
11 minute read
Nàisean Net Zero
A dh’aindeoin nan dùbhlan mòra a tha an cois galar lèir-sgaoilte, chan eil an èiginn clìomaid ar a dhol air falbh – is fada bhuaithe e – agus tha Riaghaltas na h-Alba gu tur dealasach a thaobh dèanamh cinnteach ro 2045 nach bi Alba a’ cur ri atharrachadh clìomaid, ann an dòigh a tha ceart agus cothromach. ’S ann a tha e aig cridhe ar n-athbheothachaidh. Tha cothrom againn àm ri teachd nas fheàrr a dhealbhadh agus, a’ tighinn a-mach às a’ ghalair lèir-sgaoilte, rudan ath-thogail ann an dòigh eadardhealaichte. Tha ar n-obair gus dèiligeadh ris an èiginn clìomaid air a sgaoileadh air feadh a’ mhanifesto seo, a’ lìbhrigeadh dachaighean sgaoilidhean ìosal agus neoni, ag atharrachadh ar siostam còmhdhail, a’ dèanamh àiteachas nas uaine agus a’ leasachadh eaconamaidh charbon-ìosal.
Thar na h-ath phàrlamaid:
• Meudaichidh sinn adhartas gu bhith nar nàisean
Net Zero.
• Cuiridh sinn taic ri aonta aig COP26 ann an
Glaschu a dh’atharraicheas an t-saoghal. • Nì sinn dùblachadh air ar Maoin Ceartas
Clìomaid, a tha air thùs san t-saoghal, gu £24 millean thairis air ceithir bliadhna.
• Cuiridh sinn an Sgeama Eàrlais Bhotail/ chanaichean àrd-amasach againn an gnìomh airson botail is canaichean deoch aonchleachdadh an ath-bhliadhna gus athchuairteachadh a thoirt air adhart, sgudal a lùghdachadh agus ar targaidean atharrachadh clìomaid a choileanadh.
• Tasgaidh sinn £500 millean a bharrachd san eaconamaidh nàdarra againn gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris an èiginn bith-iomadachd.
Ag obair a dh’ionnsaigh ar prìomh thargaidean atharrachadh clìomaid
Tha Alba a’ stiùireadh an t-saoghail a thaobh a bhith a’ dèiligeadh ris an dà èiginn de dh’atharrachadh clìomaid agus crìonadh eag-eòlasach. Tha sinn moiteil gu bheil am frèam-obrach laghail as adhartaiche againn airson lùghdachadh sgaoilidhean san t-saoghal, ach chan eil teagamh sam bith nach eil na targaidean sin gu math dùbhlanach.
Tha fios againn gum feum iad gnìomhan cruthatharrachail. Bidh sinn a’ tasgadh barrachd na riamh roimhe ann an dèiligeadh ri èiginn clìomaid agus anns a’ Phlana Atharrachadh Clìomaid ùraichte againn, a chaidh fhoillseachadh an-uiridh, tha còrr air 100 poileasaidh ùr, a’ cur Alba air an t-slighe gus na targaidean sgaoilidhean aice a choileanadh thar na h-ùine gu 2032 agus a’ cuideachadh le bhith a’ coileanadh eadar-ghluasad gu net zero ro 2045.
COP 26
Tha a bhith a’ cumail COP26 ann an Glaschu na chothrom fìor mhath do Alba ar ceannas clìomaid a nochdadh air àrd-ùrlar na cruinne.
Cleachdaidh sinn ar dleastanas aig COP – agus ar dleastanas mar cho-chathraiche Eòrpach air a’ chobhanntachd Under 2 – gus cuideachadh le Aonta Ghlaschu fhaighinn a chì gach dùthaich a’ gealltainn nan ceumannan a tha a dhìth gus dèiligeadh ri èiginn clìomaid. Anns a’ bhliadhna seo de COP, ma thèid ar n-aththaghadh bidh am Prìomh Mhinistear ag ainmeachadh Curaidhean na h-Àrainneachd, eòlaichean bho air feadh an t-saoghail, gus comhairle a thoirt don riaghaltas air a’ chleachdadh eadar-nàiseanta as fheàrr agus gus ar cumail air thùs chùisean a’ dèiligeadh ri èiginn clìomaid agus crìonadh eag-eòlasach. Iarraidh sinn air na Curaidhean Àrainneachd aithris aig COP 26 gus ar n-àrd-amas air feadh an t-saoghail a nochdadh.
Foillsichidh sinn sgrìobhainn, leis an t-ainm ‘tabhartas na h-Alba do Aonta Pharis – foillseachadh air NDC’, a chuimsicheas air targaid na h-Alba, a tha air thùs san t-saoghal, gus sgaoilidhean a lùghdachadh 75% ro 2030.
Eadar-ghluasad Cothromach
Tha feum air atharrachadh dàna agus àrd-amasach anns gach taobh de ar beatha ma tha sinn gu bhith a’ dìon ar sluaigh agus ar planaid san àm ri teachd. Tha sinn dìorrasach seo a dhèanamh ann an dòigh a bhios a’ seachnadh nam mearachdan a rinneadh roimhe, leithid mar a chaidh luchd-obrach guail is stàilinn, an teaghlaichean agus na coimhearsnachdan aca a thrèigsinn nuair a chaidh cur às do ghnìomhachas trom sna 80an is 90an. Lìbhrigidh riaghaltas PNA eadar-ghluasad cothromach. Cuiridh sinn an gnìomh molaidhean a’ Choimisean Eadarghluasad Cothromach agus cumaidh sinn an coimisean a’ dol gus comhairle a thoirt dhuinn air feadh na h-ath Phàrlamaid.
Ma thèid ar n-ath-thaghadh, cuiridh sinn Ministear Eadarghluasad Cothromach an dreuchd le uallach airson a bhith a’ cumail sùil air ‘misean nàiseanta’ de chothromachd is chothroman mar a ghluaiseas sinn gu net zero. Gus seo a lìbhrigeadh, obraichidh sinn le aonaidhean ciùird, gnìomhachas agus coimhearsnachdan, gus planaichean Eadar-ghluasad Cothromach roinneil a thoirt air adhart, a’ clàradh eadar-ghluasad làraichean, ghnìomhachasan, roinnean agus choimhearsnachdan. Leasaichidh sinn frèam-obrach sgrùdaidh làidir gus ruith ri taobh nam planaichean roinneil sin a thomhais ar n-adhartas a dh’ionnsaigh eadar-ghluasad fìor chothromach gu net zero, stèidhichte air sunnd, seasmhachd agus prionnsapalan obair chothromaich. Tha ùidh mhòr eadar-nàiseanta anns an dòigh shònraichte a th’ aig Alba a bhith a’ dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid a tha a’ daingneachadh cothromachd. Cleachdaidh sinn COP26 mar chothrom gus àrd-amas cruinneil a mheudachadh an dà chuid a thaobh obair air a’ chlìomaid agus cothromachd eadar-ghluasaid agus mar a bhios sinn ag obair gus dèanamh cinnteach à cothromachd aig an taigh, co-obraichidh sinn le com-pàirtichean cruinneil gus dèanamh cinnteach à ceartas clìomaid air feadh an t-saoghail.
Dèan dùblachadh air Maoin Ceartas Clìomaid
B’ e Alba a’ chiad dùthaich air an t-saoghal a chuir Maoin Ceartas Clìomaid air bhog. Is e an fheadhainn ann an ceann a deas na cruinne a rinn an cron as lugha a thaobh atharrachadh clìomaid is atharrachadh eag-shiostaman ach a dh’aindeoin sin tha iad nas buailtiche droch bhuaidh fhulang an toiseach. Chan eil seo cothromach. Sin an t-adhbhar, ann am bliadhna COP26, agus aig àm anabarrach cudromach airson amas clìomaid na cruinne, gun dùblaich sinn ar Maoin Ceartas Clìomaid gu £24 millean thairis air ceithir bliadhna.
Foghlam Clìomaid
Anns an Riaghaltas tha sinn air taic a thoirt do fhoghlam mun èiginn clìomaid is èiginn eag-eòlasach tro bhith a’ toirt gu buil Plana Gnìomha air Ionnsachadh airson Seasmhachd.
Tha sinn a’ toirt taic do bhith a’ toirt a-steach èiginn clìomaid agus èiginn eag-eòlasach ann an trèanadh thidsearan agus teisteanas teagaisg proifeasanta ùra gus cuideachadh le bhith a’ cumail suas sgilean leantainneach luchd-foghlaim. Bidh sinn cuideachd ag adhartachadh agus a’ toirt taic do ionnsachadh air a’ bhlàr a-muigh mar dhòigh air mothachadh air nàdar agus luach nàdair a mheudachadh. Feuchaidh sinn deuchainn air a’ chiad ghoireasan ionnsachaidh bun-sgoile a-muigh ann an Alba, a’ togail air soirbheachas ionnsachadh tràth a-muigh agus sgoilteanàraich sa choille.
Sònaichean sgaoilidhean ìosal
Tha sinn mu thràth air gealltainn Sònaichean Sgaoilidhean Ìosal a thoirt a-steach ann an Dùn Èideann, Glaschu, Obar Dheathain agus Dùn Dè. Chaidh stad a chur air obair orra mar thoradh air a’ ghalair lèir-sgaoilte. Obraichidh sinn a-nis le bailtean-mòra air feadh na h-Alba gus adhartas a dhèanamh a thaobh toirt a-steach Sònaichean Sgaoilidhean Ìosal.
Bile Eaconamaidh Chearcallaich
Bheir sinn air adhart Bile Eaconamaidh Chearcallaich gus rùintean na h-Alba airson eaconamaidh chearcallach a thoirt air adhart tro cheumannan a bhrosnaicheas ath-chleachdadh stuthan agus a lùghdaicheas sgudal. Bidh am bile a’ dèiligeadh ri mar a tha sinn a’ caitheamh cus stuthan aon-chleachdaidh, agus a’ toirt a-steach ceumannan gus dèiligeadh ri truailleadh bho aodach/ fasan luath.
Gabhaidh sinn ceumannan gus casg a chur air cutlaraidh phlastaig aon-chleachdaidh (forcaichean, sgeinean, spàinean, biorain agus chopsticks), truinnsearan, sràbhan, biorain bailiùn, soithichean bìdh is dibhe agus cupannan dheochan. Seo cuid de na plastaigean aon-chleachdaidh as miosa don àrainneachd agus, le aire air daoine a dh’fheumas an cleachdadh air sgàth ciorram, cuiridh sinn crìoch air an solar agus an saothrachadh ann an Alba. Cruthaichidh sinn maoin cuideachd stèidhichte air soirbheachadh Maoin Dùbhlan Cumhachd Mara Saltire airson ùr-ghnàthachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri truailleadh bho aodach agus bhon chultar tilgeil air falbh. Cuiridh sinn an Sgeama Eàrlais Bhotail/chanaichean àrdamasach againn an gnìomh airson botail is canaichean deoch aon-chleachdaidh an ath-bhliadhna gus athchuairteachadh a thoirt air adhart, sgudal a lùghdachadh agus ar targaidean atharrachadh clìomaid a choileanadh. Mar a bhios sinn a’ togail eaconamaidh chearcallach na h-Alba feumaidh sinn ar n-oidhirpean a chuimseachadh air lùghdachadh, ath-chuairteachadh agus athchleachdadh ghoireasan. Le seo agus le sùil air ar prìomh thargaidean atharrachadh clìomaid san amharc, tha sinn a’ gealltainn ath-bhreithneachadh a dhèanamh air a’ phàirt a tha aig losgadh ann an giullachd sgudail na h-Alba.
Haidridean
Is sinne a’ chiad dùthaich san RA a dh’fhoillsich Aithris Poileasaidh Haidridean a tha a’ mìneachadh mar as urrainn dhuinn làn fheum a dhèanamh de chomas mòr na h-Alba san roinn ùr seo. Tha comas againn a bhith nar prìomh ionad san t-saoghal airson eaconamaidh haidridean – a’ dì-carbonachadh an t-siostam lùtha againn agus a’ cruthachadh mìltean de dh’obraichean.
Tha haidridean a’ nochdadh gu luath air feadh na coimhearsnachd eadar-nàiseanta mar fhuasgladh seasmhach airson a bhith a’ dì-carbonachadh na h-eaconamaidh agus na phrìomh eileamaid de dh’eadargluasad lùtha. Tha Alba deònach a làn phàirt a ghabhail còmhla ri dùthchannan Eòrpach eile – is e sin as coireach gu bheil sinn a’ tasgadh £100 millean de ghoireasan gus an roinn agus an t-sèine solair a bhrosnachadh. Ann an Alba, tha a h-uile stuth nàdarra a tha riatanach againn ann am pailteas airson a bhith a’ dèanamh haidridean aig prìs ìosal, agus aon de na cruinneachaidhean as motha de dh’eòlas innleadaireachd far-oirthir san t-saoghal as urrainn feum a dhèanamh de chomas lùth ath-nuadhachail na h-Alba ann an teicneòlasan leithid cumhachd gaoithe, tonn is làn-mara, gus haidridean uaine a dhèanmh. Gu dearbh, is e Alba aon de na dùthchannan as fheàrr san t-saoghal gus haidridean aig prìs fharpaiseach a leasachadh airson feumalachdan na h-eaconamaidh againn fhìn agus gus haidridean a bharrachd a dhèanamh a dh’fhaodadh sinn às-mhalairt gu dùthchannan Eòrpach eile a bhios ga iarraidh ach aig nach eil gu leòr gus na feumalachdan aca fhèin a choinneachadh.
Gus taic a thoirt do lìbhrigeadh eaconamaidh haidridean bidh sinn:
• A’ suidheachadh targaid gus comas dèanamh haidridean ath-nuadhachail agus carbon ìosal de 5GW a bhith againn ro 2030. • A’ cur taic ri pròiseact taisbeanaidh Levenmouth gus lìonra teas 100% haidridean a lìbhrigeadh, a’ solarachadh teasachadh haidridean glan, uaine do 300 dachaigh. • A’ sgrùdadh cleachdadh trèanaichean haidridean an àite dìosail agus dealan – ag amas air co-dhiù aon seirbheis pìleat a bhith ag obair ro dheireadh na pàrlamaid.
Lùth uaine
Ro 2030 tha sinn ag amas air 50% de chaitheamh cumhachd iomlan na h-Alba a ghineadh bho stòrasan athnuadhachail, agus ro 2050 tha sinn ag amas air an siostam lùtha againn a dhì-charbonachadh cha mhòr gu tur. Gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn air an t-slighe gus sin a dhèanamh, foillsichidh sinn Ro-innleachd Lùtha ùraichte gus eadar-ghluasad a chlàradh. Le fòcas sònraichte air Obar Dheathain agus an Earthuath, bidh ar prògram Eadar-ghluasad Lùtha Alba a’ dèanamh cinnteach gu bheil prìomh àite aig gnìomhachas na h-Alba ann an leasachadh agus cleachdadh theicneòlasan ùra, carbon ìosal, leithid cumhachd athnuadhachail mara, haidridean agus CCUS. A’ togail air neart lùtha na h-Alba leasaichidh sinn prògram obrach ùr taobh a-staigh ar buidhnean iomairt, ag obair le companaidhean ann an gnìomhachasan carbon àrd mar ola is gas gus teicneòlasan ùra a leasachadh, no faighinn gu margaidhean carbon ìosal airson am bathar a reic, an dà chuid gu nàiseanta agus thall thairis. Feumaidh sinn feum a dhèanamh de ar goireasan nàdarra uile agus cuideachd cothrom a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail agus eileanach soirbheachadh. Tha sin a’ ciallachadh an cothromachadh ceart fhaighinn eadar leasachadh iomchaidh a cheadachadh agus an àrainneachd a dhìon. Nì sinn ath-sgrùdadh agus sgioblachadh air pròiseasan mar sin gus an tèid leasachaidhean lùth ath-nuadhachail neochonnspaideach a chrìochnachadh gu sgiobalta, a’ toirt buannachd do mhuinntir an àite agus luchd-tadhail. Dh’fhaodadh a’ chuairt màil gaoithe far-oirthir aig ScotWind suas ri £860 millean a thogail airson an sporain phoblaich. Tha seo a’ sealltainn nam buannachdan a thig a dh’Alba bho bhith a’ sealbhachadh agus a’ leasachadh ar goireasan nàdarra fhèin gus dèiligeadh ri atharrachadh clìomaid. Coimheadaidh sinn ri teachd-a-steach bho ghabhaltasan gaoithe aig muir a thasgadh ann am pròiseactan san àm ri teachd a chuireas aghaidh air atharrachadh clìomaid agus a chruthaicheas dìleab airson an ama ri teachd.
Cumaidh sinn oirnn ag obair gus a’ chuibhreann de leasachaidhean ath-nuadhachail sam bith a thèid a dhèanamh ann an Alba a mheudachadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhuinn taic a thoirt do dh’obraichean air tìr agus a-muigh bhon oirthir.
Eileanan Carbon Neodrach
Cuiridh sinn taic ri Eileanan Carbon Neodrach a bhiodh air thùs gus targaidean sgaoilidhean net zero a ruighinn ro 2045. Bhiodh seo a’ toirt a-steach pìleatan airson cuid de dh’eileanan a bhith a’ ruith 100% air lùth ath-nuadhachail, gus eaconamaidhean cearcallach a chruthachadh, a’ dèiligeadh ri agus a’ giullachd sgudal, agus a’ sgrùdadh roghainnean còmhdhail nas seasmhaiche. Obraichidh sinn le co-dhiù 3 eileanan thairis air an ath Phàrlamaid gus an urrainn dhaibh a bhith làn charbon neodrach ro 2040.
Fuasglaidhean stèidhichte air nàdar
Tasgaidh sinn £500 millean a bharrachd san eaconamaidh nàdarra againn gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris an èiginn bith-iomadachd. Tha sinn air a bhith gnìomhach san t-saoghal a’ stiùireadh Pròiseas Dhùn Èideann air bith-iomadachd agus a’ foillseachadh Dearbhadh Dhùn Èideann ag iarraidh barrachd gnìomh gus dèiligeadh ri call bith-iomadachd. Foillsichidh sinn ro-innleachd bith-iomadachd ùr taobh a-staigh 12 mìosan bho COP bhith-iomadachd, agus tha sinn dealasach a bhith a’ dìon co-dhiù 30% de dh’fhearann na h-Alba ro 2030. Tha sinn airson a dhol nas fhaide na sin agus nì sinn ath-sgrùdadh air na targaidean làithreach againn nuair a dh’fhoillsicheas sinn ar roinnleachd ùr.
Nì sinn cinnteach gum bi Lìonra Nàdair de phròiseactan ùra, ionadail aig gach sgìre Ùghdarras Ionadail a tha ag amas air ceanglaichean eag-eòlasach air feadh Alba a leasachadh.
Tha ath-nuadhachadh mòintich na fhuasgladh deatamach stèidhichte air nàdar gus bith-iomadachd na h-Alba a dhìon agus sgur a bhith a’ cur ri atharrachadh clìomaid, a bharrachd air a bhith a’ cruthachadh chothroman airson obraichean agus sgilean uaine. Tha sinn dealasach a thaobh tasgadh deich bliadhna de chòrr air £250 millean gus taic a thoirt do ath-nuadhachadh 250,000 heactair de mhòinteach na h-Alba ro 2030.
Tha cuid de na làraich coille-uisge as fheàrr san Roinn Eòrpa ann an Alba. Cuiridh sinn taic ri ath-nuadhachadh agus leudachadh coille-uisge na h-Alba mar fhuasgladh stèidhichte air nàdar don èiginn clìomaid. Stèidhichidh sinn Clàr Nàiseanta de Choilltean Àrsaidh agus obraichidh sinn le sealbhadairean agus buidhnean gus an cumail suas agus an dìon.