
8 minute read
Nàisean deamocratach
Tha bhòt airson Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba aig an taghadh seo na bhòt airson nam prionnsapalan deamocratach bunaiteach seo: Tha a’ chòir aig muinntir na h-Alba co-dhùnadh dhuinn fhìn mu cò ris a bhios an t-àm ri teachd coltach dhuinn.
...agus... Is e na daoine a tha a’ còmhnaidh ann an Alba as fheàrr a cho-dhùineas ciamar a bu chòir Alba a bhith air a riaghladh. Stèidhichte air na prionnsapalan sin tha sinn den bheachd gum bu chòir cothrom a bhith aig muinntir na h-Alba co-dhùnadh ann an reifreann, nuair a bhios èiginn Covid seachad, am bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach. Tha sinn a’ sireadh cead muinntir na h-Alba san taghadh seo airson reifreann air neo-eisimeileachd a chumail às dèidh èiginn Covid a bhith seachad. Bhiodh seo rè an ath theirm phàrlamaidich air latha sònraichte air a dhearbhadh leis a’ Phàrlamaid dheamocrataich againn fhìn. Ma tha èiginn Covid air a dhol seachad, is e rùn PNA gun tachair an reifreann anns a’ chiad leth den teirm còig bliadhna – nuair a tha an èiginn seachad ach ann an ùine gus na làn chumhachdan a thoirt don Phàrlamaid againn a dh’fheumas i gus ath-bheothachadh bho Chovid a stiùireadh agus nàisean nas fheàrr agus nas cothromaiche a thogail.
Thar na h-ath phàrlamaid tha sinn an dùil:
• A’ chòir a thoirt do dhaoine ann an Alba taghadh a dhèanamh ann an reifreann air neo-eisimeileachd air cò ris a bhios an t-àm ri teachd againn coltach. Tha sinn a’ moladh gum bu chòir an reifreann a chumail aon uair ’s gu bheil dearg èiginn Covid seachad ach ann an deagh àm gus na cumhachdan a thoirt don Phàrlamaid againn gus ath-bheothachadh bho Chovid san fhad-ùine. • Seanaidhean Shaoranach a ruith gach bliadhna gus sùil a thoirt air cuid de na cùisean as toinnte a tha romhainn mar dhùthaich. • Seanadh ‘Shaoranach’ a stèidheachadh do dhaoine fo aois 16 gus dèanamh cinnteach gun cluinnear guthan saoranaich an latha a-màireach. • Cùmhnantan uile nan Dùthchannan Aonaichte a ghabhail a-steach gu lagh na h-Alba chun na h-ìre as motha a ghabhas taobh a-staigh cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba.
Neo-eisimeileachd
Tha a bhith a’ cumail sluagh na h-Alba sàbhailte bho Chovid air a bhith na àrd phrìomhachas aig Riaghaltas PNA, agus bidh fhathast. Ach, nuair a bhios an galar lèir-sgaoilte seachad ann an Alba, is e ar misean nàiseanta mòr – ionann ris gach dùthaich eile – ciamar a nì sinn ath-bheothachadh agus ath-thogail. Tha PNA den bheachd gum bu chòir do dhaoine ann an Alba – ge bith cò às a tha iad – agus chan e Boris Johnson no riaghaltas sam bith ann an Westminster, codhùnadh dè an seòrsa dùthaich a bu chòir a bhith againn às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte. Bu chòir còir a bhith aig muinntir na h-Alba dùthaich a thogail stèidhichte air co-fhaireachdainn, co-ionannachd agus gaol. Tha sin a’ ciallachadh còir ar NHS a dhìon bho riaghaltasan Thòraidheach; A’ chòir faighinn air falbh bho Bhrexit; A’ chòir a bhith nar com-pàirtiche co-ionnan ann an dàimh ùr agus nas fheàrr le ar caraidean anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte; Agus, as cudromaiche buileach, a’ chòir smachd a chumail air a’ phoileasaidh eaconamach againn fhìn, tèarainteachd a thoirt do dhaoine agus feum a dhèanamh den chomas eaconamach anabarrach againn gus fìor dheagh obraichean seasmhach a chruthachadh. An-dràsta tha mòran den smachd sin aig Westminster. Tha an t-eòlas air gearraidhean cruaidh anns na bliadhnachan mu dheireadh a’ toirt rabhadh gum bi riaghaltasan Westminster a’ tilleadh chun na seann fheallsanachd aca às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte a dhol seachad.
An coimeas ri sin, tha dùthchannan neo-eisimeileach taobh siar na Roinn Eòrpa am measg an fheadhainn as beairtiche, as cothromaiche agus as toilichte san t-saoghal. Mas urrainn dhaibhsan a dhèanamh, carson nach b’ urrainn do dh’Alba? Às dèidh a h-uile càil a dh’fhuiling sinn, tha daoine ann an Alba airidh air a’ chothrom sin san àm ri teachd. Tha sinne airson a’ chòir a thoirt do dhaoine ann an Alba taghadh a dhèanamh ann an reifreann air neoeisimeileachd air cò ris a bhios an t-àm ri teachd againn coltach. Tha sinn a’ moladh gum bu chòir an reifreann a chumail aon uair ’s gu bheil èiginn Covid seachad ach ann an deagh àm gus na cumhachdan a thoirt don Phàrlamaid againn gus ath-bheothachadh bho Chovid san fhad-ùine. Gus an cothrom sin a thoirt seachad, tha Riaghaltas na h-Alba air dreachd bhile fhoillseachadh airson reifreann air neo-eisimeileachd. Tha e a’ moladh dè a’ cheist a bu chòir faighneachd, agus cò a bu chòir cead bhòtaidh fhaighinn, agus tha e a’ dèanamh soilleir gum bu chòir deit an reifrinn a bhith na chùis do Phàrlamaid na h-Alba. Ma thèid PNA a thilleadh chun riaghaltais agus gu bheil mòr-chuid shìmplidh ann am Pàrlamaid na h-Alba airson a’ bhile sin às dèidh an taghaidh chan urrainn do adhbhar moralta no deamocratach a bhith ann airson Boris Johnson no riaghaltas sam bith ann an Westminster casg a chur air còir muinntir na h-Alba co-dhùnadh a dhèanamh mun àm ri teachd aca fhèin. Tha PNA soilleir gum feum an reifreann a bhith comasach air neo-eisimeileachd a thoirt gu buil agus mar sin feumaidh daoine aig an taigh agus thall thairis a bhith deònach gabhail ris mar rud dligheach agus bunreachdail. Mar Riaghaltas na h-Alba, bruidhnidh sinn ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a’ ghluasad riatanach de chumhachd gus reifreann a chumail gun dùbhlan laghail agus ann an làmhan Pàrlamaid na h-Alba. Nan diùltadh riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sin a dhèanamh bhiodh e an dà chuid neo-dheamocratach agus neosheasmhach. Ma ghabhas Pàrlamaid dheamocratach na h-Alba ri bile a’ reifrinn agus ma dh’fheuchas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an uair sin ri stad a chur air le cùis lagha, seasaidh sinne toil na Pàrlamaid gu làidir airson còraichean deamocratach muinntir na h-Alba a dhìon. Mus tachair reifreann sam bith nì sinn cinnteach gum bi fiosrachadh aig muinntir na h-Alba airson roghainn fhiosraichte a dhèanamh mun àm ri teachd. Is e an fhìrinn gu bheil Westminster a’ toirt Alba air an rathad cheàrr. Le bhith a’ gabhail cho-dhùnaidhean mun àm ri teachd nar làmhan fhèin, is urrainn dhuinn Alba ùr a thogail airson a h-uile duine a tha a’ fuireach an seo stèidhichte air cothromachd, co-ionannachd, truacantas, tèarainteachd, toileachas agus gaol. Is ann air sgàth sin a tha sinn den bheachd gum bu chòir àm ri teachd na h-Alba a bhith ann an làmhan na h-Alba.
Seanadh Shaoranach
Às dèidh do dhaoine draghan a thogail mun uiread gamhlais a th’ anns an deasbad phoilitigeach againn, air a dhèanamh nas miosa leis na thachair a thaobh Brexit, stèidhich sinn Seanadh ‘Shaoranach’ gus cuideachadh le bhith a’ lorg aonta air cùisean far a bheil beachdan dhaoine calg dhìreach an aghaidh a chèile. Sheall a’ chiad sheanadh ri trì ceistean: - Dè an seòrsa dùthcha a tha sinn a’ feuchainn ri thogail? - Ciamar as fheàrr a gheibh sinn thairis air na dùbhlain a tha romhainn, a’ toirt a-steach an fheadhainn a tha agèirigh bho Bhrexit? - Agus dè eile a bu chòir a dhèanamh gus am fiosrachadh a thoirt do dhaoine a dh’fheumas iad airson roghainnean fiosraichte a dhèanamh mu àm ri teachd na dùthcha?
Tha a’ chiad Seanadh Shaoranach air sealltainn nach e a-mhàin gu bheil e comasach saoranaich a thoirt an lùib nan atharrachaidhean mòra a tha a’ toirt buaidh air ar beatha, ach cuideachd gu bheil e tarbhach sin a dhèanamh. Beachdaichidh sinn gu faiceallach air toraidhean a’ chiad Sheanadh Shaoranach agus bheir sinn freagairt dheimhinneach dhaibh. Tha sinn a’ cur fàilte air toraidhean adhartach eadar-amail bho Sheanadh na Clìomaid agus a’ coimhead air adhart ris an aithisg dheireannaich. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh deamocrasaidh com-pàirteachail agus a bhith a’ cruthachadh àite airson fìor chom-pàirteachadh poblach ann an co-dhùnaidhean. Ruithidh sinn Seanaidhean Shaoranach gach bliadhna gus sùil a thoirt air cuid de na cùisean as toinnte a tha romhainn mar dhùthaich. Bheir sinn measgachadh de dhaoine bho air feadh na dùthcha againn gus beachdachadh air cuspairean leithid ath-leasachadh na Cìs Comhairle agus àite riaghaltas ionadail, bàsachadh le taic agus dì-eucoireachadh dhrogaichean. Air thoiseach air reifreann air àm ri teachd na h-Alba dh’iarradh sinn cuideachd air Seanadh Shaoranach beachdachadh air cuid de na prìomh chùisean mun t-seòrsa dùthcha a tha sinn ag iarraidh a bhios ann an Alba – mar eisimpleir, tèarainteachd shòisealta, cìsean no poileasaidh in-imrich. Brosnaichidh sinn cuideachd seanaidhean shaoranach ionadail a bhios a’ beachdachadh air cùisean coimhearsnachd agus a’ moladh fhuasglaidhean ionadail.
Seanadh Shaoranach airson daoine fo aois 16 A’ togail air soirbheachas a’ chiad
Sheanadh Shaoranach, stèidhichidh sinn seanadh do chlann agus daoine òga fo 16 gus dèanamh cinnteach gum bi riochdachadh nas fheàrr aca.
Cùmhnantan nan Dùthchannan Aonaichte air an gabhail a-steach do lagh na h-Alba
Ann an 2016 gheall sinn tuilleadh dìon a dhèanamh air còraichean daonna, ag ionnsachadh bhon chleachdadh as fheàrr san t-saoghal gus faighinn a-mach dè an dìon a bu chòir dhuinn feuchainn ri dhaingneachadh ann an lagh na h-Alba. Chaidh gabhail ri reachdas mar-thà gus Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne a thoirt a-steach do lagh na dùthcha. Gus còraichean daonna a thoirt gu buil airson gach ball den chomann-shòisealta, bidh sinn a’ toirt a-steach ceithir cùmhnantan Còraichean Daonna eile aig na Dùthchannan Aonaichte do Lagh na h-Alba: - An Co-cheangal Eadar-nàiseanta air Còraichean
Eaconamach, Sòisealta agus Cultarach - An Cunnradh air Cur às do Gach Seòrsa Leth-bhreith an aghaidh Bhoireannach - An Cunnradh air Cur às do Gach Seòrsa
Leth-bhreith Cinnidh - An Cunnradh air Còraichean Dhaoine air a bheil Ciorram Bidh an reachdas barraichte seo air còraichean daonna a’ lùghdachadh neo-ionannachd, a’ toirt air adhart còraichean a h-uile duine agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil còraichean daonna freumhaichte anns gach pàirt de bheatha na h-Alba.
Na gheibh thu le neo-eisimeileachd
A’ chòir air co-dhùnadh na thachras ann an Alba san àm ri teachd. Deamocrasaidh nas fheàrr – a’ toirt cumhachd do mhuinntir na h-Alba an dùthaich a thoirt air an t-slighe a tha sinn uile ag iarraidh a dhol. Riaghaltas nas fheàrr – riaghaltasan dha bheil daoine ann an Alba a’ bhòtadh, chan e riaghaltasan Westminster a bhios sinn a’ diùltadh. NHS poblach an-asgaidh – gu deimhinnte. Smachd air eaconamaidh agus stòras na h-Alba. Siostam tèarainteachd shòisealta nas cothromaiche. Saorsa bho Bhrexit. Com-pàirteachas co-ionann le ar caraidean anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte agus san Roinn Eòrpa. Airgead na h-Alba air a chosg air prìomhachasan na h-Alba – chan ann air armachd niùclasach. Dìon do Phàrlamaid na h-Alba an aghaidh Westminster a bhith a’ goid chumhachdan.