25 minute read

Dùthaich làn chothroman

Tha bliadhna air a bhith aig a’ ghinealach seo de chlann is dhaoine òga eu-coltach ri dad a chunnacas roimhe. Sheas na sgoiltean-àraich, na sgoiltean, na colaistean agus na h-oilthighean againn ris an dùbhlan ach chomharraich an galar lèir-sgaoilte cnapan-starra mòra ri ionnsachadh a tha fhathast a’ cur bacadh air cus dhaoine. Tha sinn airson cur às do na cnapan-starra sin. Feumaidh foghlam toiseach-tòiseachaidh cothromach a thoirt do na h-uile.

Thar na h-ath phàrlamaid:

• Leanaidh sinn air adhart a’ cur às do chnapanstarra a thaobh ionnsachadh, le bhith: • a’ toirt seachad coimpiutair-uchd no inneal don h-uile sgoilear agus ceangal eadar-lìn an-asgaidh. • a’ dèanamh cinnteach nach eil acras air pàiste sam bith san t-seòmar-sgoile le bhith a’ toirt bracaist agus lòn sgoile an-asgaidh do gach sgoilear sa bhun-sgoil, fad na bliadhna. • a’ cur stad air dùnadh a-mach sgoilearan bochda bho thursan agus gnìomhan practaigeach le bhith a’ cur às do chosgaisean airson teaghlaichean a tha ann an dìth. • a’ cur an-àirde an tabhartas èideadh sgoile gu co-dhiù £120 sa bhun-sgoil agus £150 san àrd-sgoil. • Bidh sinn a’ fastadh co-dhiù 3,500 tidsearan agus luchd-taic clas a bharrachd – a thuilleadh air na 1400 tidsear a chaidh fhastadh tron ghalar lèir-sgaoilte – a’ toirt barrachd ùine do thidsearan a-mach às an t-seòmar-sgoile gus leasanan ullachadh agus na sgilean aca a thoirt air adhart. • Tasgaidh sinn £1 billean eile gus a’ bheàrn ann an coileanaidh sgoile a dhùnadh. • Tasgaidh sinn ann an sunnd cloinne agus faighinn seachad air Covid tro phrògram de ghnìomhachd samhraidh gus leigeil leotha conaltradh is cluich còmhla. • Bheir sinn air adhart molaidhean athbhreithneachadh OECD air a’ churraicealam. • Cuiridh sinn an gnìomh Cunnradh nan

Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne sa chiad sia mìosan den phàrlamaid ùr. • Stèidhichidh sinn Acadamaidh Dhidseatach

Nàiseanta gus leigeil le daoine ionnsachadh airson teisteanasan sgoile àrd-ìre aig àm sam bith, ann an àite sam bith, aig aois sam bith. • Cuiridh sinn às don chìs chomhairle airson daoine fo aois 22.

A h-uile pàiste; A h-uile turas

Is e ar n-amas gur e Alba an t-àite as fheàrr san t-saoghal airson a h-uile pàiste a bhoth a’ fàs suas.Tha toiseachtòiseachaidh cothromach don chloinn againn, a’ ciallachadh a h-uile pàiste, a h-uile turas. Chan ann dìreach nuair a tha e furasta, no goireasach. A h-uile turas. Is ann air sgàth sin a tha sinn airson Cunnradh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Cloinne a chur an gnìomh – an “inbhe òir” chruinneil airson còraichean cloinne – gus còraichean cloinne is dhaoine òga a dhaingneachadh san lagh. Tha e a’ ciallachadh gum bithear a’ beachdachadh air na còraichean aca nuair a tha codhùnaidhean gan dèanamh. A h-uile pàiste. A h-uile turas.

Bogsa Bèibidh

Tha am Bogsa Bèibidh againn mu thràth air stuth riatanach a thoirt do deichean mhìltean de phàrantan ùra airson nan ciad sheachdainean agus mhìosan. Tha am bogsa a’ toirt seachad cuideachadh practaigeach – pasgan de nithean riatanach agus àite sàbhailte dha naoidhean cadal. Ach tha e cuideachd a’ cur an gnìomh a’ phrionnsapail gum bu chòir do gach pàiste toiseach cothromach fhaighinn nam beatha. Tha a bhith ga fhaighinn ceart airson a h-uile pàiste a’ ciallachadh a bhith ag aithneachadh gu bheil cothroman beatha, agus coileanadh san àm ri teachd, a’ tòiseachadh aig àm breith. Tha sinn deimhinnte gum bu chòir a h-uile pàiste, ge bith dè an suidheachadh aca, an toiseach-tòiseachaidh as fheàrr fhaighinn nam beatha – gu dearbh, is e sin an t-adhbhar a thug sinn a-steach Bogsa Bèibidh na h-Alba. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt seachad Bogsaichean Bèibidh airson clann ùra na h-Alba, a’ dèanamh cinnteach gu bheil toiseach-beatha co-ionann aig a h-uile pàiste a rugadh ann an Alba, agus rannsaichidh sinn dòighean anns an urrainnear am bogsa bèibidh a chleachdadh gus slàinte bhoireannach adhartachadh agus taic a thoirt do shlàinte inntinn phàrantan. Feuchaidh sinn ris an aon phrionnsapal sin a chur an gnìomh – gu bheil gach pàiste airidh air toiseach cothromach – fad am beatha.

Cothromach bhon fhìor thoiseach

Is e foghlam an t-slighe as fheàrr a tha ann airson toiseach tòiseachaidh math a thoirt don h-uile duine. Feumaidh seo tòiseachadh leis a’ chloinn as òige. Leudaichidh sinn sàr chùram-cloinne an-asgaidh gu 1,140 uair a thìde – an aon tìde a chaitheas pàiste sa bhun-sgoil – ron Lùnastal 2021. Anns an ath Phàrlamaid thèid sinn nas fhaide, le bhith a’ togail siostam de chùram-cloinne ‘amalaichte’, a’ toirt seachad cùram ro agus às dèidh na sgoile, fad na bliadhna. Cha phàigh an fheadhainn air an teachd-asteach as ìsle dad, agus pàighidh càch prìs reusanta, chothromach. Leudaichidh sinn cuideachd foghlam tràthbhliadhnaichean an-asgaidh gu clann aois 1 agus 2, a’ tòiseachadh le clann bho dhachaighean le teachd-asteach ìosal.

A’ cur às do chnapan-starra foghlaim

Cha bu chòir do sgoilear sam bith a bhith air a bhacadh bho ionnsachadh air sgàth bochdainn. Tha fios againn gu bheil cuid de theaghlaichean a’ dol às aonais nithean riatanach leithid teasachadh, biadh agus pàigheadh màil gus an urrainn don chloinn aca làn phàirt a ghabhail san sgoil – chan eil seo idir ceart. Feumar cur às do chnapanstarra foghlaim. Togaidh sinn siostam gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom co-ionann air làn raon an fhoghlaim aig na h-uile, a’ briseadh sìos cnapan-starra ionmhais gus fìor eadar-dhealachadh a dhèanamh ann am beatha cloinne bho theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal.

Ruigsinneachd didseatach

Dh’atharraich Covid-19 an dòigh anns a bheil foghlam ga lìbhrigeadh. Le barrachd earbsa ann an ceanglaichean didseatach, nochd an galar lèir-sgaoilte cnapan-starra a thaobh às-dùnadh didseatach. Tron ghalar lèir-sgaoilte, chuimsich sinn air ceangal didseatach a thoirt don chloinn bu mhotha a bh’ ann an dìth, ach bheir sinn a-nis inneal do gach pàiste ann an Alba gus faighinn air-loidhne, a’ toirt a-steach ceangal eadar-lìn an-asgaidh agus an taic gus a chleachdadh.

Biadh sgoile an-asgaidh

Bidh biadh sgoile a’ brosnachadh lùth, comas aire a chumail air an obair agus deagh ghiùlan na cloinne, a tha a’ leantainn gu leasachaidhean ann an soirbheachadh acadaimigeach. Tha a’ chlann air fad ann am bun-sgoiltean 1 gu 3 mu thràth a’ faighinn buannachd bho chothrom air biadh sgoile an-asgaidh, a’ sàbhaladh timcheall air £400 gach pàiste gach bliadhna do theaghlaichean. Thèid sinn a-nis nas fhaide. Bheir sinn bracaist is lòn sgoile an-asgaidh don h-uile sgoilear bun-sgoile ann an Alba, fad na bliadhna, agus don a h-uile pàiste ann an sgoiltean speisealta maoinichte leis an stàit ann an Alba. A’ coimhead air adhart, nì sinn deuchainn air solar bracaist sgoile beathachail an-asgaidh ann an àrd-sgoiltean, agus, stèidhichte air co-dhùnaidhean a’ phìleit, rannsaichidh sinn comasachd bracaist a thabhann don h-uile sgoilear àrd-sgoile.

Cosgaisean Curraicealaim

Gus dèanamh cinnteach à cothrom co-ionann air a’ churraicealam gu lèir, cuiridh sinn às do chosgaisean bunasach curraicealaim airson a h-uile sgoilear. Leigidh seo le clann na cuspairean a thogras iad a ghabhail gun teaghlaichean a bhith a’ strì ri cosgaisean ghoireasan agus stuthan a phàigheadh airson leasanan practaigeach, leithid eaconamas dachaigh, aoigheachd, ealain is dealbhadh, ceòl, agus dealbhadh is teicneòlas.

Èideadh sgoile

Tha fios againn gum faod èideadh a bhith mar aon de na cosgaisean sgoile as motha do phàrantan. Tha sinn mu thràth a’ toirt seachad tabhartas aodach sgoile de £100 aig a’ char as lugha do theaghlaichean air teachda-steach ìosal air feadh na h-Alba, ach thèid sinn nas fhaide gus dèanamh cinnteach gu bheil an tabhartas a’ pàigheadh cosgais èideadh sgoile uile. Ma thèid ar taghadh a-rithist nì sinn ath-sgrùdadh air fìor chosgais èideadh sgoile airson teaghlaichean nach eil cho beairteach, ag àrdachadh an tabhartais gu codhiù £120 sa bhun-sgoil agus £150 san àrd-sgoil agus a’ dèanamh cinnteach gun tèid e an-àirde gach bliadhna a rèir atmhorachd.

Gus dèanamh cinnteach à cunbhalachd air feadh na dùthcha, leasaichidh sinn stiùireadh reachdail air poileasaidhean èideadh sgoile – a’ casg riatanas èideadh a cheannach ann am bùthan daora – agus a’ toirt taic do fhèin-obrachadh tabhartasan aodach sgoile anns a h-uile ùghdarras ionadail gus cur às do chnapan-starra a thaobh cur a-steach air an son agus barrachd gabhail a bhrosnachadh.

Tursan sgoile

Tha ionnsachadh taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile na phàirt riatanach de dh’fhoghlam. Cha bu chòir clann a bhith a’ call a-mach dìreach air sgàth nach urrainn am pàrantan pàigheadh airson a’ chosgais. Bheir sinn taic do sgoiltean gus tursan agus gnìomhan in-ghabhalach a thoirt do na h-uile agus gus dèanamh cinnteach à cleachdadh cunbhalach air feadh na h-Alba. Nì sinn cinnteach nach bi cosgaisean air teaghlaichean nach eil cho beairteach airson turasan is gnìomhan cocheangailte ris a’ churraicealam agus gum bi e comasach don h-uile sgoilear a dhol air tursan ‘tighinn gu ìre’, leithid dol air falbh gu àiteachan-còmhnaidh ann am P7. Bheir sinn cuideachd a-steach còir as lugha airson a h-uile sgoilear àrd-sgoile a bhith an làthair aig co-dhiù aon turas-sgoile ‘roghainneil’ rè na h-ùine aca san sgoil gus am faigh a h-uile sgoilear buannachd bho na h-eòlasan ionnsachaidh beairteach sin.

A’ cur am meud teachd-a-steach teaghlaich

Stiùiridh sinn iomairt nàiseanta aonaichte eadar an riaghaltas, ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean a’ togail aire mun airgead air a bheil daoine airidh agus am brosnachadh a ghabhail, gus teachd-a-steach teaghlaich a mheudachadh.

A’ togail inbhean agus a’ dùnadh na beàrn coileanaidh

Tha sinn air adhartas a dhèanamh le bhith a’ dùnadh na beàrn coileanaidh ach feumar barrachd a dhèanamh. Tha sinn air còrr is £750 millean a thasgadh thairis air na còig bliadhna a dh’fhalbh ann an Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba. Mar thoradh air sin, tha sinn a’ faicinn bhuannachdan seasmhach, mean air mhean ann an coileanadh thar an fhoghlaim fharsaing choitchinn. Tha a’ bheàrn eadar na sgoilearan as bochda agus as beairtiche a tha a’ faighinn teisteanas Ìre 5 – mar eisimpleir, Nàiseanta 5 – air lùghdachadh còrr is trian, Aig ìre 6 – mar eisimpleir, Àrd-Ìre – tha a’ bheàrn air lùghdachadh còigeamh cuid. Togaidh sinn a-nis air adhartas gus a’ bheàrn coileanaidh co-cheangailte ri bochdainn a dhùnadh le bhith: • a’ tasgadh £1 billean thairis air an ath phàrlamaid ann an ceumannan gus faighinn seachad air Covid, coileanadh a leasachadh agus a’ bheàrn coileanaidh a dhùnadh. • a’ meudachadh àireamhan thidsearan agus luchd-taic seòmar-sgoile 3,500 a bharrachd air na rinneadh anns a’ Phàrlamaid mu dheireadh, • a’ cur an gnìomh pasgan taic soilleir, maoinichte airson sgoilearan a tha air tuiteam air dheireadh no a tha air droch shunnd fhulang mar thoradh air a’ ghalair lèirsgaoilte, a’ tòiseachadh le prògram gnìomhachd as t-samhradh. • a’ tiomnadh barrachd chumhachdan agus smachd ionmhais do na daoine as fheàrr a tha eòlach air na sgoilearan – tidsearan, agus • a’ toirt air adhart molaidhean ath-bhreithneachadh

OECD air a’ churraicealam.

Taic do thidsearan

Tha sinn fada an comain ar tidsearan, a dh’fheumadh atharrachadh mòr a dhèanamh anns na h-amannan as duilghe. Tha sinn air an àireamh de thidsearan a mheudachadh faisg air dà mhìle gu leth bho thòisich a’ Phàrlamaid mu dheireadh ach thèid sinn nas fhaide. Togaidh sinn neart an t-siostam foghlaim againn, a’ toirt barrachd ùine do thidsearan taobh a-muigh an t-seòmair-sgoile gus a bhith ag ullachadh airson leasanan, leasachadh proifeasanta a ghabhail os làimh agus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ dùnadh na beàrn coileanaidh. Bidh sinn a’ fastadh co-dhiù 3,500 luchd-teagaisg agus luchd-taic clas a bharrachd agus a’ gearradh uair a thìde gu leth san t-seachdain bhon ùine aca an cuideachd sgoilearan airson an tide a thoirt do thidsearan a dh’fheumas iad gus ìrean àrdachadh. Agus, leis gu bheil an t-eòlas as fheàrr aig tidsearan air feumalachdan foghlaim nan sgoilearan, bidh sinn a’ neartachadh ar dòigh-obrach airson cumhachd a thoirt don dreuchd teagaisg agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil na co-dhùnaidhean a bheir buaidh air foghlam ar cloinne agus ar daoine òga air an dèanamh nas fhaisge orra. Bheir sinn taic do thidsearan le stuthan gus ar daoine òga a theagasg mu na cunnartan a tha an lùib fiosrachadh meallta is naidheachdan brèige agus mar a bhreithnicheas iad air stòran fiosrachaidh dhaibh fhèin.

Ath-leasachadh a’ Churraicealaim

Ann an 2010 thug sinn a-steach an Curraicealam airson Sàr-mhathais, curraicealam nàiseanta ùr bho sgoilàraich gu àrd-sgoil. Bha seo na ath-leasachadh mòr air a’ churraicealam ann an Alba agus chuir e luchdionnsachaidh aig cridhe foghlaim. Tha còrr air deich bliadhna air a dhol seachad bhon uair sin, agus gus taic fiosrachaidh a thoirt do leasachadh leantainneach air poileasaidh foghlaim dh’iarr sinn air an OECD ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air a’ churraicealam. Tha an lèirmheas a’ beachdachadh air dealbhadh agus sùbailteachd a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais, mar a bhios sgoilearan a’ gluasad tron sgoil chun na h-àrd-ìre agus mar a tha tidsearan a’ faighinn taic. Bheir sinn air adhart molaidhean ath-bhreithneachadh OECD air a’ churraicealam gus dèanamh cinnteach gu bheil buannachdan CfE air an lìbhrigeadh don h-uile sgoilear. Tha cur às do dheuchainnean sgoile air sgàth Covid air ceistean mòra a thogail a thaobh a bheil an siostam sgrùdaidh sgoile againn a’ dèanamh measadh ceart air soirbheachas ar n-òigridh. Chaidh a’ cheist fhaighneachd a bheil an siostam dheuchainnean fhèin na bhacadh do chuid de sgoilearan. Tha lèirmheas an OECD a’ coimhead air mar as urrainnear dòigh-obrach na h-Alba a thaobh measadh agus teisteanasan atharrachadh, stèidhichte air na cleachdaidhean as fheàrr air feadh na cruinne. Nì sinn ath-leasachadh air an t-siostam gus dèanamh cinnteach nach bi an dòigh anns am bi sinn a’ toirt seachad teisteanasan a’ cur ana-cothrom air daoine bho dhachaighean nas bochda.

Taic do dhaoine òga às dèidh Covid

Tha na sgoiltean agus na tidsearan againn air a bhith ag obair gu cruaidh anns na suidheachaidhean as duilghe gus teagasg a chumail a’ dol agus sgoilearan a chumail ag ionnsachadh. Tha na h-oidhirpean aca air a bhith fìor mhath ach tha sinn ag aithneachadh gu bheil buaidh shònraichte air a bhith aig Covid air foghlam dhaoine òga. Sin an t-adhbhar a mheudaicheas sinn tasgadh ann a bhith a’ dùnadh a’ bheàrn coileanaidh gu £1 billean thairis air beatha na pàrlamaid seo a tha ri thighinn. Agus nì sinn cinnteach gum bi smachd aig na sgoiltean fhèin air mar a thèid barrachd dheth a chosg oir ’s ann acasan as fheàrr tha fios ciamar a chuidicheas iad sgoilearan fa-leth, a’ toirt a-steach cò a dh’fheumas oideachadh fa leth agus taic a bharrachd le cuspairean sònraichte.

Ach feumaidh clann barrachd air cuideachadh san sgoil. Thug Covid buaidh air an leasachadh gu lèir agus air sunnd nas fharsainge. Is e sin as coireach gun cuir sinn plana an sàs gus ar clann a chuideachadh a’ faighinn seachad air Covid, chan ann a-mhàin mar sgoilearan, ach mar dhaoine. Bidh sinn: • a’ lìbhrigeadh prògram ghnìomhachdan do chlann is daoine òga thairis air an t-samhradh – le taic bho £20 millean – airson an cuideachadh gus conaltradh is cluich le chèile • ag ùrachadh a h-uile pàirc-chluiche ann an Alba, gus am bi deagh chothrom cluiche aig a h-uile pàiste anns a’ choimhearsnachd aca fhèin, le taic bho £60 millean. • a’ cur às do chosgaisean airson foghlam ciùil is ealain, a’ gabhail a-steach teagasg ciùil ionnsramaid ann an sgoiltean. Gus taic a thoirt do seo, gabhaidh sinn ri molaidhean na Buidheann Com-pàirteachais ann am

Foghlam Ciùil, ag àbhaisteachadh ceòl mar phrìomh chuspair ann an siostam foghlaim na h-Alba agus a’ dèanamh cinnteach gum faigh tidsearan ciùil a tha a’ teagasg ionnsramaid ann an Alba clàradh agus creideas

GTCS – a’ cruthachadh feachd teagaisg ciùil nàiseanta a tha aithnichte gu proifeasanta. • a’ leudachadh a’ mhodail Iomairt Ciùil Òigridh soirbheachail gu seòrsaichean ealain eile agus a’ toirt taic do chlann is dhaoine òga bho choimhearsnachdan bochda faighinn gu ceòl agus an làn chomasan a choileanadh le bhith a’ leantainn oirnn le ar maoineachadh bliadhnail do Sistema Scotland.

Toiseach-tòiseachaidh cothromach don h-uile duine

Tha toiseach-tòiseachaidh cothromach airson a h-uile duine a’ ciallachadh dèiligeadh ri cuid de na dùbhlain as miosa a tha mu choinneimh dhaoine òga.

An Gealladh

Tha sinn airson gum bi siostam cùraim ann an Alba a bheir piseach air builean agus sunnd nan daoine ris a bheil e a’ toirt taic – agus a nì cinnteach gum fàs iad suas ann an àrainneachd gaoil. Ann an 2016, dh’ainmich am Prìomh Mhinistear làn ath-sgrùdadh neo-eisimeileach den t-siostam cùraim gus beachdachadh air an dòigh as fheàrr a bheir sinn an leanabachd air a bheil iad airidh don chloinn as so-leònte ann an Alba, stèidhichte air gaol. Chaidh an t-ath-sgrùdadh fhoillseachadh ann an 2020, agus tha sinn air gabhail ris na toraidhean aige. Tha sinn dealasach mu bhith a’ cur an gnìomh a lèirsinn air mar a dh’fheumas sinn cùram a thoirt do na daoine òga as soleònte againn cho luath ’s a ghabhas. Cuiridh sinn an gnìomh toraidhean agus molaidhean an Ath-sgrùdadh Cùraim Neo-eisimeileach ro 2030. Mar phàirt de seo, nì sinn ath-sgrùdadh air Siostam Cùirt na Cloinne thairis air an ath phàrlamaid gus dèanamh cinnteach gu bheil prionnsapalan Kilbrandon agus an Athsgrùdadh Cùraim air an làn choileanadh.

Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh

Bu chòir do shiostam foghlaim na h-Alba a bhith ruigsinneach don h-uile neach òg. Tha sinn airson gum faigh a h-uile pàiste agus neach òg an taic a dh’fheumas iad gus an làn chomas a ruighinn. Cuiridh sinn an gnìomh toraidhean sgrùdadh Morgan air taic a bharrachd airson ionnsachadh agus bheir sinn maoineachadh do chomhairlean gus leudachadh air an àireamh de Luchd-taic Sgoilearan a tha ag obair ann an clasaichean na h-Alba.

Foghlam in-ghabhalach

Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi co-ionannachd agus còraichean daonna air an stèidheachadh anns an fhoghlam againn. Tha an gluasad Black Lives Matter air aire làidir a thoirt do ana-ceartas cinneadail is fòirneart stèidhichte air cinneadh, agus an fheum air dùthchannan a bhith a’ meòrachadh air an eachdraidh colonachd aca. Maoinichidh sinn leasachadh prògram air-loidhne mu Alba agus eachdraidh colonachd na RA air feadh an t-saoghail a ghabhas a thoirt do sgoiltean, agus brosnaichidh sinn Ùghdarrasan Ionadail am prògram a ruith anns a h-uile sgoil. Tha sinn làn dhealasach mu bhith a’ toirt air adhart lìbhrigeadh nam molaidhean adhartach air Foghlam In-ghabhaltach LGBT thar a’ churraicealaim gus an àrainneachd ionnsachaidh a leasachadh airson clann is daoine òga air fad. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil dòigh foghlaim airson dèiligeadh ri burraidheachd agus gràin cò-sheòrsaich, gràin dà-sheòrsaich is gràin tar-gender ann an sgoiltean riatanach.

Bu chòir eachdraidh LGBT, curaidhean LGBT agus foghlam co-ionannachd a bhith air an teagasg ann an sgoiltean gus dèiligeadh ris a’ chlaon-bhreith a bhios gu tric a’ leantainn gu burraidheachd agus às-dùnadh sòisealta dhaoine òga LGBT. Gus seo a choileanadh, tha sinn air Àm son Foghlam In-ghabhalach a mhaoineachadh (TIE) gus obair le luchd-co-dhùnaidh, goireasan curraicealaim a chruthachadh, agus seirbheisean a lìbhrigeadh do thidsearan agus sgoilearan airson mothachadh a thogail, eòlas a chur am meud, agus deagh dhàimhean a bhrosnachadh. Tha sinn dealasach a thaobh na h-obrach seo agus cumaidh sinn oirnn ga maoineachadh gus an tèid cur às don chlaon-bhreith a tha air beatha cus de dhaoine òga a sgrios. Bheir sinn seachad maoineachadh a bharrachd gus leigeil le ùghdarrasan ionadail oideachadh Cànan Soidhnidh Bhreatainn a thabhann an-asgaidh do chlann bhodhar bho aois còig. Obraichidh sinn le Coimiseanair na Cloinne agus Daoine Òga gus mothachadh a thogail mun UNCRC gus dèanamh cinnteach gun urrainn do chlann is daoine òga an còraichean a chur an sàs.

Stèidheachadh Acadamaidh Dhidseatach Nàiseanta

Mar phàirt den oidhirp againn gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine toiseach cothromach, agus a’ tarraing air eòlas foghlam air-loidhne aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte, leudaichidh sinn ar tairgse air ionnsachadh didseatach gus Acadamaidh Dhidseatach Nàiseanta a leasachadh. Bidh seo mar phàirt de Ro-innleachd Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd ùr agus bheir e cothrom do luchd-ionnsachaidh faighinn chun chlàr-oideachaidh àrd-ìre, ge bith càite bheil iad. Chuireadh an dòigh ùr seo crìoch air a’ chrannchur còd-puist de roghainn cuspair, agus bheireadh e cothrom do dhaoine sgrùdadh a dhèanamh airson nan Àrd-ìrean aca nas fhaide air adhart nam beatha, nan ùine fhèin, ga shuidheachadh timcheall air obair no dleastanas cùraim.

Neartachadh taic do dhaoine òga na h-Alba

Mar a bhios na daoine òga againn a’ gluasad bhon sgoil gu colaiste, oilthigh, trèanadh agus obair, tha sinn airson dèanamh cinnteach gum faigh iad toiseach-tòiseachaidh cothromach nam beatha inbheach.

Pasgan luchd-fàgail na sgoile

Tha sinn airson gum bi cothrom aig luchd-fàgail na sgoile, ge bith dè an eachdraidh, an làn chomas a choileanadh anns an ath phàirt de am beatha. Ag ionnsachadh à Sealan Nuadh, bheir sinn a-steach Pasgan Luchd-fàgail na Sgoile gus sgilean pragtaigeach a thoirt do luchd-fàgail na sgoile leithid litearrachd ionmhasail, buidseatadh agus fiosrachadh air mar a chleachdas iad an làn chòraichean catharra agus deamocratach.

Obair Òigridh

Bidh am prògram ath-bheothachadh samhraidh againn a’ tasgadh ann an raon de ghnìomhachd airson clann agus daoine òga agus an teaghlaichean gus an cuideachadh le bhith a’ conaltradh gu sòisealta agus a’ cluich còmhla às dèidh covid. Bidh am maoineachadh seo a’ toirt a-steach taic airson seirbheisean òigridh stèidhichte sa choimhearsnachd. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil maoineachadh air a bhith na dhuilgheadas aig ìre nàiseanta is ionadail agus, a bharrachd air a bhith a’ meudachadh tasgadh, nì sinn athsgrùdadh air a’ bhunait reachdail airson ionnsachadh is leasachadh coimhearsnachd gus solar a neartachadh agus barrachd dìon ionmhais a thoirt seachad.

Taic do na h-oileanaich againn

Tha sinn gu tur dealasach mun phrionnsapal gum bu chòir cothrom air foghlam a bhith stèidhichte air comas ionnsachaidh, chan ann air comas pàighidh. Is e Alba an aon dùthaich san RA a tha a’ tabhann foghlam oilthigh an-asgaidh, a’ sàbhaladh suas ri £27,000 do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh ann an Alba. Cho fad ’s a tha PNA anns an riaghaltas cha bhi cìsean oideachaidh ann an Alba. Chuidich seo san oidhirp gus ruigsinneachd a leudachadh – tha sinn a-nis a’ faicinn nan àireamhan as àirde de dh’oileanaich bho na dachaighean as bochda a’ frithealadh an oilthigh. Anns an ath Phàrlamaid, leudaichidh sinn ruigsinneachd a-rithist, a’ cur an gnìomh molaidhean a’ Choimiseanair airson Leudachadh Ruigsinneachd.

Mar phàirt den amas seo, nì sinn ath-sgrùdadh air maoineachadh airson oileanaich iar-cheumnach. Ged a tha oideachadh an-asgaidh do oileanaich focheumnach a tha a’ fuireach ann an Alba, chan eil ionnsachadh. Tha sinn air an taic ionmhais a tha sinn a’ tabhann do oileanaich fo-cheum a mheudachadh anns na bliadhnachan mu dheireadh, ach tha sinn airson a dhol nas fhaide. Leudaichidh sinn ar pasgan taic oileanach gu h-iomlan gus ìre an tuarastal bith-beò a ruighinn thar nan trì bliadhna a tha romhainn. Cha bu chòir oileanach sam bith na làn shochairean aca a chall leis gu bheil iad a’ faighinn maoineachadh oileanach. Bheir sinn a-steach pàigheadh taic sònraichte gus nach caill oileanaich a tha a’ faighinn shochairean airgead leis gu bheil iad a’ faighinn, no airidh air, taic oileanach. Nì sinn ath-sgrùdadh air an roinn àiteachan-fuirich a chaidh a thogail a dh’aona ghnothach do oileanaich agus bheir sinn air adhart ro-innleachd àite-fuirich oileanach airson na h-Alba. Cuiridh sinn an sàs plana gnìomha slàinte-inntinn oileanach a bhios a’ dèiligeadh ri amannan feitheimh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom co-ionann aca uile air comhairlichean agus a’ cur slàinte inntinn agus sunnd don churraicealam. Dèiligidh sinn ri bochdainn didseatach oileanach. Tha dìth innealan dealanach agus ceanglaichean a’ cur bacadh air cus oileanaich bho dhachaighean nach eil cho beairteach. Dùinidh sinn a’ bheàrn – le taic bho £5 millean gach bliadhna. Leasaichidh sinn an taic a tha ri fhaighinn do dh’oileanaich a tha air dealachadh bho am pàrantan – feadhainn nach faigh taic ionmhais bho am phàrantan – le pasgan taic co-ionann ris an Tuarastal Bith-beò. Nì sinn sgrùdadh an gabh prògram barantais a chruthachadh ann an com-pàirteachas le colaistean agus oilthighean airson oileanaich a tha air dealachadh bho am pàrantan, agus a tha ann an cunnart nas motha gun tèid brath a ghabhail orra sa mhargaidh taigheadais.

Taic ionmhais do inbhich òga

Tha inbhich òga nas buailtich na càch a bhith ag obair anns na roinnean as motha a thàinig fo bhuaidh an dùnaidh eaconamaich, agus mar sin tha iad nas buailtich a bhith air obair a chall no a dhol air fòrladh. Mar chomharra air a’ bhuaidh a th’ aig Covid air beatha agus cothroman dhaoine òga, gu sònraichte an fheadhainn a tha a’ tighinn a-steach don mhargaidh obrach airson a’ chiad uair, cuiridh sinn an-àirde an aois aig am feum daoine òga tòiseachadh air a’ chìs comhairle a phàigheadh bho 18 gu 22. Do neach òg a tha a’ fuireach ann an togalach Bann B bidh sin a’ ciallachadh sàbhaladh bliadhnail de thimcheall air £750.

Taic do Cholaistean agus Oilthighean na h-Alba

Tha seasmhachd ionmhasail agus comas obrachaidh colaistean agus oilthighean na h-Alba deatamach do ar misean nàiseanta airson faighinn seachad, gu sòisealta agus gu h-eaconamach, air a’ ghalar lèir-sgaoilte. Dh’iarr sinn ath-sgrùdadh bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba air an dòigh as fheàrr air co-leanailteachd agus seasmhachd a choileanadh ann an lìbhrigeadh foghlam adhartach is àrd-ìre. Tha a’ chiad ìre den aithisg ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha colaistean agus oilthighean na h-Alba ann a bhith ag atharrachadh beatha agus a’ toirt taic do leasachadh eaconamach is sòisealta, ach tha e cuideachd a’ comharrachadh gu bheil feum air atharrachadh agus airson còmhradh mun àm ri teachd gus am bi an soirbheachas agus an seasmhachd leantainneach aca tèarainte. Tha sinn a’ feitheamh ris an ath cheum den sgrùdadh agus freagraidh sinn an aithisg gus dèanamh cinnteach gu bheil an roinn foghlaim adhartach is àrd-ìre againn làidir san àm ri teachd. Air sgàth Brexit, cha bhi an RA a-nis a’ gabhail pàirt ann am prògram iomlaid Erasmus air feadh na Roinn Eòrpa. Tha am prògram iomlaid Erasmus air cuideachadh le bhith ag atharrachadh beatha mhìltean de na h-oileanaich againn, clann-sgoile, tidsearan, luchd-ionnsachaidh inbheach agus daoine òga, bho air feadh na RA.

Ann an Alba tha àireamh cho-rèireach nas motha de chom-pàirtichean air a dhol a-null thairis tro Erasmus+ na bho àite sam bith eile san RA, agus tha àireamh chorèireach nas motha de luchd-tadhail bhon chòrr den Roinn Eòrpa air tighinn a dh’Alba. Tha sinn dealasach a thaobh Erasmus, agus cumaidh sinn oirnn a’ tagradh airson gun tèid Alba a thoirt a-steach don phrògram. Gu ruige seo, cruthaichidh sinn prògram iomlaid Albannach gus cothroman gluasaid agus coobrachaidh a thoirt seachad ann am foghlam àrd-ìre, foghlam dreuchdail agus trèanadh, foghlam sgoile (a’ toirt a-steach foghlam agus cùram tràth-bhliadhnaichean), foghlam inbheach, òigridh agus spòrs. Cuiridh sinn an gnìomh Ro-innleachd Foghlaim Eadarnàiseanta ùr a bhrosnaicheas caidreachasan foghlaim le dùthchannan eile air feadh na Roinn Eòrpa agus an t-saoghail.

Taic do chànanan na h-Alba

Tha Gàidhlig na pàirt riatanach de chultar na h-Alba agus tha sinn dealasach a thaobh dèanamh cinnteach gum bi i seasmhach san àm ri teachd. Bidh sinn gu sònraichte a’ cuimseachadh air lùghdachadh a’ ghluasaid don Bheurla a tha a’ sìor fhàs anns na coimhearsnachdan dùthchasach a tha air fhàgail. Tha Foghlam Meadhain-Ghàidhlig (FMG) na phrìomh dhòigh air dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh agus a’ fàs ann an sgìrean bailteil agus dùthchail. Tha FMG aig an ìre as soirbheachail nuair a tha e na làn bhogadh Gàidhlig do sgoilearan, agus nuair as urrainn cùrsa-beatha sgoile air fad a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. Gus dèanamh cinnteach gu bheil FMG dha-rìribh na bhogadh bidh ro-thaobhadh san fharsaingeachd againn an-aghaidh a bhith a’ co-shuidheachadh sgoiltean FMG le sgoiltean tro mheadhan na Beurla. Brosnaichidh sinn cruthachadh bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean ùra FMG air feadh na h-Alba, le taic bho thasgadh gus an àireamh de thidsearan as urrainn teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh. Bidh seo ag amas air an raon de chuspairean a ghabhas teagasg ann am FMG a neartachadh an dà chuid airson foghlam coitcheann farsaing agus aig ìre àrd-sgoile. Cuiridh sinn taic ri leasachadh bun-sgoiltean FMG a bharrachd ann an Dùn Èideann agus Lodainn mar cheum chudromach a dh’ionnsaigh àrd-sgoil FMG leis fhèin a chruthachadh ann am meadhan Dhùn Èideann. Tha feum air àite meadhanach gus dèanamh cinnteach gu bheil e ruigsinneach bho phrìomh mhòr-ionadan còmhdhail poblach gus leigeil leis an sgoil ùr neo-eisimeileach seirbheis a thoirt do sgìre Lodainn san fharsaingeachd. Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann air conaltradh cudromach a thoirt air adhart mu sholarachadh FMG, ach nì sinn cinnteach gu bheil seo a-nis air a ghabhail a-steach ann an dòigh ro-innleachdail nàiseanta ùr. Tha seo riatanach ma tha sinn gu bhith a’ faicinn nan ìrean adhartais nas luaithe a tha sinn a’ sireadh airson na Gàidhlig. Tha an galar lèir-sgaoilte air sealltainn cho cudromach agus luachmhor ’s a tha e-Sgoil agus Stòrlann ann a bhith a’ toirt seachad goireasan foghlaim Gàidhlig. Nì sinn cinnteach gun lean iad a’ faighinn taic gus cuideachadh le foghlam sgoile, ionnsachadh inbheach, taic thidsearan agus ionnsachadh coimhearsnachd. Gus na rùintean sin a choileanadh nì sinn cinnteach gu bheil àite Shabhal Mòr Ostaig mar ionad sàr-mhathais airson trèanadh Gàidhlig an dà chuid air aithneachadh agus a’ faighinn taic, le maoineachadh sònraichte gus cùrsaichean FE/HE a thabhann tro agus airson Gàidhlig. Mar phrìomh institiud foghlaim Gàidhlig na treas ìre tha prìomh dhreuchd aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a’ toirt taic do FMG aig gach ìre agus raon farsaing de dh’iomairtean coimhearsnachd Gàidhlig.

Ag ionnsachadh à Èirinn, bidh sinn cuideachd a’ sgrùdadh Gàidhealtachd cànain a chruthachadh gus ìrean comas cànain àrdachadh agus solar barrachd sheirbheisean tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ leudachadh chothroman gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil agus ann an suidheachaidhean foirmeil. Gu sònraichte, feumaidh sinn an taic shònraichte a dhèanamh seasmhach a tha ga dhèanamh comasach a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice san dachaigh agus sa choimhearsnachd. Nì sinn ath-sgrùdadh air gnìomhan agus structaran Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil buidheann ceannais èifeachdach agus lìonra de bhuidhnean aig Alba airson a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh. Bidh seo a’ toirt a-steach obair còmhla ris a h-uile ùghdarras agus buidheann aig a bheil dleastanas anns na h-ealain, turasachd agus dualchas gus sgrùdadh a dhèanamh air dè as urrainn dhaibh a dhèanamh gus ìrean adhartais nas luaithe a lìbhrigeadh don Ghàidhlig. Bheir sinn cuideachd air adhart Bile Cànanan na h-Alba a ghabhas tuilleadh cheumannan gus taic a thoirt don Ghàidhlig, a bhios ag obair airson Scots agus a tha ag aithneachadh gur e comann ioma-chànanach a th’ ann an Alba.

This article is from: