
22 minute read
Beatha nas fheàrr
Anns na còig bliadhna a tha romhainn, bidh coimhearsnachdan aig cridhe mòran de na h-atharrachaidhean a tha riatanach gus ar rùintean net zero a thoirt gu buil, ar eaconamaidh a leasachadh, dèiligeadh ri bochdainn agus feabhas a thoirt air inbhean bith-beò.
Thar na h-ath phàrlamaid:
• Lìbhrigidh sinn 100,000 dachaigh aig prìs ruigsinneach ro 2032. • Tasgaidh sinn £1.6 billean thairis air an ath
Phàrlamaid gus teasachadh dhachaighean agus togalaichean eile a dhì-charbonachadh. • Bheir sinn Scotrail an seilbh a’ phobaill an athbhliadhna. • Leudaichidh sinn siubhal bus an-asgaidh don h-uile duine fo 22. • Caithidh sinn 10% de bhuidseat calpa còmhdhail air coiseachd, baidhsagal agus cuibhle. • Bheir sinn a-steach Bile Ath-leasachadh Fearainn ùr le ro-thaobhadh ceannach coimhearsnachd. • Nì sinn dùblachadh air Maoin Fearainn na h-Alba. • Cuiridh sinn taic ris na coimhearsnachdan againn gus a bhith nan sgìrean 20-mionaid. • Stèidhichidh sinn Bann Eilein – a’ tabhann bhannan suas ri £50,000 do dhaoine òga agus teaghlaichean gus fuireach air no gluasad gu eileanan a tha an-dràsta fo chunnart crìonadh sluaigh. • Nì sinn cinnteach gu bheil còir laghail air biadh mar phrìomh phàirt de ar miann a bhith nar
Nàisean Deagh Bhìdh.
Dachaighean sàbhailte, blàtha, aig prìs reusanta
Bu chòir dachaigh shàbhailte, bhlàth, aig prìs reusanta a bhith aig a h-uile duine. Tha sinn dealasach a thaobh ar stòr taigheadais sòisealta is taigheadas aig prìs ruigsinneach a leudachadh.
100,000 dachaigh aig prìs ruigsinneach
Bho thòisich sinn san obair, tha sinn air 96,750 dachaigh aig prìs ruigsinneach a lìbhrigeadh, agus bha faisg air 67,000 dhiubh sin air màl sòisealta. Lìbhrigidh sinn 100,000 dachaigh aig prìs ruigsinneach ro 2032. A’ faighinn taic bho thasgadh de £3.5 billean thairis air a’ phàrlamaid agus a’ toirt taic do 14,000 obair gach bliadhna. Coinnichidh sinn ris an targaid seo tro mheasgachadh de dhachaighean ùra agus a bhith a’ cleachdadh an stòr taigheadais a tha ann mu thràth.
Taighean uaine lùth-èifeachdach, ceangailte ris an eadar-lìon
Tha sinn airson gum bi a h-uile dachaigh èifeachdach a thaobh lùth agus gun charbon, le ruigsinneachd air àite a-muigh, ceanglaichean còmhdhail, ceangal didseatach agus seirbheisean coimhearsnachd. Ma thèid ar taghadh a-rithist, tasgaidh sinn £1.6 billean thairis air an ath Phàrlamaid gus teasachadh dachaighean agus togalaichean eile a dhì-charbonachadh. Bidh seo a’ lùghdachadh sgaoilidhean, a’ dèiligeadh ri bochdainn connaidh agus a’ cruthachadh obraichean ùra. Stèidhichidh sinn Buidheann Gnìomha Taigheadas Sòisealta Gun Sgaoilidhean airson comhairle a thoirt seachad mu riatanasan ann an taigheadas sòisealta gus coinneachadh ri targaidean net zero agus, san fhad-ùine, fiosrachadh a thoirt seachad mu na tha a dhìth anns na roinnean màl prìobhaideach agus sealbhadaireancòmhnaidh. Leasaichidh sinn inbhean ùra gus iarraidh gum bi togalaichean ùra a’ cleachdadh teasachadh athnuadhachail no gun sgaoilidhean bho 2024 agus cuidichidh sinn le bhith a’ leasachadh èifeachdas lùtha sna togalaichean tro iasadan, tabhartasan agus cothromas. Bidh a h-uile dachaigh ùr a thèid a lìbhrigeadh le uachdarain shòisealta clàraichte agus ùghdarrasan ionadail nan dachaighean gun sgaoilidhean ro 2026.
A’ dì-carbonachadh dhachaighean agus a’ leasachadh ìrean
Bidh dì-carbonachadh ar dachaighean deatamach anns an t-srì an aghaidh atharrachadh clìomaid. Ann an riaghaltas dh’fhoillsich sinn Ro-innleachd air Teasachadh ann an Togalaichean agus thèid sinn mòran nas luaithe nar n-obair gus na targaidean againn a choileanadh bho 2025. Bidh sinn a’ dì-carbonachadh teasachadh ann am millean dachaigh ro 2030. Bu chòir don roinn phoblach a bhith air thoiseach gus Alba a dhì-charbonachadh, agus mar sin tasgaidh sinn £95 millean ann am pròiseactan a tha a’ dì-carbonachadh oighreachd na roinne phoblaich. Nì sinn ath-sgrùdadh air inbhean lùtha a chaidh a stèidheachadh tro riaghailtean togail gus tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh ann an èifeachdas lùtha agus gus cuideachadh le cur às do dhroch èifeachdas lùtha mar adhbhar bochdainn connaidh. Feumar èifeachdas lùtha dhachaighean air feadh na dùthcha a leasachadh, agus ged a chaidh stad a chur air obair air Companaidh Lùtha ann an Seilbh Phoblach rè a’ ghalair lèir-sgaoilte, bidh sinn a-nis ag athchuimseachadh ar n-oidhirpean air buidheann lùtha phoblach nàiseanta ùr. Bidh seo a’ co-òrdanachadh agus a’ luathachadh lìbhrigeadh obair teasachaidh agus èifeachdas lùtha, a’ toirt fiosrachadh agus oideachadh don phoball mu na h-atharrachaidhean a tha a dhìth, a’ toirt seachad comhairle eòlach do riaghaltas nàiseanta is ionadail, agus ag obair le com-pàirtichean poblach, prìobhaideach agus treas roinne gus am pròiseact cruthatharrachail nàiseanta seo a lìbhrigeadh. Beachdaichidh sinn air seo a dhèanamh na chiad bhuidheann phoblach bhirtual ann an Alba.
Inbhean
Bheir sinn a-steach Inbhe Taigheadais ùr, air a dhaingneachadh san lagh ro 2025. Buinidh seo don h-uile dachaigh – dachaighean ùra agus dachaighean a th’ ann mar-thà – a’ toirt a-steach togalaichean àiteachais, dachaighean gluasadach agus àiteachan-fuirich ceangailte agus a’ toirt a-steach nithean mar ìrean càraidh is sàbhailteachd, ìrean as ìsle de rùm, ceangal didseatach, dèanamh dhachaighean freagarrach airson an ama ri teachd, agus èifeachdas lùtha agus inbhean teasachaidh. Nì seo cinnteach gum bi càileachd nan dachaighean a th’ ann an-dràsta a’ cumail suas ri dachaighean ùra. Meudaichidh sinn solar agus roghainn dhachaighean aig prìs ruigsinneach agus dachaighean atharraichte, agus bheir sinn a-steach Inbhe Dhachaighean Ruigsinneach Albannach a dh’fheumas a h-uile dachaigh ùr ruigsinn. Thèid an Inbhe ùr seo a chur san lagh taobh a-staigh teirm na pàrlamaid.
Còmhdach taobh a-muigh
Tha fios againn gu bheil àm duilich, mì-chinnteach air a bhith aig cuid de dhaoine a’ reic no a’ faighinn athmhorgaids air an dachaighean air sgàth a’ chòmhdaich taobh a-muigh a th’ orra, agus gu robh aca ri pàigheadh airson rud ris an canar Aithisg EWS1 airson an togalaich aca fhèin. Bheir sinn air adhart prògram obrach gus taic a thoirt do luchd-seilbh dachaigh – a’ toirt a-steach siostam de mheasadh singilte a leigeas leinn an obair càraidh a tha a dhìth a dhearbhadh. Bidh seo a’ faighinn taic bho £100 millean anns a’ chiad dol-a-mach..
Maoin ceannaich ciad dachaigh
Do mhòran dhaoine òga, fiù daoine air teachd-asteach reusanta, tha sàbhaladh airson eàrlas gus taigh a cheannach a’ toirt cho fada ’s gu bheil e duilich dhaibh creidsinn gu bheil e dol a thachairt idir. Gus cuideachadh dhaoine a’ ceannach a’ chiad dachaigh, thug sinn a-steach Maoin Ciad Dachaigh gus cuideachadh le bhith a’ brosnachadh an tasgaidh a dh’fheumar gus togalach a cheannach ann an Alba. Tha sinn air £240 millean a thasgadh anns a’ Mhaoin agus tha sinn an dùil taic a thoirt do chòrr air 11,000 teaghlach gus a’ chiad dachaigh aca a cheannach.
Roinn Thaighean air Mhàl
Feumaidh sinn roinn taigheadais air mhàl sa bheil raon de shàr dhachaighean aig prìs ruigsinneach dhaibhsan a roghnaich fuireach annta. Leasaichidh sinn Ro-innleachd Roinn Taigheadais air Mhàl ùr ann an 2021, gus dèiligeadh ri gach seòrsa dachaigh air mhàl, a’ gabhail a-steach gabhaltasan àiteachais, a’ toirt barrachd dìon bho àrdachadh mì-reusanta air màl agus a’ toirt roghainnean dha-rìribh do dhaoine nuair a bhios iad a’ gabhail taigh air mhàl, agus ag àrdachadh dìon do luchd-gabhaltais. Nì sinn ath-leasachadh air an reachdas a bhuineas ri Sgìrean Màl Mì-reusanta gus dèanamh cinnteach gum faod ùghdarrasan ionadail a chleachdadh gus dèiligeadh gu dìreach ri màl mì-reusanta àrd agus màl a chuingealachadh ann an sgìrean ionadail. Thèid na h-atharrachaidhean sin a chur ann am Bile Taigheadais ùr a thèid a thoirt a-steach tràth san ath Phàrlamaid.
A’ fuireach san sgìre, a’ togail choimhearsnachdan
Tha sinn a’ creidsinn ann a bhith a’ togail beairteas ar coimhearsnachdan ionadail. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ cumail stòras agus beairteas san eaconamaidh ionadail, le smachd ann an làmhan muinntir nan sgìrean, a’ cuideachadh choimhearsnachdan a bhith nas foghantaiche, nas seasmhaiche agus le eaconamaidh nas tèarainte.
Sgìrean 20-mionaid
Bheir sinn air adhart ar miann airson sgìrean 20-mionaid – cruthachadh àiteachan matha airson còmhnaidh annta a tha ruigsinneach, le eaconamaidhean ionadail soirbheachail, far am faod daoine na feumalachdan làitheil aca a choileanadh taobh a-staigh cuairt 20 mionaid – a’ toirt cothrom do dhaoine beatha nas fheàrr, nas fhallaine a bhith aca agus a’ toirt taic don amas net zero againn. Le bhith ag atharrachadh ar dòigh-obrach a thaobh còmhdhail, taigheadas agus seirbheisean poblach is urrainn dhuinn sgìrean 20-mionaid a thoirt gu buil mar a gheibh sinn seachad air a’ ghalair lèir-sgaoilte. Suidhichidh sinn amas nàiseanta gus na tha de thaigheadas taobh a-staigh meadhan bhailtean agus prìomh shràidean a mheudachadh, an dà chuid tro bhith a’ cleachdadh an stòrais a th’ ann agus taighean ùra. Nì sinn ceangal eadar coimhearsnachdan le bhith a’ dèanamh an eadar-lìn ruigsinneach do na h-uile agus a’ cruth-atharrachadh mar a bhios sinn a’ siubhal timcheall ar dùthcha.
A’ cumail beairteas ionadail
Togaidh sinn air an iomairt againn o chionn ghoirid, Scotland Loves Local, a bhrosnaich daoine gu bhith a’ smaoineachadh mu cheannach gu h-ionadail an toiseach, le pìleatan air sgeamaichean dìlseachd ceannach ionadail an cois sgeama dìlseachd nàiseanta Scotland Loves Local. Cuidichidh maoin ùr Scotland Loves Local, luach £10 millean, ath-bheothachadh prìomh shràidean air an do bhuail an galar lèir-sgaoilte gu cruaidh.
A’ cumail cumhachd ionadail
Gus cumhachd a ghluasad gu coimhearsnachdan, bheir sinn air adhart Achd Togail Beairteas Coimhearsnachd gus beairteas, smachd agus buannachdan a stiùireadh gu eaconamaidhean ionadail. Bidh an Achd ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail agus buidhnean poblach airgead a chaitheamh anns na coimhearsnachdan ionadail aca tro bharrachd solarachadh ionadail, barrachd feum de ghnìomhachasan beaga agus dèanamh cinnteach gu bheil airgead luchd-pàighidh chìsean air a thasgadh a-rithist cho fad ’s a ghabhas anns na coimhearsnachdan ionadail aca. Nì sinn ath-sgrùdadh air Achd Comasachadh Coimhearsnachd agus co-chomhairleachaidh sinn air dòighean anns an gabhadh a leudachadh gus barrachd cumhachd a chur ann an làmhan dhaoine agus choimhearsnachdan agus àrdaichidh sinn an ìre de mhaoineachadh ionadail a bhios na coimhearsnachdan fhèin a’ riarachadh tro bhuidseatadh sam bi iad a’ gabhail com-pàirt.
Maoin airson dèiligeadh ri aonaranachd
Mar a bhios an comann-sòisealta againn ag atharrachadh, tha barrachd aithne ann air iomallachd shòisealta agus aonaranachd mar phrìomh thrioblaidean slàinte phoblaich. Leasaichidh sinn plana ùr còig bliadhna le fòcas air a bhith ag ath-cheangal dhaoine de gach aois agus a’ dèiligeadh ri aonaranachd gu dìreach, le taic bho £10 millean thairis air còig bliadhna – le £5 millean anns a’ chiad dà bhliadhna gus na h-obraichean a tha buidhnean a’ dèanamh mu thràth a mheudachadh, gus feadhainn ùra a mhaoineachadh, agus an cuideachadh a’ lìbhrigeadh àiteachan sàbhailte air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh.
Riaghladh Ionadail
Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi deamocrasaidh beòthail, in-ghabhalach ann an Alba le barrachd cumhachd air a thiomnadh gu ìrean ionadail. Chunnaic sinn air feadh a’ ghalair lèir-sgaoilte COVID-19, mar a tha cuideachadh agus co-obrachadh eadar riaghaltas nàiseanta agus ionadail air a bhith riatanach gus daoine a chumail sàbhailte agus taic a thoirt dhaibh air feadh na h-Alba. Gus dèanamh cinnteach gu bheil barrachd smachd agus buaidh aig coimhearsnachdan eadar-mheasgte na h-Alba agus aig diofar àiteachan air co-dhùnaidhean a tha a’ toirt buaidh orra, chuir sinn air bhog an Lèirmheas air Riaghladh Ionadail. Bidh an Lèirmheas a’ coimhead air mar a thèid codhùnaidhean ionadail a dhèanamh agus mar a tha deamocrasaidh ag obair thairis air raointean riaghaltais nàiseanta is ionadail, agus ann an coimhearsnachdan. Cuiridh sinn crìoch air an ath-bhreithneachadh, agus an dèidh beachdachadh air a h-uile moladh, bheir sinn air adhart Bile Riaghladh/Deamocrasaidh Ionadail gus barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan ionadail agus dèanamh cinnteach gu bheil codhùnaidhean air an dèanamh cho faisg ’s a ghabhas air na daoine air a bheil iad a’ toirt buaidh.
A’ cur Luach air an Treas Roinn agus Iomairt Shòisealta
Tron ghalar lèir-sgaoilte chunnaic sinn oidhirpean iongantach na treas roinne ann a bhith a’ toirt taic dheatamach do dhaoine, choimhearsnachdan agus a’ chomann-shòisealta. Tha fios againn, ma tha an roinn shaor-thoileach againn dol a leantainn air adhart leis an obair dheatamach aice, gu feum i maoineachadh earbsach. Obraichidh sinn a dh’ionnsaigh maoineachadh ioma-bliadhna airson na roinne gus dèanamh cinnteach gum bi an t-àm ri teachd nas tèarainte agus nas seasmhaiche. Tha am Prògram Ath-bheothachadh Coimhearsnachd agus Treas Roinn againn a’ faighinn taic bho £50 millean agus thèid tabhartasan a thoirt a-mach ron t-samhradh seo. Bheir £13.5 millean eile taic don treas roinn faighinn seachad air agus gluasad air adhart bhon ghalar lèir-sgaoilte. Tha Iomairtean Sòisealta deatamach ann a bhith a’ togail eaconamaidh sunnd. Bheir sinn taic £5 millean do Phlana Gnìomha Iomairt Shòisealta ùr trì bliadhna.
Ath-leasachadh an Fhearainn
Leasaichidh sinn siostam sealbh, cleachdadh, còirichean agus dleastanasan fearann na h-Alba, gus an urrainn don fhearann againn cur ri comann-sòisealta cothromach aig an aon àm ri bhith a’ cothromachadh ùidhean poblach is prìobhaideach.
A’ toirt taic do sheilbh coimhearsnachd
Bheir sinn air adhart Bile Ath-leasachadh Fearainn ùr. Nì sin cinnteach gum bithear a’ gabhail beachd air leas a’ phobaill a thaobh sealbh fearainn air sgèile mhòr agus bheir e a-steach ro-thaobhadh ri ceannach coimhearsnachd far a bheil sealbh air fearann air gluasad. Bidh Maoin Fearainn na h-Alba a’ cuideachadh choimhearsnachdan gus sealbh a ghabhail air an fhearann agus na togalaichean a tha cudromach dhaibh. Nì sinn dùblachadh air a’ mhaoin, ga àrdachadh gu £20 millean gach bliadhna ro dheireadh na pàrlamaid.
Fearann bàn is trèigte
Nì Prògram Tasgaidh Fearann Bàn is Trèigte £50 millean cinnteach gum bi fearann air a chleachdadh airson na buannachd àrainneachd agus coimhearsnachd as motha le fòcas sònraichte air sgìrean bochda far as cumanta duilgheadasan talamh bàn is trèigte. Neartaichidh sinn cumhachdan ceannach èigneachail do ùghdarrasan ionadail agus bheir sinn a-steach òrdughan reic èigneachail ùra.
Glacadh Luach Fearainn
Bheir sinn cuideachd air adhart reachdas ùr gus Glacadh Luach Fearainn a thoirt a-steach airson dèanamh cinnteach gu bheil atharrachaidhean ann an cleachdadh fearainn a’ leantainn gu cuibhreann den àrdachadh sa phrìs ath-thasgadh anns a’ choimhearsnachd ionadail, a’ gabhail a-steach bun-structar sòisealta agus taigheadas aig prìs ruigsinneach.
Cruth-atharrachadh ann an còmhdhail
Mar phàirt de ar planaichean gus a bhith nar nàisean net zero ro 2045 lìbhrigidh sinn cruth-atharrachadh ann an còmhdhail air feadh gach ceàrnaidh de dh’Alba. Cuiridh sinn às don fheum air càraichean is bhanaichean peatrail is dìosail ro 2030, dà bhliadhna air thoiseach air a’ chiad targaid againn.
Siubhal gnìomhach
Bho thòisich an galar lèir-sgaoilte tha sinn air àrdachadh mòr fhaicinn ann an rothaireachd agus coiseachd. Aig àm glasaidh chaidh daoine a bhrosnachadh gus gnìomhachd chorporra a dhèanamh agus fhuair iad a-mach nach robh na rathaidean ionadail aca cho trang agus gun robh iad a’ faireachdainn nas sàbhailte. Dhearbh sin gum bi daoine ri rothaireachd nuair a tha iad a’ faireachdainn sàbhailte. Cumaidh sinn ris an atharrachadh sin le bhith a’ caitheamh – ro dheireadh na pàrlamaid – 10% de bhuidseat calpa còmhdhail air coiseachd, baidhsagal agus cuibhle. Bidh sinn a’ cruthachadh, a’ càradh agus a’ leasachadh lìonra siubhal gnìomhach air feadh na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile baile air sàr lìonra coiseachd is baidhsagal, a’ ceadachadh siubhal gu sàbhailte gach latha agus a’ lùghdachadh eisimeileachd air carbadan motair prìobhaideach. Gus na daoine as òige againn a bhrosnachadh, bheir sinn seachad baidhsagalan an-asgaidh do chlann aois sgoile nach urrainn an ceannach, a’ dèanamh cinnteach gum fàg a h-uile pàiste ann an Alba an sgoil comasach air rothaireachd gu sàbhailte. Gus am bi seilbh air baidhsagal na roghainn don h-uile duine, agus airson bochdainn còmhdhail a lùghdachadh, bheir sinn seachad iasadan agus tabhartasan airson baidhsagalan a cheannach agus airson an càradh.
A’ gluasad bho chàraichean gu busaichean
Lùghdaichidh sinn cleachdadh chàraichean – air a thomhas mar ‘chilemeatairean càir’ – 20% ro 2030, a’ toirt cleachdadh chàraichean air ais gu na h-ìrean aig an robh iad anns na 1990an. Gus siubhal bus a dhèanamh nas tarraingiche agus nas earbsaich, tasgaidh sinn còrr air £500 millean gus bunstructar bhusaichean a leasachadh agus dèiligeadh ri dùmhlachd. Leudaichidh sinn siubhal bus an-asgaidh don h-uile duine fo 22 bliadhna a dh’aois. Bidh sinn a’ toirt air falbh a’ mhòr-chuid de bhusaichean connadh fosail bho chòmhdhail phoblach ann an Alba ro 2023 agus a’ tasgadh £120 millean ann am Busaichean Gun Sgaoilidhean, a’ gluasad air adhart làn dhìcharbonachaidh airson busaichean na h-Alba agus a’ toirt taic do shèine solair na h-Alba. Stèidhichidh sinn Maoin Busaichean Coimhearsnachd gus cuideachadh le bhith a’ toirt taic do sholarachadh sheirbheisean ann an coimhearsnachdan ionadail agus gus leigeil le Ùghdarrasan Ionadail coimhead ri bhith a’ lìbhrigeadh diofar sheirbheisean bus san sgìre aca.
Rèile uaine, phoblach
Cruthaichidh sinn rèile nas uaine agus nas ruigsinnich. Cuiridh sinn Scotrail ann an làmhan phoblach bhon athbhliadhna agus nì sinn dì-carbonachadh air seirbheisean rèile na h-Alba ro 2035. Obraichidh sinn le com-pàirteachasan còmhdhail roinneil gus loidhnichean meur rèile ùra ath-shuidheachadh no a leasachadh air feadh sgìrean dùthchail na h-Alba agus loidhnichean siubhail gu sgìrean bailteil, a’ lìbhrigeadh bhuannachdan mòra do choimhearsnachdan agus don eaconamaidh roinneil a thaobh turasachd sheasmhach agus a’ coileanadh ar n-amais a thaobh siubhal uaine. Às dèidh fosgladh na loidhne Ceann Tòrr gu Obar Dheathain an-uiridh, fosglaidh sinn stèisean ùr ri taobh port-adhair Inbhir Nis ann an 2022. Fosglaidh sinn ceangal rèile Beul Lìobhann ann am Fìobha. Leasaichidh sinn ceanglaichean ri Carlisle agus nì sinn an obair comasachd a tha riatanach gus leigeil le Rèile nan Crìochan a leudachadh airson buannachd choimhearsnachdan ionadail agus an eaconamaidh san fharsaingeachd. Tha sinn taiceil do cho-dhùnadh Dhùn Èideann air leudachadh tramaichean a’ bhaile agus leasachadh Ghlaschu air a’ Mhetro. Leanaidh sinn oirnn a’ brùthadh air Riaghaltas na RA a bhith a’ gealltainn ceanglaichean rèile nas luaithe bho Alba gu Sasainn, le loidhne luath Oirthir an Ear gus amannan siubhail a ghearradh gu ceann a tuath Shasainn agus Lunnainn, agus leudachadh air Rathad-iarainn nan Crìochan gu Carlisle.
Aiseagan
Bidh sinn a’ tasgadh ann an aiseagan nas seasmhaiche, a’ lùghdachadh lorg carboin ar cabhlach aiseig. Tha sinn dealasach gur e soithichean sgaoilidhean ìosal a bhios ann an 30% de na h-aiseagan fo sheilbh na stàite ro 2032. Bidh aiseagan a’ toirt seachad seirbheis dheatamach do na h-eileanan a tha iad a’ frithealadh, agus tha sinn dealasach a bhith a’ maoineachadh nan seirbheisean sin agus a’ cumail suas Cìs Co-ionann Rathaid air gach slighe aiseig eileanach a th’ ann an-dràsta.
Rathaidean nas sàbhailte
B’ e sinne a’ chiad Riaghaltas a gheall a bhith a’ dùblachadh an A9 agus an A96 agus tha sinn fhathast dealasach a thaobh crìoch a chur air an dà phrògram sin, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an lìonra rathaidean eadar bailtean-mòra na h-Alba aig ìre dhùbailte. Bu chòir seo fhaicinn an lùib ar geallaidh air cilemeatairean càir a lùghdachadh 20% ro 2030. Lìbhrigidh sinn na fuasglaidhean geàrr-ùine, meadhanùine agus fad-ùine a dh’fheumar aig The Rest and Be Thankful, a’ gluasad cho luath ’s a ghabhas gus an rathad ùr as fheàrr a lìbhrigeadh. Tha an A82 na phrìomh rathad a’ ceangal na Gàidhealtachd an Iar. Tha sinn air adhartas a dhèanamh ann a bhith ag ùrachadh an rathaid agus nì sinn tuilleadh adhartais san ath Phàrlamaid stèidhichte air na measaidhean innleadaireachd as ùire. Tha raon farsaing de phròiseactan togail rathaidean againn mar phàirt de phoileasaidh còmhdhail cothromach agus nì sinn adhartas orra a rèir cuingeadan atharrachadh clìomaid agus cuingeadan ionmhais. Nì sinn sgrùdadh air a’ chomas ceanglaichean nas seasmhaiche a thogail do choimhearsnachdan eileanach agus iomallach, leithid comas air drochaid a thogail bho Ghuireag gu Dùn Omhain, agus obraichidh sinn le coimhearsnachdan eileanach gus nach fheum iad a bhith an eisimeil aiseagan uiread ’s a tha iad an-dràsta.
Còmhdhail adhair
Thar an t-saoghail, tha an galar lèir-sgaoilte air buille anabarrach trom a thoirt air a’ ghnìomhachas itealain agus bheir iad ùine mhòr a’ faighinn seachad air. Obraichidh sinn leis an roinn itealain ann an Alba gus a chuideachadh ag ath-bheothachadh agus ag ath-thogail cheanglaichean airson gnìomhachas agus turasachd nuair as urrainn dhuinn cuingeadan siubhail a thogail gu sàbhailte. Leanaidh sinn oirnn le ar n-obair gus plèanaichean sgaoilidhean ìosal no gun sgaoilidhean idir a chur fo dheuchainn eadar eileanan na h-Alba.
Ceangalachd dhidseatach ann an Alba
Tha sinn beò ann an aois dhidseatach agus tha an comas faighinn air-loidhne a’ toirt taic dhuinn gus mòran rudan a dhèanamh bho bhith a’ faighinn fiosrachadh, a’ faighinn cothrom air seirbheisean, agus gu dearbh a bhith comasach air ceangal ri chèile air-loidhne gus dèiligeadh ri iomallachd agus aonaranachd.
A’ dùnadh na beàirn dhidseataich
Chaidh am prògram Ceangalachd a stèidheachadh ann an Alba an toiseach gus taic a thoirt do 9,000 neach a bha ann an cunnart clionaigeach bho Chovid-19 a bhith a’ faighinn air-loidhne le bhith a’ toirt dhaibh inneal, dàta, trèanadh agus taic. Bidh Ceangalachd ann an Alba a-nis a’ toirt taic do 60,000 neach faighinn air-loidhne ro dheireadh na bliadhna seo le taic bho chòrr is £48 millean.
Thar na h-ath Phàrlamaid, thèid sinn nas fhaide na sin, agus le £200m de thasgadh bheir sinn taic do suas ri 300,000 dachaigh na h-innealan, dàta agus sgilean fhaighinn airson Ceangalachd. Tha ar tasgadh de £579 millean ann an leudachadh bannleathann fìor-luath a’ ciallachadh gum bi cothrom air aig a h-uile dachaigh agus gnìomhachas ann an Ceann a Deas agus Meadhan na h-Alba ro 2023, le obair ann an ceann a tuath na h-Alba crìochnaichte anns na còig bliadhna a tha romhainn. Tro Sgeama Bileag Bann-leathann na h-Alba lìbhrigidh sinn maoineachadh de suas ri £5,000 airson dachaighean agus gnìomhachasan a chuideachadh gus bann-leathann fìor-luath fhaighinn ann an sgìrean far nach àbhaist do sholaraichean a dhol, a’ dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom buannachadh bhon chomas dhidseatach seo a tha air thùs san t-saoghal. Ro dheireadh 2022, bidh 16 càballan faidhbear fon mhuir air an cur gu eileanan na h-Alba. Cleachdaidh sinn seo gus cuideachadh le ‘eileanan gigabit’ a chruthachadh le làn sheirbheisean 5G agus ceangalachd bho sholaraichean fòn làimhe, a’ dèanamh pìleat ann an 8 eileanan ann an 4 sgìrean ùghdarras ionadail. Tha sinn an dùil gum faigh Alba ar cuid chothromach de thasgadh £5 billean Riaghaltas na RA ann an comas gigabit. Bidh sinn a’ brùthadh airson £300 millean de seo fhaighinn gus leigeil le Alba a bhith aig ìre gigabit 85% a ruighinn ro 2025. Ùraichidh sinn riaghailtean agus riaghlaidhean dealbhaidh is togail gus am bi ceanglaichean didseatach gam meas mar ghoireas riatanach, leithid lùth is uisge, agus gus am bi e àbhaisteach anns a h-uile sgeama taigheadais ùr san àm ri teachd. Leudaichidh sinn am faochadh reataichean 10 bliadhna a th’ ann an-dràsta air tasgadh bannleathann faidhbear ùr airson 5 bliadhna eile.
Coimhearsnachdan Dùthchail agus Eileanach
Chan eil a h-uile coimhearsnachd co-ionnan. Is dòcha nach bi na tha freagarrach do bhailtean mòra na h-Alba freagarrach airson ar coimhearsnachdan dùthchail no eileanach agus a chaochladh. Thairis air na còig bliadhna a tha romhainn, cuiridh sinn co-dhiù £30 millean ann am prògram sònraichte gus tasgadh a dhèanamh ann am bun-structar eileanach agus gus taic a thoirt do ath-bheothachadh uaine. Gus cuideachadh le stad a chur air crìonadh sluaigh, stèidhichidh sinn Bann Eilein – a’ tabhann 100 bannan luach suas ri £50,000 am fear do dhaoine òga agus teaghlaichean gus fuireach no gluasad gu eileanan a tha an-dràsta fo chunnart crìonadh sluaigh. Cuidichidh na bannan daoine gus dachaighean a cheannach, gnìomhachasan a thòiseachadh agus ann an dòighean eile am beatha a dhèanamh anns na coimhearsnachdan sin. Gus stad a chur air crìonadh sluaigh agus taic a thoirt do ar coimhearsnachdan, bheir sinn cumhachdan do ùghdarrasan ionadail na h-àireamhan de dhàrna dachaighean san sgìre aca a riaghladh agus obraichidh sinn le Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gus am faigh sinn am fearann ceart airson barrachd thaighean a lìbhrigeadh anns na sgìrean dùthchail againn. Lìbhrigidh sinn Plana Ceangalachd nan Eilean gus a dhol an àite a’ Phlana Aithisgean a th’ ann an-dràsta a’ coimhead air itealain, aiseagan agus ceanglaichean seasmhach, agus ri bhith a’ ceangal ri còmhdhail eile agus a’ siubhal air adhart.
Anns a’ Phàrlamaid seo, a bharrachd air na 11 a chaidh a thogail mar-thà, bidh sinn a’ tasgadh £25 millean gus codhiù 39 crann a togail airson siognail fòn-làimhe a thoirt seachad ann an coimhearsnachdan iomallach dùthchail agus eileanach. Gus barrachd cothroman cosnaidh a thoirt seachad, lìbhrigidh sinn gnìomhachd sa Ghealladh Dhaoine Òga stèidhichte air eileanan, is gnìomhachd sgilean uaine agus nàdarra gus barrachd obraichean nàdair is fearainn a chruthachadh air eileanan agus taic a thoirt do bharrachd ghnothaichean beaga is gnothaichean stèidhichte air eileanan gus trèanadh a lìbhrigeadh.
Còir air Biadh
Tha a’ chòir air biadh na phrìomh chòir. Stèidhichidh sinn a’ chòir sin san lagh mar chlach-oisinn Nàisean Deagh Bhìdh. Bidh seo mar phàirt den dealas againn airson cùmhnantan Còraichean Daonna nan Dùthchannan Aonaichte a thoirt a-steach do Lagh na h-Alba. Tha cuid den bhiadh as fheàrr san t-saoghal a’ tighinn à Alba ach cha bhi sinn an-còmhnaidh ag ithe biadh math sinn fhìn agus tha reamhrachd na dhuilgheadas mòr. Chunnaic sinn rè a’ ghalair lèir-sgaoilte na dùbhlain a dh’fhaodas èirigh à ceanglaichean làidir eadar na tha sinn ag ithe agus droch thinneas is bàs bho chovid. Tòisichidh atharrachadh le ar cloinn agus mar sin, an cois ar dealais airson biadh sgoile fallain agus beathachail a thoirt seachad ann am bun-sgoiltean bidh sinn: • a’ toirt seachad barrachd comhairle air leanabh a chur far a’ bhainne agus cuideachadh le còcaireachd do barrachd theaghlaichean tro Chlub nam Pàrant. • a’ dèanamh cinnteach gu bheil clubaichean bracaist, taobh a-muigh na sgoile agus saor-làithean a’ toirt seachad biadh fallain ionadail leithid dearcan Albannach san t-seusan, agus • ag obair le ùghdarrasan ionadail gus sgeama bainne sgoile an-asgaidh làn-mhaoinichte a leasachadh a bhios a’ solarachadh feumalachdan daithead cloinne.
Ith biadh fallain; Ith biadh ionadail
Tha sinn airson biadh ionadail seasmhach a bhrosnachadh. Air an adhbhar sin, bidh sinn: • A’ cruthachadh ro-innleachd bìdh ionadail a bheir taic do chinneasachadh ionadail agus solar cearcallach, a’ lùghdachadh mìltean bìdh agus a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine tlachd fhaighinn à biadh a tha air fhàs san sgìre aca fhèin • A’ brosnachadh a h-uile ùghdarras ionadail pàirt a ghabhail sa phrògram Biadh airson Beatha gus am bi barrachd den bhiadh a bheir iad do chlann is seann daoine fallain agus air fhàs ’s air a sholarachadh gu h-ionadail. • A’ meudachadh cleachdadh biadh fallain Albannach agus a’ rannsachadh mar a chuirear dòigh-obrach
Biadh airson Beatha an sàs anns an t-Seirbheis Cùraim
Nàiseanta ùr, san NHS, ann am prìosanan agus anns na roinnean foghlaim adhartach agus àrd-ìre • Ag obair còmhla ri luchd-reic bìdh gus barrachd biadh
Albannach agus biadh ùr, fallain a thabhann agus a’ toirt taic do fhàs mhargaidhean bìdh ionadail agus àiteachan reic is pop-up ath-leasaichte ionadail, a’ tòiseachadh ann am bailtean mòra fo ana-cothrom, gus biadh ùr aig prìs ruigsinneach a thoirt nas fhaisge air far a bheil daoine a’ fuireach agus ag obair • Ag obair còmhla ris a’ ghnìomhachas bìdh taobh a-muigh na dachaigh gus biadh a dhèanamh nas fhallaine; a’ cleachdadh dòigh-obrach ùr a thaobh clàran-bìdh cloinne agus a’ gluasad gu leubailean bìdh nas fheàrr agus fiosrachadh nas fheàrr air clàran-bìdh • Ag obair còmhla ri buidhnean poblach gus am bi barrachd fearainn ri fhaighinn airson gàrraidhean margaidh coimhearsnachd, ubhal-ghortan agus lotaichean.
ar manifesto agus thusa
UA ’cleachdadh na fèin-thaghadh gu h-ìosal, gheibh thu a-mach ar prìomh phoileasaidhean a rèir d ’ùidh.
teaghlaichean gnìomhachas àrainneachd
