29 minute read

Comann-sòisealta Truacanta

Comannsòisealta Truacanta

Tha an galar lèir-sgaoilte air luach cùraim is coibhneis, agus an uiread a tha gach duine againn an urra ri taic chàich, a shealltainn dhuinn. Tha an fheadhainn a tha a’ toirt seachad cùram, ge bith an ann san NHS, dachaighean cùraim, cùram-cloinne no nar dachaighean fhèin, air a bhith thar phrìs. Mar chomann-sòisealta is urrainn dhuinn, agus bu chòir dhuinn, barrachd a dhèanamh gus cùram aithneachadh mar phrìomh phàirt de ar beatha agus ar n-eaconamaidh.

• Meudaichidh sinn caiteachas loidhne-aghaidh an NHS co-dhiù 20% gus taic agus ùrachadh a thoirt don

NHS againn agus e a’ faighinn air ais bho Chovid-19. Meudaichidh seo maoineachadh airson sheirbheisean aghaidh còrr is £2.5 billean.

• Stèidhichidh sinn Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr, agus àrdaichidh sinn tasgadh ann an cùram sòisealta 25%.

• Cuiridh sinn plana ath-bheothachaidh NHS an gnìomh gus seirbheisean ath-thòiseachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil cùram èiginneach air a lìbhrigeadh gu sgiobalta, gus an tèid leigheasan a dhèanamh a b’ fheudar stad air sgàth covid, agus gus amannan feitheimh a thoirt air ais a rèir thargaidean.

• Lìbhrigidh sinn àrdachadh pàighidh cothromach, aontaichte airson luchd-obrach Agenda for Change

NHS na h-Alba, a’ tabhann àrdachadh 4% gu cuibheasach, leis an luchd-obrach air an tuarastal as ìsle a’ faighinn buannachd de co-dhiù £1000 sa bhliadhna.

• Nì sinn tasgadh de £10 billean thairis air an ath dheich bliadhna gus oighreachd an NHS ùrachadh agus ath-dhealbhadh, agus togalaichean a thogail as ùr – a’ toirt a-steach Ospadal Monklands ùr a lìbhrigeadh, ùrachadh a dhèanamh air Ionad Aillse Taobh Sear na h-Alba agus leasachadh goireasan bunchùraim air feadh na dùthcha.

• Bheir sinn taic don Ionad NHS ùr airson Lìbhrigeadh Seasmhach gus dòighean-obrach ùra, nas fheàrr agus nas seasmhaiche a stiùireadh agus a lìbhrigeadh air feadh an NHS agus cùram sòisealta, agus làn fheum fhaighinn à buannachdan teicneòlais agus leigheasan ùra.

• Leasaichidh sinn MyNHS, app sàbhailte, sìmplidh agus tèarainte a chuidicheas daoine gus seirbheisean fhaighinn gu dìreach agus sealbh a chumail air an fhiosrachadh slàinte aca fhèin.

• Nì sinn tasgadh de £100 millean a bharrachd thairis air an ath phàrlamaid gus dà ionad cùram taghte agus breithneachadh tinneis eile fhosgladh, a bharrachd air na còig ionadan a tha mar-thà fosgailte no gan leasachadh.

• Cuiridh sinn às do chosgaisean cùram sòisealta neo-chòmhnaidh dhaibhsan a dh’fheumas taic.

• Bheir sinn a-steach Tuarastal Nàiseanta ùr, cothromach airson luchd-obrach Cùraim agus bheir sinn a-steach barganachadh pàighidh nàiseanta airson na roinne airson a’ chiad uair.

• Tasgaidh sinn £250 millean thairis air na còig bliadhna a tha romhainn gus dèiligeadh ris an èiginn ann am bàs bho dhrogaichean, a’ toirt taic do bharrachd tasgaidh ann an grunn fhuasglaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd, cothrom nas luaithe air leigheas agus leudachadh air ath-ghnàthachadh ann an àiteachan-còmhnaidh.

• Cuiridh sinn às do chosgaisean fiaclaireachd NHS agus cumaidh sinn òrdughan-chungaidhean an-asgaidh.

• Meudaichidh sinn an tasgadh dìreach ann an seirbheisean slàinte-inntinn co-dhiù 25% agus nì sinn cinnteach, ro dheireadh na pàrlamaid, gun tèid 10% de bhuidseat loidhne-aghaidh an NHS a thasgadh ann an slàinte-inntinn.

• Cuiridh sinn Plana Slàinte Bhoireannach an gnìomh gus cùram adhartachadh agus neo-ionannachd slàinte a lùghdachadh do bhoireannaich is nigheanan.

• Cruthaichidh sinn Buidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta NHS gus dèanamh cinnteach gum bi dòighean solair tèarainte is seasmhach ann airson chungaidhean deatamach, agus bheir sinn taic do thasgadh ann an rannsachadh ùr-nodha air banachdachan agus cungaidhean.

• Dùblaichidh sinn tasgadh Riaghaltas na h-Alba ann an spòrs agus beatha ghnìomhaich gu £100 millean ro dheireadh na pàrlamaid seo

Tasgadh san NHS againn

Is i an t-seirbheis slàinte an t-seirbheis phoblach as prìseil leinn agus nì sinn cinnteach gum bi i seasmhach san àm ri teachd. Tha an galar lèir-sgaoilte coròna-bhìoras air uallach gun samhail a chur air an NHS againn agus tha sinn a’ toirt taing do gach neach a tha ag obair san t-seirbheis airson an oidhirpean thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh.

Maoineachadh airson ath-bheothachadh

Gus dèiligeadh ris a’ ghalar lèir-sgaoilte, feumaidh an NHS againn dàil a chur ann an cuid de leigheasan eile no a dhol nas slaodaiche leotha, gus a h-uile duine a chumail sàbhailte. Cuiridh sinn an gnìomh Plana Athbheothachaidh NHS, le taic bho àrdachadh 20% ann an tasgadh ann an seirbheisean slàinte loidhne-aghaidh. Bheir seo seachad àrdachadh os cionn reat na h-atmhorachd ann an caiteachas NHS thairis air an ath Phàrlamaid de co-dhiù £2.5 billean. Tha sinn an dùil gum bi an t-àrdachadh seo nas motha na airgead Barnett sam bith a gheibh sinn airson caiteachas slàinte loidhne-aghaidh, ach bidh sinn ag ùrachadh ar geallaidh gun tèid a h-uile sgillinn de thoraidhean Barnett airson slàinte is cùraim a bharrachd a thoirt do sheirbheisean slàinte is cùraim. Gheibh seirbheisean slàinte coimhearsnachd co-dhiù dàrna leth de chaiteachas loidhne-aghaidh an NHS. Gus dèanamh cinnteach gu bheil maoineachadh NHS air a sgaoileadh gu cothromach air feadh na dùthcha nì sinn ath-sgrùdadh air an fhoirmle maoineachaidh.

Tasgadh Calpa

Gus cuideachadh le ath-bheothachadh ar NHS tha sinn ag amas air £10 billean a thasgadh thairis air an ath dheich bliadhna gus goireasan slàinte air feadh na h-Alba ùrachadh agus a leasachadh. Tha na raointeanama a dh’fheumar gus pròiseactan mòra a thoirt air adhart a’ ciallachadh gum faic sinn a’ mhòr-chuid de na togalaichean ùra san dàrna leth den deichead. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ar buidseit calpa a ghearradh a-rithist is a-rithist o chionn beagan bhliadhnaichean agus mar sin tha an t-amas seo fo ùmhlachd nach bi Alba a’ fulang tuilleadh ionnsaigh air a’ bhuidseit seo le Westminster. Bidh am prògram tasgaidh againn a’ toirt a-steach: Ùrachadh no leasachadh goireasan bun-chùraim agus coimhearsnachd – a’ toirt a-steach, mar eisimpleir, Ospadal Glinn Rathais ann am Fìobha, Ospadal Cuimhneachadh Cogaidh Innis ann an Roinn a’ Mhonaidh, Ospadal Biggart ann am Prestwick, Ospadal Ionadail Chaisteal Dùbhghlais, Ospadal Coimhearsnachd na h-Eaglaise Brice, crìoch air Ospadal Coimhearsnachd ùr Naoimh Bhrianain ann an Barraigh, agus sgaoileadh nas fheàrr air seirbheisean ceangalachd dhidseatach gus barrachd feum a dhèanamh de ‘NearMe’ ann an Arcaibh. Ùrachadh goireasan coitcheann is èiginn ospadail gus an cumail freagarrach san àm ri teachd. Bidh seo a’ toirt a-steach crìoch a chur air Ospadal Teaghlaich Baird agus Ionad ANCHOR ann an Obar Dheathain, agus togail Ospadal ùr Monklands aig Wester Moffat. Thar nan ath dheich bliadhna de thasgadh bidh e cuideachd a’ ciallachadh dealbhadh agus comasachadh ùrachadh air ospadalan a’ toirt a-steach Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè, Ospadal Coitcheann Ghallaibh ann an Inbhir Ùige, Ospadal Rìoghail Alexandra ann am Pàislig, Ospadal Vale of Leven ann an Alexandria, Ospadal Gilbert Bain ann an Lerwick, agus Ospadal Coitcheann nan Crìochan ann am Maolros. Tha ar prògram togail agus leasachaidh air ionadan cùram taghte a’ dol air adhart agus tha e a’ toirt a-steach ionad aig Ospadal Rìoghail Pheairt, ionad ann an Obar Dheathain, fear ann an Inbhir Nis, agus ionad aig Ospadal Naoimh Eòin ann am Baile Dhùn Lèibhe. Gus cuideachadh le faighinn seachad air a’ ghalar lèir-sgaoilte agus gus dèanamh cinnteach gu bheil an comas againn a thaobh cùram taghte a dh’fheumas sinn san àm ri teachd, bheir sinn air adhart dà ionad cùram taghte a bharrachd ann an Comar nan Allt agus Siorrachd Àir. Bidh sinn cuideachd a’ tasgadh gus na goireasan speisealta againn a chomasachadh airson cuideachadh le bhith a’ frithealadh do shluagh fada nas fharsainge na na coimhearsnachdan a tha a’ fuireach faisg orra. Bidh sin a’ toirt a-steach ionadan ùra a chur an àite ionad aillse roinneil taobh sear na h-Alba aig Ospadal Coitcheann an Iar ann an Dùn Èideann, Pàillean Sùla Dhùn Èideann, agus Institiud Niùro-saidheans QEUH.

Buidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta

Cruthaichidh sinn Buidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta NHS leis an rùn cungaidhean sàbhailte agus àrd-inbhe fhaighinn, aig a’ phrìs as èifeachdaiche a tha comasach. Far a bheil e riatanach bidh seo a’ toirt a-steach leudachadh comais air gach cuid cungaidhean coitcheann agus ‘speisealta’ a dhèanamh, rudeigin a chaidh a thòiseachadh mu thràth air sgèile bheag ann an NHS Taobh Tatha. Obraichidh a’ Bhuidheann Cungaidh-leigheis Nàiseanta còmhla ri Banca Tasgadh Nàiseanta na h-Alba gus taic a thoirt do thasgadh ann an rannsachadh is leasachadh ùr-ghnàthach gus cungaidhean is obraichean ùra a thoirt a dh’Alba.

Ionad breithneachadh luath airson aillse

Stèidhichidh sinn cuideachd ionad breithneachadh luath airson aillse anns a h-uile sgìre bòrd slàinte. Bidh a’ chiad trì dhiubh sin – ann an Siorrachd Àir is Arainn, Fìobha agus Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh – deiseil ro dheireadh a’ Chèitein. Cuidichidh iad sin le bhith a’ toirt taic nas fheàrr do dh’euslaintich air comharraidhean neoshònraichte a dh’fhaodadh a bhith a’ ciallachadh gu bheil aillse orra, agus gheibh gach euslainteach taic bho ‘neachiùil’ aig cridhe chùisean gus am bi aon phrìomh phuing conaltraidh aig an euslainteach tron phròiseas.

Luchd-obrach agus Pàigheadh NHS

Tha sinn a’ tuigsinn an uallaich a tha air a bhith air luchdobrach an NHS anns na mìosan a chaidh seachad agus tha sinn fada, fada nan comain. Mar chomharra tràth air ar taingealachd thug sinn duais taing de £500 do luchd-obrach NHS, agus gealladh air pàigheadh cothromach.

Tairgse pàighidh

Tha Riaghaltas PNA a-nis air àrdachadh pàighidh susbainteach a thabhann don 154,000 luchd-obrach Agenda for Change NHS Alba, a’ diùltadh a’ mholaidh 1% aig na Tòraidhean. Tha sinn air àrdachadh 4% a mholadh don luchd-obrach air fad ann am Bannan 1 gu 7, le àrdachadh cinnteach de £1000 airson neach sam bith air tuarastal nas lugha na £25,000. Tha an tairgse againn a’ ciallachadh gum biodh banaltram aig mullach Bann 5 ann an Alba còrr is £1,300 nas fheàrr dheth às dèidh cìs agus Àrachas Nàiseanta na bhiodh nursaichean den aon ìre ann an Sasainn – a’ toirt dhachaigh còrr is 5% a bharrachd. Tha am pàigheadh NHS as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte aig luchd-obrach NHS na h-Alba, agus rè na pàrlamaid seo nì sinn cinnteach gun lean sin.

A’ cur àireamhan luchd-obrach an-àirde

Tha còrr air 21,500 a bharrachd de luchd-obrach againn ann an NHS na h-Alba a-nis na nuair a thàinig PNA a-steach don riaghaltas. Bidh sinn a’ fastadh codhiù 1500 a bharrachd de luchd-obrach NHS gus ar prògram ionadan cùram taghte a lìbhrigeadh agus comas speisealta a mheudachadh. Nì sinn leudachadh a bharrachd air àiteachan trèanaidh ann an sgoiltean leigheis co-dhiù 100 gach bliadhna agus dùblaichidh sinn an àireamh de dh’àiteachan air a’ phrògram Leudachadh Ruigsinneachd air Foghlam Leigheis gus sgioba-obrach meidigeach nas eadarmheasgte a thogail. Cruthaichidh sinn bursaraidh oileanaich do luchd-eiridinn gus taic a thoirt do luchd-eiridinn rè an trèanaidh aca. Leudaichidh sinn an taic slàinte-obrach agus slàinteinntinn do luchd-obrach NHS, agus obraichidh sinn le luchd-obrach gus cumadh a thoirt air nàdar is farsaingeachd an t-solair.

Ag ath-thòiseachadh an NHS againn

Bha sinn air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ lùghdachadh amannan feitheimh dìreach ron ghalar lèir-sgaoilte, ach tha Covid-19 air bacadh mòr a chur air an adhartas sin agus tha sinn air àrdachadh mòr fhaicinn anns na h-àireamhan de dh’euslaintich a tha a’ feitheamh ri comhairle agus leigheas àbhaisteach.

Plana Ath-bheothachaidh an NHS againn

Cuiridh sinn an gnìomh Plana Ath-bheothachaidh NHS a bheir buaidh air dòighean-obrach ùra, seasmhach agus a bheir taic don loidhne-aghaidh againn gus na leasachaidhean as ùire ann an saidheans meidigeach a chleachdadh. Innsidh e ciamar a mheudaicheas sinn gnìomhachd an NHS gus leigheas ath-thòiseachadh air an deach dàil a chur rè a’ ghalair lèir-sgaoilte agus gus dèiligeadh ri amannan feitheimh anabarrach fada.

Bidh am plana againn a’ toirt a-steach: • Taic airson àrdachadh 10% ann an obair a thaobh euslaintich-fuirich, cùram latha, agus euslaintichtadhail gus dèiligeadh ris an dàil ann an leigheas a thachair air los a’ ghalar lèir-sgaoilte Covid-19 – a’ toirt a-steach cleachdadh agus comas seòmraichean obrach-lannsa a mheudachadh ann an àiteachan mar Ospadal Coimhearsnachd Lodainn an Ear, agus cleachdadh aonadan gluasadach fhad ’s a tha goireasan ùra gan togail, • £10 millean airson dòighean breithneachadh tinneis ùra agus ath-dhealbhadh cùram èiginneach a thoirt a-steach, • fastadh nas luaithe de luchd-obrach airson nan 5 ionadan leigheas taghte agus breithneachadh tinneis nàiseanta againn, le co-dhiù 1,500 a bharrachd de luchd-obrach loidhne-aghaidh airson nan goireasan sin ro 2025, • tasgadh £100 millean a bharrachd gus dà ionad cùram taghte nàiseanta a bharrachd fhosgladh gus ar comas àrdachadh airson freagairt ri feumalachdan sluaigh a tha a’ fàs nas sine, • buileachadh ar Plana Ath-bheothachaidh air

Seirbheisean Aillse, a’ toirt a-steach a’ chompàirteachas £18 millean le Macmillan gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine ann an Alba le aillse cùram fa leth. • tasgadh £20 millean a bharrachd gus ar prògram

Detect Cancer Early a leudachadh • cumail nan targaidean aillse a th’ ann an-dràsta agus ath-bhreithneachadh a bheil luach ann an targaidean sònraichte a bharrachd airson diofar sheòrsaichean aillse agus leigheasan aillse.

Covid Maireannach

Is e buaidh leantaileach a’ ghalair lèir-sgaoilte do mhòran dhaoine gu bheil iad a’ fulang ‘covid maireannach’. Faodaidh an duilgheadas slàinte a tha seo a bhith eadardhealaichte bho neach gu neach agus chan eil e air a chuingealachadh gu duilgheadasan analach. Cuiridh sinn taic ris na dotairean-teaghlaich againn gus cuideachadh le bhith a’ co-òrdanachadh cùram ioma-chuspaireil, a’ gabhail a-steach leigheas èiginn, a dh’fheumas daoine le covid maireannach. Cumaidh sinn oirnn ag obair le buidhnean san treas roinn leithid Chest, Heart, Stroke Scotland gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig daoine air na seirbheisean a tha rim faighinn an-dràsta gus ar cuideachadh le bhith a’ lìbhrigeadh sheirbheisean leasaichte cho luath ’s a ghabhas.

Coimiseanair Sàbhailteachd Euslainteach

Cuiridh sinn Coimiseanair Sàbhailteachd Euslainteach an dreuchd mar neach-tagraidh nàiseanta airson euslaintich agus gus na còraichean aca a dhìon.

Cùram didseatach

Tràth ann an èiginn Covid-19 chaidh an t-seirbheis comhairleachadh slàinte bhidio ‘Near Me’ a mheudachadh. Mheudaich sinn comas, rinn sinn trèanadh air barrachd air 7,000 neach, agus thug sinn taic do 650 ionad dotairean-teaghlaich airson a chleachdadh. Ged nach eil co-chomhairlean bhidio freagarrach don h-uile duine, stèidhichidh Riaghaltas PNA, ma thèid ar thaghadh a-rithist, Near Me mar an roghainn àbhaisteach far a bheil sin freagarrach agus far a bheil iad toilichte an t-seirbheis a chleachdadh. Agus, tha sinn airson a dhol nas fhaide na dìreach cochomhairleachadh didseatach. Leasaichidh sinn MyNHS, app sàbhailte, sìmplidh agus tèarainte a chuidicheas daoine gus seirbheisean fhaighinn gu dìreach agus sealbh a chumail air an fhiosrachadh slàinte aca fhèin. Tha sinn cuideachd air barrachd dhaoine fhaicinn a’ cleachdadh seirbheisean slàinte inntinn air-loidhne no didseatach. Stèidhichidh sinn prògram ùr Slàinte Inntinn Didseatach gus na seirbheisean a tha rim faighinn a neartachadh. Gluaisidh sinn gu pròiseas òrdugh-cungaidh didseatach, far an tèid an t-òrdugh-cungaidh agad a chur gu dealanach chun na bùth-chungaidhean ionadail gus a chur air dòigh, ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine na cungaidhean-leigheis a tha a dhìth orra fhaighinn.

Cùram sa choimhearsnachd

Tha sinn airson nas urrainn dhuinn de chùram slàinte fhaicinn sa choimhearsnachd agus nas fhaisge air dachaighean dhaoine fhèin, oir tha fios againn gur e sin a tha euslaintich ag iarraidh.

Tha sin a’ ciallachadh leantainn air adhart ag athleasachadh bun-chùram agus a’ tasgadh ann an seirbheisean. Gheibh bun-chùram agus seirbheisean dhotairean cuibhreann nas motha de thasgadh loidhneaghaidh NHS thairis air a’ phàrlamaid seo, le àrdachadh de co-dhiù 25% ann am maoineachadh bun-chùraim. Cuiridh sinn an gnìomh barrachd sheirbheisean slàinte gluasadach airson cùram a lìbhrigeadh gu dìreach, gu sònraichte ann an sgìrean dùthchail. Bidh seo a’ toirt a-steach seirbheisean sgrìonaidh a bharrachd, aonadan stròc agus seirbheisean slàinte inntinn. Bidh an siostam Bùth-chungaidhean an Toiseach aig NHS Alba a’ cuideachadh dhaoine gus an cùram ceart fhaighinn san àite cheart, gun a bhith a’ dol chun ionaddotair aca no an Roinn Tubaist is Èiginn ionadail airson cùram neo-èiginneach. Leudaichidh sinn an siostam Bùth-chungaidhean an Toiseach gus leigeil le bùthanchungaidhean coimhearsnachd comhairle no leigheas fiosrach a thoirt do dhaoine airson tinneasan beaga agus tinneasan cumanta, no gus daoine a chur air adhart gu sgiobaidhean cùram slàinte eile ma bhios feum air. Leig an reachdas Coròna-bhìorais èiginneach againn le cungadairean coimhearsnachd banachdachan a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach obair sa phrògram banachdaich deatamach airson Covid-19 agus bheir riaghaltas PNA reachdas a-steach gus seo a dhèanamh maireannach.

A’ frithealadh do Choimhearsnachdan Dùthchail is Iomallach

Cruthaichidh sinn ionad sàr-mhathais ùr airson leigheas is cùram sòisealta dùthchail agus iomallach gus eòlas agus comhairle a thoirt seachad mu lìbhrigeadh cùraim ann an diofar shuidheachaidhean dùthchail, eileanach agus iomallach ann an Alba, agus tasgadh a dhèanamh anns na h-ospadalan coitcheann dùthchail againn a’ toirt a-steach Ospadal Belford ùr anns a’ Ghearastan. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh seirbheisean màthaireil fo stiùir àrd-lighichean a thoirt air ais aig Dr Gray’s ann an Eilginn ann an dòigh shàbhailte agus sheasmhach agus bheir sinn air adhart molaidhean an ath-bhreithneachaidh neo-eisimeilich a tha ri aithris as t-samhradh.

Ionad NHS airson Lìbhrigeadh Seasmhach

Bheir sinn taic don Ionad NHS ùr airson Lìbhrigeadh Seasmhach gus dòighean-obrach ùra, nas fheàrr agus nas seasmhaiche a stiùireadh agus a lìbhrigeadh air feadh an NHS agus cùram sòisealta, agus làn fheum fhaighinn à buannachdan teicneòlais agus leigheasan ùra.

Seirbheis Cùraim Nàiseanta

Cha robh e riamh cho soilleir cho cudromach ’s a tha ar seirbheisean cùram sòisealta. Tha sinn fada, fada an comain luchd-cùraim ar dùthcha airson an dealais agus an truais a chunnaic sinn rè àm a’ ghalar lèir-sgaoilte. Gus dèanamh cinnteach gu bheil an siostam cùram sòisealta againn a’ lìbhrigeadh sàr-sheirbheisean gu cunbhalach air feadh na h-Alba, bheir sinn air adhart molaidhean ath-sgrùdadh neo-eisimeileach Feeley agus stèidhichidh sinn Seirbheis Cùraim Nàiseanta anns an ath theirm phàrlamaideach. Bidh an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta a’ cumail sùil air lìbhrigeadh cùraim, a’ leasachadh inbhean cùraim, a’ dèanamh cinnteach à pàigheadh agus cumhaichean nas fheàrr do luchd-obrach agus a’ toirt taic nas fheàrr do luchd-cùraim gun phàigheadh. Chan eil sin a’ ciallachadh gum bi a h-uile dachaigh cùraim an seilbh no air a ruith le Riaghaltas na h-Alba, ach tha e a’ ciallachadh gun leasaich sinn inbhean, trèanadh agus pàigheadh thar an t-siostaim gu lèir, agus gum bi barrachd cunntachalachd ann airson solarachadh cùram sòisealta. Leigidh e leinn Tuarastal Nàiseanta airson luchd-obrach Cùraim a thoirt a-steach agus rèiteach pàighidh nàiseanta a thoirt a-steach don roinn, stèidhichte air prionnsapalan obair chothromaich, airson a’ chiad uair. Ma thèid ar taghadh a-rithist, tòisichidh sinn air a’ phròiseas reachdail fhoirmeil gus an t-seirbheis ùr a stèidheachadh taobh a-staigh a’ chiad bhliadhna den Phàrlamaid ùr agus bidh sinn ag amas air an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr a bhith ag obair ro dheireadh na pàrlamaid.

Mar phàirt de dhòigh-obrach stèidhichte air còraichean airson cùram, neartaichidh sinn còraichean luchdcòmhnaidh ann an suidheachaidhean còmhnaidh inbheach. Bidh seo a’ toirt a-steach a bhith a’ lìbhrigeadh ‘Lagh Anne’ - a’ toirt nan aon chòraichean inntrigidh do chàirdean no charaidean ainmichte gu dachaighean cùraim ri luchd-obrach fhad ’s a tha iad a’ leantainn dhòighean-obrach teann air smachd thinneasan gabhaltach, mar a chaidh iarraidh le Càirdean Dachaighean Cùraim Alba. Mar a chruthaicheas sinn an t-Seirbheis Cùraim Nàiseanta, nì sinn ath-sgrùdadh air àireamh, structar agus riaghladh bùird slàinte – agus seirbheisean lìbhrigidh cocheangailte eile – gus cur às do obair gun adhbhar agus an fheum as fheàrr a dhèanamh de airgead poblach.

Maoineachadh na Seirbheis Cùraim Nàiseanta ùr

Chan urrainnear na h-atharrachaidhean seo a dhèanamh ach le barrachd tasgaidh. Mar sin àrdaichidh sinn tasgadh poblach ann an cùram sòisealta 25% thairis air a’ phàrlamaid, a’ lìbhrigeadh còrr is £800 millean de thaic nas motha airson cùram sòisealta. Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir seirbheisean cùram sòisealta, dìreach mar sheirbheisean cùram slàinte, a bhith air an toirt seachad air fìor bhunait uile-choitcheann, anasgaidh aig àm cleachdaidh. Mar sin cuiridh riaghaltas PNA às do chosgaisean airson cùram neo-chòmhnaidh.

A’ toirt Piseach air Seirbheisean Slàinte-inntinn

Is e slàinte inntinn aon de na cùisean slàinte phoblaich as cudromaiche a tha mu choinneimh na h-Alba an-diugh agus is e sin as coireach, eadhon ro Chovid, gun robh e na phrìomhachas aig PNA, le aire shònraichte air tasgadh agus ath-dhealbhadh seirbheisean slàinte inntinn cloinne is dheugairean (CAMHS). Meudaichidh sinn tasgadh dìreach Riaghaltas na h-Alba ann an seirbheisean slàinte-inntinn co-dhiù 25% agus nì sinn cinnteach, ro dheireadh na pàrlamaid, gun tèid 10% de bhuidseat loidhne-aghaidh an NHS a thasgadh ann an slàinte-inntinn. Bidh sinn a’ togail air soirbheachas ar prògram neachobrach ceangail coimhearsnachd, gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile dotair teaghlaich anns an dùthaich air neach-obrach ceangail sunnd inntinn, a’ cruthachadh lìonra de 1,000 neach-obrach sònraichte a bharrachd a chuidicheas le bhith a’ brosnachadh foghainteachd slàinte inntinn coimhearsnachd agus òrdachadh-leighis sòisealta. Gus dèiligeadh ri stiogma agus gus aire a thogail mu thinneas inntinn, bheir sinn trèanadh ciad-chobhair slàinte inntinn don h-uile duine san roinn phoblaich ro dheireadh na pàrlamaid. Cuiridh sinn air adhart molaidhean an Ath-sgrùdadh Neoeisimeileach air Lìbhrigeadh Seirbheisean Slàinte Inntinn Foireansach agus molaidhean aithisg dheireannach Iain Scott QC a tha ri thighinn air an ath-bhreithneachadh aige air lagh agus cleachdadh slàinte inntinn a thaobh cur an grèim èigneachail.

Slàinte Inntinn Cloinne

Nì sinn cinnteach gum bi co-dhiù 1% de chosgaisean loidhne-aghaidh NHS a’ dol gu taic agus seirbheisean CAMHS ro dheireadh na pàrlamaid. Tha an ro-innleachd slàinte inntinn againn a’ cuideachadh le bhith ag ath-dhealbhadh mar a tha CAMHS air a lìbhrigeadh, le prionnsapal ‘Iarr aon turas, faigh cuideachadh gu sgiobalta’. Bheir sinn a-steach Roinnleachd Eadar-ghluasad Nàiseanta gus toraidhean a leasachadh do chlann is daoine òga a tha a’ fulang droch shlàinte inntinn nuair a tha iad a’ gluasad gu bhith nan inbhich.

Casg fèin-mharbhaidh

Is e ar miann gum bi Alba na àite far an gabh fèinmharbhadh a chasg agus far a bheil e ga chasg, agus far a bheil cuideachadh agus taic ri fhaighinn do neach sam bith a tha a’ beachdachadh air fèin-mharbhadh agus dhaibhsan a chaill cuideigin tro fhèin-mharbhadh. Gus cuideachadh le seo a choileanadh, nì sinn dùblachadh air caiteachas casg fèin-mharbhaidh agus bheir sinn taic do raon ghnìomhachdan, a’ gabhail a-steach dùblachadh na h-àireimh de luchd-trèanaidh prògram Trèanaidh air Sgilean Eadar-theachd Fèin-mharbhaidh agus prògram SafeTalk, ro dheireadh na pàrlamaid.

Ciorram ionnsachaidh, Òtasam agus Neuro-iomadachd

Ged nach e tinneasan slàinte inntinn a th’ ann an òtasam agus ciorraman ionnsachaidh, nuair a tha feum air leigheas agus cùram tha iad an-dràsta air an còmhdach leis an Achd Slàinte Inntinn. Bheir sinn air adhart Bile Ciorram Ionnsachaidh, Òtasam agus Neuro-iomadachd gus taic agus seirbheisean a mhìneachadh san reachdas slàinte inntinn a tha ann agus gus dèanamh cinnteach gu bheil còraichean daonna air an dìon agus air an adhartachadh. Gus dèanamh cinnteach gun tèid cumail ris an reachdas ùr nuair a thig e an èifeachd cruthaichidh sinn Coimiseanair Ciorraman Ionnsachaidh, Òtasam agus Neuro-iomadachd tron lagh ùr. Obraichidh sinn còmhla ri daoine le eòlas air na cùisean buntainneach air dòigh-obrach in-ghabhalach gus dèanamh cinnteach gun urrainn don Choimiseanair na còraichean aca a dhìon.

An-asgaidh aig àm cleachdaidh

Tha sinn gu tur dealasach a thaobh prionnsapalan bunaiteach an NHS againn – fo shealbh phoblach, air a lìbhrigeadh gu poblach agus an-asgaidh aig àm cleachdaidh.

Òrdughan-chungaidhean agus sgrùdaidhean sùla

Dìonaidh sinn sgrùdaidhean sùla an-asgaidh agus òrdughan-cungaidh an-asgaidh ann an Alba, a’ sàbhaladh faisg air £22 agus £9.35 gach rud fa leth do dhaoine, an coimeas ri Sasainn.

Fiaclaireachd NHS

Tha aon raon de sheirbheisean NHS ann fhathast a dh’fhaodas cosgais adhbharachadh – fiaclaireachd NHS. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh ruigsinneachd air fiaclaireachd, ach ma thèid ar taghadh a-rithist leasaichidh sinn ruigsinneachd barrachd le bhith a’ cur às do chosgaisean fiaclaireachd NHS thar cùrsa na pàrlamaid. Tòisichidh sinn seo le daoine aig a bheil eòlas air cùram eadar 18 agus 26.

Cosgaisean Pàircidh

B’ e PNA a chuir às do chosgaisean pàircidh anns a h-uile pàirc chàraichean aig an NHS ann an Alba. Tron ghalar lèir-sgaoilte Covid-19 rinn sinn cinnteach gu robh pàirceadh anns a h-uile pàirc chàraichean aig ospadal anasgaidh, a’ toirt a-steach an fheadhainn fo shealbh PFI. Cuiridh sinn taic ri bùird NHS gus na ceumannan riatanach a ghabhail airson dèanamh cinnteach gum bi pàirceadh an-asgaidh san fhad-ùine.

Maoin Teaghlaich Euslaintich Òga

A’ togail air soirbheachas ar Maoin Chosgaisean Cloinne Ùr-bhreith, bheir sinn a-steach Maoin Teaghlaich Euslaintich Òga gus taic a thoirt do theaghlaichean a tha a’ tadhal air clann a tha a’ faighinn cùram euslainteach-fuirich.

Ana-chleachdadh stuthan agus bàs bho dhrogaichean

Tha an àireamh de dhaoine a gheibh bàs co-cheangailte ri drogaichean ann an Alba ro àrd. Tha gach aon de na bàis sin na chùis-bhròin eagallach, aig a bheil buaidh anabarrach air daoine fa leth, teaghlaichean agus coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil feum air misean nàiseanta gus dèiligeadh ris an èiginn bàis dhrogaichean a tha ann an Alba. Feumaidh sinn comas a thoirt do bharrachd dhaoine gus taic a shireadh; an taic sin a dhèanamh nas cunbhalaiche, sùbailte agus èifeachdaich, agus fada nas luaithe; agus seirbheisean a chuideachadh a bhith a’ cumail orra ag obair còmhla ris na daoine ris a bheil iad a’ toirt taic.

Tasgaidh sinn £250 millean thairis air beatha na pàrlamaid gus taic a thoirt do raon de dh’eadar-theachdan stèidhichte sa choimhearsnachd, a’ gabhail a-steach bunchùram casg, agus leudachadh air ath-ghnàthachadh ann an àite-còmhnaidh. Bidh sinn: • a’ cur taic ri seirbheisean com-pàirteachaidh anns a h-uile ùghdarras ionadail • a’ cur an gnìomh na h-Inbhean Cùraim le Taic Leigheis (MAT) ùra anns a’ chiad bhliadhna den phàrlamaid, a’ dèanamh cinnteach à cùram air an aon latha no òrdachadh-cungaidh an aon latha dhaibhsan a dh’fheumas e, • a’ gluasad gu cuairt maoineachaidh 5-bliadhna airson buidhnean treas roinn iomchaidh agus buidhnean a tha san loidhne-toisich a’ sàbhaladh beatha • Tha sinn fhathast dealasach a thaobh a bhith a’ toirt a-steach goireasan airson drogaichean a ghabhail gu sàbhailte fo stiùir mheidigeach. Chaidh a dhearbhadh air feadh an t-saoghail gu bheil na goireasan seo a’ sàbhaladh beatha. Rannsaichidh sinn gach slighe laghail ann an oidhirp an stèidheachadh ann an Alba.

Slàinte Phoblach

Ged a chaidh mòran aire a thoirt do bhuaidhean dìreach Covid-19 air slàinte, feumaidh sinn cuideachd obair còmhla gus ar fòcas a ghluasad a dh’ionnsaigh neo-ionannachd slàinte a lùghdachadh agus droch shlàinte a bhacadh. Feuchaidh sinn ri sanasachd deoch làidir a chuingealachadh ann an àiteachan far am biodh clann buailteach fhaicinn. Bidh sinn ag ath-dhearbhadh ar dealas airson àrd-amas 2034 Alba gun smocadh agus foillsichidh sinn roinnleachd tombaca ùr. Tha e na phrìomhachas slàinte phoblaich daoine a bhrosnachadh gu bhith ag ithe biadh fallain agus cumail ri cuideam fallain agus bidh sinn ag amas air reamhrachd cloinne a lùghdachadh gu dàrna leth ro 2030, a’ lùghdachadh gu mòr neo-ionannachd slàinte cocheangailte ri daithead. Nì sinn prògraman Sgoiltean Gnìomhach an-asgaidh don h-uile pàiste ro dheireadh na pàrlamaid agus cumaidh sinn oirnn a’ leasachadh ìrean beathachaidh airson biadh is deoch ann an sgoiltean. Bheir sinn air adhart reachdas gus casg a chur air sanasachd de bhiadh is deoch le tòrr geir, siùcair agus salainn thairis air an ath phàrlamaid. Tha bùthan-chungaidhean coimhearsnachd air seirbheisean casg-gineamhainn a thoirt seachad tron ghalar lèir-sgaoilte. Nì sinn sgrùdadh air roghainnean airson a bhith a’ gluasad lìbhrigeadh dòighean casggineamhainn fad-ùine gu bùthan-chungaidhean coimhearsnachd. Rinn sinn pìleat air seirbheis casggineamhainn eadar-amail, a tha ri fhaighinn leis a’ Chasggineamhainn Hormònach Èiginn (EHC), gus cùram iomlan a thoirt do luchd-cleachdaidh.

Slàinte Bhoireannach

Feumar cùram-slàinte a leasachadh do bhoireannaich, gu sònraichte a thaobh nan diofar ràithean de bheatha boireannaich. Leasaichidh sinn agus cuiridh sinn an gnìomh Plana Slàinte Bhoireannach gus seirbheisean adhartachadh agus neo-ionannachd slàinte do bhoireannaich is nigheanan a lùghdachadh. Bidh e: • a’ stèidheachadh seirbheis asaid-anabaich urramach, truacanta a tha air a dhealbhadh a rèir feumalachdan bhoireannach, a’ toirt air adhart co-dhùnaidhean aithisg an Lancet agus a’ toirt taic do leasachadh planaichean cùraim fa-leth às dèidh a’ chiad asaid-anabaich, • a’ leantainn na tha Sealan Nuadh a’ dèanamh far a bheil teaghlaichean a tha a’ fulang asaid-anabaich no marbhbhreith airidh air 3 latha de dh’fhòrladh pàighte, le bhith a’ lìbhrigeadh seo taobh a-staigh na roinne phoblaich agus ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte na h-atharrachaidhean riatanach a dhèanamh air lagh cosnaidh gus am faigh a h-uile duine e,

• a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air mar a bhios mnathan-glùine agus banaltraman-slàinte a’ coinneachadh ri teaghlaichean ùra agus leanaban, a’ leasachadh cothrom air taic airson biathadh broillich, comhairle air leigheas corporra agus a’ meudachadh taic às dèidh asaid agus taic sunnd inntinn, • a’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan sònraichte aig roinnean màthaireil do bhoireannaich a tha a’ fulang le duilgheadasan leatromachd ris nach robh dùil, • a’ lùghdachadh amannan feitheimh airson breithneachadh endometriosis fhaighinn bho còrr air 8 bliadhna gu nas lugha na 12 mìosan ro dheireadh na pàrlamaid, agus coimhead ri bhith a’ leasachadh mar a thachras do bhoireannaich agus mar a thèid breithneachadh air na duilgheadasan aca nuair a bhios iad a’ tadhal air na dotairean teaghlaich aca le duilgheadasan mìosail eile, • a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom nas fheàrr aig boireannaich air seirbheisean sònraichte airson comhairle agus taic mu bhreithneachadh agus dèiligeadh ri làn-sgur fala mhìosail. Cuiridh sinn iomairt slàinte phoblaich air bhog gus cur às do stiogma agus aire a thogail mu chomharran làn-sgur fala mhìosail, • ag iarraidh air eòlaichean clionaigeach anns a’

Chomataidh Sgrìonaidh Nàiseanta sgrùdadh a dhèanamh air buannachdan a bhith a’ lughdachadh nan stairsneach aoise a th’ ann an-dràsta agus geallaidh sinn a’ chomhairle aca a leantainn. Còmhla ri seo, bidh sinn a’ tasgadh ann an rannsachadh gus pongalachd sgrìonaidh a leasachadh, • a’ toirt taic do leasachadh Institiud ùr Albannach airson Slàinte Bhoireannach gus atharrachaidhean air poileasaidh, stiùireadh agus trèanadh a chur air adhart air stèidh leigheas gnè is gender, a bharrachd air maoineachadh a riarachadh airson rannsachadh sònraichte air slàinte bhoireannach.

Mogal (mesh)

Chuir Riaghaltas PNA stad air cleachdadh mogal tharfaighein (transvaginal mesh) ann an 2018, agus cumaidh sinn ri seo. Leanaidh sinn oirnn ag obair gus seirbheisean nas fheàrr a lìbhrigeadh do bhoireannaich a dh’fhuiling duilgheadasan mar thoradh air mogal thar-faighein, agus bheir sinn taic do na tha Cairt Luchd-fulaing Mogail na h-Alba a’ sireadh. Bheir sinn a-steach reachdas gus boireannaich a phàigheadh air ais ma phàigh iad airson lannsaireachd gus mogal a thoirt a-mach agus nì sinn cinnteach gum faod boireannaich a tha ag iarraidh lannsaireachd airson mogal a thoirt a-mach taobh a-muigh an NHS san àm ri teachd sin a dhèanamh an-asgaidh agus le cosgaisean siubhail air am pàigheadh.

Casg-breith

Tha casg-breith na chòir laghail ann an Alba agus dìonaidh sinn a’ chòir sin. Chan eil planaichean sam bith againn gus reachdas casg-breith a chuingealachadh. Tha sinn soilleir nach bu chòir an fheadhainn a tha a’ faighinn casg-breith a bhith air an sàrachadh airson a’ chòir seo a chur an gnìomh. Cuiridh sinn taic ri ùghdarrasan ionadail sam bith a tha airson na cumhachdan aca a chleachdadh gus fo-laghan a stèidheachadh airson raointean a tha saor bho luchdiomairt a chruthachadh taobh a-muigh chlionaigean a bheir seachad seirbheisean casg-breith.

Cùram speisealta

Tha cothrom co-ionann air ath-ghnàthachadh deatamach do dhaoine a tha beò le trioblaidean slàinte fad-ùine no a’ faighinn seachad air tubaist, obair-lannsa no tinneas, gus an urrainn beatha cho math – agus cho neo-eisimeileach – ’s a ghabhas a bhith aca. Cruthaichidh sinn còir air athghnàthachadh ro dheireadh na pàrlamaid gus dèanamh cinnteach nach eil duine air a bhacadh le ‘gun chomas ath-ghnàthachaidh’, mar a tha an Co-bhanntachd Còir air Ath-ghnàthachadh ag iarraidh.

Tha an raon de chùram speisealta a tha air a thoirt seachad le proifeiseantaich slàinte co-cheangailte (AHP) san NHS againn deatamach airson maitheas mòran dhaoine. A’ dèanamh cinnteach gu bheil am measgachadh ceart de sgilean againn gus prìomhachasan a thoirt gu buil leithid a’ chòir air ath-ghnàthachadh, agus gu bheil na seirbheisean bun-chùraim againn a’ faighinn taic bho sgioba fìor ioma-chuspaireil. Is ann air sgàth sin a nì sinn ath-sgrùdadh anns a’ phàrlamaid seo air na feumalachdan againn san àm ri teachd gus dealbhadh mar a thèid trèanadh AHP a leudachadh. Cuiridh sinn Plana Nàiseanta Fradharc Lag air bhonn, stèidhichte air Seirbheis Fradharc Lag na Cuimrigh, gus solar seirbheis nas cunbhalaiche a dhèanamh comasach air feadh na h-Alba. Cuiridh sinn taic ri seirbheisean claisneachd coimhearsnachd gus cuideachadh le bhith a’ saoradh comas san roinn fhaochnach againn. Is e ar n-amas seirbheisean claisneachd coimhearsnachd a chur air an aon ìre ris na seirbheisean cùram sùla coimhearsnachd an-asgaidh againn. Tha Alba air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith ag aithneachadh agus a’ leigheas HIV, agus tha daoine leis a’ bhìoras a-nis comasach air beatha fhada, shona agus fhallain a bhith aca. Tha sinn a’ creidsinn gun urrainn dhuinn a dhol nas fhaide, agus bheir sinn air adhart frèam-obrach ùr gus cur às do sgaoileadh HIV ro 2030. Leanaidh sinn oirnn le ar planaichean gus cur às do Hep C ann an Alba ro 2024. A’ togail air sgaoileadh na seirbheis shoirbheachail airson fèin-dheuchainn HIV, bheir sinn pìleatan air adhart airson deuchainnean STI aig an taigh gus a dhèanamh nas fhasa faighinn gu leigheas agus taic. Tha sinn mothachail air an fhìor fheum air ruigsinneachd air Seirbheisean Dearbh-aithne Gender NHS a leasachadh. Geallaidh sinn trì bliadhna de mhaoineachadh eadar-theachd èiginn gus cùram, taic agus seirbheisean a leasachadh. Obraichidh sinn le daoine le eòlas air a’ chùis gus sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr air a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach leasachadh air solar coimhearsnachd.

Cùram Lasachaidh

Bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile duine a gheibh buannachd bho chùram lasachaidh sàr chùram leantaileach fhaighinn ann an deagh ùine far a bheil feum aca air agus nuair a tha feum aca air. Cuiridh sinn Stiùiriche Clionaigeach Nàiseanta ùr an dreuchd airson Cùram Lasachaidh agus Deireadh Beatha airson na h-Alba, a bhios an urra ri bhith a’ cumail sùil air ro-innleachd nàiseanta airson cùram lasachaidh agus deireadh beatha aig am bi dòigh-obrach siostam slàn, slàinte a’ phobaill. Tha sinn dealasach a thaobh dèanamh cinnteach gum faigh clann le feumalachdan cùram lasachaidh cùram den chàileachd as àirde, gu co-ionann air feadh na h-Alba, le taic bho mhaoineachadh poblach bliadhnail de co-dhiù £7 millean airson dèanamh cinnteach gu bheil cùram ospais cloinne a’ faighinn solarachadh seasmhach.

Beatha Ghnìomhach agus Spòrs

Tha sinn ag iarraidh gum bi Alba na dùthaich far am faigh a h-uile duine buannachd bho thasgadh ann an spòrs agus gnìomhachd chorporra. Bidh sinn a’ dùblachadh tasgadh Riaghaltas na h-Alba ann an spòrs agus beatha ghnìomhach gu £100 millean sa bhliadhna ro dheireadh na Pàrlamaid gus Alba a chuideachadh a bhith nas gnìomhaiche. Iarraidh sinn air Spòrs Alba obair le buidhnean agus daoine fa leth air feadh na h-Alba gus plana gnìomhachd nàiseanta ùr a dhealbhadh. Bidh e ag amas air cur às do chnapan-starra, ionmhasail no eile, a chumas cus dhaoine bho bhith a’ leantainn beatha ghnìomhach. Bidh e na phrìomhachas taic a thoirt do bharrachd bhoireannach is nigheanan a thoirt na lùib.

Nì sinn ath-bhreithneachadh air ar tasgadh ann an spòrs, a’ gabhail a-steach sponsaireachd, gus dèanamh cinnteach gum faigh fir is boireannaich buannachd cho-ionann às, agus obraichidh sinn le craoladairean poblach ann an Alba a thoirt taic dhaibh gus àrdachadh mòr a dhèanamh air na tha de spòrs bhoireannach air telebhisean na h-Alba, gus an urrainn dhuinn nigheanan agus balaich a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail ann an spòrs.

Banca Luchd-leanmhainn

Tha fios againn gu bheil ùidh mhòr aig luchd-leanmhainn ann an soirbheachadh nan clubaichean aca air agus air falbh bhon raon-chluiche. Aig amannan nuair a tha club ann an staing ionmhais no air a reic, glè thric tha buidhnean taic agus coimhearsnachd ann a bhiodh airson a dhol an sàs gu dìreach ann an ruith a’ chlub aca, ach aig nach eil cothrom air airgead-calpa gus am miann seo a thoirt beò. Is ann air an adhbhar sin a chruthaicheas sinn ‘Banca Luchd-leanmhainn’ gus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan agus bhuidhnean agus gus codhùnaidhean ionadail a neartachadh le bhith a’ toirt taic do choimhearsnachdan gus earrannan a ghabhail sa chlub spòrs ionadail aca no a ghabhail thairis. Gus a bhith airidh air tagradh airson taic bhon Bhanca Luchd-leanmhainn, feumaidh buidhnean ùidh agus taic coimhearsnachd shoilleir a nochdadh agus, gu sònraichte, sealltainn mar a bhiodh com-pàirteachadh ann an ruith a’ chlub aca air a chleachdadh gus taic a thoirt do bhoireannaich is nigheanan a bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs.

This article is from: