu ghnothaichean tuathanachais-uisge, Papua Gini Nuadh mu bhith a’ faotainn rèidh 's sgudal mèinneadaireachd ann an uisge domhainn, nan Seychelles mu bhith a’ toirt fàs air eaconamaidh gorm, agus chuidich sinn le ciad Mheasadh nan Nàiseanan Aonaichte air Cuantan an t-Saoghail. Ann am foghlam bidh sinn a’ tairgsinn cothrom do na fo-cheumnaichean againn seamastar no dhà a chur seachad ann an Svalbard, an uachdar na h-Artaig, is tha sinn a’ ruith prògram ceum maighstir ann an tuathanachas-uisge an co-bhoinn ri Oilthighean Chrete, sa Ghrèig, is Nantes, san Fhraing. Is e SAMS UHI an aon bhuidheann rannsachaidh mhara san t-saoghal a tha na stèidheachd chaidreabhach aig Oilthigh nan Nàiseanan Aonaichte.

13


1 4 O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Cuspair tarsainneach

Aithneachadh, cliù agus suaicheantachadh

Ann an àrainneachd a tha a’ sìor fhàs nas cofharpaisiche tha e cudromach luchd-solair foghlam adhartach is àrd-ìre a bhith a’ tairgsinn rudeigin sònraichte, tàlaidheach dhaibhsan a dh’fhaodadh a bhith nan luchd-obrach, nan oileanaich agus nan luchd-maoineachaidh. Feumaidh seo a bhith stèidhichte air neartan so-fhaicsinneach Sa chùis againn fhèin is e as bunait do na neartan seo: »» Nàdar treas ìre na stèidheachd. »»

Am feum a nì sinn de theicneòlas a leigeil le oileanaich a bhith ag ionnsachadh ann an dòigh cho-obrachail tarsainn sgìrean sgapte.

»»

n curraicealam is an rannsachadh sònraichte againn A a tha bunaichte air ar n-àrainneachd nàdarra, ar cultar is ar dualchas, còmhla ri gnìomhachasan is inneach sòiso-eaconamach na sgìre againn.

Is e feart sònraichte eile na chuireas sinn ris a’ Ghàidhlig is an cultar aice agus ri traidiseanan cànaineach is cultarach eile na sgìre againn. Sa phlana Ghàidhlig againn tha earrainn air leasachadh a’ churraicealaim, rud a tha a rèir na pàirt a chluicheas sinn aig cridhe is cuislean solar foghlam Gàidhlig. Tha cliù stèidheachd bunaichte air an eòlas a chuireas daoine oirnn iad fhèin, cainnt bheòil, na beachdan a bheirear seachad le càch agus na chithear den bhuidhinn fhèin gu riochdail no

ann an àrainneachd mas fhìor. A thaobh oilthigh no colaiste, tha luchd-teagaisg, comhairlichean dhreuchdan, pàrantan, teaghlach is càirdean, agus fastaichean sònraichte cudromach ann a bhith a’ toirt buaidh air roghainnean na feadhna a dh’fhaodadh a bhith nan oileanaich. Nas fharsainge, bidh tomhasan coilionaidh a dh’fhoillsichear aig an ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta agus clàran coimeis a bheirear a-mach le buidhnean eile a’ cluich pàirt mhòr a thaobh cliù oilthigh a chruthachadh. Tha e cudromach sinn a bhith a’ suaicheantachadh chompàirteachas an oilthigh againn ann an dòigh cho-fharpaiseach a chuidicheas leinn a bhith a’ toirt an rùin againn gu buil. Is e as bonn dha seo ach na feartan air leth againn, còmhla ri mathas na dh’fhiosraicheas na h-oileanaich agus an rannsachaidh againn. Mar phàirt dheth bidh cruthachadh is adhartachadh sreath de thomhasan a leigeas fhaicinn am feum sònraichte a tha sinn a’ dèanamh a thaobh foghlam adhartach is àrd-ìre, a’ gabhail a-steach mar a bhios com-pàirteachas an oilthigh againn a’ dol an grèim ri dùbhlain dùthchalachd is bochdainn dhùthchail. Bidh an suaicheantachadh againn ag aithneachadh iolghnèitheachd chom-pàirteachas an oilthigh againn agus aig an aon àm a’ foillseachadh an fheuma shònraichte a tha e a’ dèanamh am measg bhuidhnean cuimsichte.

15

F I O S R AC H A D H I S F I G E A R A N

Fiosrachadh is figearan

Is e com-pàirteachas a th’ annainn de 13 colaistean is ionadan rannsachaidh agus tha barrachd is 70 ionad ionnsachaidh ionadail againn.

Tha an sgìre againn a’ toirt a-steach leth tìr na h-Alba.

Is e sinne as motha a nì feum de theicneòlas co-labhairt bhidio airson foghlam san Roinn Eòrpa.

Is e sinne an t-oilthigh òg leis an toradh a b’ fheàrr an Alba ann am Frèam Sàr-mhathais Rannsachaidh 2014.

Ann am measadh neoeisimeileach den bhuaidh eaconamaich againn thugadh tuairmse gum bi com-pàirteachas an oilthigh a’ cur £191 millean ri eaconamaidh na h-Alba (BiGGAR Economics, 2011).

Foghlam àrd-ìre Fàs ann an àireamhan oileanaich

Aois nan oileanach

Co-ionann ri oileanaich làn-ùine

Cinn

40

8000

An t-oilthigh Ionadan uile an Alba

35

7000 6000

30

5000

25

4000

20

3000

15

2000 2010/11

2011/12

2012/13

10

2013/14

5

Modh-ionnsachaidh

29%

40% 60% An t-oilthigh

0%

Làn-ùine Pàirt-ùine

<21 21-24 25-29 30-49 50+

71% Ionadan uile an Alba

Foghlam adhartach Air feadh na sgìre bha 32,077 de chlàraidhean air fad ann an com-pàirtichean foghlam adhartach an oilthigh ann an 2013/14.

Aois nan oileanach 60

Modh-ionnsachaidh Làn-ùine Pàirt-ùine

Com-pàirtichean foghlam adhartach an oilthigh Colaistean uile an Alba

50

13%

40

19% 87%

81%

30 An t-oilthigh

20 10 0% <16 16-17 18-19 20-24 25+

Ionadan uile an Alba


1 6 O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Ro-innleachd chomasachaidh

AC A D A M A I D H I O N N S AC H A I D H AG U S T E AG A I S G

Daoine Acadamaidh ionnsachaidh agus teagaisg

Is ann tro oidhirpean is dealasachd an luchd-obrach againn a ruigear ar n-àrd-amasan. Ma tha sinn ri bhith nar fastaiche roghnaichte, a thàlaidheas agus a chumas sluagh-obrach dealasach, èifeachdach, feumar luach a chur air an luchd-obrach, an tarraing a-steach agus taic a thoirt dhaibh anns gach pàirt den dreuchd aca. Feumar an duaiseachadh gu ceart agus cothroman a thoirt dhaibh a bhith gan leasachadh is gan adhartachadh fhèin. Tha an luchd-obrach againn sgapte feadh chaochladh àrainnean agus fhastaichean. Tha e mar sin nas toinnte na h-amasan againn a ruigsinn, ach cha bu chòir dhuinn a bhith ag amas nas ìsle air tàilleabh sin. Is e na prìomhachasan a bhios againn: »»

arrachd co-fhreagairt a bhith ann a thaobh B chumhaichean is chùmhnantan agus structaran duaiseachaidh luchd-obrach air feadh chompàirteachas an oilthigh againn, agus sinn ag aithneachadh nan dreuchdan sònraichte is iolghnèitheach a th’ ann taobh a-staigh dheth.

»»

Modh-riaghlaidh cho-choitcheann a thaobh nan goireasan daonna againn, agus rian-obrach don chom-pàirteachas air fad airson planadh is leasachadh luchd-obrach, a’ gabhail a-steach barrachd comais aig luchd-obrach a bhith a’ gluasad tarsainn nan structaran againn.

»»

Cothroman nas fheàrr air lìonrachadh agus coobrachadh eadar buidhnean agus air astar.

»»

Cothroman is spreigidhean do luchd-obrach a bhith a’ dol an sàs ann an sgoilearachd, a’ gabhail a-steach na dòighean-teagaisg aca agus an t-eòlas a th’ aca air cleachdaidhean gnìomhachais a chumail ùraichte. Bidh seo na chuideachadh a thaobh gnothaichean a chumail freagarrach an àm atharrachaidhean a bhith ann sa cho-mheasgachadh de dh’oileanaich a th’ againn agus sa churraicealam.

Ged a dh’fhaodas e bhith gur ann ri am fastaiche no ri am buidheann chuspaireil fhèin a mothaicheas luchd-obrach an ceangal as dlùithe, bu chòir cuideachd dàimh a bhith aca ri coimhearsnachd an oilthigh san fharsaingeachd agus sin a bhith a chum an leas. Brosnaichidh sinn luchd-obrach a bhith ag iomlaid obraichean, a’ dlùth-leantainn obraichean a chèile agus a’ gabhail pàirt ann an rèiteachaidhean eile den t-seòrsa taobh a-staigh den bhuidhinn. Feuchaidh sinn cuideachd ri meudachadh a thoirt air àireamh an luchd-obrach aig a bheil dreuchdan dà-fhillte, is iad a’ coilionadh gnìomh do chom-pàirtiche acadaimigeach agus do chom-pàirteachas an oilthigh san fharsaingeachd cuideachd. Tro na com-pàirtichean acadaimigeach againn, tha sinn nar pàirt de choimhearsnachdan ar sgìre. Bidh dàimh ris na coimhearsnachdan sin, biodh sin tro fhastaichean is buidhnean gnìomhachais, buidhnean coimhearsnachd no buidhnean san treas roinn, a’ cur ri leas nan coimhearsnachdan againn agus ceangailteachd ar n-oilthigh.

Tha sinn ag iarraidh dàimh a bhith aig an luchd-obrach againn ri buidhnean ann an roinn an fhoghlaim adhartaich is àrd-ìre, buidhnean cuspaireil agus coimhearsnachdan rannsachaidh air an taobh a-muigh, an dà chuid airson follaiseachd an oilthigh agus gus am bi fradharc nas fharsainge aca air an obair taobh a-staigh de chom-pàirteachas an oilthigh againn. Chaidh an acadamaidh ionnsachaidh is teagaisg againn a stèidheachadh gus am biodh suidheachadh ann airson rannsachadh ann an eòlas-foghlaim agus taic do luchd-obrach a bhith a’ solar ùr-ghnàthachadh is sàr-mhathas ann an ionnsachadh is teagasg. O chionn ghoirid ghabh an t-oilthigh ri sreath de luachan bunaiteach. Is iad sin: »»

Co-obrachadh

»»

Fosgailteachd

»»

Spèis

»»

Sàr-mhathas

Fad rèis a’ phlana seo bidh e uile-chudromach a bhith cinnteach gum bi na luachan seo air an cumail suas agus air an nochdadh leis an luchd-obrach againn nan obair làitheil agus an àm dhaibh gnothach a bhith aca ri càch. Tromhpa seo bheir sinn fàs air an deagh-ghean ri chèile agus an earbsa a bhios a dhìth mun toir sinn na h-àrd-amasan againn gu buil.

Is e an Acadamaidh Ionnsachaidh agus Teagaisg a tha air ùr stèidheachadh an cruinnionad airson caochladh ghnìomhachdan a dh’iomaineas ùr-ghnàthachadh is sàr-mhathas a thaobh eòlas-foghlaim ann am foghlam adhartach is àrd-ìre, agus a dh’adhartaicheas rannsachadh ann an eòlas-foghlaim mar raon forfhais cudromach san oilthigh. Aig cridhe is cuislean obair na h-Acadamaidh tha a bhith a’ teagasg sgilean a bharrachd do luchdobrach agus a bhith a’ toirt taic do sgoilearachd agus leasachadh ionnsachaidh is teagaisg ann an dòighean a tha a rèir nan cleachdaidhean as fheàrr a th’ ann agus a tha a’ tighinn am bith agus ann an dòighean a nochdas lèirsinn is luachan oideachail a’ phlana ro-innleachdail. Bidh aithneachadh proifeiseanta air sàr-mhathas ann an ionnsachadh is teagasg air a cho-òrdanachadh tron acadamaidh, le amas tòiseachail a bhith a’ meudachadh gu mòr àireamh an luchdobrach a tha aithnichte aig ìre iomchaidh de chaidreabhachd le Acadamaidh an Fhoghlaim Àrd-ìre. Bidh an acadamaidh an làthair an goireas an oilthigh air Àrainn Inbhir Nis. Bidh obair-lann rannsachadh foghlaim ann a bhios na ionad co-dheas a bhith a’ dèanamh is a’ co-òrdanachadh rannsachadh air cleachdaidhean oideachail, eileamaidean fiosrachail de dh’ionnsachadh, dealbhadh àitichean ionnsachaidh, ionnsachadh is teagasg ann an co-theacsaichean seòmar clas, co-mheasgaichte agus sgapte air-loidhne, a’ cho-aghaidh agus gluasad eadar foghlam adhartach is àrd-ìre, agus poileasaidh foghlaim. Bidh an obair-lann na cuideachadh a thaobh an acadamaidh a chur ann an suidheachadh math a bhith a’ cur thagraidhean a-steach a dh’iarraidh maoin on taobh a-muigh airson rannsachadh foghlaim ann an caochladh raointean, agus a bhith a’ dèanamh rannsachadh a bhios air thoiseach ann an eòlas-foghlaim. Aig a’ cheann thall is e rùn na h-acadamaidh a bhith cinnteach gum bi sinn air chomas an luchd-ionnsachaidh againn a chur am bogadh ann am fiosrachaidhean oideachail a bhios cruthachail, inntinneach, biodh sin air an àrainn no air-loidhne, agus meudachadh a thoirt air ar comasachd is ar cliù a thaobh chleachdaidhean is ullachadh ùr-ghnàthach ann am foghlam.

17


18

O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Ro-innleachd chomasachaidh

Bun-structar

Tha an tìr is na togalaichean agus an teicneòlas fiosrachaidh againn uile-chudromach a thaobh an obair againn a choilionadh agus, gu sònraichte, a thaobh an ionnsachaidh is an teagaisg againn agus na dh’fhiosraicheas oileanaich. Is e na prìomhachasan làthaireach a thaobh tìr is thogalaichean: »»

Àrosan còmhnaidh a sholar.

»»

Ath-dhealbhadh is leasachadh a rèir fheuman is nòs sònraichte foghlam adhartach is àrd-ìre an dà chuid, a’ gabhail a-steach rannsachadh.

»»

arrachd co-dheasachd sna h-àrosan a bhith a rèir B nan atharrachaidhean ann an dòighean-teagaisg agus àrainneachdan ionnsachaidh is teagaisg.

»»

itichean is bun-structar sòisealta a sholar do À dh’oileanaich.

Ged a tha e nar rùn an ro-innleachd againn ath-sgrùdadh an co-theacs nan dleastanasan nas fharsainge a fhuair sinn o chionn ghoirid, tha sinn am fiughair gum bi na prìomhachasan air a bheil iomradh gu h-àrd fhathast nam pàirt dhith. A thaobh teicneòlas fiosrachaidh, fhuair com-pàirteachas an oilthigh againn buannachd à ìre coimeasach àrd de dh’amalachadh san teicneòlas fhiosrachaidh aige. Mura b’ e an t-amalachadh seo cha bhiodh comas againn gluasad mar a rinn sinn o bhith nar stèidheachd foghlam àrd-ìre, tro chumhachdan buileachadh cheumannan teagaisgte, a chosnadh tiotal oilthigh. Agus e na bhuidheann adhartach a tha sgapte gu farsaing is ag obair ann an roinn a tha anabarrach co-fharpaiseach, caochlaideach, tha com-pàirteachas an oilthigh againn an eisimeil chonaltraidhean is theicneòlasan eile sa ghnothach aige o latha gu latha. An àm gnothach a bhith aca ris na seirbheisean air a bheil iad a’ cur feum, tha an luchdcleachdaidh againn iarrtach. Feumar èifeachdas nam modhanobrach againn a neartachadh uiread ’s a ghabhas agus seirbheisean a leasachadh. Tha planaichean aig ìre adhartach airson tuillidh amalachaidh fhathast air teicneòlas fiosrachaidh tro structar seirbheis coitcheann foirmeil a chuireas an com-pàirteachas ann an suidheachadh anns am bi e air chomas reusanta ro-innleachd theicneòlais fhiosrachaidh aonaichte a chruthachadh. Leigidh seo leinn roghainnean fiosrach a dhèanamh mu theicneòlas a ghabhas cur an grèim gu leanailteach is gu diongmhalta air feadh a’ chom-pàirteachais, rud a dh’fhàgas gum bi co-ionannachd ann a thaobh na dh’fhiosraicheas an luchdcleachdaidh agus càileachd na seirbheis. Bidh e na amas tràthail an rèis a’ phlana seo an t-seirbheis choitcheann nas fharsainge a chur an gnìomh agus na buannachdan a thoirt gu buil. Air an aon dòigh ’s a tha le teicneòlas fiosrachaidh, chruthaich sinn farsaingeachd de sheirbheisean agus pròiseasan is co-rianan gnothachais coitcheann an àm dhuinn a bhith a’ fàs. Tha gu leòr a ghabhadh dèanamh fhathast a thaobh tuillidh amalachaidh is cunbhalachaidh air pròiseasan is corianan gnothachais agus tuillidh sheirbheisean coitcheann a chruthachadh. Bidh seo do-sheachanta mun gabh seirbheisean leasachadh mar a dh’fheumas iad ann an dòigh a bhios seasmhach a thaobh ionmhais.

(tìr is togalaichean, teicneòlas fiosrachaidh agus seirbheisean coitcheann)

Am measg nan gnothaichean as deifriche bidh sgaoileadh cho-rianan coitcheann airson rianachd dhàimhean ri luchddèilige, ionmhais agus ghoireasan daonna. Nì sinn feum nas fheàrr de theicneòlas didseatach anns gach eileamaid den obair againn, a’ toirt feabhas air na dh’fhiosraicheas oileanaich, agus a’ solar acfhainnean didseatach iol-chomasach a leigeas leinn seirbheisean a liubhairt ann an dòigh nas èifeachdaiche. Le com-pàirteachas an oilthigh againn a bhith sgapte mar a tha e, tha feum air dòighean ùr-ghnàthach, diongmhalta a bhith a’ dol an grèim ri seirbheisean coitcheann a bhios èifeachdach. Cha choltach gum bi aon phàtran ann a bhios freagarrach airson raointean de dh’amalachadh sheirbheisean agus cunbhalachadh phròiseasan is cho-rianan gnothachais. Tha feum gach cùis a sgrùdadh fa leth, agus sin a bhith bunaichte air planadh gnothachais daingeann agus am feum a bhith a’ dol air aghaidh gu faicilleach ach cuideachd a bhith a’ cosnadh barrachd èifeachdais gu luath.

R O - I N N L E AC H D C H O M A S AC H A I D H B U N - S T R U C TA R

19


2 0 O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Ro-innleachd chomasachaidh

Seasmhachd ionmhasail

Tha neart ionmhasail an oilthigh agus gach fear de na com-pàirtichean acadaimigeach againn uilechudromach ma tha sinn ris an lèirsinn choitcheann againn a thoirt am bith, ma tha sinn ri buaidh dhomhanta a chosnadh agus ma tha sinn ri bhith nar stèidheachd air leth aig an ìre eadar-nàiseanta. Gus am bi seasmhachd ionmhasail againn feumaidh sinn cuibhreann chothromach a chosnadh de mhaoineachadh poblach don ullachadh foghlam adhartach is àrd-ìre againn an dà chuid, a’ gabhail a-steach rannsachadh. Rud as cudromach, ge-tà, cuiridh e mar fhiachaibh oirnn a bhith a’ cur ris a’ bhunmhaoineachadh phoblach againn le bhith a’ glacadh barrachd thabhartasan agus barrachd teachd-a-steach o thiodhlacan agus malairt, leis an eileamaid mu dheireadh seo a bhith a’ gabhail a-steach oileanaich a mhaoinicheas iad fhèin no a mhaoinichear le am fastaiche. Feumaidh sinn cuideachd na gnìomhachdan againn a choilionadh ann an dòigh nas caomhantaiche, nas èifeachdaiche agus nas diongmhalta, agus aig an aon àm farsaingeachd de dh’obair a chumail a’ dol a bhios sgapte feadh diofar sgìrean, a’ gabhail a-steach teagasg, rannsachadh is ghnìomhan taice, tarsainn chom-pàirteachas an oilthigh againn.

Tha seasmhachd ionmhasail bunaichte air an dòigh a bhios sinn a’ dèiligeadh ri cunnartan agus mar a bhios seo air a rianachd is air a cur an grèim am farsaingeachd nan gnìomhachdan rannsachaidh, malairt is teagaisg againn air feadh ar com-pàirteachais iol-ghnèithich. Iarraidh seo modh-obrach, a thaobh rianachd ro-innleachdail chom-pàirteachas an oilthigh againn agus nan gnìomhachdan againn, a bhios coitcheann, co-obrachail gu ìre nas motha is nas motha, ach a bhios mothachail air an iol-ghnèitheachd taobh a-staigh den chom-pàirteachas agus am feum a bhith a’ toirt freagairt fhathast air feumalachdan ionadail agus ann an diofar phàirtean den sgìre. Le barrachd neo-eisimeileachd is seasmhachd ionmhasail thèid ar misneach mar stèidheachd agus spiorad an luchdobrach againn a thogail is bidh comas againn fradharc ro-innleachdail a ghabhail air an ùine nas fhaide. Nithear mar sin am feum as fheàrr de stòrasan air feadh chom-pàirteachas an oilthigh. Le seasmhachd ionmhasail bidh comas againn fàs, airgead a chur an seilbh ann an dòigh ro-innleachdail, dol air aghaidh chun an ath cheuma san adhartas againn agus a bhith tapaidh is freagairteach air na cothroman a nochdas.

Com h a r ra id h e a n Co il io naid h Bu naiteach (CC B) – S easmh ac h d ion m h asail

Seasmhachd ionmhasail

Targaid (2019/20)

CCB 10 A nabharr bliadhnail a’ chom-pàirteachais iomlain

3% den luach-mhalairt (saor o shuimean a ghluaisear taobh a-staigh den stèidheachd)

R O - I N N L E AC H D C H O M A S AC H A I D H S E A S M H AC H D I O N M H A S A I L

21


2 2 O I LT H I G H N A G À I D H E A LTAC H D AG U S N A N E I L E A N L È I R S I N N AG U S P L A N A R O - I N N L E AC H D A I L 2 0 1 5 - 2 0

Comharraidhean coilionaidh bunaiteach

Àireamhan de dh’oileanaich

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 1a À ireamh iomlan nan oileanach (foghlam àrd-ìre air fad)

Co-ionann ri 5636 làn-ùine

Co-ionann ri 7700 làn-ùine

CCB 1b Ìre iomlan de ghnìomhachd foghlam adhartach

110,370 de chreideasan

+7% (118,096 de chreideasan)

CCB 2 C uibhreann den fheadhainn a tha a’ tighinn a-steach do dh’fhoghlam àrd-ìre o thaobh a-staigh den sgìre againn

30%

35%

Riarachadh oileanaich

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 3a S uirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (foghlam àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte)

3% nas ìsle na cuibheasachd riarachaidh iomlain na h-Alba (84%/87%)

2% nas àirde na cuibheasachd riarachaidh iomlain na h-Alba

CCB 3b S uirbhidh Nàiseanta de dh’Oileanaich a thaobh Riarachadh agus Com-pàirteachadh ann an Colaistean (Alba)

2% nas àirde na cuibheasachd riarachaidh iomlain na h-Alba

Freagarrachd airson Cosnaidh

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 4a C eann-uidhe oileanaich làn-ùine a tha a’ fàgail foghlam àrd-ìre

Ceumnaichean le an ciad cheum 91.9% (puing-thomhais 91.1%)

A’ phuing-thomhais a ruigsinn no a chumail suas air a’ char as lugha

Fo-cheumnaichean eile 95.8% (puing-thomhais 95.4%) CCB 4b Ceann-uidhe na feadhna a tha a’ fàgail foghlam adhartach

A’ phuing-thomhais a ruigsinn no a chumail suas air a’ char as lugha

Coilionadh oileanaich

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 5a Coilionadh oileanaich foghlam àrd-ìre

2669 de theisteanasan

Meudachadh de 10% ann an teisteanasan a bhuilichear

CCB 5b C eudad nan oileanach foghlam adhartach làn-ùine a chuireas crìoch shoirbheachail air a’ chùrsa aca

66.1% (an coimeas ri cuibheasachd na h-Alba 66%)

A chumail suas ri cuibheasachd na roinne air a’ char as lugha

Teachd-a-steach rannsachaidh

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 6 T eachd-a-steach rannsachaidh is iomlaid eòlais neo-phillteach

£15.2 millean

£24 millean

Co-cheangal ri gnothachas /fastaichean

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 7 C om-pàirteachasan ro-innleachdail gnìomhach ri fastaichean

4

10

Cothrom a leudachadh

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 8a L uchd-inntridh foghlam àrd-ìre à sgìrean cuimsichte de dhùthchalachd is easbhaidh dhùthchail

14%

An aon cho-roinn a ruigsinn ris an t-sluagh aois obrach sna sgìrean seo (meudachadh de 5%)

CCB 8b L uchd-inntridh foghlam adhartach à sgìrean cuimsichte de dhùthchalachd is easbhaidh dhùthchail

21%

Meudachadh de 5%

CCB 9c Leantainn air aghaidh o fhoghlam adhartach chun foghlam àrd-ìre

34%

40%

Seasmhachd ionmhasail

Bun-loidhne (2013/14)

Targaid (2019/20)

CCB 10 Anabharr bliadhnail a’ chom-pàirteachais iomlain

Comharraidhean Coilionaidh Bunaiteach (CCB)

3% den luach-mhalairt (saor o shuimean a ghluaisear taobh a-staigh den stèidheachd)

23



Turn static files into dynamic content formats.

Create a flipbook
Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.