
42 minute read
Eaconamaidh a tha ag obair
Feumaidh Alba faighinn seachad air dà bhuille, Covid agus Brexit. Tha na buillean sin air buaidh mhòr a thoirt air an eaconamaidh, obraichean agus ar bith-beò, agus bidh droch bhuaidh aca airson ùine fhathast. Tha an dùbhlan – agus na cothroman – a tha an cois atharrachadh clìomaid agus an eaconamaidh dhidseatach chaochlaideach fhathast uiread ’s a bha a-riamh agus, tro seo uile, tha feum a bhith farpaiseach air feadh na cruinne air leth cudromach. Is e sin an t-adhbhar gu bheil sinn dealasach a thaobh fòcas geur air ath-bheothachadh eaconamach, a’ tasgadh ann an tionnsgalachd, bun-structar agus teicneòlas agus a’ cruthachadh obraichean matha, ùra agus uaine. Ach, cha dèan e a’ chùis tilleadh gu na seann dòighean. Feumaidh seasmhachd, sunnd agus obair chothromach a bhith san ath-bheothachadh bhon chiad dol a-mach.
Thar na h-ath phàrlamaid:
• Cumaidh sinn reataichean is bannan cìs cosnaidh mar a tha iad. • Maoinichidh sinn Gealladh Dhaoine Òga airson àite oilthigh no colaiste, preantasachd, àite trèanaidh no obair a thoirt do gach neach òg a tha ga iarraidh. • Tasgaidh sinn £500 millean a bharrachd gus taic a thoirt do chosnaidhean ùra agus sgilean ùra a thoirt do dhaoine airson obraichean san àm ri teachd. • Tasgaidh sinn £100 millean ann am maoin Obraichean Uaine gus taic a thoirt do bharrachd chothroman ùra airson obraichean uaine a chruthachadh. • Cuiridh sinn £1 billean ann am Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba. • Nì sinn tasgadh de chòrr is £33 billean thairis air na còig bliadhna a tha romhainn nar Misean Bun-structair
Nàiseanta, a’ toirt taic do 45,000 cosnadh, agus a’ lìbhrigeadh bhuannachdan air feadh sèine solair na h-Alba. • Stèidhichidh sinn stòr ùr de mhaoineachadh ealain le bhith a’ cleachdadh ‘ceudad airson na h-ealain’ ann am pròiseactan calpa poblach. • Nì sinn sgrùdadh air a’ ghluasad gu seachdain obrach ceithir-latha le maoin de £10 millean gus leigeil le companaidhean na buannachdan a phìleatadh agus a thomhas. • Lìbhrigidh sinn Ro-innleachd Nàiseanta 10 bliadhna ùr airson Atharrachadh Eaconamach agus cuiridh sinn air bhog farpais Dùbhlan Nàiseanta, a’ toirt seachad maoineachadh de £50 millean don phròiseact leis a’ chomas as motha gus cruth-atharrachadh a dhèanamh air Alba. • Cruthaichidh sinn Ionad Gnìomhachas Bhoireannach, le tasgadh de £50 millean, gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh, a’ fàs agus a’ leasachadh an ath ghinealaich de ghnìomhachasan fo stiùir bhoireannach. • Tasgaidh sinn còrr is £30 millean airson Alba a stèidheachadh mar aon de na prìomh ionadan airson iomairt teicneòlais a thòiseachadh. • Cruthaichidh sinn Maoin Entrepreneur Dùthchail ùr, luach £20 millean – a’ toirt seachad tabhartasan suas ri £10,000 gus taic a thoirt do ath-shuidheachadh no cruthachadh 2,000 gnìomhachas ùr. • Meudaichidh sinn tasgadh ann am pròiseactan Rannsachaidh is Leasachaidh fo stiùir na roinne phrìobhaidich le £100 millean thairis air an ath phàrlamaid. • Bheir sinn taic do mholaidhean na Buidhne Gnìomha air Ath-bheothachadh Turasachd agus cruthaichidh sinn maoin de £25 millean gus cuideachadh le ath-bheothachadh turasachd làidir a stiùireadh. • Cruthaichidh sinn Buidheann Bìdh na h-Alba, gus biadh, deoch agus gàirnealaireachd a chur air adhart. • Nì sinn cruth-atharrachadh air taic airson tuathanachas agus cinneasachadh bìdh gus am bi dàrna leth de mhaoineachadh do thuathanaich is chroitearan fo “chumhaichean uaine” ro 2025. • Meudaichidh sinn na targaidean againn 50% airson coilltean ùra a chruthachadh, bho 12,000 heactair suas gu 18,000 heactair gach bliadhna ro 2025.
cur Ionmhas na h-Alba air stèidh làidir
Anns na co-dhùnaidhean a nì sinn mu chìsean, bidh cuimhne againn an-còmhnaidh gu bheil cìsean air am pàigheadh le daoine a tha ag obair gu cruaidh air feadh na dùthcha. Tha sinn dealasach a thaobh cìsean adhartach a bhios ag iarraidh air an fheadhainn as beairtiche an cuid fhèin a phàigheadh fhad ’s a tha iad a’ cuideachadh an fheadhainn nach eil cho beairteach. Tha sinn ag amas air cothromachd a lìbhrigeadh don h-uile neach-pàighidh chìsean agus taic don eaconamaidh, agus aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach gu bheil cìsean adhartach a’ toirt taic do sheirbheisean poblach làidir, a tha rim faighinn do na h-uile.
Ath-bhreithneachadh Frèam-obrach Fiosgail
Chaidh am Frèam-obrach Fiosgail aontachadh le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA ann an 2016 gus ionmhas na h-Alba a riaghladh. Eadhon ron ghalar sgaoilte, bha draghan ann gu robh dìth chumhachdan iasaid brìoghmhor a’ cuingealachadh comas na h-Alba gus tasgadh a dhèanamh anns an dòigh as urrainn do riaghaltasan eile air feadh an t-saoghail. Tha an galar lèir-sgaoilte air dearbhadh nach eil na cumhachdan iasaid a th’ againn an-dràsta idir iomchaidh gus taic a thoirt don eaconamaidh againn. Ma thèid Riaghaltas PNA a thaghadh a-rithist cleachdaidh sinn ath-sgrùdadh frèam-obrach fiosgail gus putadh airson àrdachadh èiginneach air cumhachdan ionmhais tiomnaichte Thaigh an Ròid, a’ gabhail a-steach; • Cur às do na cuibhreannan air iasad calpa a tha a’ cuingealachadh ar comais a bhith a’ tasgadh ann an sgoiltean, ospadalan agus an eaconamaidh. Bu chòir sgeama iasaid a chur an àite nan cuibhreannan teanna seo – an aon chumhachd a tha aig comhairlean na h-Alba mu thràth. • Cur às don chuingealachadh air iasad gus cosgaisean làitheil a mhaoineachadh, àrdachadh a dhèanamh anns a’ chrìch iasaid airson mearachdan ro-mheasaidh gu £600 millean agus àrdachadh ann an tarraing air
Tasgadh na h-Alba gu £700 millean gach bliadhna. • Neartachadh cumhachdan cìse na h-Alba le tiomnadh
VAT, agus làn chumhachdan a thaobh cìs cosnaidh agus tabhartasan Àrachais Nàiseanta.
Cìs Cosnaidh
Tha an siostam cìs cosnaidh as adhartaiche san RA ann an Alba, le còrr air dàrna leth a’ pàigheadh nas lugha na bhiodh iad nam biodh iad a’ fuireach ann an Sasainn, a’ Chuimrigh no Èirinn a Tuath. Le bhith ag iarraidh air an fheadhainn leis an teachd a-steach as motha beagan a bharrachd a phàigheadh, tha e comasach dhuinn barrachd a thasgadh ann an seirbheisean poblach agus raon de shochairean a lìbhrigeadh, leithid òrdughan-cungaidh an-asgaidh, oideachadh oilthigh an-asgaidh agus siubhal bus lasaichte nach eil rim faighinn ann an àiteachan eile san RA. Às dèidh dhuinn a bhith dìreach air an siostam ùr seo a thoirt a-steach ann an 2018, agus le feum a-nis fòcas air ath-bheothachadh, tha sinn ag amas air seasmhachd thairis air an ath Phàrlamaid. Ged a tha e cudromach gum bi sùbailteachd aig riaghaltas sam bith gus dèiligeadh ri atharrachadh ann an suidheachaidhean, is e ar n-amas ìrean Cìs Cosnaidh a chumail mar a tha iad an-dràsta fad na pàrlamaid agus stairsnich àrdachadh a rèir ìre na h-atmhorachd aig a’ char as àirde.
Cìs Thar-chur Fearainn is Thogalaichean (LBTT)
Cumaidh sinn na h-ìrean agus na bannan a th’ ann andràsta airson LBTT àiteachan còmhnaidh airson làn theirm na pàrlamaid, a’ toirt a-steach faochadh a’ Cheannaiche Ciad Uair, rud a nì cinnteach nach pàigh faisg air 80% de dhaoine ann an Alba cìs sam bith air ceannach a’ chiad dachaigh aca. Nì sinn làn ath-sgrùdadh air an Leasachadh-cìse Àite-còmhnaidh a bharrachd agus bheir sinn sùil shònraichte air buaidh na cìse air dachaighean anns na coimhearsnachdan iomallach agus dùthchail againn.
Cìs Comhairle
Tha sinn dealasach a thaobh a’ Chìs Comhairle athleasachadh gus a dhèanamh nas cothromaiche. Bha còmhraidhean tar-phàrtaidh a’ dol air adhart air dè dheigheadh an àite na cìs chomhairle, ach b’ fheudar an cur dheth air sgàth a’ ghalair lèir-sgaoilte. Iarraidh sinn air Seanadh Shaoranach beachdachadh air an t-slighe air adhart an cois ceist chumhachdan nas fharsainge airson riaghaltas ionadail. Tha sinn air riaghaltas ionadail a mhaoineachadh gus a’ Chìs Chomhairle a chumail aig an ìre a tha e an-dràsta airson 2021/22.
Reataichean Gnothaich
Tha an dà chuid na reataichean gnothaich as ìsle san RA ann an Alba agus na sgeamaichean cobhair as fialaidh. Cumaidh sinn Bònas nan Gnothaichean Beaga fad beatha na pàrlamaid – a’ dèanamh cinnteach nach pàigh 100,000 togalach gnothaich reataichean sam bith. Lùghdaichidh sinn beag air bheag an Leasachadh-cìse Gnothach Mòr thar cùrsa na Pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gum pàigh na gnothaichean as motha an aon ìre san not ann an Alba agus ’s a tha ga phàigheadh an Sasainn. Nì sinn sgrùdadh air a’ chomas air ìre gach not nas àirde a thogail air togalaichean far a bheil an sealbhadair clàraichte ann an teàrmann cìse. Cumaidh sinn an Luathadair Fàs Gnìomhachais a bheir air falbh uallaichean reataichean airson a’ chiad 12 mìosan às dèidh gnothach dol a-steach gu togalach a chaidh a thogail as ùr, agus an sgeama tòiseachadh as ùr a bheir air falbh uallaichean airson a’ chiad 12 mìosan às dèidh sealbh fhaighinn air togalach a bha falamh roimhe.
Cìs Imeachd Adhair
Dheasaich Coimisean Mhic a’ Ghobhainn an t-slighe airson a bhith a’ tiomnadh Cìs Luchd-siubhail Adhair (APD) a dh’Alba, ach thàinig bacadh air seo mar thoradh air draghan mu taic stàite a thaobh Saoradh-cìse don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh fuasgladh a lorg le Riaghaltas na RA a leigeadh leis an saoradh-cìse fuireach às dèidh tiomnadh. Nì sinn ath-sgrùdadh air ìrean agus bannan APD gus dèanamh cinnteach, aon uair ’s gu bheil tiomnadh cumhachd a’ tachairt, gu bheil poileasaidh againn a tha a’ co-thaobhadh ris na planaichean atharrachadh clìomaid againn. Nì an t-athbhreithneachadh seo sgrùdadh air comasachd cìs nas àirde a thogail air itealain nas truaillich.
Buidseat sunnd
Lìbhrigidh sinn buidseat sunnd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach co-dhùnadh buidseit na bhuannachd do shunnd dhaoine air feadh na dùthcha.
Anns a’ chiad sia mìosan den ath phàrlamaid lìbhrigidh sinn Ro-innleachd Nàiseanta 10 bliadhna ùr airson Atharrachadh Eaconamach, a’ mìneachadh nan ceumannan a ghabhas sinn gus ath-bheothachadh eaconamach uaine a lìbhrigeadh agus taic a thoirt do obraichean, gnìomhachasan agus gnothaichean matha, ùra agus uaine airson an ama ri teachd. Ag obair le gnìomhachas, aonaidhean ciùird agus eaconamaichean cruthaichidh sinn Comhairle ùr airson Atharrachadh Eaconamach gus an ro-innleachd seo a chumadh agus a chur an gnìomh a stiùireadh. Tha sinn airson daoine innleachdach agus entrepreneuran a bhrosnachadh gus cuideachadh le ath-dhealbhadh eaconamaidh na h-Alba. Gus cur ris an obair air a stiùireadh le Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba a tha air ùr stèidheachadh, lìbhrigidh sinn farpais Dùbhlan Nàiseanta, a’ toirt seachad maoineachadh suas ri £50 millean don phròiseact no do phròiseactan leis a’ chomas as motha gus cruth-atharrachadh a thoirt air Alba. Tha Alba mar-thà na dachaigh don Iomairt Ionmhais Beusach Cruinneil, a’ cothlamadh ar cliù mar ionad ionmhais cruinneil, ar n-eòlas ann an teicneòlas ionmhais agus gu bheil luachan aig cridhe ar dòigh-obrach a thaobh gnìomhachas. Feuchaidh sinn ri togail air an t-soirbheachadh seo agus Alba a shuidheachadh mar stiùiriche cruinneil san roinn seo a tha a’ fàs, a’ tàladh airgead tasgaidh stèidhichte air luachan agus a’ togail ionad eòlais san raon seo. Meudaichidh sinn ar n-iomairt soirbheachail CivTech a chruthaicheas cothroman do ghnìomhachasan ùrghnàthach ann an Alba agus sinn a’ fuasgladh fìor dhuilgheadasan a tha mu choinneamh ar seirbheisean poblach loidhne-aghaidh – a’ leasachadh lìbhrigeadh seirbheis, a’ lùghdachadh chosgaisean agus a’ cruthachadh obraichean, agus nì sinn cinnteach gu bheil sgilean ionad teicneòlais na h-Alba comasach air taic a thoirt do lìbhrigeadh MyNHS. Togaidh sinn air soirbheachas CivTech gus Alba a shuidheachadh mar stiùiriche ann an roinn GovTech cruinneil, a’ toirt cothrom do ghnìomhachasan na h-Alba cuibhreann den mhargaidh seo luach £400 billean fhaighinn.
Le làn chumhachdan neo-eisimeileachd rannsaicheadh sinn dleastanas laghail a chur air gnìomhachasan a bhith a’ beachdachadh air raon nas fharsainge de bhuilean eaconamach is àrainneachd – a’ dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachasan na h-Alba a’ cur fòcas air fàs seasmhach fad-ùine.
Tha cruthachadh obraichean ùra, matha is uaine aig cridhe ar n-ath-bheothachaidh às dèidh Covid. Obraichidh sinn le fastaichean agus daoine fa leth gus na sgilean agus am bun-structar a thogail a dh’fheumas sinn gus soirbheachadh ann an gnìomhachasan san àm ri teachd.
Gealladh Dhaoine Òga
Nì ar Gealladh Dhaoine Òga cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine òg eadar 16 agus 24 ann an Alba, a rèir an t-suidheachaidh phearsanta aca agus an togradh, a dhol don oilthigh no colaiste, àite fhaighinn air prògram preantasachd, trèanaidh no eòlas obrach, obair fhaighinn no pàirt a ghabhail ann am prògram saor-thoileach foirmeil. Tha sinn airson gum fàg COP 26 dìleab de chothroman uaine airson an ath ghinealaich. Mar phàirt de ar Gealladh Dhaoine Òga, leigidh sinn le luchd-fàgail na sgoile eòlas fhaighinn air cothroman cosnaidh no foghlaim stèidhichte air nàdar a chuireas ri ar thargaidean a tha air thùs san t-saoghal gus dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid – tha seo a’ toirt a-steach a bhith a’ cur chraobhan, ag ath-nuadhachadh mòinteach na h-Alba, a’ leasachadh dhòighean-obrach carbon gorm agus deuchainn air ùir, am measg fhuasglaidhean nàdarra eile.
Sgilean agus cosnaidhean uaine airson an ama ri teachd
Cuiridh sinn a-steach £500 millean a bharrachd gus taic a thoirt do chosnaidhean ùra agus sgilean ùra a thoirt do dhaoine airson obraichean san àm ri teachd. Bheir a’ Mhaoin Trèanadh Eadar-ghluasad Nàiseanta againn taic do luchd-obrach aig a bheil obraichean ann an cunnart agus bheir e cothroman ath-thrèanaidh dhaibh airson obraichean sàr sgileil, àrd-teicneòlais, agus solarachadh sgilean uaine gus taic a thoirt do ghluasad na h-Alba gu net zero. Mar phàirt de seo, gabhaidh sinn ceumannan gus dèiligeadh ri neo-ionannachd, a’ toirt taic dhaibhsan air an tug Covid buaidh mì-chothromach làidir, leithid boireannaich, daoine bho mhion-chinnidhean agus daoine ciorramach. Bidh sinn ag adhartachadh obair chothromach cuideachd agus a’ cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ri sgaradh dreuchdail. Thairis air na còig bliadhna a tha romhainn, bidh sinn a’ tasgadh £100 millean anns a’ mhaoin Chosnaidhean Uaine againn, a’ tasgadh còmhla ri gnìomhachasan agus buidhnean gus taic a thoirt do bharrachd chothroman ùra airson cosnaidhean uaine a chruthachadh air feadh na h-Alba. Tasgaidh sinn cuideachd £60 millean gus na roinnean gnìomhachais agus saothrachaidh againn a dhìcharbonachadh – gan cuideachadh a’ fàs agus ag iomadachadh, a’ cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh net zero ro 2045, agus a’ cruthachadh barrachd chosnaidhean ùra.
Preantasachdan
Bha sinn air an t-slighe gus ruigsinn na targaid againn de 30,000 Preantasachdan Ùra a thòiseachadh ro 2020 – ach, thug Covid buaidh air tòiseachadh phreantasachdan ùra oir bha aig fastaichean ri ath-bhreithneachadh, dàil no stad a thoirt air planaichean fastaidh. Mar phàirt den ath-bheothachadh, nì sinn suas ri 30,000 tòiseachadh preantasachd agus nì sinn measadh air iarrtas gus faicinn dè cho fada ’s as urrainn dhuinn a dhol.
Luchd-fàgail Seirbheis Armaichte
Gus soilleireachadh agus adhartachadh na tha de thabhartasan adhartach aig luchd-fàgail seirbheis armaichte agus an teaghlaichean, bidh sinn a’ stiùireadh iomairt mothachaidh poblach, ag amas gu sònraichte air fastaichean agus a’ choimhearsnachd gnìomhachais gus cuideachadh le bhith a’ meudachadh chothroman cosnaidh. Meudaichidh sinn cuideachd Maoin Luchdfàgail Seirbheis Armaichte na h-Alba gu £500,000 agus leudaichidh sinn na slatan-tomhais aige, a’ toirt cuireadh do thagraidhean a tha a’ nochdadh co-obrachadh agus a’ cuimseachadh air luchd-fàgail seirbheis tràth. Cruthaichidh sinn cuideachd barrachd chothroman obrach do luchd-fàgail seirbheise ann an riaghaltas na h-Alba.
Obair Chothromach
Tha sinn airson gur e Alba an t-àite as fheàrr airson a bhith a’ fuireach, ag obair, a’ tasgadh agus a’ dèanamh gnothach. Tha sinn a’ creidsinn gur e obair chothromach a’ bhunait airson seo. Tha Covid air sealltainn gu bheil cus dhaoine fhathast an sàs ann an obair far a bheileas a’ gabhail brath orra, gu tric neoni-uairean, a tha gam fàgail le glè bheag de thèarainteachd. Às aonais cumhachdan neo-eisimeileachd, tha sinn cuibhrichte anns na ceumannan as urrainn dhuinn a ghabhail, ach far an urrainn dhuinn a bhith ag obair gus tèarainteachd cosnaidh a leasachadh agus càileachd na h-obrach adhartachadh, nì sinn sin.
Seachdain-obrach ceithir latha
Dh’atharraich Covid-19 an dòigh anns a bheil sinn ag obair cha mhòr sa bhad. Mar a bhios sinn a’ faighinn seachad air a’ ghalair lèir-sgaoilte, tha sinn airson barrachd a dhèanamh gus taic a thoirt do dhaoine cothromachadh fallain fhaighinn eadar beatha is obair. Tha sinn cuideachd airson an àireamh iomlan de dhaoine ann an cosnadh a chumail àrd. Mar phàirt de seo, stèidhichidh sinn maoin de £10 millean gus leigeil le companaidhean pìleat agus sgrùdadh a dhèanamh air na buannachdan bho sheachdain-obrach ceithir latha. Cleachdaidh sinn an t-ionnsachadh bho seo gus beachdachadh air gluasad nas fharsainge gu seachdainobrach ceithir latha nuair a gheibh Alba làn smachd air còraichean cosnaidh. Comharraichidh sinn cuideachd cothroman cosnaidh a bharrachd agus nì sinn measadh air a’ bhuaidh eaconamach a tha aig gluasad gu seachdain ceithir latha. San fharsaingeachd, bheir sinn taic do lèirmheas – ann an com-pàirteachas le aonaidhean ciùird agus gnìomhachasan – air mar a ghabhadh agus a bu chòir cleachdaidhean obrach atharrachadh gus coinneachadh ri feumalachdan na h-eaconamaidh san àm ri teachd.
Obair Chothromach An Toiseach
Tha ar prògram Obair Chothromach An Toiseach a’ dèanamh cleachdaidhean obrach cothromach mar phàirt de na slatan-tomhais airson cùmhnantan poblach a chosnadh agus tabhartasan fhaighinn. Bidh e a’ cleachdadh cumhachd ionmhasail an riaghaltais gus obair chothromach a dhèanamh àbhaisteach. Cuiridh sinn a-nis obair shùbailte a tha càirdeil do theaghlaichean a-steach don phrògram, ag ionnsachadh leasanan bho chleachdaidhean obrach rè a’ ghalair lèir-sgaoilte gus a dhèanamh nas fhasa do bhoireannaich, gu sònraichte pàrantan singilte, tilleadh a dh’obair agus cuideachd coroinneadh nas cothromaiche de dhleastanasan cùramcloinne a bhrosnachadh. Tha prionnsapalan Uairean Reusanta air an nochdadh ann an deagh chleachdadh Obair Chothromach An Toiseach agus air a bhrosnachadh tro Obair Chothromach An Toiseach far a bheil seo a’ buntainn ri tabhartasan no solar. Ma thèid ar taghadh a-rithist, thèid sinn nas fhaide agus bheir sinn taic do phrògram barrantachaidh sònraichte airson Uairean Reusanta san aon dòigh san tug sinn taic do bharrantachadh an Tuarastal Bith-beò.
Tiomnadh Lagh Cosnaidh
Tron ghalar lèir-sgaoilte, tha cuid de chompanaidhean air a bhith ri crìochnachadh is ath-thòiseachadh fastaidh gus tuarastail agus cùmhnantan a lagachadh. Tha seo ceàrr. Tha PNA air a bhith a’ putadh air riaghaltas na RA a bhith an sàs sa chùis seo ach tha iad gu ruige seo air diùltadh na ceumannan riatanach a ghabhail gus na cleachdaidhean cealgach seo a thoirmeasg. Leanaidh sinn oirnn ag iarraidh tiomnadh air lagh cosnaidh gus leigeil leinn a dhol an gnìomh, ach san eadar-ama nì sinn nas urrainn dhuinn le ar cumhachdan cuibhrichte gus luchd-obrach a dhìon bho na cleachdaidhean sin ann an Alba. Nì sinn ath-sgrùdadh air na slatan-tomhais Obair Chothromach An Toiseach againn airson cùmhnantan agus tabhartasan taic riaghaltais gus a bhith a’ toirt a-steach iomradh sònraichte air crìochnachadh is aththòiseachadh fastaidh.
Tasgadh ann am fàs seasmhach
Tha sinn dealasach a thaobh ath-bheothachadh eaconamach seasmhach, le tasgadh ann am fàs a tha seasmhach a thaobh na h-àrainneachd, cothromach do gach coimhearsnachd agus a bheir taic do ghnìomhachas a bhith a’ soirbheachadh ann an saoghal caochlaideach.
Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba
Cuiridh sinn £1 billean an seilbh ann am Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba thairis air an ath phàrlamaid mar phàirt den phlana calpachaidh deich bliadhna de £2 billean againn. Obraichidh sinn gus greimeachadh air na cothroman a th’ ann don Bhanca gus ionmhas a bharrachd fhaighinn airson taic a thoirt do na planaichean iasaid stèidhichte air a’ mhisean aige, gus an eaconamaidh fhàs agus an t-slighe a luathachadh gu net zero.
Misean Bun-structair Nàiseanta
Meudaichidh ar Misean Bun-structair Nàiseanta tasgadh bliadhnail le £1.5 billean gu faisg air £7 billean ro 2025-26. Lìbhrigidh seo luach tasgadh iomlan de chòrr is £33 billean not anns na còig bliadhna a tha romhainn, agus thathas a’ meas gun toir e taic do 45,000 obair gu dìreach thar na h-ùine sin, a’ toirt seachad buannachd air feadh sèinichean solair na h-Alba. Cruthaichidh sinn Companaidh Bun-structair Nàiseanta gus maoin phoblach a riaghladh agus a leasachadh airson math a’ phobaill, a’ cur obair chothromach aig cridhe pròiseactan bun-structair poblach.
Thar na h-ath phàrlamaid, mar eisimpleir, nì sinn tasgadh de: • £180 millean ann am Maoin Teicneòlasan
Cumhachd Ùra • Airgead calpa a tha a dhìth gus ospadal ùr
Monklands a thogail • Còrr is £1.2 billean ann an leasachaidhean mòra rèile, a’ toirt a-steach £550 millean airson pròiseactan dì-carbonachadh rèile sònraichte, agus £3.8 billean air an lìonra rèile againn airson luchd-siubhail agus bathar. • Còrr is £600 millean ann am bun-structar didseatach, gu h-àraidh ann an sgìrean dùthchail agus eileanach • £525 millean gus na còig bliadhna a tha romhainn de chùmhnantan sgìrean chathair-bhailtean agus fàs roinneil a lìbhrigeadh. • £275 millean gus taic a thoirt do ath-nuadhachadh air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd agus ath-bheothachadh meadhan bhailtean • Còrr is £200 millean ann am pròiseact Baird and
Anchor ann an Obar Dheathain. • £2 billean – ann an com-pàirteachas le riaghaltas ionadail – ann am Prògram Tasgadh Oighreachd
Ionnsachaidh. • Suas ri £6 millean airson ath-leasachadh air cladach an t-Sròin Reamhair.
Tasgadh Uaine agus Eadar-ghluasad Cothromach
Leudaichidh ar Tasgadh Uaine bhon luach aige an-dràsta de £1 billean gu £3 billean, a’ tàladh tasgadh gus taic a thoirt don eadar-ghluasad againn gu net zero agus fàs ghnìomhachasan ùr-ghnàthach a tha seasmhach a thaobh na h-àrainneachd ann an Alba. A’ togail air eisimpleir Misean Chluaidh, a tha a’ tòiseachadh ath-nuadhachadh choimhearsnachdan timcheall air Abhainn Chluaidh, stèidhichidh sinn Luathadairean Fàs Uaine gus tasgadh de £200 millean fhuasgladh le ùghdarrasan ionadail ann a bhith a’ coileanadh ar rùintean net zero.
Taic do ghnothaichean
Cuiridh sinn feum air innleachdas is ùr-ghnàthachadh na h-Alba gus obraichean a chruthachadh agus athbheothachadh eaconamach a stiùireadh.
Saothrachadh
Cuiridh sinn taic ris a’ ghnìomhachas saothrachaidh againn gus fàs, ùr-ghnàthachadh agus farpais gu h-eadarnàiseanta le crìochnachadh ar tasgadh de £75 millean ann an Institiud Saothrachaidh Nàiseanta na h-Alba. Bidh ar Maoin Dùbhlan Bun-structar Carbon Ìosal a’ tasgadh £26 millean gus taic a thoirt do leasachadh sèinichean solair làidir ann an gnìomhachasan carbon ìosal. Bheir Maoin Atharrachadh Lùth Gnìomhachais na h-Alba £34 millean taic do dhì-charbonachadh gnìomhachas trom ann an Alba. Le Glaschu na shàr ionad san t-saoghal airson saothrachadh shaidealan, agus le còig de na seachd puirt-fànais dealbhaichte san RA stèidhichte an seo, tha Alba ann an deagh shuidheachadh gus cuibhreann nach beag de ghnìomhachas fànais na cruinne fhaighinn ro 2030. Le ar fòcas air ‘obair fànais gu math an t-saoghail’ – a cleachdadh dàta fànais gus dèiligeadh ri dùbhlain clìomaid agus àrainneachd – obraichidh sinn leis an roinn gus làraichean losgadh rocaid a leasachadh, obraichean saothrachaidh fhàs agus comas anailis dàta adhartachadh, a’ togail air an taic a thug sinn seachad mu thràth.
Ola agus Gas
Tha ola is gas fhathast na phàirt chudromach den mheasgachadh lùtha againn. Ach, feumaidh sinn gluasad gu connaidhean ùra, nas glaine. Ged a tha cumhachdan cìse is riaghlaidh mu ola is gas far-tìre glèidhte do Westminster, bidh taic riaghaltais sam bith don roinn ola is gas sa chuan a Tuath an urra ris a’ ghnìomhachas a bhith a’ cur ri eadar-ghluasad lùtha seasmhach, tèarainte agus in-ghabhalach. Le cumhachdan neo-eisimeileachd, tha sinn dealasach a bhith a’ cumail teachd-a-steach bho ola is gas ann am Maoin Net Zero – a’ cuideachadh le bhith a’ luathachadh a’ ghluasaid gu lùth gun charbon, agus a’ toirt taic do àiteachan mar Obar Dheathain agus an Ear-thuath gus an eaconamaidh aca iomadachadh. Tha sinn air Maoin Eadar-ghluasad Lùtha £62 millean a stèidheachadh gus taic a thoirt do ghnìomhachasan anns na roinnean ola, gas agus lùth thar nan còig bliadhna a tha romhainn mar a bhios iad a’ fàs agus ag iomadachadh, agus a’ cuideachadh le bhith a’ tàladh tasgadh san roinn phrìobhaideach. Mar chomharra air na duilgheadasan a tha fa chomhair an Ear-thuath air sgàth a’ ghalair lèir-sgaoilte agus crìonadh na h-ola, bidh sinn a’ tasgadh £15 millean an ath-bhliadhna gus taic a thoirt do luchd-obrach aththrèanadh agus sgilean ùra ionnsachadh. Cha toir sinn taic do leasachadh ola is gas neo-ghnàthach – ris an canar gu tric ‘fracking’ – ann an Alba.
Rannsachadh is Leasachadh
Bho 2007 tha Alba air adhartas mòr a dhèanamh ann an Rannsachadh is Leasachadh anns na roinnean prìobhaideach agus oilthighean. Gus an t-adhartas sin a luathachadh meudaichidh sinn tasgadh Riaghaltas na h-Alba £100 millean ann am pròiseactan Rannsachaidh is Leasachaidh fo stiùir na roinne prìobhaidich. Ag obair le ar buidhnean iomairt agus Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba, thèid am maoineachadh seo a chothasgadh le prothaidean air an ath-chuairteachadh airson tuilleadh tasgaidh le Riaghaltas na h-Alba.
Tasgadh ann an gnìomhachasan beaga is meadhanach
Leanaidh sinn oirnn leis an sgeama Bònas nan Gnìomhachasan Beaga, a tha na bhuannachd do chòrr air 100,000 gnìomhachas, a’ cumail oirnn a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ mhòr-chuid de luchd-pàighidh reataichean ann an Alba fhathast a’ pàigheadh ìre nas ìsle na àiteachan eile san RA. Tasgaidh sinn £100 millean airson gnothachasan beaga is meadhanach a chuideachadh gus na sgilean agus an uidheamachd dhidseatach cheart fhaighinn.
Tha sinn dealasach a thaobh an àireamh de ghnìomhachasan luchd-obrach ann an Alba a mheudachadh gu 500 ro 2030 – àrdachadh de 500% air na h-àireamhan an-dràsta. Cruthaichidh sinn uidheamachd airson barrachd solar ionmhais gus taic a thoirt do bharrachd luchd-obrach a bhith a’ ceannach an companaidhean.
Taic do Roinn Teicneòlais na h-Alba
Cuiridh sinn molaidhean Lèirmheas Logan an gnìomh gus an roinn teicneòlais againn àrdachadh gu sàr-inbhe san t-saoghal a’ toirt a-steach cruthachadh lìonra nàiseanta de ghoireasan aig sàr-ìre san t-saoghal – le taic bho £30 millean – gus teicneòlasan ùra a thòiseachadh a dh’fhaodas fàs gu bhith nan companaidhean mòra a’ tabhann obraichean àrd-inbhe le deagh phàigheadh. Thèid na mòr-ionadan ùra ’Tech-Scaler’ againn a chruthachadh ann an Obar Dheathain, Dùn Dè, Dùn Èideann, Glaschu agus Inbhir Nis. Nì sinn cinnteach cuideachd gum bi am foghlam malairteach a tha ri fhaighinn anns na mòr-ionadan sin ruigsinneach gu bhirtual gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig gnìomhachasan orra ann an sgìrean dùthchail. Leasaichidh sinn agus cuiridh sinn an gnìomh ionadan dàta net zero, air an obrachadh le lùth ath-nuadhachail. Cuiridh sinn taic ri cruthachadh mòr-ionadan ùrghnàthachaidh 5G agus sgìrean ùr-ghnàthachaidh 5G ann an Alba.
A’ brosnachadh entrepreneuran boireann
Tha gnìomhachasan air an ruith le boireannaich a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba, ach chan eil ach 20% de bhunait gnìomhachais na h-Alba an seilbh bhoireannach. Cruthaichidh sinn Ionad Gnìomhachais Bhoireannach sònraichte gus taic ionmhais, comhairle agus trèanadh a thoirt do bhoireannaich a tha ag iarraidh an gnìomhachas aca a thòiseachadh no fhàs. Gheibh seo taic de £50 millean thairis air a’ phàrlamaid. Mar phàirt de seo, tasgaidh sinn £3 millean gach bliadhna gus tuarastal co-ionann ri tuarastal làn-ùine a phàigheadh airson 100 tagraiche boireann gus am beachdan gnìomhachais innleachdach a leasachadh.
Taic do entrepreneuran dùthchail
Cruthaichidh sinn cothroman do ghnìomhachasan ùra fàs agus soirbheachadh anns gach ceàrnaidh de dh’Alba. Gus beatha ùr a thoirt a-steach do eaconamaidhean dùthchail na h-Alba cruthaichidh sinn Maoin Entrepreneur Dùthchail ùr, luach £20 millean – bheir seo tabhartasan suas ri £10,000 gus taic a thoirt do chruthachadh 2,000 gnìomhachas ùr.
Bùthan agus taic do phrìomh shràidean
Chaidh na prìomh shràidean againn a bhualadh gu dona leis a’ ghalair lèir-sgaoilte agus mar a tha reic airloidhne a’ sìor fhàs. Nì sinn sgrùdadh air toirt a-steach cìs reic didseatach nàiseanta ùr gus an raon-cluiche a chothromachadh eadar reic air-loidhne agus didseatach agus cleachdaidh sinn teachd-a-steach sam bith bho seo gus beatha ùr a thoirt a-steach do bhailtean. Foillsichidh sinn Ro-innleachd Reic airson an roinn ann an Alba a chuideachadh gus atharrachadh, ùr-ghnàthachadh agus soirbheachadh, agus a bhith na eisimpleir de dh’fhàs in-ghabhalach, a’ toirt taic do shèine solair ionadail làidir agus a’ tabhann a’ bhathair, na h-eòlasan agus na seirbheisean a tha iad ag iarraidh do dhaoine is coimhearsnachdan.
Ag ath-thogail roinn turasachd shoirbheachail
Tha fios againn gu bheil an galar lèir-sgaoilte air a bhith gu sònraichte duilich don ghnìomhachas turasachd againn, ach tha sinn dealasach a bhith ag ath-thogail roinnean turasachd agus aoigheachd deatamach na h-Alba gus an urrainn dhuinn a h-uile càil a tha aig Alba ri thabhann nuair a tha an ùine ceart a cho-roinn le càch. Gus taic a thoirt don roinn tron ath-bhliadhna, tha sinn air gealltainn lasachadh reataichean 100% airson turasachd is aoigheachd airson 2021-22. Nuair a tha e sàbhailte sin a dhèanamh, cuiridh sinn iomairt air bhog airson daoine a bhrosnachadh gus taic a thoirt do thurasachd agus aoigheachd ionadail ann an Alba. Leasaichidh sinn iomairt chruinneil airson na h-Alba, a’ meudachadh gnìomhachd na h-Alba a-nis agus a’ cur air bhog comharra airson na h-Alba, gus cuideachadh le turasachd, in-imrich agus tasgadh a bhrosnachadh. Mar a bhios sinn a’ coimhead air adhart ri UEFA Euro 2020 ann an Glaschu, FestivalUK 2022 agus Farpaisean Rothaireachd na Cruinne 2023 UCI, obraichidh sinn gus barrachd thachartasan mòra fhaighinn airson na h-Alba a’ toirt a-steach tagradh co-phàirteach eadar an RA agus Èirinn airson Cupa na Cruinne 2030 FIFA. Cumaidh sinn tasgadh de £6.2 millean gach bliadhna anns a’ Mhaoin Bun-structair Turasachd Dhùthchail gus lùghdachadh cuid den uallach a dh’fhaodadh turasachd a chur air coimhearsnachdan dùthchail ionadail.
Leudaichidh sinn Cead-siubhail nan Eilean gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh a thadhal air barrachd de na h-eileanan againn, ag adhartachadh barrachd tadhail a-mach às an t-seusan turasachd agus a’ toirt buannachd nas cothromaiche do choimhearsnachdan. Tasgaidh sinn £1 millean a bharrachd ann an sgeama Neach-gleidhidh Ràitheil gus taic a thoirt do thurasachd chiallach anns na sgìrean dùthchail agus iomallach againn. Obraichidh sinn cuideachd leis an roinn airson oidhirpean a bhrosnachadh gus turasachd a dhèanamh nas seasmhaiche don àrainneachd. Cuiridh sinn taic ri leasachadh Pròiseact Eden ann an Dùn Dè, a’ cuideachadh le Dùn Dè a stèidheachadh mar shàr cheann-uidhe dha-rìribh san t-saoghal. Gus taic a thoirt do mholaidhean Buidheann Gnìomha Ath-bheothachadh Turasachd, cruthaichidh sinn maoin de £25 millean gus cuideachadh le ath-bheothachadh làidir a thogail, a’ toirt seachad mìltean de bhileaganairgid airson saor-làithean goirid agus làithean a-muigh do luchd-cùraim, daoine le ciorraman agus teaghlaichean air teachd-a-steach ìosal, agus a’ cruthachadh Slighe Net Zero airson gnìomhachas, le fòcas air a bhith a’ dìon agus ag adhartachadh ar maoin nàdarra agus a’ lìbhrigeadh àm ri teachd beag-charboin don luchd-tadhail agus na coimhearsnachdan againn. Bidh sinn cuideachd a’ tasgadh £10 millean ann an iomairtean nas fharsainge a’ gabhail a-steach drochaidcoise Tràigh an Ear Lossiemouth, Pròiseact Caisteal Inbhir Nis, bun-structar thaighean-òsta dùthchail, agus cleachdadh Luchd-glèidhidh Ràitheil gus turasachd chiallach a bhrosnachadh ann an àiteachan dùthchail.
Dealbhadh
Le tagraidhean dealbhaidh a dh’fhaodadh a bhith cudromach gu roinneil no gu nàiseanta, feumaidh a’ bhuidheann Leasachadh Eaconamach buntainneach, co-dhiù Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, no Iomairt Ceann a Deas na h-Alba, measadh a dhèanamh air na buannachdan eaconamach a dh’fhaodadh a bhith aig an leasachadh ris a bheil iad a’ coimhead.
Malairt, tasgadh agus às-mhalairt
Tha an dòigh a bhios sinn a’ malairt cho cudromach ris an stuth a bhios sinn a’ malairt. Bidh Lèirsinn na h-Alba airson Malairt agus na prìomh phrionnsapalan aige a thaobh fàs in-ghabhalach, sunnd, seasmhachd, net zero agus deagh riaghladh a’ stiùireadh mar a bhios sinn a’ cruthachadh agus a’ togail dhàimhean malairt. Bidh sinn ag ath-nuadhachadh iomairtean càraid le roinnean, stàitean, bailtean-mòra agus bailtean an EU gus dèanamh cinnteach gun lean ceanglaichean cultarail, dualchais agus malairt le nàbaidhean Eòrpach san àm ri teachd. Tha e deatamach gun dèanar lùghdachadh air bacadh ana-bhitheagach (AMR) gus slàinte dhaoine agus slàinte phoblach a leasachadh, agus is e aontaidhean malairt an dòigh as fheàrr air seo a dhèanamh. Cuiridh sinn cuideam air Riaghaltas na RA obair air seo a chur mar phrìomhachas ann an aontaidhean malairt ùra – agus cuiridh sinn cuideam orra a dhol an aghaidh cùmhnantan malairt a tha a’ dèanamh cron air adhartas sa chùis seo, gu sònraichte do dhùthchannan fo leasachadh.
Às-mhalairt
Nì sinn measadh air ceanglaichean dìreach ri margaidhean eadar-nàiseanta bho phuirt agus puirt-adhair na h-Alba – a’ lughdachadh eisimeileachd air na puirt agus puirtadhair ann an Ear-dheas Shasainn – gus roghainnean cosg-èifeachdach a thoirt do às-mhalairtich Albannach. Gu sònraichte, cruthaichidh sinn post-crìche a-staigh do Chàrn Rìoghain, am port malairteach againn a tha gar ceangal ri eilean na h-Èireann. Cuiridh sinn an gnìomh am moladh againn airson Puirt Uaine na h-Alba, le taic bhon roinn phoblaich a’ crochadh air gnìomhachasan a bhith a’ gèilleadh ri riaghailtean Obair Chothromaich An Toiseach – a’ pàigheadh an Fhìor Thuarastal Bith-beò agus a’ cur an gnìomh Gealltanas Gnothaich na h-Alba – agus air planaichean practaigeach a lìbhrigeadh gus sgaoilidhean carbon a lughdachadh. Cuiridh sinn Plana Tasgadh Calpa Cruinneil na h-Alba an gnìomh, a’ solarachadh calpa fàis gus taic a thoirt do ghnìomhachasan tòiseachaidh is fàis na h-Alba ann am prìomh roinnean – teicneòlas, saidheans beatha agus saothrachadh adhartach – agus gus bun-structar agus àite a mhaoineachadh dhaibh airson fàs.
Tasgadh a-steach
Is e Alba aon de na h-àiteachan as soirbheachail san RA airson tasgadh fhaighinn a-steach. Is e ar n-amas a-nis a chleachdadh gus 20,000 cosnadh a bharrachd a chruthachadh, GDP na h-Alba a mheudachadh còrr air £4 billean, àrdachadh às-mhalairt na h-Alba còrr air £2 billean agus cur suas ri £680 millean gach bliadhna ri teachd-a-steach an riaghaltais.
Cuiridh sinn prìomhachas air naoi raointean far a bheil Alba air buannachd fharpaiseach agus sàr-theicneòlas aig ìre chruinneil a nochdadh: • Eadar-ghluasad lùtha • dì-carbonachadh Còmhdhail • bathar-bog agus IT • seirbheisean ionmhais didseatach • seirbheisean gnìomhachais didseatach • fànas • teicneòlas slàinte • cruth-atharrachadh ghnìomhachasan ceimigeach, agus • innleachdas bìdh is deoch
Cultar aig cridhe ath-bheothachaidh
Tha cultar aig cridhe ar dearbh-aithne mar dhùthaich. Bha sinn a-riamh a’ cur luach air cultar agus cruthachalachd, ach tha an galar lèir-sgaoilte air sealltainn cho deatamach ’s a tha e do ar sunnd, ar slàinte inntinn agus ar tuigse air cò dha a bhuineas sinn.
‘Ceudad do na h-Ealain’ agus maoineachadh cothromach
Tha sinn airson modail maoineachaidh nas seasmhaiche a chruthachadh airson cultar a bhios buannachdail do bhuidhnean agus daoine ag obair air an ceann fhèin. Ag ionnsachadh bho dhùthchannan leithid Èirinn agus an Òlaind, stèidhichidh sinn sgeama “Ceudad do na h-Ealain” a chruthaicheas riatanas airson ceudad de chosgais iomlan pròiseact togail a chleachdadh airson thogalaichean poblach ùra agus àiteachan a chaitheamh air coimiseanan ealain coimhearsnachd. Bidh sinn a’ co-chomhairleachadh air ceudad tùsail de 0.5% airson phròiseactan fo £5 millean agus 1% os cionn £5 millean le crìoch cosgais aig £1 millean airson pròiseact fa-leth. Tha sinn a’ meas gun togadh seo £150 millean gach bliadhna do na h-ealain nuair a bhiodh e ag obair aig làn neart. Gus cuideachadh le dealbhadh is ath-bheothachadh san àm ri teachd, nì sinn rèiteachaidhean maoineachaidh 3 bliadhna airson prìomh bhuidhnean cultarach maoinichte le Riaghaltas na h-Alba. Leanaidh sinn oirnn le ar maoineachadh athbheothachadh cultair gus taic fhaighinn dhaibhsan a tha fhathast fo bhuaidh chuingeadan. Cuiridh sinn taic ri co-òrdanachadh coimiseanadh Albannach agus cruthaichidh sinn Maoin Cuairtean na h-Alba airson Teatar is Ceòl mar phàirt de athbheothachadh eaconamach, a’ cuideachadh le bhith a’ toirt thaisbeanaidhean beò gu àiteachan coimhearsnachd agus ag ath-nuadhachadh turasachd fad na bliadhna. Gus aithne a thoirt don àite a th’ aig cultar agus dualchas ann a bhith a’ coileanadh ar rùintean atharrachadh clìomaid, meudaichidh sinn ruigsinneachd air maoineachadh calpa gus cuideachadh le bun-structar cultarach ‘uaine’ air feadh Alba.
A’ leudachadh ar prògraim
Leudaichidh sinn ar prògram Culture Collective, a’ toirt barrachd chothroman do luchd-ealain agus coimhearsnachdan air feadh na h-Alba a bhith a’ coobrachadh air gnìomhachd chruthachail, a’ toirt taic do ath-bheothachadh cruthachail seasmhach bhon ghalar lèir-sgaoilte. Stèidhichidh sinn a’ chiad Chompanaidh Cleasachd is Cluiche Nàiseanta Òigridh againn a tha air a mhaoineachadh gu cunbhalach, gus obair chruthachail dhaoine òga na h-Alba a thaisbeanadh, agus gus an tàlantan fhàs. Cruthaichidh sinn maoin ùr de £2 mhillean airson obairealain phoblach a leudaicheas an raon de riochdachadh ann an àiteachan poblach de dh’eachdraidh agus cultar na h-Alba, gu sònraichte na tha boireannaich agus coimhearsnachdan mion-chinnidh a’ cur ris.
A’ leasachadh taic do ghnìomhachasan cruthachail
Ag aithneachadh an spionnaidh aca cho math ris an comas airson fàs aig an taigh agus thall thairis, obraichidh sinn le Iomairt na h-Alba agus Alba Chruthachail gus an taic gnothaich a tha ri fhaighinn do ghnìomhachasan cruthachail a leasachadh airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig na diofar phàirtean den roinn air farsaingeachd nas fheàrr de chomhairle. Cuiridh sinn taic ri faochadh chìsean airson cultar agus gnìomhachasan cruthachail a’ toirt a-steach roinn nan geamannan, prògraman Tbh cloinne aig àrd-ìre, beòdhealbhadh, film, tèatar agus orcastra. Cuiridh sinn taic cuideachd ri comasan didseatach luchdealain agus gnìomhachasan cruthachail le prògram de
bhùthan-obrach, comhairleachadh agus cùrsaichean luach £1 millean. Iarraidh sinn air Riaghaltas na RA obair leis an Aonadh Eòrpach gus siubhal saor a lìbhrigeadh do chleasaichean, luchd-ealain, luchd-ciùil agus luchd-obrach neocheangailte, agus gus dèanamh cinnteach nach eil cnapan-starra ann dhaibhsan a tha airson a dhol air chuairt agus a chluich ann an Alba agus an RA. Agus cleachdaidh sinn an lìonra eadar-nàiseanta againn gus taic nas fheàrr a thoirt do luchd-ealain stèidhichte ann an Alba a bhith ag obair thall thairis, agus gus ceanglaichean cultarail ùra a dhèanamh eadar Alba agus an còrr den t-saoghal.
Ruigsinneachd
Dìonaidh sinn ruigsinneachd an-asgaidh do na Gailearaidhean agus Taighean-tasgaidh Nàiseanta againn agus cumaidh sinn oirnn a’ maoineachadh thaigheantasgaidh agus ghailearaidhean neo-nàiseanta tro thaic do Thaighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba.
Àrainneachd Eachdraidheil
Lìbhrigidh sinn ‘Ar n-Àite ann an Tìm: Ro-innleachd Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba’ agus tasgaidh sinn ann an leasachadh seasmhach air oighreachd eachdraidheil na h-Alba gus a dìon agus a gleidheadh, aig an aon àm a’ toirt taic don t-slighe againn gu net zero.
Craoladh agus Sgrion
Tha an roinn sgrion againn air a dhol bho neart gu neart anns na bliadhnachan mu dheireadh, le taic bho chruthachadh Sgrion Alba agus bun-structar stiùidio ùr. Tha sinn airson togail air an t-soirbheachadh seo gus Alba a dhèanamh na cheann-uidhe airson riochdachadh. Cuiridh sinn taic ri àite stiùidio ann an Alba agus dùblaichidh sinn solar sgilean, a’ brosnachadh trèanadh, preantasachdan agus cothroman sgilean. Iarraidh sinn air a’ BhBC riochdachadh à Alba a mheudachadh, agus barrachd choimiseanairean fhastadh ann an Alba.
Ionad Nàiseanta airson Dealbhadh
Is e Dùn Dè a’ chiad Bhaile Dealbhaidh UNESCO san RA, ag aithneachadh na chuir am baile mòr ri dealbhadh air feadh na cruinne. Gus togail air an duais chliùiteach seo, bheir sinn taic do V&A Dhùn Dè gu bhith na Ionad Dealbhaidh Nàiseanta, ag obair ann an dlùth chompàirteachas le buidhnean bho air feadh na h-Alba.
Taic do fhèisean agus Bailtean Cultair
Leanaidh sinn air adhart leis a’ mhaoin EXPO air leth soirbheachail airson prìomh fhèisean Dhùn Èideann, Celtic Connections agus Glasgow International, ag athsgrùdadh mar as urrainn dhaibh cumail a’ dol le bhith a’ coileanadh amasan gus dèanamh cinnteach gu bheil na Fèisean a’ cumail farpaiseach san t-saoghal, ag àrdachadh a’ mhaoineachaidh a tha ri fhaighinn do luchd-ealain agus luchd-dreuchd na h-Alba, agus a’ brosnachadh choobrachaidhean cruthachail. A’ gabhail Wigtown, Baile Leabhraichean Nàiseanta na h-Alba, mar mhodail, leudaichidh sinn ruigsinneachd nan ealan le bhith a’ cur farpais fhosgailte air bhog airson tuilleadh Bailtean Cultar Nàiseanta mar eisimpleir, Baile Ciùil Beò Nàiseanta na h-Alba, Baile Dùthchail is Trad, no Baile Ealain Lèirsinneach na h-Alba.
Eaconamaidh Dhùthchail na h-Alba
Tha eaconamaidh dhùthchail na h-Alba a’ cur thairis le tàlant agus comas. Chan eil e dìreach deatamach do shuaicheantas nàiseanta na h-Alba, tha e deatamach airson ar soirbheachas nàiseanta. Is e ar n-àrd phrìomhachas a bhith a’ cumail dhaoine air an fhearann, ann an dòigh sheasmhach.
Biadh is deoch
Tha biadh is deoch mar aon de na seudan ann an crùn eaconamach na h-Alba, agus nì sinn barrachd gus taic a thoirt don fhàs sheasmhach aige san àm ri teachd. Mar phàirt de Bhile Nàisean Deagh Bhìdh, cruthaichidh sinn aon Bhuidheann Bìdh Albannach neo-eisimeileach gus biadh, deoch agus gàirnealaireachd adhartachadh, tasgadh a thàladh, cuideachadh le comas giollachd àrdachadh agus sèinichean solair agus bun-structar a leasachadh. Leasaichidh sinn aon shuaicheantas margaidheachd airson toradh Albannach uile – Albannach agus Seasmhach – a gheibh a h-uile tuathanach, neach-saothrachaidh agus solaraiche stèidhichte ann an Alba, mòr no beag, a choinnicheas ri slatan-tomhais teanna a thaobh tùsachd agus obair carbon ìosal. Feuchaidh sinn ris a’ mhaoin a bharrachd de £1.5 millean a chleachdadh bhon chìs feòil dheirg a chaidh a thiomnadh às ùr gus taic a thoirt do mhairt-fheòil, feòilchaorach agus muc-fheòil Albannach a bhith mar a’ chiad thoraidhean Albannach agus Seasmhach.
Cruthaichidh sinn maoin ùr de £15 millean gus taic a thoirt do ghiollachd agus saothrachadh bìdh gus sèinichean solair ionadail a leasachadh agus gluasad gu gnìomhachd carbon ìosal no neoni.
Tuathanachas agus cinneasachadh bìdh
Le neo-eisimeileachd, bhiodh sinn a’ tagradh a dhol air ais don Aonadh Eòrpach agus mar sin tilleadh gu CAP far am biodh sinn a’ cluich ar làn phàirt mar dhùthaich bheag le calpa nàdarra mòr agus goireasan gus cur ri tuathanachas a dhèanamh nas seasmhaiche. Mar sin cumaidh sinn ceangal san fharsaingeachd ri ceumannan ùra agus leasachaidhean poileasaidh an AE , leithid an Ro-innleachd Farm to Fork, fhad ’s a nì sinn cruth-atharrachadh air mar a bheir sinn taic do thuathanachas agus cinneasachadh bìdh ann an Alba. Bheir sinn taic do thuathanaich gus barrachd de na dh’fheumas sinn de bhiadh a dhèanamh gu seasmhach, agus gus tuathanachas is croitearachd a bhith ag obair còmhla ri nàdar, a’ gabhail a-steach tro mhodhan cùram agus slàinte leasaichte bheathaichean, agus a bhith a’ gabhail ri agus a’ dèanamh cleachdadh nas fheàrr de theicneòlas agus ùr-ghnàthachadh, mar a chaidh a mholadh le obair o chionn ghoirid bho bhuidhnean fo stiùir thuathanach a chaidh a stèidheachadh anns a’ phàrlamaid mu dheireadh. Thèid aon bhòrd buileachaidh le riochdachadh bho gach roinn agus seòrsa tuathanachais a stèidheachadh gus an obair seo a ghluasad air adhart.
Pàighidhean Tuathanais
Tha sinn fhathast dealasach a thaobh a bhith a’ toirt taic do thuathanachas gnìomhach agus cinneasachadh bìdh le pàighidhean dìreach. Ro 2025, ge-tà, gluaisidh sinn dàrna leth den mhaoineachadh gu lèir airson tuathanachas agus croitearachd bho thaic gun chumhachan gu taic le cumhachan agus bidh builean cuimsichte ann airson bithiomadachd agus oidhirp a dh’ionnsaigh dòighean-obrach carbon ìosal a leasaicheas seasmhachd, èifeachdas agus prothaid.
Foghlam Stèidhichte air an Fhearann
Feumaidh barrachd dhaoine òga agus boireannaich a bhith ag iarraidh a bhith nan tuathanaich agus nam manaidsearan fearainn ach tha an obair ag atharrachadh. Mar sin nì sinn ath-sgrùdadh bunaiteach air foghlam stèidhichte air fearann bho bhliadhnaichean tràtha gu inbheachd gus cothroman agus teisteanasan a thoirt seachad tro sgoil, colaiste, oilthigh agus preantasachdan airson barrachd dhaoine, agus gu sònraichte barrachd bhoireannach, a bhith ag obair le agus air an fhearann, gu sònraichte ann an sgilean uaine.
Ath-leasachadh agus ath-nuadhachadh
Feumaidh sinn tuathanachas ath-leasachadh agus athnuadhachadh gus gnìomhachas nas eadar-mheasgte, soirbheachail a chruthachadh. Bidh sinn: • A’ dèanamh reachdas gus a bhith cinnteach à còirseilbhe cho-ionnan do bhoireannaich ann an àiteachas, agus ag atharrachadh lagh urrais gus na urrainn daoine dleastanasan laghail a sheachnadh leithid a’ chòir rothaobhadh ri còir ceannaich aig luchd-gabhail • A’ toirt barrachd taic do bhoireannaich ann an àiteachas agus do dhaoine ùr is òga a thig a-steach as ùr do thuathanachas, a’ gabhail a-steach maoin luchdinntrigidh ùr • Ag obair còmhla ri Bòrd Tuarastail Àiteachais na h-Alba gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine a tha ag obair sa ghnìomhachas tuarastal bith-beò na h-Alba co-dhiù. • A’ toirt taic do chroitearan agus an coimhearsnachdan gus pàirt nas motha a ghabhail ann an athnuadhachadh blàran mòna agus cruthachadh choilltean • Ag ath-leasachadh an lagh agus a’ leasachadh croitearachd gus croitean nas gnìomhaich a chruthachadh • A’ feuchainn ri cur às do chnapan-starra do thuathanachas luchd-gabhail, a’ toirt a-steach aththòiseachadh, ìrean màil, làimhseachadh chìsean agus faid màil • A’ leasachadh ro-innleachd fàis airson turasachd àiteachais is bìdh, a’ toirt a-steach ùrachadh air plana gnìomha turasachd bìdh • A’ cur an sàs dòigh-obrach comasachaidh airson dealbhadh gus cuideachadh le iomadachadh thuathanasan, a’ toirt a-steach iomairtean turasachd leithid goireasan campachaidh
Tuathanachas Carbon Ìosal
Feumaidh sinn a bhith innleachdach agus a’ stiùireadh na slighe, a’ dèanamh feum nas fheàrr den fhearann a tha ri fhaighinn gus a bhith nas tèarainte agus nas seasmhaiche a thaobh biadh. A’ toirt taic do leasachadh thuathanasan bhertical, carbon ìosal, air a bhrosnachadh le lùth athnuadhachail, gus barrachd de na measan agus glasraich againn fhìn fhàs. Cruthaichidh sinn cuideachd Ro-innleachd Nàiseanta Pròtain a nì comasach a bhith ag àrach sprèidh iomchaidh gu seasmhach agus barrachd phròtainean stèidhichte air planntrais an seo ann an Alba. Bidh sinn a’ dùblachadh na tha de thalamh air a chleachdadh airson tuathanachas organach – agus dùblaidh sinn an toradh organach a thig à Alba, le fòcas air barrachd dheth a chleachdadh ann an solar bìdh san roinn phoblaich.
Cùram bheathaichean
Gabhaidh sinn ris na h-inbhean as àirde a thaobh cùram bheathaichean, a’ gabhail a-steach gluasad gu bhith ag àrach cearcan is uighean sabhail, coille no air raon gu tur saor. Bidh sinn ag ùrachadh agus ag ath-nuadhachadh na h-Achd Cùram Bheathaichean bho 2006 agus a’ cur an gnìomh an reachdas ùr a thaobh chon a bhios a’ ruith sprèidh. Feuchaidh sinn ri riochdachadh cho fad ’s as urrainn dhuinn, leubailean ùra cùram bheathaichean an AE gus cinneasachadh bìdh a bhrosnachadh gu ìre nas àirde na ìrean cùraim an AE. Cruthaichidh sinn seirbheis lighiche-sprèidh ùr Albannach gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine gu leòr againn leis na teisteanasan ceart ann an seirbheisean lighichesprèidh, slàinte bheathaichean agus sàbhailteachd bìdh gus coinneachadh ri ar feumalachdan air feadh na roinne phoblaich is phrìobhaidich a thaobh cùisean slàinte bheathaichean air fearann agus sa mhuir. Cuiridh sinn casg air às-mhalairt beò de bheathaichean airson an reamhrachadh agus am marbhadh, agus cha cheadaich sinn ach giùlan sprèidh beò eadar eileanan agus tìr-mòr le inbhean cùram teann. Nì sinn reachdas gus beàrnan a dhùnadh anns an lagh a’ dìon shionnach agus mamalan fiadhaich eile agus bidh sinn dealasach a thaobh toirt a-steach feum air ceadachd airson losgadh air cearcan-fraoich. Cuiridh sinn an gnìomh molaidhean na Buidhne-obrach air Fèidh agus nì sinn ùrachadh air reachdas riaghladh fèidh.
Àrainneachd na mara
Is ann le Alba a tha còrr is 60% de dh’uisgeachan iasgaich na RA agus pailteas de stòrasan mara – làimhsichidh sinne iad mar mhaoin nàiseanta, gan dìon, gan àrach agus gan leasachadh gu buannachd a’ ghinealaich seo fhèin agus ginealaichean ri teachd. Leasaichidh sinn ro-innleachd mara agus stèidhichidh sinn buidheann sònraichte gus ar maoin mara a chur aig cridhe na h-eaconamaidh ghuirm, a’ dùblachadh gnìomhachd malairt, GVA agus malairt eadar-nàiseanta ann an deich bliadhna. Cuiridh sinn taic ri fàs seasmhach turasachd mara gu còrr air £0.5 billean de ghnìomhachd ro 2025.
Iasgach
Tha na roinnean iasgaich agus biadh mara againn an-dràsta a’ fulang fìor dhroch bhuaidh Brexit. Mar phrìomhachas feumaidh na roinnean sin faighinn air ais gu margaidh shingilte an AE às aonais nan cnapanstarra a chuir Riaghaltas na RA an sàs tro Bhrexit agus nì riaghaltas PNA nas urrainn dhuinn gus margaidhean agus cothroman fhaighinn air ais airson na roinn èisg agus biadh mara againn. Fhuair an RA cùmhnant nas miosa do roinn iasgaich na h-Alba na bhiodh againn fon Phoileasaidh Iasgaich Choitcheann. Nuair a bhios sinn neo-eisimeileach agus a’ tilleadh don AE, feuchaidh sinn, le guth san deasbad mar aon de na dùthchannan iasgaich as beairtiche, ri buaidh a thoirt air poileasaidh a chum buannachd nan iasgairean againn an-dràsta agus san àm ri teachd. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic don ghnìomhachas againn faighinn thairis air a’ chron a rinn na Tòraidhean air tro Bhrexit, agus a’ brùthadh airson an £62 millean de mhaoineachadh mara air a bheil còir aig Alba, a bhith air a riarachadh gu h-iomlan do dh’Alba. Lìbhrigidh sinn ar frèam-obrach airson riaghladh iasgaich, a’ cothromachadh math àrainneachd, sòisealta agus eaconamach, a’ cleachdadh dòigh-obrach eagshiostamach a thaobh iasgach a tha stèidhichte air saidheans. Cuiridh sinn taic ri riaghladh ionadail air iasgach cladaich, leasaichidh sinn pìleatan iasgaich nas seasmhaiche agus meudaichidh sinn cothroman iasgach cladaich.
Cruthaichidh sinn ceangal eaconamach sònraichte eadar iasg a ghlacadh is iasg a thoirt gu tìr, a’ brosnachadh barrachd èisg a thoirt gu tìr ann an Alba, rud a chruthaicheas barrachd obraichean agus cothroman gnìomhachais air tìr, gu sònraichte ann an giullachd. Tro phlana gnìomha na h-eaconamaidh ghuirm, feuchaidh sinn ri cleachdaidhean cronail agus droch bhuilean a lùghdachadh leithid sgudal mara, plastaig mara, truailleadh agus sgaoilidhean carbon bho ghnìomhachd mara – gu sònraichte, nì sinn sgrùdadh air a’ chomas airson soithichean iasgaich carbon ìosal a chleachdadh air uisgeachan cladach.
Tuathanachas èisg
Tha Alba ann am fìor dheagh shuidheachadh soirbheachadh le tuathanachas èisg, ach feumaidh e fàs gu seasmhach, ann an co-chòrdadh ri àrainneachd na mara a tha a’ toirt taic dha. Nì sinn ath-leasachadh agus sgioblachadh air pròiseasan riaghlaidh gus am bi leasachadh nas ciallaiche, nas soilleire agus nas èifeachdaiche. Aig cridhe ar dòigh-obrach ùr bidh ùghdarras dearbhaidh singilte ùr airson ceadan tuathanais, stèidhichte air an t-siostam riaghlaidh ann an Nirribhidh. Bheir seo barrachd soilleireachd, follaiseachd agus luaths don phròiseas. Tha sinn a’ sùileachadh gun cur tuathanasan-èisg mòran a bharrachd ris na coimhearsnachdan agus na h-eaconamaidhean ionadail a tha a’ toirt taic dhaibh agus mar sin rannsaichidh sinn cuideachd mar a dh’fhaodadh siostam rùpa ann an stoidhle Nirribhidh airson leasachaidhean tuathanais ùra a bhith a’ togail mòran airgid a bheireadh taic do sheirbheisean sgrùdaidh agus cùraim, agus fìor bhuannachd do choimhearsnachdan eileanan agus sgìrean dùthchail iomallach agus do ùrghnàthachadh agus iomairt. Cuiridh sinn taic ri ùr-ghnàthachadh ann an tuathanasuisge, mar eisimpleir le bhith a’ sgrùdadh iasg àrach air tìr ann an tancaichean dùinte agus a’ sgrùdadh a’ chomais airson barrachd maoraich àrach ann an tuathanasan uisge blàth stèidhichte air tìr gus lùghdachadh na tha de dh’iasg agus de mhaorach a tha air àrach ann an dòigh neosheasmhach ga thoirt a-steach a dh’Alba.
Slàinte lusan
Cumaidh sinn suas ar n-inbhe de dh’àiteachadh saor bho GM agus cumaidh sinn ri inbhean agus riaghailtean an AE a thaobh puinnseanan agus todhar fuadain. Gu h-àraidh, obraichidh sinn gus cleachdadh phuinnseanan agus todhar fuadain ann an gàirneilearachd dachaigheil agus coimhearsnachd a chuingealachadh. Cuiridh sinn casg air reic stuthan gàirnealaireachd cocheangailte ri mòine. Nì sinn ath-sgrùdadh agus ath-leasachadh air cleachdadh todhar urea gus a lùghdachadh agus gus sgaoilidhean ammonia a ghearradh a-mach, agus brosnaichidh sinn barrachd sgudail a thionndadh gu bith-chonnadh.
Nì sinn tasgadh, pìleat agus brosnachadh air dòigheanbacaidh iomchaidh air meatain, gu sònraichte an fheadhainn a bhios a’ cleachdadh stòrasan nàdarra.
Coilltearachd
Meudaichidh sinn na targaidean againn 50% airson coilltean ùra a chruthachadh, bho 12,000 heactair suas gu 18,000 heactair gach bliadhna ro 2025. Thairis air còig bliadhna bheir sinn £100 millean a bharrachd do Choilltearachd na h-Alba gus planntachadh ùr a mheudachadh, £30 millean do Choilltearachd agus Fearann na h-Alba gus coilltean agus fearann nàiseanta na h-Alba a leudachadh, agus thèid £20 millean eile gus stoc-àraich a mheudachadh. Bidh ro-thaobhadh againn an aghaidh còmhdach cruaidh a chur sìos air talamh gàrraidh ann am bailtean agus brosnaichidh sinn daoine gus gàrraidhean a chumail a tha càirdeil do bheathaichean poileanaichidh agus craobhan beaga fhàs anns na gàrraidhean aca. Nì sinn cinnteach gum bi pàirt chudromach aig craobhan, coilltean agus goireasan nàdarra ann an sgeamaichean casg thuiltean, càradh bhruachan agus gus dèiligeadh ri truailleadh èadhair.
ar manifesto agus thusa
A ’cleachdadh na fèin-thaghadh gu h-ìosal, gheibh thu a-mach na prìomh phoileasaidhean againn airson do choimhearsnachd.
boireannaich daoine nas òige seann daoine ciorram
mion-chinnidh LGBTI oileanaich







