6 minute read

A’ stiùireadh na h-Alba a-mach à èiginn Covid

Thar na bliadhna a dh’fhalbh tha sinn uile air mòran ionnsachadh mu Covid-19, a’ bhuaidh a th’ aige air ar slàinte agus ar comann-sòisealta. Mar a thòisicheas sinn ag ath-thogail agus ag ùrachadh ar comann-sòisealta agus ag ullachadh airson beatha às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte, tha e deatamach gun cùm sinn oirnn gar dìon fhèin agus a chèile bho sgaoileadh a’ bhìorais. Chan eil sinn air a h-uile càil a dhèanamh ceart san riaghaltas, ach tha sinn air ionnsachadh bho na mearachdan a rinn sinn, agus b’ ann airson uiread beatha ’s a ghabhas a shàbhaladh a rinn sinn gach co-dhùnadh.

Is e a’ chiad rud a nì Riaghaltas na h-Alba an eaconamaidh agus an comann-sòisealta againn ath-fhosgladh fhad ’s a chumas sinn a’ bhìoras fodha. Is e cothromachadh duilich a tha sin, ach tha plana soilleir aig PNA agus bheir sinn seachad an stiùireadh làidir a dh’fheumas Alba gus na codhùnaidhean duilich a dhèanamh.

Ma chumas sinn uile a’ leantainn an stiùiridh agus a’ coimhead às dèidh a chèile, is urrainn dhuinn gluasad tron ìre èiginneach seo den ghalar sgaoilte, agus air ais gu saoghal a tha a’ faireachdainn tòrr nas nàdarraich.

Tha ceithir prìomh phàirtean anns a’ phlana againn gus am bhìoras a chumail fodha:

• deuchainn agus dìon, • na ceumannan dìon a bhios sinn uile a’ cleachdadh gach latha gus ar cumail fhèin sàbhailte, • bacadh air a’ bhìoras agus air mùthaidhean ùra den bhìoras a’ tighinn a-steach, agus • am prògram banachdachaidh a tha air uiread dòchais a thoirt dhuinn.

Deuchainn agus Dìon

Tha an siostam Deuchainn agus Dìon againn aig cridhe na strì an aghaidh Covid, agus is ann air sgàth sin a rinn sinn cinnteach gu bheil e air a ruith leis an NHS ann an Alba, chan ann le companaidh phrìobhaideach. Tha deuchainnean Covid a-nis rim faighinn fad is farsaing. Tha còrr is 100 àite deuchainn againn air feadh na dùthcha – àiteachan coiseachd-troimhe, dràibheadhtroimhe, àiteachan far am faodar deuchainn a thoirt air falbh agus àiteachan gluasadach – a’ toirt deuchainn do dhuine sam bith air a bheil comharran a’ ghalair. Agus dhaibhsan a fhuair dearbhadh a’ ghalair, no a bha an cuideachd dhaoine a fhuair dearbhadh, tha sinn air pàigheadh fèin-iomallachaidh de £500 a thoirt a-steach do dhaoine air teachd-a-steach ìosal.

Ceumannan Dìon

Tha sinn uile air ionnsachadh riaghailtean FACTS a leantainn – gus còmhdach aghaidh a chaitheamh, àiteachan far a bheil sluagh mòr a sheachnadh, làmhan agus uachdaran a ghlanadh, astar dà mheatair a chumail bho chàch, agus fèin-iomallachadh a dhèanamh agus deuchainn fhaighinn ma tha comharran a’ ghalair oirnn. Ged a tha seo uile sàrachail, tha na ceumannan seo nan cuideachadh mòr airson sgaoileadh a’ bhìorais a bhacadh. Bidh na ceumannan seo – agus cuingeadan ciallach eile – nam pàirt de ar beatha airson greis fhathast. Agus mar a bhios barrachd den eaconamaidh agus den chomannshòisealta againn a’ fosgladh tha na ceumannan dìon bunaiteach ann am FACTS a’ fàs nas cudromaiche gus stad a chur air sgaoileadh.

Am bhìoras a’ tighinn a-steach don dùthaich

Is e aon de na prìomh dhùbhlain ann a bhith a’ cur às do Chovid dèanamh cinnteach, mar a gheibh sinn e sìos gu ìrean ìosal a-rithist, nach tèid a thoirt a-steach bho dhùthchannan eile. Tha seo eadhon nas cudromaiche a-nis ’s gu bheil mùthaidhean ùra a’ nochdadh. Gu dearbh, tha seo ag obair dà shlighe – tha e mar dhleastanas oirnne cuideachd stad a chur air a’ bhìoras a’ sgaoileadh gu dùthchannan eile. As t-samhradh seo chaidh, tro na h-oidhirpean a rinn sinn uile, cha mhòr nach do chuir sinn às do Chovid ann an Alba – ge tà chaidh a thoirt air ais thugainn tro shiubhal. Tha pàirtean den Roinn Eòrpa an-dràsta a’ fulang sgaoileadh a’ bhìorais a-rithist agus mar sin feumaidh sinn a bhith faiceallach. Cumaidh Riaghaltas PNA cuingeadan siubhail agus cuarantain làidir an sàs cho fad ’s a tha sin riatanach agus cumaidh sinn oirnn a’ brùthadh air Riaghaltas na RA gus dèiligeadh ris na beàrnan cuarantain a tha a’ leigeil le mùthaidhean ùra den bhìoras a thighinn a-steach don dùthaich. Ach, tha fios againn gu feum na ceumannan seo a thighinn gu crìch uaireigin. Chan ann a-mhàin airson a dhol air saor-làithean a bhios daoine siubhal – bidh mòran ann an Alba a’ siubhal a dh’fhaicinn teaghlach is caraidean. Tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha sin, agus leigidh sinn le siubhal eadar-nàiseanta ath-thòiseachadh agus bheir sinn taic dha cho luath ’s a tha e sàbhailte sin a dhèanamh.

Banachdach

Tha leasachadh bhanachdachan èifeachdach an aghaidh Covid 19 ann an dìreach bliadhna, air a bhith na shoirbheachadh mòr a tha air dòchas ùr a thoirt do mhòran againn. Tha prògram banachdaich na h-Alba air cuimseachadh air na daoine aig an robh an fheum as motha an toiseach. A rèir comhairle eòlaichean tha sinn air prìomhachas a thoirt don fheadhainn as sine, daoine a tha ag obair ann an suidheachaidhean cùraim no aig a bheil duilgheadasan slàinte, oir tha fios againn gu bheil sin a’ sàbhaladh an uiread as motha de bheatha. Tha sinn air an targaid gus a’ chiad ìre den phrògram banachdaich a chrìochnachadh, a’ tabhann a’ chiad dòs dha na daoine sin uile anns na buidhnean as so-leònte ro mheadhan a’ Ghiblein, mus gluais sinn air adhart gu daoine nas òige. Is e seo am prògram banachdaich as motha ann an eachdraidh na h-Alba agus tha sinn fada an comain an fheadhainn a rinn e comasach, bho luchd-saidheans agus luchd-saothrachaidh, gu luchd-obrach cùram slàinte, luchdtèarainteachd, na feachdan armaichte agus gach neach den t-shluagh a bha deònach a’ bhanachdach a ghabhail. Tha sinn mu thràth ag ullachadh gus prògram de dhòs a bharrachd den bhanachdach a lìbhrigeadh nas fhaide am-bliadhna, agus cumaidh sinn oirnn a’ leantainn comhairle luchd-saidheans agus dotairean air mar as urrainnear a’ bhanachdach a sgaoileadh san àm ri teachd. Obraichidh sinn cuideachd gus taic a thoirt do luchd-saothrachaidh banachdaich ann an Alba, a’ toirt taic do sholarachadh ionadail.

Ag ionnsachadh leasanan

Is e àm a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid an t-àm as duilghe ann am iomadh beatha. Mar a thòisicheas sinn a’ coimhead air thoiseach oirnn feumaidh sinn ionnsachadh sinn bho na dh’fhiosraich sinn agus meòrachadh air. Gus seo a dhèanamh, cuiridh sinn sgrùdadh poblach reachdail air dòigh, le daoine agus còraichean daonna aig a chridhe, mu mar a chaidh an galar lèir-sgaoilte Coròna-bhìoras a làimhseachadh ann an Alba. Nì sinn cinnteach gun cluinnear bho theaghlaichean a chaill luchd-gràidh mar phàirt den rannsachadh agus gu bheil pàirt shusbainteach aca sa phròiseas. Tòisichidh sinn air na ceumannan riatanach gus an sgrùdadh poblach a stèidheachadh cho luath ’s a ghabhas às dèidh an taghaidh. Mar phàirt de bhith ag ionnsachadh bho na thachair, stèidhichidh sinn Comataidh Seasmhach air Galaran Lèirsgaoilte, a’ toirt còmhla luchd-saidheans agus dotairean gus comhairle a thoirt dhuinn mu na cunnartan san àm ri teachd gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn cho ullaichte ’s a ghabhas.

OAr turas air ais

Anns na seachdainean a tha romhainn, ma chumas sinn oirnn a’ cur a’ bhìorais fodha, fàsaidh ar beatha beagan nas àbhaistich le barrachd den eaconamaidh agus den chomann-shòisealta againn a’ fosgladh a-rithist. Faodaidh sinn siubhal air feadh na h-Alba, gus am faigh daoine air tadhal air teaghlach is caraidean a-rithist – agus gus an urrainn dhuinn saor-làithean a ghabhail ann an Alba. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic don fheadhainn a tha air staing ionmhais fhulang tron ghalar lèir-sgaoilte. Bheir sinn pàigheadh de £130 don h-uile duine a tha airidh air lùghdachadh cìs comhairle agus dà phàigheadh eile de £100 do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal. Tha seo a’ ciallachadh, eadar an Dùbhlachd an-uiridh agus deireadh na bliadhna seo, gum faigh teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal eadar £400 agus £500 gus cuideachadh le cosgaisean bith-beò tron ghalar lèir-sgaoilte. Gheibh mòran ghnothaichean a dh’fheumadh dùnadh ri linn a’ ghalair lèir-sgaoilte tabhartasan eadar £7,000 agus £19,500 aig deireadh a’ Ghiblein, gus an cuideachadh ag ullachadh airson ath-fhosgladh. Gheibh companaidhean reic, cur-seachad agus aoigheachd faochadh 100% de Reataichean Gnothaich am-bliadhna gus an cuideachadh a’ faighinn air ais air an casan. Is e ar n-amas gum bi beatha san Ògmhios cho àbhaisteach ’s a ghabhas, ged a dh’fhaodas gum bi feum air còmhdach aghaidh agus ceumannan eile airson greis fhathast.

This article is from: