Philemon CAIBIDEIL 1 1Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, gu Philemon ar n‑iongantas, agus ar co‑obraiche, 2 Agus do ar n-Aphia gràdhach, agus do Archipus ar comh-shaighdear, agus do'n eaglais a ta ann do thigh-sa : 3 Gràs dhuibh, agus sith, o Dhia ar n-Athair, agus o'n Tighearn losa Criosd. 4 Tha mi toirt buidheachais do m' Dhia, a' deanamh luaidh ort a ghnàth a'm' oibribh, 5 Eisd ri do ghràdh agus do chreidimh, a tha agad a thaobh an Tighearna Iosa, agus a thaobh nan uile naomh ; 6 Chum gu'm bi comh- chomunn do chreidimh èifeachdach le aideachadh gach ni maith a ta annad ann an losa Criosd. 7 Oir tha againn mòr aoibh- neas agus comh- fhurtachd ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil inn- ean nan naomh air an socrachadh leatsa, a bhràthair. 8Uime sin, ged bhithinn ro dhàn ann an Crìosd an nì sin a tha iomchaidh àithneadh dhut, 9 Gidheadh air sgàth gràidh is feàrr leam guidhe ort, air dhomh bhi mar Phòl aosda, agus a nis mar an ceudna a'm' phrìosanach aig Iosa Criosd. 10 Guidheam ort air son mo mhic Onesimus, a ghin mi a'm' chuibhreachaibh : 11 A bha dhuit san aimsir roimhe so neo-tharbhach dhuit, ach a nis tarbhach dhuitse, agus dhomhsa: 12 Neach a chuir mi air ais : uime sin gabh thusa ris, is e sin m'innibh fèin. 13 Neach a b'àill leam a ghleidheadh maille rium, chum gu'm biodh e a'd' àite-sa air frithealadh dhomh ann an cuibhrichibh an t-soisgeil : 14 Ach as eugmhais t' inntinn cha deanadh mi ni sam bith ; chum nach biodh do shochair mar gu'm b' èigin, ach gu toileach. 15 Oir theagamh gu'n d'imich e rè tamuill, chum gu'n gabhadh tu ris gu bràth ; 16 Chan ann a‑nis mar sheirbhiseach, ach os cionn seirbhisich, bràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, ach nach mò na sin dhutsa, araon anns an fheòil, agus anns an Tighearna? 17 Uime sin ma mheasas tu mise a'm' chom- pàirtiche, gabh ris mar mi fèin. 18 Ma rinn e eucoir ort, no ma's còir dhuit, cuir sin air mo sgàth-sa ; 19Scrìobh mise Pòl lem làimh fhèin e, ìocaidh mi e: gidheadh chan eil mi ag ràdh riut mar a tha fiachan agad ormsa eadhon do chuid fhèin a bharrachd air sin. 20 Seadh, a bhràthair, deònaich dhomh gàirdeachas a dheanamh do d' thaobh san Tighearn : ath-nuadhaich mo chom anns an Tighearn. 21 Air dhomh earbsadh as bhur n-ùmhlachd-sa sgrìobh mi do 'ur n-ionnsuidh, air dhomh fios a bhi agam gu'n dean thusa mar an ceudna ni's mò na tha mi 'g ràdh. 22 Ach maille riusan ulluichibh dhomh-sa mar an ceudna àite-fuirich : oir tha dòchas agam tre bhur n-ùrnuighean-sa gu'n toirear mi dhuibh. 23 Cuir failte ort an sin Epaphras, mo chomh-phriosanach ann an losa Criosd ; 24 Marcus, Aristarchus, Demas, Lucas, mo chomh-oibrichean. 25 Gràs ar Tighearna Iosa Criosd gu robh maille ri 'r spiorad-sa. Amen.