
29 minute read
Comann-sòisealta co-ionnan
Comannsòisealta co-ionnan
Tha galar lèir-sgaoilte Covid-19 air buaidh mhòr is leantainneach a thoirt air ar dòigh-beatha ach tha e soilleir nach eileas a’ faireachdainn an aon chron bhon ghalar gu co-ionann air feadh a’ chomainnshòisealta. Mar a bhios sinn a’ faighinn seachad air, tha sinn airson Alba nas cothromaiche a thogail far a bheil a h-uile duine a’ faireachdainn luachmhor agus far a bheil na daoine as feumaich a’ faighinn taic cheart. Gu dearbh, tha am plana againn airson reifreann air neo-eisimeileachd aon uair ’s gu bheil èiginn Covid air a dhol seachad mu bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil na cumhachdan aig a’ Phàrlamaid againn gus ath-bheothachadh cothromach a thoirt gu buil do na h-uile – agus gu bheil piseach air a stiùireadh le luachan agus prìomhachasan muinntir na h-Alba, agus chan ann leis an fheadhainn aig riaghaltas Westminster a tha muinntir na h-Alba air diùltadh.
Thar na h-ath phàrlamaid:
• Tòisichidh sinn air obair gus Gealladh Teachd-a-steach as Ìsle a lìbhrigeadh, a’ dèanamh cinnteach gum faod a h-uile duine ann an Alba beatha fhallain, shona a bhith aca. • Togaidh sinn siostam cùram-cloinne amalaichte, a’ toirt seachad cùram ro agus às dèidh na sgoile, fad na bliadhna, far nach pàigh na teaghlaichean as bochda dad, agus leudaichidh sinn foghlam tràth-bhliadhnaichean an-asgaidh do chlann aois 1 agus 2 bliadhna ann an teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal. • Bheir sinn tabhartas airgid de £520, air a phàigheadh thairis air ceithir cuibhreannan ràitheil, don h-uile teaghlach le clann a tha a’ faighinn biadh sgoile an-asgaidh gus am bi Pàigheadh Pàiste na h-Alba air a sgaoileadh gu h-iomlan. • Nì sinn dùblachadh air Pàigheadh Pàiste na h-Alba gu £20 gach pàiste ro dheireadh na pàrlamaid gus na mìltean de theaghlaichean is de chlann a thoirt a-mach à bochdainn. • Bheir sinn a-steach Tabhartas Fàgail Cùraim ùr gus taic agus tèarainteachd a bharrachd a thoirt do dhaoine òga le eòlas air cùram nuair a thig iad a-mach às an t-siostam cùraim. • Tasgaidh sinn £50 millean a bharrachd thairis air an ath theirm phàrlamaideach gus crìoch a chur air dìth dachaigh agus cadal air an t-sràid.Nì sinn lèirmheas air siostam casaid na h-Alba gus ceartas nas cothromaiche, nas luaithe agus nas èifeachdaiche a lìbhrigeadh. • Nì sinn cinnteach gum faigh gach pàiste a tha nan neach-fulaing/neach-fianais cothrom air dreach Albannach den Mhodal Barnahus Eòrpach ro 2025, ag aonadh freagairt cùraim is ceartais ri eucoirean a tha a’ toirt buaidh air clann. • Cuiridh sinn Coimiseanair Luchd-fulaing an dreuchd gus guth neo-eisimeileach a thoirt do luchd-fulaing agus luchd-fianais, agus ath-sgrùdadh a dhèanamh air solar seirbheisean luchd-fulaing.
Gealladh Teachd-a-steach as Ìsle
Tha sinn air a bhith taiceil o chionn fhada do theachda-steach bunaiteach shaoranach no teachd-a-steach bunaiteach uile-choitcheann. Thar na pàrlamaid mu dheireadh mhaoinich sinn ceithir ùghdarrasan ionadail gus sgrùdadh a dhèanamh air comasachd teachd-a-steach bunaiteach shaoranach a phìleatadh ann an Alba. A dh’aindeoin gu bheil na h-ùghdarrasan ionadail a’ co-dhùnadh gum biodh pìleat teachd-a-steach bunaiteach shaoranach feumail, cha ghabh e a dhèanamh taobh a-staigh cumhachdan làithreach Pàrlamaid na h-Alba. Atharraichidh sin gu cinnteach ma bhios Alba neo-eisimeileach. Ged nach urrainn dhuinn teachd-a-steach bunaiteach shaoranach a thoirt air adhart gus am bi Alba neoeisimeileach, tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh taobh a-staigh ar cumhachdan làithreach gus sàbhailteachd, tèarainteachd agus urram a thabhann. Gus dèanamh cinnteach gum bi ar n-ath-bheothachadh a’ togail Alba a tha nas cothromaiche don h-uile duine ge bith dè an suidheachadh a th’ aca, tòisichidh sinn ag obair anns an ath Phàrlamaid gus Gealladh Teachd-a-steach as Ìsle a thoirt do na h-uile. Bidh an obair seo cuideachd a’ toirt a-steach Seirbheisean Bunasach Uile-choitcheann: le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine air seirbheisean bunaiteach – leithid cùram-cloinne no an NHS mar eisimpleir, bithear nas fhaisge air dèanamh cinnteach à ìre beòshlaint reusanta as ìsle. Tha fios againn nach urrainnear Gealladh Teachd-a-steach as ìsle a lìbhrigeadh sa bhad, ach tha sinn dìorrasach gus atharrachaidhean ceum air cheum a dhèanamh tron t-siostam tèarainteachd shòisealta againn thairis air an ath phàrlamaid gus am bi airgead gu leòr aig a h-uile duine ann an Alba airson beatha urramach a bhith aca.
A’ dèiligeadh ri bochdainn cloinne
Tha bochdainn cloinne air a bhith a’ dol am meud anns na bliadhnachan mu dheireadh mar thoradh air gearraidhean a rinn Riaghaltas na RA air sochairean agus tha seo air a dhèanamh nas miosa leis a’ ghalair lèir-sgaoilte. Chan urrainn dhuinn a dhol air adhart mar seo. Tha Pàigheadh Pàiste na h-Alba a’ toirt £40 a bharrachd do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal gach ceithir seachdainean, an toiseach airson gach pàiste fo aois 6. Sgaoilidh sinn an t-sochair seo do chlann fo aois 16 ann an teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal ro dheireadh 2022. Agus, rè cùrsa na pàrlamaid dùblaidh sinn Pàigheadh Pàiste na h-Alba gu £20 san t-seachdain, no £80 gach mìos. Cuidichidh seo suas ri 450,000 leanabh ann an 250,000 dachaigh. Tron ghalar lèir-sgaoilte tha sinn air cuideachadh a bharrachd a thoirt do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal, a’ toirt seachad biadh sgoile an-asgaidh anns na saor-làithean, agus teachd-a-steach a bharrachd tro phàighidhean galar lèir-sgaoilte de £100. Airson a’ bheàrn a dhùnadh gus am bi Pàigheadh Pàiste na h-Alba air a sgaoileadh a-mach gu h-iomlan do dhaoine fo aois 16 bheir sinn seachad uiread ri Pàigheadh Pàiste na h-Alba don h-uile teaghlach le teachd-a-steach ìosal a tha a’ faighinn biadh sgoile an-asgaidh, san aon dòigh ris na rinn sinn pàighidhean rè a’ ghalair lèir--sgaoilte. Bidh seo a’ ciallachadh pàighidhean de £520 gach pàiste, pàighte ann an cuibhreannan ràitheil, an dà chuid ann an 2021 agus 2022. Ruigidh am maoineachadh a bharrachd seo suas ri 170,000 leanabh. An ath-bhliadhna foillsichidh riaghaltas PNA am plana lìbhrigidh ceithir-bliadhna ùr againn, ag ùrachadh ar n-oidhirpean gus dèiligeadh ri bochdainn cloinne. Gheibh seo taic a-rithist le maoin de £50 millean gus clann a thogail a-mach à bochdainn. Is e pàirt chudromach den phlana seo a bhith a’ tasgadh ann an taic cothroman cosnaidh do phàrantan le teachda-steach ìosal agus pàrantan ciorramach. Bidh sinn cha mhòr a’ dùblachadh an tasgaidh a tha san amharc ann am Maoin Taic Cothroman Cosnaidh Phàrantan gu £15 millean anns an ath dhà bhliadhna gus cuideachadh le bhith a’ leasachadh cothroman cosnaidh agus a’ toirt taic do phàrantan gus obraichean matha, tèarainte fhaighinn. Nì sinn sgrùdadh cuideachd air mar as urrainn dhuinn Taic Cothroman Cosnaidh Phàrantan a cheangal ris na prògraman cosnaidh Toiseach Cothromach againn.
A’ dèiligeadh ris a’ pheanas màthaireachd
A thuilleadh air a bhith a’ toirt seachad cùram-cloinne a tha ruigsinneach agus aig prìs ruigsinneach do gach teaghlach, bheir sinn air adhart grunn cheumannan gus dèiligeadh ris ‘a’ pheanas màthaireachd’ agus brosnaichidh sinn obair gu bhith nas sùbailte agus nas cuideachail do theaghlaichean. Cuiridh sinn stad air riadh air iasadan oileanach rè fòrladh màthaireil agus cumaidh sinn oirnn a’ maoineachadh ar Prògram Luchd-tillidh Boireann gus boireannaich a chuideachadh air ais a-steach do obair. Nì sinn cinnteach gu bheil pàrantan a tha nan aonar nam prìomhachas ann an leudachadh Comas-ceangail na h-Alba – ar prògram airson comas-ceangail a leasachadh tro bhith a’ toirt seachad taibleatan is coimpiutaireanuchd – agus cuideachadh gan cleachdadh. Togaidh sinn air ar n-obair gus eaconamaidh sunnd a chruthachadh, le bhith a’ leasachadh dhòighean air coileanadh eaconamach a thomhas a bheir aire cheart do thabhartas agus cosgais cùram foirmeil agus neofhoirmeil. Cuidichidh seo gus dèanamh cinnteach nach bi sinn a’ leigeil an dìochuimhne cùram a tha cho tric air a dhèanamh le boireannaich.
Tha Tèarainteachd Shòisealta na h-Alba an-dràsta a’ rianachd 10 sochairean – tha seachd dhiubh sin ùr agus gun samhail taobh a-staigh na RA:
• Pàigeadh Leatromachd agus Leanaibh an
Tabhartas Toiseach as Fheàrr - aon phàigheadh suas ri £600 bho 24 seachdainean de leatromachd gus an ruig leanabh 6 mìosan airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte. • Pàigheadh an Ionnsachaidh Thràth an Tabhartas
Toiseach as Fheàrr - aon phàigheadh de £250 nuair a tha pàiste eadar dà agus trì bliadhna sia mìosan airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte. • Pàigheadh Aois Sgoile an Tabhartas Toiseach as Fheàrr - aon phàigheadh de £250 nuair a bhiodh pàiste a’ tòiseachadh sa bhun-sgoil airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte. • Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr - cairt ro-phàighte bho àm leatromachd gus am bi pàiste trì airson teaghlaichean a gheibh sochairean sònraichte gus an cuideachadh a’ ceannach biadh fallain. • Sochair-leasachaidh Cuibhreann an Neachcùraim – pàigheadh fèin-obrachail dà uair sa bhliadhna do luchd-cùraim gus luach Cuibhreann
Luchd-cùraim àrdachadh 13%, a’ toirt buannachd do mu 83,000 de luchd-cùraim gun phàigheadh ann an Alba. • Pàigheadh Taic Tiodhlacaidh – airgead a chuidicheas le cosgaisean tìodhlacaidh a phàigheadh aig àm duilich do dhaoine air • sochairean sònraichte a dh’fheumas pàigheadh airson tìodhlacadh, luach cuibheasachd de £1500 gach pàigheadh. • Pàigheadh Tòiseachadh Obrach - £250 airson daoine aois 16 gu 24 a tha air a bhith air sochairean sònraichte airson sia mìosan no barrachd gus cuideachadh le cosgaisean tòiseachaidh air obair. • Tabhartas Neach-cùraim Òg – Pàigheadh bliadhnail de £300 do luchd-cùraim òg gus càileachd beatha a leasachadh, gan cuideachadh • a’ gabhail pàirt ann an cothroman cosnaidh, tachartasan sòisealta no cur-seachad. • Taic Teasachadh Geamhraidh na Cloinne – pàigheadh £200 gus teaghlaichean pàiste a gheibh an ìre as àirde den Chuibhreann-ciorraim
Bith-beò do Chlann airson an dachaighean a theasachadh. • Pàigheadh Pàiste na h-Alba – a’ toirt £10 a bharrachd gach seachdain do theaghlaichean airidh le clann fo aois 6 airson gach pàiste.
Thathas an dùil gum bi seo air a sgaoileadh a-mach gu clann fo aois 16 ro dheireadh 2022 agus airson pàighidhean a dhùblachadh gu £20 san t-seachdain ro dheireadh na pàrlamaid.
Tèarainteachd Shòisealta
Anns na còig bliadhna a dh’fhalbh tha sinn air siostam tèarainteachd shòisealta ùr a thogail, le urram, cothromachd agus spèis aig a chridhe. Ann an dìreach dà bhliadhna bho thòisich sinn a’ dèanamh phàighidhean, tha siostam tèarainteachd shòisealta na h-Alba air fìor bhuaidh a thoirt air beatha theaghlaichean dìcheallach air feadh na dùthcha.
Urram, Cothromachd agus Spèis
Tha sinn air siostam tèarainteachd shòisealta ùr na h-Alba a thogail còmhla ri, airson agus timcheall air na daoine a bhios ga chleachdadh. Aig a chridhe tha prionnsapalan urraim, cothromachd agus spèis agus am beachd nach e uallach a th’ ann an tèarainteachd shòisealta, ach tasgadh anns an t-sluagh againn. Bidh na prionnsapalan sin mar bhunait do na sochairean do dhaoine ciorramach agus luchd-cùraim a thèid a thoirt a-steach san ath phàrlamaid. Tòisichidh Pàigheadh Ciorraim Cloinne nas fhaide am-bliadhna agus bidh Pàigheadh Ciorraim Inbheach ga leantainn. Nì sinn cinnteach gum bi duaisean fad-ùine ann do dhaoine a tha ann an suidheachadh nach eil buailteach atharrachadh agus, dhaibhsan far am faodadh atharrachaidhean tachairt san àm ri teachd, nì sinn athsgrùdadh air cùisean cho sìmplidh agus cho èifeachdach ’s a ghabhas gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine a’ faighinn na h-ìre cheart de thaic.
A’ toirt taic do luchd-cùraim
Bidh luchd-cùraim gun phàigheadh a’ cur gu mòr ri slàinte is sunnd luchd-gràidh. Tha sinn den bheachd gu bheil e riatanach gum faigh luchd-cùraim an taic a dh’fheumas iad gus cùram a thoirt seachad agus beatha shona a bhith aca. Bidh sinn: • a’ toirt seachad pàigheadh dùbailte (£460) de
Shochair-leasachaidh Cuibhreann an Neach-cùraim san
Dùbhlachd 2021. • a’ toirt a-steach Taic Luchd-cùraim an àite an
Cuibhreann Luchd-cùraim a tha ann an-dràsta – meudaichidh seo luach a’ phàighidh, cho fad ’s as urrainn dhuinn a bhith cinnteach nach bi an RA a’ toirt shochairean air ais agus a’ fàgail luchd-cùraim nas miosa dheth. • a’ pàigheadh £10 a bharrachd gach seachdain do dhuine sam bith a tha a’ coimhead às dèidh barrachd air aon neach ciorramach, a’ toirt buannachd do mu 16,350 neach-cùraim – tha seo a’ maidseadh na taic a bharrachd a gheibh luchd-cùraim barrachd air aon leanabh ciorramach. Tha fios againn cuideachd nuair a chailleas neach-cùraim cuideigin a bha fon cùram, gum feum iad taic fhaighinn, mar sin às dèidh bàs neach fo chùram, pàighidh sinn Taic Luchd-cùraim airson 12 seachdain an àite dìreach 8, a’ cuideachadh còrr is 4,000 neach-cùraim. Gus an tèid Taic Luchd-cùraim a thoirt a-steach, cumaidh sinn oirnn a’ pàigheadh Sochair-leasachaidh Cuibhreann an Neach-cùraim gus dèanamh cinnteach gum faigh luchd-cùraim teachd-a-steach a tha co-ionann ri Cuibhreann Sireadh Obrach. Cleachdaidh sinn cuideachd toirt a-steach Taic Luchdcùraim gus dèanamh cinnteach gu faigh luchd-cùraim fiosrachadh mun taic a tha ann dhaibh agus nì sinn tasgadh ann an ionadan luchd-cùraim air feadh na dùthcha.
Tabhartas fàgail cùraim
Tha cnapan-starra mòra mu choinneamh cus dhaoine òga a tha a’ fàgail cùram ann a bhith a’ gluasad gu soirbheachail gu bhith nan inbhich. B’ e prìomh phàirt den Ghealladh – am plana gus an siostam cùraim againn a leasachadh – gu feumadh daoine òga le eòlas air cùram taic a chumail riutha. A rèir dealas PNA gus a bhith a’ Cumail a’ Gheallaidh, bidh sinn a’ tasgadh £10m gus Tabhartas Eòlas Cùraim ùr a stèidheachadh. Seo tabhartas bliadhnail de £200 air a phàigheadh gus taic a thoirt do thimcheall air 50,000 neach òg aois 16 gu 26 le eòlas air cùram – aig nach eil cothrom gu tric air ‘banca Mam is Dad’ – luach £2000 thairis air deich bliadhna fhad ’s a dh’fhàsas iad nan inbhich.
Leudachadh pàigheadh connadh geamhraidh
Cuiridh sinn Pàigheadh Teasachadh Geamhraidh an àite a’ phàigheadh connidh geamhraidh aig an RA, a’ cuideachadh timcheall air 1 millean dachaigh, le taic timcheall air £180 millean sa bhliadhna. Cumaidh sinn na h-ìrean aige mar a tha iad an-dràsta agus cha dèan sinn deuchainn air.
Tha pàighidhean sìde fhuair de £25 ro chuingealaichte agus cha bhi iad a’ pàigheadh a-mach tric gu leòr. Cuiridh sinn Pàigheadh Teasachadh Geamhraidh ùr de £50 na àite a thèid a phàigheadh gach bliadhna do na teaghlaichean le teachd-a-steach ìosal a tha an-dràsta airidh air Pàighidhean Shìde Fhuair na RA. Bidh seo na thasgadh de £20 millean gach bliadhna agus a’ toirt taic do 400,000 dachaigh, agus taic chinnteach le cosgaisean connaidh do theaghlaichean air teachd-a-steach ìosal.
Leudachadh Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr
Is e cairt ro-phàighte shìmplidh agus furasta a chleachdadh a th’ anns a’ chairt Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr againn a ghabhas cleachdadh air-loidhne agus ann am bùthan airson biadh a cheannach gus taic a thoirt do chlann òga agus pàrantan. Meudaichidh sinn an àireamh de phàighidhean Biadh Tòiseachaidh as Fheàrr gu £4.50 san t-seachdain agus àrdaichidh sinn airidheachd timcheall air 50% do na h-uile a tha a’ faighinn Creideas Coitcheann – le taic bho £20 millean.
Maoin Sochair na h-Alba
Geallaidh sinn am buidseat airson Maoin Sochair na h-Alba agus nì sinn ath-sgrùdadh air an adhbhar agus an t-obrachadh aige gus dèanamh cinnteach gun obraich e cho math ’s a ghabhas anns gach ceàrnaidh den dùthaich.
Fèin-obrachadh Shochairean
Tha sinn airson a dhèanamh cho furasta ’s ghabhas do dhaoine an taic airgid air a bheil iad airidh fhaighinn. Gus sin a dhèanamh, tha sinn den bheachd gum bu chòir cuid de shochairean a cheangal gus, ma gheibh thu aon shochair mar thoradh air teachd-a-steach ìosal, bidh taic eile ri fhaighinn dhut gun iarraidh. Nì sinn seo far an urrainn dhuinn agus bheir sinn taic do dh’ùghdarrasan ionadail gus an aon rud a dhèanamh, mar eisimpleir a’ cleachdadh Pàigheadh Pàiste na h-Alba gus biadh sgoile an-asgaidh agus tabhartas aodach sgoile a thòiseachadh do dhaoine.
Leasachadh ruigsinneachd do sheirbheisean comhairle
Ge bith an e fiachan no sochairean, taigheadas no cosnadh a th’ ann, tha fios againn gum faod cothrom air comhairle a bhith a’ cuideachadh dhaoine a’ seachnadh duilgheadas agus a’ faighinn na taic ionmhais air a bheil iad airidh. Cuiridh sinn taic ri seirbheisean comhairle agus fiachan ciad is dàrna ìre le còrr air £12 millean de mhaoineachadh an ath-bhliadhna. Gus am bi e nas fhasa comhairle faighinn, tasgaidh sinn còrr is £3 millean ann an Com-pàirteachasan Comhairle Shochairean agus Slàinte ùr-ghnàthach ann an 150 Ionadan Dotairean-teaghlaich thairis air an ath dhà bhliadhna. Tasgaidh sinn £1.5 millean gus comhairle a phìleatadh ann an suidheachaidhean foghlaim le fòcas air teaghlaichean, a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil fios aca mun taic a tha ri fhaighinn.
Cur às do chion dachaigh
Is e ar n-amas gum bu chòir àite blàth is sàbhailte a bhith aig a h-uile duine. Is e sin an t-adhbhar gu bheil cur às do chion dachaigh agus cadal air an t-sràid na phrìomhachas nàiseanta dhuinn. Sheall an galar lèir-sgaoilte dhuinn nuair a tha toil làidir gu leòr ann gun urrainn dhuinn atharrachadh luath a dhèanamh ann an ùine gu math goirid. Is e ar n-amas nach bu chòir do dhuine sam bith dol air ais gu bhith gun dachaigh no a’ cadal air an t-sràid. Cuiridh sinn taic ri seo le Maoin ùr Cur Às do Chion Dachaigh Còmhla de £50 millean.
Bidh sinn a’ tasgadh ann a bhith a’ cur ionadan fàilte riarachadh taigheadais ùra an àite fasgaidhean oidhche geamhraidh gus àiteachan-fuirich èiginn geàrr-ùine a sholarachadh do dhuine sam bith a tha feumach air sa bhad. Cuidichidh na h-Ionadan Fàilte againn daoine a-steach gu àiteachan-fuirich a’ toirt a-steach tro Thaigheadas An Toiseach far am faigh daoine le feumalachdan toinnte taic fad-ùine gus gabhaltas a chumail suas. Is e casg air duilgheadasan dhaoine an dòigh air crìoch a chur air dìth dachaigh. Tasgaidh sinn ann an dòigh luath air taigheadas a riarachadh agus bheir sinn a-steach prògram nàiseanta gus roghainnean taigheadais a mheudachadh dhaibhsan a tha gun dachaigh. Bheir sinn cuideachd a-steach reachdas a neartaicheas còraichean taigheadais dhaoine agus a nì cinnteach gu bheil e mar dhleastanas air buidhnean poblach dìth dachaigh a chasg, a’ togail air molaidhean na Buidhne Ath-bhreithneachaidh air Casg.
Alba eadar-mheasgte agus in-ghabhalach
Is e an t-amas againn Alba a bhith air thùs san t-saoghal a thaobh iomadachd agus in-ghabhaltas gus cothromachd a mheudachadh agus dèiligeadh ri neo-ionannachd, cur às do ana-cothrom sòisealta, agus cuideachd tàlant a thàladh agus a chumail, gus barrachd chothroman gnìomhachais a chruthachadh, agus cur às do dh’easbhuannachdan sòisealta. Bheir sinn a-steach Ro-innleachd Iomadachd is Inghabhail na h-Alba a’ còmhdach na roinne poblaich, na h-ionadan foghlaim againn, an siostam ceartais, còmhdhail agus àiteachan-obrach. Bidh an ro-innleachd seo a’ cuimseachadh air toirt air falbh cnapan-starra institiùideach, cultarach is ionmhasail a tha a’ leantainn gu neo-ionannachd a thaobh gnè, cinneadh, creideamh, taobhadh feise, ciorram agus gluasad sòisealta. Meudaichidh sinn agus leasaichidh sinn ar cruinneachadh dàta gus am bi bunait fianais làidir againn thar ar poileasaidhean uile, agus gun urrainn dhuinn neoionannachd eadar-roinneil a thomhas, toraidhean a thomhas, agus leasachaidhean a mholadh. Bha droch bhuaidhean Covid gam faireachdainn gu neo-chothromach le diofar bhuidhnean sa chomannshòisealta. Anns na coimhearsnachdan mion-chinnidh againn, bha droch bhuaidhean slàinte is ionmhais ann. Is e sin an t-adhbhar gun do stèidhich sinn am Bòrd Comhairleachaidh air Ath-nuadhachadh Sòisealta, agus cuideachd a’ Bhuidheann Eòlaichean air Covid-19 agus Cinnidheachd. A’ togail air na molaidhean aca, leasaichidh sinn an ath phlana gnìomh co-ionannachd cinnidh againn le luchd-ùidh agus coimhearsnachdan mion-chinnidh gus na h-amasan a tha air am mìneachadh nar Frèam-obrach Co-ionannachd Cinnidh 2016-2030 a ruighinn. Lìbhrigidh sinn ar Plana Gnìomha Luchd-siubhail Siopsach le fòcas air leasachadh àiteachan-fuirich agus dèiligeadh ri claon-bhreith. Meudaichidh sinn an àireamh de dhaoine à mionchinnidhean as urrainn buannachd fhaighinn às a’ Phrògram Ceannardas is Leasachadh Mion-chinnidh a chaidh a stèidheachadh ann an com-pàirteachas le Ionad Iain Mhic a’ Ghobhainn. Stèidhichidh sinn sgeama coltach ri seo airson daoine ciorramach, gus cur às do na cnapan-starra a tha mu choinneamh mòran dhaoine ciorramach ann a bhith a’ faighinn dreuchdan ceannais. Meudaichidh sinn taic do phròiseactan a tha a’ cuideachadh dhaoine ciorramach agus iadsan bho mhion-chinnidhean gu dreuchdan air bùird phoblach gus riochdachadh a mheudachadh. Leanaidh sinn oirnn leis a’ Mhaoin Ruigsinneachd Oifis Thaghte againn a bheir taic airgid do dhaoine ciorramach a’ farpais ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus Ùghdarras Ionadail. Bheir sinn a-steach Ro-innleachd Nàiseanta air Fàs gu Inbheachd gus dèanamh cinnteach gu bheil ceangal ann gu taic a thoirt do dhaoine òga ciorramach agus stiùireadh a leasachadh dhaibhsan uile a tha a’ toirt seachad taic.
Deamocrasaidh eadar-mheasgte
Ann an riaghaltas, tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh gus a’ chòir bhòtaidh a leudachadh. Tha sinn air a’ chòir bhòtaidh ann an taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus riaghaltas ionadail a leudachadh gu daoine aois 16 is 17 agus a h-uile nàiseantach cèin le cead fuirich, a’ toirt a-steach na h-uile a fhuair inbhe fògarraich. Thèid sinn a-nis nas fhaide agus leudaichidh sinn làn-chòir seasamh airson taghadh don h-uile duine aig a bheil còir bhòtaidh, a’ dèanamh cinnteach gum bi pàrlamaid agus riaghaltas ionadail nas eadar-mheasgte.
Dleastanas Co-ionannachd san Roinn Phoblaich
Leudaichidh sinn na dleastanasan sònraichte a tha a’ toirt air ùghdarras poblach clàraichte fiosrachadh beàrn pàighidh gnè fhoillseachadh gu aithris air ciorram agus cinnidheachd agus dèanamh cinnteach gu bheil iad sin air an gabhail a-steach ann an Aithrisean Pàighidh Coionann. Leasaichidh sinn ro-innleachd beàrn pàighidh cinnidheachd gus a dhol còmhla ris na ro-innleachdan a th’ againn mu bheàrn pàighidh ciorraim agus gnè.
Agus tro Dhleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaich cuiridh sinn dleastanas air na buidhnean poblach sin a bhios a’ conaltradh ris a’ phoball gus dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh ruigsinneach, in-ghabhaltach aca. Leasaichidh sinn stiùireadh nàiseanta airson buidhnean poblach air conaltradh in-ghabhalach.
Achd Aithneachadh Gender
Tha sinn daingeann ann a bhith ag iarraidh beatha dhaoine tar-gender agus neo-bhìnearaidh a leasachadh. Bidh daoine tar-gender a’ fulang stiogma agus claon-bhreith, agus toraidhean slàinte nas miosa an coimeas ris an t-sluagh san fharsaingeachd. Feumaidh seo atharrachadh. Tha sinn dealasach a thaobh a bhith a’ dèiligeadh ri gràin tar-gender gu dìreach tro fhoghlam in-ghabhalach agus gnìomhan a dhèiligeas ri claon-bhreith agus eucoir gràin. Anns an ath phàrlamaid obraichidh sinn còmhla ri daoine tar-gender, boireannaich, buidhnean co-ionannachd, eòlaichean lagha agus eòlaichean còraichean daonna gus an dòigh as fheàrr agus as èifeachdaiche a chomharrachadh gus am pròiseas adhartachadh agus a dhèanamh nas sìmplidh leis am faigh neach tar-gender aithne laghail, agus gus an èiginn tha co-cheangailte ris a’ phròiseas sin a lùghdachadh. Tha sinn dealasach a thaobh na h-atharrachaidhean riatanach a dhèanamh air an Achd Aithneachadh Gender a thig bhon obair seo cho luath ’s a ghabhas. Nì sinn cinnteach nach toir na h-atharrachaidhean sin buaidh air na còirichean no an dìon a tha aig boireannaich an-dràsta fon Achd Co-ionannachd. Tha e cudromach gun tèid dèiligeadh ri draghan mu ath-leasachaidhean air lagh aithneachadh gender tro dheasbad fiosraichte agus le urram. Ach chan fhaod sinn leigeil le sin a bhith a’ falach gràin tar-gender agus fiosrachadh brèige.
Buidheann Comhairleachaidh Nàiseanta air Boireannaich is Nigheanan
Leanaidh sinn air adhart leis a’ Bhuidhinn Comhairleachaidh Nàiseanta air Boireannaich is Nigheanan agus leanaidh sinn oirnn a’ toirt nam molaidhean aca air adhart thairis air an ath phàrlamaid.
Cur às do oidhirpean atharrachaidh air daoine gèidh
Cha bu chòir oidhirpean atharrachaidh air daoine gèidh tachairt idir ann an Alba. Tha cleachdaidhean leithid seo a’ dèanamh leth-bhreith an aghaidh dhaoine LGBTI agus a’ dèanamh cron air an slàinte inntinn agus sunnd. Thug Riaghaltas na RA gealladh gun cuireadh iad casg air oidhirpean atharrachaidh anns a’ Phlana Gnìomha LGBT aca, agus tha sinn a’ toirt làn thaic do seo, oir tha fios againn gum feum toirmeasg iomlan gnìomh ann an raointean glèidhte. Ach, mura dèan Riaghaltas na RA mar a gheall iad, bheir sinn air adhart an reachdas againn fhèin cho fada ’s a ghabhas dèanamh taobh a-staigh cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba.
Taighean-beaga changing places
Do mhòran dhaoine le feumalachdan cùraim iom-fhillte, chan eil e cho furasta faighinn gu goireasan nighe agus taigh-beag ’s a bu chòir dha a bhith. Tha feum aig timcheall air 25,000 neach air Taigheanbeaga Changing Places, agus an-dràsta chan eil ach beagan a bharrachd air 200 rim faighinn air feadh na dùthcha. Thar na h-ath theirm phàrlamaidich, bidh sinn a’ tasgadh £10 millean gus an àireamh de Thaighean-beaga Changing places air feadh na dùthcha a mheudachadh agus taic a thoirt do Thaighean-beaga Changing Places gluasadach gus leigeil le daoine faighinn gu tachartasan no ionadan a-muigh air feadh na dùthcha.
A’ dèiligeadh ri droch-dhìol san dachaigh agus fòirneart feise
Tha e mì-chiatach, anns an dàrna deichead den 21mh linn, gu bheil uimhir ri dhèanamh fhathast gus dèiligeadh ri fòirneart an aghaidh bhoireannach is nigheanan. Tha sinn dealasach a thaobh cur às do gach seòrsa fòirneirt an aghaidh bhoireannach is nigheanan.
Anns an riaghaltas, thug PNA a-steach Equally Safe, ar ro-innleachd gus cur an-aghaidh gach seòrsa fòirneirt an aghaidh bhoireannach is nigheanan. Ma thèid riaghaltas PNA ath-thaghadh bheir sinn air adhart na gnìomhan ann an Equally Safe. Stèidhichidh sinn sruth maoineachaidh ùr luach £100 millean thar nan trì bliadhna a tha romhainn gus taic a thoirt do sheirbheisean loidhne-aghaidh agus fòcas a thoirt air casg fòirneirt an aghaidh bhoireannach is nigheanan bhon sgoil air adhart. Cumaidh sinn air leth pàirt den airgead sin airson seirbheisean taic loidhne-aghaidh, airson cur ri seirbheisean ùghdarrasan ionadail, gus nach fheum neach a dh’fhuiling droch dhìol no fòirneart feitheamh gus am faigh iad an cuideachadh a dh’fheumas iad, aig an àm a dh’fheumas iad e, nan sgìre fhèin. Tasgaidh sinn £5 millean a bharrachd am-bliadhna gus taic a thoirt do bhuidhnean loidhne-aghaidh gus dèiligeadh ri iarrtas a tha air a dhol suas gu mòr aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte. Nì sinn cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile duine òg air foghlam casg fòirneirt stèidhichte air fianais mu cheadachadh agus dàimhean fallain, agus a’ maoinichidh sinn obair anns na sgoiltean, colaistean agus oilthighean againn. Meudaichidh sinn cuideachd obair a chaidh a dhèanamh gus beachdan eucoireach atharrachadh, mar eisimpleir le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil am Pròiseact Caledonian ri fhaighinn air feadh na dùthcha. Is e boireannaich a th’ anns a’ mhòr mhòr-chuid de dhaoine a dh’iarras taic, ach feumaidh fir cuideachd cothrom air seirbheisean. Maoinichidh sinn seirbheisean a bheir taic do dh’fhir a tha air fulang èigneachadh agus droch-dhìol san dachaigh, agus stèidhichidh sinn roinnleachd nàiseanta mu bhith a’ cur crìoch air fòirneart dlùth-dhàimh is fòirneart feise an aghaidh fir is balaich, a bhios ag obair còmhla ri Equally Safe agus a’ toirt taic dha. Gus boireannaich is nigheanan a chuideachadh a bhith sàbhailte air na sràidean obraichidh sinn le luchd-ùidh air mar as urrainnear fir oideachadh nas fheàrr mu bhuaidh an giùlain. Nì sinn sgrùdadh air dòighean gus dealbhadh coimhearsnachdan a leasachadh, leithid Sgrùdaidhean air Sàbhailteachd Àite, gus am bi boireannaich nas sàbhailte agus a’ faireachdainn nas sàbhailte. Tha e deatamach gun tèid dìon a dhèanamh air còir a h-uile duine a tha ag innse mu eucoirean feise a bhith gun urra agus tha sinn den bheachd gum feumar an dìon seo a neartachadh ann an Alba. Daingnichidh sinn còir luchd-gearain eucoirean feise a bhith gun urra fad am beatha ann an lagh na h-Alba agus beachdaichidh sinn air càite am feum sinn a dhol nas fhaide, a’ gabhail a-steach beachdachadh gu cruaidh air na molaidhean bho sgrùdadh na Bana-mhorair Dorrian gus siostam ceartais a lìbhrigeadh anns am faod misneachd a bhith aig daoine a dh’fhuiling eucoirean feise. Tha sinn air Buidheann Obrach a chur air chois air Gràin-bhoireann agus Ceartas Eucorach gus beachdachadh gu neo-eisimeileach air mar as urrainn do shiostam ceartas eucorach na h-Alba dèiligeadh nas fheàrr ri gràin-bhoireann, agus ma mholas a’ bhuidheann eucoir shònraichte a dhèanamh de shàrachadh gràinbhoireann obraichidh sinn gu sgiobalta air a’ chomhairle sin. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ chiad chochomhairleachadh nàiseanta ann an Alba air siùrsachd. Leasaichidh sinn modail airson na h-Alba gus dèiligeadh ris an t-seòrsa fòirneirt seo an aghaidh bhoireannaich is nigheanan, agus beachdaichidh sinn air dòighean-obrach eadar-nàiseanta a tha a’ feuchainn ri cur an aghaidh iarrtas fhireannach airson siùrsachd agus mar a b’ fheàrr a chuireadh iad sin an gnìomh ann an Alba. A bharrachd air fòcas air a bhith a’ toirt dùbhlan do iarrtas fhireannach a thaobh ceannach feise, bidh sinn an sàs leis an fheadhainn le eòlas air suidheachadh siùrsachd gus seirbheisean a chumadh agus ceumannan a dhealbhadh a bheir dhaibh an dìon agus taic a tha a dhìth orra, a’ toirt a-steach cuideachadh le bhith a’ fàgail siùrsachd.
Taic do luchd-fulaing
Bu chòir còraichean luchd-fulaing a bhith aig cridhe an t-siostam ceartas eucorach. Stèidhich sinn Buidheann Gnìomha Luchd-fulaing gus taic, comhairle agus fiosrachadh a thoirt do dhaoine a dh’fhuiling eucoir agus tha sinn dealasach a thaobh taic a thoirt don obair aca thairis air an ath phàrlamaid. Cuiridh sinn Coimiseanair Luchd-fulaing an dreuchd gus guth neo-eisimeileach a thoirt do luchd-fulaing agus luchd-fianais agus ath-sgrùdadh a dhèanamh air solar seirbheisean luchd-fulaing. Leasaichidh sinn siostam maoineachaidh ùr airson buidhnean taic luchd-fulaing agus bheir sinn a-steach frèam-obrach eòlais agus sgilean sònraichte do cheartas airson cleachdadh a tha fiosraichte a thaobh tràma.
Taigh na Cloinne
Faodaidh a bhith an sàs ann an siostam a’ cheartais a bhith gu sònraichte duilich do chlann. Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil an t-slighe bho innse gu faighinn seachad air eucoir a’ toirt urram do chòraichean agus sunnd cloinne is dhaoine òga. An àite a bhith a’ dol gu grunn sheirbheisean eadardhealaichte ann an grunn àiteachan, thèid a h-uile cùram agus taic a tha a dhìth air pàiste agus an teaghlach aca a lìbhrigeadh ann an aon àite – aig a’ Bharnahus, no ‘Bairns ’Hoose’, Taigh na Cloinne. Nì sinn cinnteach gum bi cothrom aig a h-uile pàiste/ neach-fianais air Taigh na Cloinne ro 2025.
Ceartas Eiridneach
Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir ceartas eiridneach a bhith ri fhaighinn leis a h-uile duine a tha airson a chleachdadh, aig àm a tha iomchaidh a rèir an t-suidheachaidh agus na daoine a tha na lùib. Ma thèid ar n-ath-thaghadh, nì sinn cinnteach gum bi seirbheisean ceartas eiridneach rim faighinn fada is farsaing air feadh na h-Alba ro 2023.
A’ dèanamh cinnteach à coimhearsnachdan nas sàbhailte
Tha e na àrd-phrìomhachas againn a bhith a’ toirt taic do shiostam a’ phoileis ann an Alba gus daoine soleònte a dhìon, dèiligeadh ri eucoir, agus obrachadh le coimhearsnachdan airson Alba shàbhailte, dhìonta agus fhoghainteach a chruthachadh. Dìonaidh sinn buidseat stòrais a’ phoileis ann an da-rìribh airson an ath phàrlamaid gu lèir. Tha sinn ag aithneachadh dhraghan mu theicneòlasan leithid aithneachadh aghaidh. Bidh sinn a’ togail air molaidhean na Buidheann Comhairleachaidh Neoeisimeileach air Teicneòlasan ùra agus a’ dèanamh cinnteach gum bi sgrùdadh làidir ann an-còmhnaidh. Obraichidh sinn le stiùirichean agus com-pàirtichean sa phoileas agus anns a’ chomann-shòisealta san fharsaingeachd gus iomadachd Poileas Alba a leasachadh agus càileachd dàta a leasachadh air feadh siostam a’ cheartais, gus feumalachdan ar coimhearsnachdan a thuigsinn agus am frithealadh nas fheàrr. Cuiridh sinn taic agus stòras ri Rannsachadh Poblach Sheku Bayoh agus geallaidh sinn toraidhean a thoirt air adhart gus leasachaidhean a lìbhrigeadh agus misneachd a’ phobaill ann an obair a’ phoileis a neartachadh. Cuiridh sinn an còrr de sgrùdadh na Baintighearna Elish Angiolini an gnìomh air gearanan an aghaidh a’ phoileis agus bheir sinn a-steach Bile Ghearanan an aghaidh a’ Phoileis don Phàrlamaid. Bheir sinn air adhart reachdas gus dèanamh cinnteach gu bheil cleasan-teine air an cleachdadh gu sàbhailte agus gu h-iomchaidh, gus an urrainn dhuinn na droch bhuaidhean a th’ aca air daoine fa-leth, coimhearsnachdan agus peataichean a lùghdachadh. Ged a tha a’ mhòr-chuid de dhaoine aig a bheil coin ciallach agus a’ cumail smachd air na peataichean aca, tha beag-chuid de luchd-seilbh chon nach eil a’ dèanamh sin. Nì sinn ath-sgrùdadh air Achd nan Con Cunnartach gus dèanamh cinnteach gu bheil na coimhearsnachdan againn air an cumail sàbhailte bho choin chunnartach agus bho luchd-seilbh chon neo-chùramach.
Cuiridh sinn taic ri ùrachadh ar seirbheis teine is teasairginn gus an urrainn do SFRS barrachd a dhèanamh gus coimhearsnachdan a dhìon agus deagh sheirbheis a thoirt do mhuinntir na h-Alba. Tha sinn air leantainn oirnn a’ tasgadh ann an ùrachadh SFRS le £8.7 millean a bharrachd air a riarachadh airson 2021-22. Aig cridhe an ùrachaidh seo – a dh’fheumar a choileanadh ann an compàirteachas leis na h-aonaidhean ciùird – tha leudachadh air àite luchd-smàlaidh ann an Alba.
Dòigh-obrach nas tapaidh a thaobh ceartas
A’ togail air an adhartas a rinn sinn thairis air na còig bliadhna a dh’fhalbh, bidh sinn a’ tasgadh ann an leudachadh mòr ann an gnìomhan a tha a’ tabhann roghainn eile seach casaid agus ann an seirbheisean ceartas coimhearsnachd, a’ gabhail a-steach roghainnean eile an àite remand agus binn prìosain. Gus a dhol leis an tasgadh seo leasaichidh sinn Ro-innleachd Nàiseanta Ceartas Coimhearsnachd agus rannsaichidh sinn roghainnean reachdail airson lùghdachadh seasmhach anns an àireamh de dhaoine sa phrìosan. Mar phàirt den obair againn gus an Gealladh a chumail do dhaoine òga le eòlas air cùram leudaichidh sinn cùram tèarainte gus nach bi duine fo aois 18 ann an Institiùd Eucoireach Òga Polmont nach fheum a bhith ann, agus foillsichidh agus cuiridh sinn an gnìomh Ro-innleachd Ceartas Òigridh ùr airson na h-Alba. Bidh sinn a’ tasgadh gus ar n-oighreachd prìosain ùrachadh airson dèanamh cinnteach gu bheil e freagarrach don obair a th’ aige ri dhèanamh – a’ gabhail a-steach a bhith a’ lìbhrigeadh ìrean mu dheireadh den chruth-atharrachadh air an oighreachd prìosain bhoireannach ùr agus leasachadh air HMP Barlinnie agus dealbhadh airson ìrean ro-thogail HMP Glaschu agus HMP Gàidhealtachd. Cuiridh sinn fuasglaidhean didseatach an gnìomh gus taic nas fheàrr agus sgioblachadh air seirbheisean dhaibhsan a tha fo chùram SPS agus an teaghlaichean, leithid riaghladh chùisean agus seirbheisean kiosk airson seirbheisean taobh a-staigh cealla. Bheir sinn taic do Ionadan Luchd-tadhail Prìosain agus obraichidh sinn gus dèanamh cinnteach gu bheil conaltradh teaghlaich air a chumail suas. Bheir sinn a-steach agus cuiridh sinn an gnìomh roinnleachd slàinte is sunnd ùr airson seirbheis nam prìosan a tha ag aithneachadh cho toinnte agus so-leònta ’s a tha sluagh nam prìosanan.
Siostam ceartais ath-leasaichte
Nì sinn ath-sgrùdadh air siostam casaid na h-Alba gus ceartas nas cothromaiche, nas luaithe agus nas èifeachdaiche a lìbhrigeadh. Beachdaichidh an t-ath-sgrùdadh air ath-leasachadh co-dhearbhaidh, agus siostam nan trì breithean, a’ toirt a-steach – mar aithneachadh air a’ chùis làidir a dh’fhaodar a dhèanamh airson cur às dha – cochomhairleachadh air cur às don bhreith neo-dhearbhte Gus soilleireachd agus earbsa ann an siostam a’ cheartais a leasachadh, cruthaichidh sinn clàr com-pàirt bhreitheamhan. Nì sinn ath-sgrùdadh cuideachd air geàrr-cheartas a’ toirt a-steach cumhachdan binn, peanasan poileis agus fiosgail, agus àite geàrr-chunntas siorraidh agus cùirtean JP san àm ri teachd. Leudaichidh sinn cothrom air dòighean eadraiginn agus rèiteachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil fuasgladh connspaid na phrìomh phàirt den t-siostam laghail againn. Nì sinn conaltradh leis a’ phroifeisean lagha agus buidhnean taic luchd-fulaing mu ath-leasachadh an t-siostam taic lagha, a’ dèanamh cinnteach gum bi cothrom farsaing ann air ceartas agus fòcas air fuasgladh tràth de chonnspaidean, ceartas eiridinn agus riaghladh luchd-solair sheirbheisean laghail.
Leanaidh sinn oirnn ag obair gus tiomnadh thribiùnailean a thoirt air adhart. Aon uair ’s gu bheil iad air an tiomnadh, cuiridh sinn às do chìsean airson tribiùnailean cosnaidh. Bidh sinn a’ co-chomhairleachadh am bu chòir sgaradh a dhèanamh eadar dà dhleastanas nan Oifigearan Lagha, mar cheannard na seirbheis casaid neo-eisimeileach agus prìomh chomhairlichean laghail do Riaghaltas na h-Alba. Leanaidh riaghaltasan PNA air adhart a’ dèanamh cinnteach nach eil na h-Oifigearan Lagha nan luchddreuchd pàrtaidh poilitigeach. Cha bhi iad a’ frithealadh choinneamhan de chaibineat Riaghaltas na h-Alba ach nuair a bhios feum orra. Bheir sinn air adhart reachdas a bheir maitheanas do mhèinnearan a chaidh a dhìteadh rè stailc nan 1980n. Is e maitheanas coitcheann a bhios an seo agus bidh e an dà chuid do dhaoine a tha air bàsachadh agus dhaibhsan a tha fhathast beò. Tha sinn an dòchas gun toir e ìre de dh’fhaochadh agus urram do mhèinnearan, an teaghlaichean agus na coimhearsnachdan aca.